[261]

Air lorg nan Eun an Leódhas

Le DOMHNALL MACCOINNICH

AGUS chruthaich Dia gach eun iteagach a réir a ghnè; agus chunnaic Dia gu robh e maith. Agus bheannaich Dia iad ag ràdh, Fàsadh an eunlaith lìonmhor air an talamh. (Gen. 1, 21, 22).

Fhuair Eilean Leódhais a dheagh chuibhrionn de na h-eòin, an àireamh agus an gnè, agus chan eil e móran air dheireadh nuair a choimeasar e ri Tir-mór. Tha grunnan sheòrsa air Tir-mór nach eil atadhal Leódhais mura tig iad ann air an turus gu tuath as t-earrach no air an turus gu deas san fhoghar. Tha iad ann on iolaire gu ruig an dreadhan-donn a tha againn an còmhnuidh agus tha iad ann on eala gu ruig achrìonaig bhuidhe no dreadhan-a- chinn-bhuidhe(goldcrest)a tha atadhal oirnn aig amannan sònraichte den bhliadhna. ’S e dreadhan-a- chinn-bhuidhe so eun cho meata, meanbhs a thameasg nan eun gu léir is cha sheas e idir ri uimhir de fhuachd is chruadal agus a sheasas an dreadhan-donn. Cha baon uair a chunnaic mi e atighinn a steach an tigh agus agabhail fasgaidh ann o shneachd is ghaillionn. ’S e sin mar a chunnaic mi e acheud uair a riamh an Leódhas. Thàinig e steach air an uinneig air fuar stoirmeil agus rinn e a spiris air a tarsannan gun sgàth no eagal roimh dhuine. Tha e peatail, dachaidheil ri daoine ged a tha a dhachaidh mar is trice anns na coilltean agus na doireachan giuthais nach fhaigh e ro phailt ann an Leódhas. Chan eil móran cudthrom ann ach na thann a dhitean; marbh, ’s gann a ghluaiseas e an cothrom tomhais.

Air an làimh eile ni an dreadhan donn e fhéin ri àite sam bith. Ruithidh e troimh chruaich is chám is tollaidh e troimh bhruaich is bhearradhs mar sin théid aige air dol as o a naimhdean gu léir, on ghaillionn as gairbhe gu na cait as caraiche. Tha an dreadhan-donn glé phailt anns an eilean. Ni e nead cunbhalach, dìonach, cho falaichte, agus, mur a dean an radan fhéin a creachadh, bithidh i agus an t-àl lìonmhor a tha innte sàbhailto na spùinneadairean uile. Cha chùram nach sìolaich iad agus chì thu mu mheadhon an t-samhraidh sgaoth de na h-iseanan beaga aleums asgiathalaich gu tubaisteach mu sgeirean achladaich is chlachan nan allt. Aig an ám sin tha e furasda greim fhaighinn orra. Tha òran bòidheach da-rìribh aig an dreadhann-donn.

Eadar an iolair agus an eala air an dara ceann is an dreadhann-donn is achrìonag-bhuidhe air acheann eile tha iomadh seòrsa agus gnè, cumadh is meud. Tha na h-eòin fala ann on iolair gu ruig seabhag bheag ghorm na mòintich(merlin) ;na clàr-chasaich on ghèadh-ghlas gu ruig an crann-lach(teal)am measg nan tunnagan a tha ro lìonmhor; eòin na doimhne mar a tha an sùlaire(gannet)am burabhuachaill(northern diver)am buthaid(puffin)agus an càirdean; eòin na tràghad, na trìleachain, ’s na feadagan; na h-eòin sgrìobaidh, am fitheach is a chuideachd; na faoileagan is móran eile mun ruig sinn na h-eòin ceileiridh as lìonmhoire a tha ann. Dhfhaodaichte gu leòir a sgrìobhadh mu an deighinn-san.



[262]

Bu taitneach leam riamhs is caomh leam fhathast a bhith siubhal nam mòintichs nan lòn, bhith dìreadh nan creag, a bhith lorg anns na claiseans ri taobh nan sruthan, bhith plubadh gu eilean air loch, bhith lorg air an tràigh measg gharbhlach is ghainneamh, acuartail nam preas is nan lios agus adìreadh nan craobh air lorg nan eun, an nead, an dachaidh, an cleachdaidhs an dòigh. Tha cuid dhiubh as fhiach bhithgan tadhal a bheir teagasg gach turus a théid neachnan còir, cuid a tha rianail is bàidheil ri chéile, cuid eile tha streupach is eudmhornan dòigh. ’S mór a dhfhoghluimeas duine, agus nach eil e comasach dha fhiosrachadh air dòigh eile, le bhith suidhe sìos car ùine bhig am falach air na h-eòin a tha trang adeanamh nid no atoirt aire dhaibh am feadh a tha iad ri sabaid airson raon cosnaidh no airson céile. Tha tòrr àbhachdas is spòrs am measg nan eun agus tha iad ait éibhinn aig ám na suirghe.

Tha feadhainn de na h-eòin a tha fiata, fiadhaich, faiceallachnam faire agus chan eil e furasda faighinn ro fhaisg orra. Tha e glé fhurasda teicheadh a chur air aghèadh ghlas, air aghuilbneach agus air an liath-throsg(fieldfare) .Chan fhaighear ro fhaisg a bharrachd air achuid as motha de na h-eòin mara no air teaghlach na seabhaige. Tha an guilbneach air aon de na freiceadain as dìlse a gheibhear air mòintich no air cladach. Mas urrainn da idir, cha leig e do eun sam bith a bhith air a ghlacadh le duine no le beathach. ’S iomadh gìomanach a thill dhachaidh leghunna lom is abharsaic falamh acur coire air aghuilbneach no air an fharsbaig mhóir. Tha an fharsbag ro eòlach air aghunna, chionns iomadh de a càirdean a chaidh an toirt gu làr leatha ann an lorg achall a tha iad adeanamh air iseanan òga, maoth, gu h-àraidh air àil eòin nam mòintichs nam monaidhean, mar a tha achearc-fhraoich, an naosg, an fheadag, is achurracag. Cha tàrr àil na tunnaig, na lacha no na leirg as bhuaipe ach le cho ealamhs a tha iad air tomadh fon uisge agus snàmh gu smiorail fo bhruaich na h-aibhne. Bheir na h-eòin bheaga mar sin an car eadhon as na balaich a shaoileas gu bheil iad air na h-àil a chuartachadh anns an linne.

Tha ùghdarras mór aig an fharsbaig air abhannal dom buin i fhéin. Cha tog faoileag ugh no eile thar an làir ma tha farsbag faisg air làimh neo bìdh rud thuice. Tha roinn an leómhainn aice an còmhnuidh den chreich. ’S e an fharsbag an fhaoileag mhór leis na sgiathan dubha. Tha rithist anns an teaghlach sin, an fharsbag bheag, lesgiathan dubha cuideachd, agus i car nas lugha. Tha na faoileagan gu léir gionach, goirteach, agus togaidh iad truilleis sam bith mar is trice, achs e an fharsbag an aon aca a théid an sàs ann an closaich beathaich. Ma chì thu faoileag ghlas odhar ag itheadh cairbhe comhla ris na fithich is na starragan faodaidh tu bhith cinnteach gur e farsbag òg a tha innte. Tha na faoileagan gu léir o dhà bhliadhna sìos air an còmhdach le itean den t-seòrsa so, —ódhrag, mar a theireadh sinnnar balaich òga, ’n dùil gum biad bu shineagus chan eil e furasda eadar-dhealachadh a dheanamh eatorra nuair a tha iad òg, ach tha an comharra ud air an fharsbaig. Cuideachd, creachaidh i nid, agus marbhaidh is ithidh i iseanan òga sam bith air am faigh i an cothrom, ach cuiridh sgaoth math de na steàrnagan no na curracagan teicheadh



[263]

oirre. Ged a dhitheas achuid as motha de na faoileagan uighean is iseanan maotha, cha tric a tha togradh aig gin eile aca ach an fharsbag a dhol an sàs ann an cairbh. Tha faoileag an sgadain mu mheud na farsbaig as lugha, le sgiathan is druim gorm, gob làidir, buidhe le cromadhna bhàrr mar a tha aig na farsbagan. Bàbhaist do bhaile Steòrnabhagh a bhith cur thairis leotha so, agus gu fortanach bha iad pailt anns abhliadhna so chaidh seachad. Neadaichidh iad air mòintich no air creig, ’nam buidheannan, comhla ri faoileagan eile, nonan aonar.

Tha a rithist an fhaoileag chumanta, nas lugha ach coltach ri faoileag-an-sgadain. Le chéile tha iad air eun cho snasail, grinnnan iteachs a choinnicheas riut, gun ròine a dheadar-dhealachadh eatorra an ite no an dath ach a mhàin an cumadh aghuib is an dath nan casan. Tha iad furasda am peatadh agus goididh iad an deagh chuid de bhiadh nan cearc. Chithear iad so aneadachadh, mar is trice, air eileanan nan loch, air mòintich; cha deòin leotha dhol an àrainn creig len nid.

Chì thu faoileag achinn duibh an suds an so as t-samhradh: creutair beag, bòidheach eile. ’S i so an fhaoileag as lìonmhoire a tha san rìoghachd ged nach eil i ro phailt ann an Leódhas. Mun tig an geamhradh falbhaidh an ceann dubh ach aon bhall dorchmu chùl a cinn. Tha i math air goid an éisg o na h-eòin eile. Ged a tha i sin bradach, chan eil i idirna meirleach cho mór ri faoileag ghlas an earbaill fhaide, am fasgadair(sgua)mar a theirear rithe; no Ailean Salach, mar a bhaist am Bucach i, a chì sinn as t-samhradh agoid nan sìol o na steàrnagan bochda a tha cho trang, dìcheallach ag iasgach airson an gineil. Tha aon eile den bhannal so a chithear asgiathalaich mu na cladaichean is air eileanan na maraanciodabhuig” (kittywake)—a fhuair a h-ainm on sgreuch a tha i daonnan adeanamh. Tha i mu mheud na faoileagan as lugha agus peatail, càirdeil, tric dlùth air eathraichean acur lìon beag, no air tràigh aig ám creagachd. Tha a casan-se dubh. Chan eil sinn ro-chinnteach gu bheil i aneadachadh anns an eilean.

S ma dhfhaoidte, mur eil thu eòlach air na h-eòin mara, gun saoil thu nuair a chì thu am mulcaire air sgéith no air creig gur faoileag e cuideachd ach tha e glé eadar-dhealaichte. Buinidh e don àl ris an abrar sachainnt eile napetrels. ”Tha e glé choltach ris an fhaoileig anns an dath ach tha a sgiath caol agus buille nas cabhagaiche aige. Tha a shiubhal astarach agus tha e ro-dhuilich dha greim a dheanamh air an lic anns achreig far a bheil an aon ugh a tha e agur. ’S minig a bheir e no seachd a dhionnsaighean mun téid aige air laighe sìos. Tha am mulcaire air fàs glé lìonmhor o chionn ghoirid. ’S e àraid a thann gu bheil tòrr de na h-eòin aig nach eil ach aon ugh saghur adol am feabhas agus cuid eile aig a bheil cho math ri dusan ugh saràithe bliadhna adol air ais an àireamh. Chan eil teagamh nach ann aig daoine a tha amhór-choire ri so. ’Nar cloinn, baithne dhuinn na h-eòin so fon ainm cearcan mara. Tha na h-ainmean fulmair agus eun-crom air an cleachdadh ris an eun so an deifir àiteachan. Tha barrachd aca a nis ra fhaicinn ri neadachadh a h-uile bliadhna mu chreagan an eilein.



[264]

Tha an steàrnag air aon de na h-eòin a tha atadhal againn as t-samhradh. Ni i imrich cho fada deas ri ceann-a- deas Africa no eadhon cho fada ri Patagonia. Tha eun-eòlaich ag innseadh dhuinn gun cruinnich iad bho na tìrean a tuath san fhoghar gu àitean sònraichte an ceann-a- tuath Alba agus gu falbh iad an sinnan sgaothan móra sìos a deas. An eilean Leódhais tha iad aneadachadh air eileanan, sgeirean is tràighean. Ni lagan faoin air tràigh no glasaich, no slochd aotrom air sgeir an gnothach airson nid. Tha e nas dualtaiche dhoibh neadachadhnan sgaothan móra ged a chithear paidhir no dhà air leth air sgeir an dràsdas arithist. Mu fhichead slat a mach on rudha ris an can iad an Grianan, am baile Sheisiadair, tha eilean beag air a bheil feur glas is toman murain afàs. Tha e lom fuar, aonaranach, fad geamhraidh is earraich gun bheathach no eun air àrainn gu aon mhadainn anns aChéitinn an cluinnear sgreuchail is sgiamhail nan steàrnag mun cuairt air, ’s tha an t-eilean geal agus sgaoth eile os a chionn. Tha na ficheadan dhiubh ann aneadachadh taobh ri taobh agus bithidh ena cheist do na h-uile a chì iad cionnas a lorgas iad an àil fhéin nuair a thig na h-iseanan a mach. Tha an t-iasgach agus am biadhadh aleantainn fad an t-samhraidhs tha an sgiamhails an sgreuchail asìor fhàs leis na h-àil, agus air aon mhadainn deireadh foghair tachraidh dhut ionndrainn an onaghals bidh an t-eilean lom, tosdach ann an closd na h-aonrachd, gun sgaoth no sgiath os a chionn. Falbhaidh iad air madainn mun éirich duine anns abhaile, —làn san anmochs lom samhoch-thràth. Tha an steàrnag smioral, sgairteil, deiseil gu dìon a nead agus a h-àl, agus fiachaidh i ri teicheadh a chur air duine no creutair cronail sam bith a thig faisg air an ionad-nead. Ni cuideachd aca achùis air ruaig a chur air farsbaig no air starraig a dhfhiachas ri tighinn ro dhàna. Tha an t-ainm gobhlan-gaoithe-na-mara air a chleachdadh saBheurla airson na steàrnaige. Tha a dha no thrì a sheòrsa dhiubh ann, agus e glé dhuilich eadar-dhealachadh a chur eatorra. Tha an ainm steàrnan agus steàrnal air an cleachdadh. Tha iad gu léir aotrom, siùbhlach, aoibhneachnan gluasad agus coltach an cumadh ris aghobhlan-gaoithe, agus le chéile, tha iad adeanamh imrich thugainn as t-samhradh agus adol fada, fada gu deas nuair a dhfhàgas iad sinn.

(Ra leantainn)

[Sanas]

titleAir lorg nan Eun an Leódhas
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Domhnall MacCoinnich in Gairm 11 %p

parent textGairm 11
<< please select a word
<< please select a page