[275]

An Sgeilp Leabhraichean

Magne Oftedal, The Village Names of Lewis in the Outer Hebrides.
Ann anNorsk Tidsskrift for Sprogvidenskap, Bind XVII. Oslo, 1955.

THA ùidh mhór aig na Lochlannaich anns na h-Eileanan a Siar. Thug na Gaidheil Innse Gall air na h-eileanan sin, agus gu cinnteachs fheudar gun do chuir na Lochlannaich fo an smachd iad, nuair a chì sinn iad breac le ainmeannan Lochlainneach. Ach tha iomadach am falach oirnn a thaobh eachdraidh an ama sin a dhfhaodas a bhith air fhuasgladh fhathast, agusse sin a tha toirt air Lochlannaich a bhith atriall don dùthaich againn, adeanamh rannsachadhnar cànain, ’nar litreachais, ’nar ceòl, agusnar n-eachdraidh. Tha iomadh nar caitheamh-beatha-ne a tha acur solus air an eachdraidh fhéin, is tha iomadh air a thoirt am follaisnan rannsachadh-san a tha acur solus geal air an eachdraidh againne.

Thainig Magne Oftedal gu ruig Leódhas, agus a bhean cuide ris, ann an 1950, is thug e mu naoi mìosan anns an eilean, afuireachd ann an Liurbost, acomhradh ris a h-uile duine, is atoirt làmh-chuidich leis gach obair a bha dol. Chunnaic mi e samhraidh ann an Steòrnabhagh, is dhinnis e dhomh, ann an Gàidhlig Liurboist, gu robh an làraidh gu bhith aca am màireach, gus amhòine a tharruing. Feumaidh gu robh a chluais is a pheann air ghleus, oir tha e ag innse dhuinn a nis gu bheil leabhar leisga chur an clò an dràsda, air a bheil an t-ainm, The Gaelic of Leurbost, Isle of Lewis.

Tha suas ri leth-cheud duilleag anns an alt a tha aige anns anNorsk Tidsskrift,is tha sia fichead ainm baile is a sia aige an sin, le mìneachadh air amhór-chuid dhiubh. Chan eil e buntainn, anns an alt so, ach ri ainmean nam bailtean a thà, no a bhà, air an àiteachadh. Chan eil na bailtean ann air fadchan eil sgeul air Cléit, air Tobhta Rainich, air aPhàirc, no air Eagletown ann am Baile Phabail fhéin, ach tha gach ainm baile ann a tha air map anOrdnance Survey (1" )a chaidh an clò an 1947-48. Tha na h-ainmeannan air an sgrìobhadh a rèir an fhuaim, le dòigh litreachaidh glé fhaisg air an dòigh a chleachd Borgstrom. ’Se glé bheag a mhearachdan a dhfhàg cluais bhiorach an ùghdair as a dheidh.

Se 126 àireamh nan ainmeannan a tha Oftedal abruidhinn mun deighinn, is tha e adeanamh dheth gur h-e ainmean Lochlainneach a tha ann an 99 dhiubh sin. Ann an naoi eile tha measgachadh de Ghàidhlig is de Norse. Tha 11nan ainmean Gàidhlig, 2 am Beurla, agus 5 air nach eil e atoirt beachd. Le iomadach ainm chan eil e cinnteach bhann o thùs. Dhfhaodadh gur h-e achiall a bhaig Steòrnabhaghstar bay” (Stjornuvágr)norudder bay



[276]

(Stjórnarvágr) .Tha còrr is leth-cheud tuath air an robh an t-ainmSandvìkann an Lochlainn, is móran eile an Innis Tile. Tha ainmean lesaetrnosetr (mar tha Siadair 7c) glé chumanta an Lochlainn, an Arcaibh, an Sealtainn, an Cataibh agus an Innse Gall, ach chan eil gin dhiubh sin an Innis Tile, rud a tha asealltainn gu bheil na h-ainmeannan sin nas sine na àiteachadh Innis Tile. ’Se tha ann am Brù drochaid, agus is beag an t-iongnadh ged a thigeadh fear as le a bhrògan! Is iongantach mura robh crò-chaorach o chionn fhada ann an Cròir, agus mura tug na Lochlannaich an seagh sin den fhacalkróbho na Gaidheil. Is dòcha gur h-i achiall a thaig Gallsann(Galson) “crossing place of a hog or hogs. ”Is dòcha gur h-e an t-aon ainm a thagainn ann an Suaineabost agus ann am MacSuain, ged a tha eadar-dhealachadh fuaim orra. Is iongantach mura h-e tuath acheannaiche-shiubhail( “peddlers farm” )a thann am Mangersta. Tha e coltach gun dfhuair Pabail a ainm air sgàth cléirich Cheilteach a bhith acòmhnaidh ann. Chan e sin an t-ainm a gheibh e an diugh. Is fhada o bha garraidhean ann an Garrabost. Dhfhaodadh gum bann aig fear dam bainm Gromr a bha baile Ghrimsiadair, agus dhfhaodadh gur h-e so an t-ainm a bhaig Domhnallaich Shléibhte (Domhnall Gorm).

Tha iomadach anns an leabhran so as fhiach beachdachadh air, is tha sinn an dòchas gun toir Magne Oftedal ionnsaigh air ainmean-àitean eile ann an Leódhas, nuair a gheibh e Gàidhlig Liurboist on chlò.

R. Mc. T.

titleAn Sgeilp Leabhraichean (The Village Names of Lewis...)
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 11 %p

parent textGairm 11
<< please select a word
<< please select a page