[271]


W . S. Thomson, The Highlands in Colour,64 t.d. (Oliver and Boyd,1954) 12/6.

Tha luchd-leughaidh Gairm eòlach air na deilbh aig W. S. Thomson as aGhearasdan, fhaicinn, ach mo thruaighe, ’sann an dubhs an geal a tha iad air an toirt am follais againne. Ach anns an leabhar so tha trì fichead dealbh-cameras a trì air an cur an clò, leis gach dath a tha air aodann na dùthcha, gun luaidh air dathan na mara is nan speur. Is brèagh an leabhar a chuir MacThómais ri chéile. Shiubhail e fada is farsuing air tir-mór na Gaidhealtachd agus anns an Eilean Sgitheanach, agus is dòcha gun toir e leabhar eile dhuinn anns am faic sinn na h-eileanan eile. (Tha e air leabhraichean-dhealbh a chur an clò mar thà air Barraidh is Tiriodha agus air Muile is I.

Ann a bhith atoirt sùil air leabhar den t-seòrsa so lorgaidh duine na h-àitean air a bheil e fhéin eòlach, agus thug enam chuimhne, le taitneachd, làithean samhraidh is geamhraidh an Siorrachd Pheairt, an Geàrrloch, an Cataibh, am Bràigh Mhàirr. Bheir mi sùil air iomadach uair fhathast, is ballachan liatha abhaile mhóir amagadh orm troimhn uinneig.

R. McT.

titleAn Sgeilp Leabhraichean (The Highlands in Colour)
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 11 %p

parent textGairm 11
<< please select a word
<< please select a page