THA trì bliadhna bhon a chuir Rùnaire na Stàite air chois Comhairle Rannsachaidh gu bhith a’ deanamh sgrùdadh agus beachdachadh air cor na croitearachd air a’ Gaidhealtachd. A nise, mu dheireadh thall, tha tagraidhean na Comhairle sin air a dhol troimh chìr mhìn an Riaghaltais, agus mum bi an àireamh so de Ghairm ann an làmhan an luchd-leughaidh tha còir gum bi sgeul againn air dreach agus tuar a’ Choimisein ùir. ’Se an Coimisean sin am prìomh rud a dh’iarradh leis a’ Chomhairle Rannsachaidh an uiridh—mar a chuir sinn an céill ann an Aireamh 8 de Ghairm—agus is ann air a’ Choimisean sin a bhios an crochadh muilinn no eaglais a dheanamh de gach puing eile a thogadh leis an Ollamh Taylor agus a chuideachd.
Anns a’ cheud dol a mach, tha sinn toilichte a chluinntinn gum feum Gàidhlig a bhith aig aon de bhuill a’ Choimisein so. Tha sinn a’ cur meal-an-naidheachd air an tùr a rùnaich so, agus tha sinn uasal as na Buill Pàrlamaid Albannach a bhùrd as Sir Uilleam Darling an uair a chuir e teagamh ann am feum na cànaine anns a’ ghnothach so.
Ach tha luchd Gàidhlige agus luchd Gàidhlige ann, agus, an uair a dh’ainmichear ball Gàidhlige a’ Choimisein tha sinn an dòchas nach ann air a theangaidh a thaghar e ach air a thuigse air ceisdean cudthromach na croitearachd. Tha iad ann, agus gu leòir dhiubh, a tha a’ deanamh am beò-shlaint air fearann na Gaidhealtachd. Bheireadh e aobhar dòchais air chor-eigin do chroitearan a’ Chinn a Tuath nan deidheadh fear dhiubh sin a roghnachadh, ’s chan e giobal a oifis ann an Glaschu no’n Dun-éideann.
Far am bi’n ceann, bithidh a’ cholainn—ma dh’fhaodas sinn an sean-fhacal a chur cas-ma-sheach ach ’se ’n fhìrinn bhochd gu bheil sinn buailteach sin a ghabhail cus gu cridhe. Le prìomh oifis a’ Chomuinn—oifis Ghàidhlig a’ Bh.B. C. —seadh, oifis Gairm fhéin—agus iomadh oifis eile a bhith ann an Glaschu, tha sinn an cunnart a dhiochuimhneachadh nach ann an Glaschu a tha grian na Gàidhlige a’ laighe ’s ag éirigh ach anns a’ Chuan Shiar a tha ag iathadh mu na h-Eileana an Iar ’s mu’n Iarthuath. Mar sin, tha e ann an comas a’ Choimisein so ceum a’ ghliocais a nochdadh do’n chòrr, ma chuirear urram beag an taghaidh air fear aig a bheil blas agus tuigse na talmhainn air a chuid Gàidhlig. Agus, eadhon ged a dheanadh e mearachd bheag an gràmair an sud ’s an so cha chamamaid guth.
title | As a’ Chathair |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Gairm 11 %p |
parent text | Gairm 11 |