GAIDHLIG AN SGOILTEAN EARRAGHAIDHEAL
le Maoilios Caimbeul
O chionn timcheall air bliadhna air ais (san fhoghar ’78) chuir Comhairle nan Seirbhisean Sòisealta airson Mhuile agus I ceistear mun cuairt pàrantan clann nam bun-sgoiltean. Bha iad airson faighinn a-mach ma bha no nach robh pàrantan ag iarraidh Gàidhlig dhan cloinn anns an sgoil. Chithear anns a’ chlàr fodha seo gu robh cha mhòr na pàrantan air fad ag iarraidh an cànan dhan chloinn aca.
Cha robh an t-Oban agus Lathurna fad air dheireadh ann a bhith a’ cur iarrtas a-staigh airson tidsear Ghàidhlig a thadhladh air sgoiltean na ceàrnaidh sin. Tha e coltach gu robh iadsan air a bhith a’ sireadh tidsear dha na thrì bhliadnachan air ais, ach nach d’fhuaireas freagairt dhan t-sanas a chaidh a chur sa’ phàipear. An turas seo bha iad fortanach tidsear fhaotainn a bha ag iarraidh an imrich a dhèanamh à Glaschu dhan Oban.
’Se bha buidhe mu dheidhinn an t-suidheachaidh aig an àm seo gu robh Ughdarras an Fhoghluim airson Earraghàidheal agus Bòid deònach tidsear fhasdadh an dà chuid do Lathurna agus do Muile. San Iuchar bha sanas ann an Tìm an Obain airson tidsear a thadhladh air na sia bun-sgoiltean Muileach, taobh a-muigh Thobar Mhoire. Feumar a radha nach e àm freagarrach a bh’ann sanas a bhith ann am pàipear-naidheachd agus na sgoiltean air sgaoileadh airson a’ chead samhraidh. Cuideachd cha robh ach aon sanas ann an aon phàipear — Tìm an Obain. Co-dhiù no co-dheth, aig an àm cha d’fhuaras aon fhreagairt airson na h-obrach.
’Se call mòr a bha seo. Nam bitheadh tidsear air fhaotainn bhitheadh e ciallachadh gum bitheadh gach pàisde ann am Muile fo dhusan bliadhna a dh’aois a’ faighinn a bheag no mhòr de Ghàidhlig anns an sgoil. A-nis tha
’Se cùis mhaslaidh a tha seo. Cuimhnich gur e seo an tè, comhla ri Tòraidhich eile, a tha dèanamh othail mu shaorsa bhith aig pàrantan a thaobh oideachadh an cloinne. Ach ged a tha pàrantan Mhuile air a dhèanamh soilleir gu bheil iad ag iarraidh Gàidhlig dhan cloinn, rud is e an còir, chan fhaigh iad e. Saoil an geàrr iad cuspairean eile far a bheil luchd-teagasg mar tha? ’Se ’n fhìrinn gun deach tarcais a dhèanamh air Gàidhlig ann an Earraghàidheal o chionn iomadh bliadhna, nì tha ciallachadh nach eil tidsearan idir a’ teagasg Gàidhlig anns na bun-sgoiltean anns a’ mhòr-chuid den t-siorrachd. (Bha Gàidhlig ann am bun-sgoiltean Ile gu o chionn ghoirid agus tha i air a teagasg an Tiriodh, tha mi smaoineachadh). Ciamar as urrainn dhaibh nì a ghearradh nach eil ann? Ma tha gearraidhean gu bhith ann tha fhios gur e bha còir a ghearradh ach cuspairean far a bheil luchd-teagasg mar tha, agus chan e feadhainn anns nach eil ach gann no gin.
Ach tha cuid de dhaoine (cuid dhiubh ann an àrd inbhe) toilichte greimeachadh air leisgeul sam bith airson dìmeas a dhèanamh air a’ Ghàidhlig, air a bheil iad a’ coimhead, le lèirsinn amh, mar chuspair nach eil airidh air an 20mh linn.
A’ tionndadh a-nis chun na h-adhartasan chaidh a bhuannachadh an Earraghàidheal. Tha Ughdarras an Fhoghluim air nithean feumail a dheanamh anns a’ bhliadhna chaidh seachad. Chaidh tidsear fhasdadh airson sgoiltean an Obain agus Latharna, agus tha i a-nis a’ tadhal air dòrlach mhath de na sgoiltean beaga. Tha faisg air ceud sgoilear ann am bun-sgoil Thobar Mhoire a’ faighinn Gàidhlig mar a leanas: 1–3 bliadhna — dà chairteal na h-uarach san t-seachdain; 4–7 bliadhna — cairteal na h-uarach gach latha.
Chuir an t-Ughdarras Buidheann Obrach Gàidhlig air bhon airson stuth ullachadh agus airson beachd a ghabhail air teagasg na Gàidhlig san t-siorrachd. Tha am buidheann seo air coinneachadh ceithir tursan gu ruige seo. Aon de na nithean a b’annasaiche thachair ’se cùrsa co-sheirbhis (in - service) anns an Oban air an 18–20 latha de’n t-Sultainn. Bha trì tidsear deug ann às na bun-sgoiltean mun cuairt an Obain, cuid gun Ghàidhlig idir nuair a thòisich iad, a thuilleadh air buill a’ Bhuidhinn Obrach.
’Se misneachadh mòr a bh’ann do fhileantaich a bhith a’ faicinn thidsearan gun Ghàidhlig a’ dèanamh adhartas mìorbhaileach anns a’ chànan fo oideachadh Jake Dòmhnallaich. Aig ceann na trì latha ghabh aon de na tidsearan sin clas ann an aon de sgoiltean an Obain, agus b’i a bha sgoinneil. Dhearbh siod dhuinn nach leig a leas neach a bhith na fhileantach airson eòlas feumail a chompàirteachadh ri clas, gu h-àraidh ma tha tidsear fhileanta a’ tadhal air na sgoiltean, mar a tha anns an Oban.
Ma tha Gàidhlig gu bhith air a teagasg anns an fharsaingeachd feumaidh ni-eigin mar seo tachairt, far am faigh tidsearan a tha deònach an cànan ionnsachadh cothrom sin a dhèanamh aig cùrsaichean co-sheirbhis. Ach dh’fheumadh na cùrsaichean a bhith na b’fhaide na trì làithean!
Tha cùrsaichean co-sheirbhis eile, mar a bh’anns an Oban, air am planadh. Bithidh sinn an dòchas nach tig gearraidhean nan Tòraidheach as an rathad air na planachan ionmholta sin.
Airson geàrr-chunntas a dhèanamh air a’ ghnothaich. Tha gluasad dòchasach a’ tighinn bho Ughdarras an Fhoghluim an Earraghaidheal ach mar as dual tachairt a thaobh na Gàidhlig tha cion an airgid a’ bagairt tuisleadh a thoirt sa’ chùis. Agus chan eil, gu ruige seo co-dhiù, de mhoit agus de uaill aig luchd an fhoghluim anns a’ Ghàidhlig agus gun aidich iad gu bheil i airidh air cul-taic sam bith os cionn chuspairean eile, ged tha làn-fhios againne gu bheil, an dèidh an dìmeas a dh’fhulaing i, agus a tha i fulang, aig ùghdarrasan foghluim agus ùghdarrasan eile.
title | Gàidhlig an Sgoiltean Earraghaidheal |
internal date | 1979.0 |
display date | 1979 |
publication date | 1979 |
level | |
reference template | Maoilios Caimbeul in Gairm 109 %p |
parent text | Gairm 109 |