[277]

Johnstons Clan Histories. “Na Rothaichle Frisealach Reilig, agusClannIlleathainle Iain MacEachainn. Clo-bhuailte le W. & A. K. Johnston, Dun-éideann. Pris, 5/- an urra.

Tha leabhar bheag eile air tighinn am follais anns an àireamh a thatar aclo-bhualadh le W. & A. K. Johnston fon ainmJohnstons Clan Histories. ”Is iad so, Eachdraidh ChloinnIlleathain, agus Eachdraidh nan Rothach. Leabhraichean beaga, le deich duilleagan fichead anns gach fear. Chan iad idir acheud fheadhainn. Chunnaic sinn mar thà, anns an dearbh chumadh agus aig an aon phrìs, eachdraidhean nan Camshronach, nan Domhnallach, nan Caimbeulach, nam Frisealach, nan Griogarach . . . iad sin agus ClannIcGriogair, ClannIcCoinnich, ClannIcAoidh agus ClannIcLeòid.

Anns an anns a bheil sinn beò, tha ùidh do-chreidsinn ann an eachdraidhean nam fineachan agus nan teaghlaichean Albannach. Ach, mar is trice, chan e am fàsach don duine chumanta, lorg fhaotainn air leabhraichean aig prìsean ciallachleabhraichean anns an lorg e am beagan a tha dhìth air. So iad mu dheireadh thall. Air acheud duilleigno duilleagantha iad atoirt dealbh riatanach de tartain; an deidh sin tha iad asealltainn bràisde agus suaicheantas an Triath. Tha duilleag eile asealltainn clàr na h-Alba, agus acur an céill nan àiteachan dom buin gach fine. Cha chan duine sam bith gu bheil an eachdraidh a thaleantainn trom no domhain, ach ni i chùis, agus tha na clo-bhualadairean adeanamh oidhirp dhìchiollach gu daoine comasach a lorg airson an eachdraidh sin a sgrìobhadh. Tha gu ruigeas na puirt pìoba a bhuineas do gach teaghlach air an ainmeachadh, agus na cinn-feadhna air an sloinneadh air ais cho fads a ruigeas eachdraidh. Tha sin anns na leabhraichean sos an còrr. Agus mar a fhiach sin crùn chan eil fios agamsa s fhiach!

F. McD.

titleAn Sgeilp Leabhraichean (“Na Rothaich”)
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 11 %p

parent textGairm 11
<< please select a word
<< please select a page