[205]

Am Measg Nan Cudaigean

Le DOMHNULL GRANND

BHA sgioba iasgaich againne cho math ri gin an Camuschrann. Bha sin air a dhearbhadh an dhòigh, an snas leis an do làimhsich sinn am bàta, agus an t-iasg a bhiodh againn atighinn dhachaidh. Chan innseadh sgiobachan nam bàtaichean eile riamh na fhuair iad, ach bha achùiltearachd sin an còmhnuidhna dhearbhadh dhuinn nach dfhuair iad uiread ruinne.

Cho maths gan cleitheadh na fir àireamh an éisg, cha burrainn do na boireannaich a chumail aca fhéin, agus mar sin gheibheamaid forfhais air an -rne-mhàireach. An corra uair a rinn iad an gnothach oirnn, bha an triùir againne riaraichte gum bann le seòrsa de bhuidseachd a fhuair iad làmh-an-uachdair, agus bha an smuain sinna shòlas nach bu bheag dhuinn.

Chan eil math dhomhsa bhith ro abartach mun chùis, oir cha robh mi aig an ám ud achna mo bhalach, an deidh tighinn gu aois a bhith air mo mheas mar aon den sgioba mi fhìn. Bha deagh bhàta againn co-dhiùbh; bhuineadh e do Eachann Mór fhéin, duine sgairteil aig an robh mór-chliù mar sheòladair is mar iasgair. Bha e air Astràilia a ruigheachd iomadach uair. Chuir e Rudha na h-Adharc fodha barrachd is aon uair. Ciamar a dhfhàg sin e na bfheàrr air iasgach shaoithean an Loch Chamuschrann, chan aithne dhomh, ach chan eil teagamh nach tug a chuid siubhail àite sònraichte dha am measg iasgairean abhaile.

Mar sin be urram mór a bhann dhomhsa a bhith am bàta Eachainn. Gu dearbh be sòlas do-thuigsinneach a bhitheadh ann a bhith am bàta sam bith aig an aois ud. Nach e mo chridhe a bheireadh an leum as, is mi ri obair na bochdainn ud, abhuachailleachd, nuair a chithinn Eachann atighinn is na fuaidreagan aige fo achlais, is a theireadh e, “A bheil thu atighinn?”

Bha àraidh afoillseachadh gum be Eachann am prìomh



[206]

sheòladair anns abhàta againnebann aige a bhiodh na slatan. Anns na bàtaichean eile chitheadh tu fear mu seach an dràsds a rithisd afàgail an ràimh agus agabhail speil anns an deireadh. Cha robh sin atachairt uair sam bith anns abhàta againne.

A nise, chuireadh an t-eadar-dhealachadh so friamh achòmhstri am bàta sam bith, oir be suidhe aig na slatan riamh an t-saothair a binntinniche na bhith fad an fheasgair aig na ràimh.

Tha mi cinnteach gun canadh am misionaraidh còir rium gu bheil feum anns a h-uile seòrsa obair, agus gu bheil urram co-cheangailte ris an obair as ìsle. ’S dòcha gu bheil am fear a thana thàmh asmaoineachadh gur e fhéin as fheàrr air an stiùir. Tha sin aciallachadh, tha mi cinnteach, nach deanadh am fear a thana thàmh feum an t-saoghail air an stiùir. Bitheadh sin mar a bhitheadh, gun eas-urram sam bith a thoirt don mhisionaraidh, bha mise an uair ud, agus tha fhathasd, dhen bheachd gum bu chòir am fear a thana thàmh greis fhaighinn air an stiùir, agus am fear a tha ag iomramh greis fhaighinn aig na slatan. Dhfhàg am misionaraidh agus Eachann Mór tìr nam beò o chionn iomadh bliadhna, agus tha mi cinnteach nach cuir mo bheachdan faoine-sa dragh orra tuilleadh.

Achiad turus a chaidh mise a mach am bàta Eachainn Ruaidh, bha mi ro bheag airson iomramh. Bha minam ghiobal anns an deireadh agus greim agam air aon de na fuaidreagan. Gheall Calum Peutan dhomh, car le faoineas, mar gum be a ghnothach-san a bhann, nam beirinn air iasg gu faighinn dhomh fhìn e. Fhuair mi liùtha bhrèagha, agus cha drinn mo chompanaich an aon mhearachd a rithisd.

bhliadhna eile agus leig Domhnull Uilleim seachad an t-iasgach buileach. Dhfhas e fhéin no a bhean ro dhripeil mu obair na cruite, gus mu dheireadh an do sguir e a thighinn. Bha mise mar sin air màrdachadh an inbhe agus bha ràmh agam dhomh fhìn. An rud a bu chudthromaiche, bha mearrann adol dhachaidh uiread ri càch.

Mhair so seachdain no dhà. Bhon a chaidh leam cho math, carson nach deanainn na bfheàrr? Carson nach fhaighinn tac aig na slatan?

Gòrachs mar a bhà mi, cha robh mi adol a dhiarraidh cead air Eachann Mór. Ach aon , chuir mi mo chomhairle ri Calum Peutan. Bha sinn atighinn a mòine an Tota Chloiche. “Ni e deagh oidhche iasgaich a nochd,” arsa mi fhìn. “Thu fhéin is diasgach,” fhreagair Calum, “chan eil na do cheann ach iasgach.”

A nise thainig enam cheann-sa uair no dhà gum faodadh Calum sguir dhen iasgach mar a rinn Domhnull Uilleim. Chuireadh sin amhì-shealbh air aghnothach uile gu léir. “Cha toigh leibh an t-iomramh,” arsa mise, car mar gum bitheadh co-fhaireachadh agam ri Calum. “Carson nach fhaigheamaid greis an urra aig na slatan?” Bha dùil aig Calum gum bann as mo chiall a bha mi. Bha aon aobhar agus aobhar aige. Bann le Eachann Mór am bàta; bha ena sheòladair barraichte; bha e èasgaidh aig na slatan; bha e ris an obair fad nan ochd bliadhna a bha Calum còmhla ris. Ach cha robh Calum cho gorm. “ ’S tu fhéin,” ars esan, “a tha ag iarraidh greis aig na slatan.”

A dhinnseadh na fìrinn, dhiarradh Calum air mo sgàth-sa rud nach iarradh e air a shon fhéin, agus aig acheann thall, dhaontaich



[207]

e gun deanadh e oidhirp am feasgar sin fhéin nam faigheadh e leisgeul idir.

Bha feasgar iasgaich air leth ann, deireadh reothairt, pìos lìonaidh aig seachd uairean, aidhireag de ghaoith an iar-eas. Chuir sinn a mach am bàta bho chùl Sgeir nan Caorach. “Tha deagh sheòl-mara againn a nochd,” arsa Eachann Mór, is e acur a mach achiad slat gu sgiobalta aig ceann Eilean ASgadain. Bha na cóig aige a muigh mun dràinig sinn Port aChaladh, agus chuir e a mach na fuaidreagan aig Sgeir na Ceàrdach.

Thog e smalag aig Leac an Dùna agus aig Bogha na Seana Chreig bha iad agabhail cho math is gun tug sinn sgrìob eile oirre.

Cha robh so ro ghealltanach. Mar a bfheàrr an t-iasgachsann a bu duilghe a bhitheadh e do Eachann Mór na slatan fhàgail. Chan e nach fhaodadh iomraichean raga móran millidh a dheanamh air an iasgach nam biodh mìorun fon aire; cha robh dad dhen spiorad sin annamsa, gun tighinn idir air Calum. Dhfhaodainn-sa gun teagamh buille a chall nam biodh an t-iasg aleum air na slatan, agus thionndaidheadh Eachann le spochadh, “Cumaibh rithe, illean, cumaibh rithe.”

Chaidh sinn timcheall Rudha an Tuirc agus ràinig sinn an Fhaoilinn. Cha bfhada gus an robh an t-ám againn tilleadh dhachaidh. Bha crochadh na poite againn mar thà agus greis iasgaich romhainn fhathasd.

Chunnaic sinn bàta Ean Ruaidh aig Rudha an Tuirc. Bha spàglaich neo-iomchuidh adol air adhart. “ an ùpraid a thorra sud,” arsa Eachann gu sgaiteach. “Tha Iain Ruadh adol a dhiomramharsa Calum. “Mur a toir en aire, bithidh e thar na cliathaich,” arsa Eachann.

Bha sinn air ais aig ceann an Oib agus corra fhear aleum air maghar fhathasd. “ tha ceàrr air ur làimh,” arsa mise ri Calum, is mi cho mór as mo sheòltachd fhìn. “O, gheàrr mi ris a speal i,” fhreagair Calum, ach bithidh i ceart gu leòir.” “Gabhaidh mise an ràmh,” arsa mise, rud a dhfhiachainn ris cuideachd, nam bes gun cuireadh am Freasdal a leithidnam char.

Chaidh sud troimh chraiceann Eachainn Mhóir fhéin. “So,” ars esan ri Calumtiugainn a nuas is thoir dhomh fhìn an ràmh.” ’S gann a chreidinn gu robh e fìor. Rinn Calum beagan gorachailna sgòrnan, mar nach biodh e deònach a bhith air àrdachadh gu a leithid so a dhinbhe. Bha mi dìreach asmaointeachadh gun cumadh e air ro fhada adiùltadh nuair a chunnaic mi a ràmh atighinn a stigh agus Calum ag éirighna sheasamh. “Glan,” thuirt mise rium fhìn, “thig mo sheal-sa aig na slatan an ùine ghoirid, an ath-oidhch, ’s dòcha, co aig a tha fios.”

Bha an aciaradh agus bha mise an dòchas gun tigeadh iasg an rathad Chaluim mum fàsadh e ro anmoch. Cha mhór nach do dhéigh mi nuair a thòisich an t-slat a bfhaide muigh acrith agus abragadaich air beul abhàta.

Thog Calum i le sitheadh uamhasach. Leig e as i nuair a chunnaic e iasg air an ath te, agus air an ath te a rithisd. Chùm mi orm le buille shocair coltach ris an fhear stòlda a bha mum choinneamh. Thill



[208]

Calum gun chiad shlat, ach bha an t-iasg air falbh dhith. Thog e an dara te. Cha chailleadh e am fear so. Chaidh an t-iasg seachad os ar cionn agus chuala sinn an sgleog a rinn e air an uisge air thoiseach oirnn.

“ ’Se rionnach a thann,” arsa Eachann Mór, “gabh air do shocair e. Cha be an t-àgh a chuir rionnach an àite saoithein rathad Chaluim. Thog e slat eile. Bha na driamlaichean a nise air suaineadh. Cha robh dòigh air an toirt as a chéile.

Mu dheireadh thug e slat is driamlach is iasg a stigh, agabhail air a shocair. Bha e ag ionnsachadh mar thà. Ach cha drug an làmh cheàrr air an driamlaich achiad turus. Chunnaic mi sealladh de rionnach adol seachad air mo lethcheann agus air an rathad air ais rinn e ach laighe gu socair air gualainn Eachainn. Bha sàmhchar mhì-nàdurra anns abhàta. Cha do shaoil mi riamh roimhe gu robh am bàta cho cumhang. Aig acheann thall tharruing Calum an driamlach agus thuit an rionnach am broinn abhàta. Cha robh aige fiù is an dubhan a thoirt as. Air son nan slatan eile cha robh air ach breith orra ceart còmhla agus an slaodadh a steach don bhàta.

Ma bha na driamlaichean air an toinneamh roimhe bha an truaighe buileach a nis orra. “Soarsa Calum, “ ’s fheàrr dhut fhéin am pasgadh, Eachainn.”

Dhéirich Eachann gun aon fhacal agus chaidh e sìos gun deireadh. Cha deachaidh na slatan a réiteachadh an oidhche ud; bfheudar fuireach gu solus latha.

Bha sinn a muigh ag iasgach a rithisd, sinn a bhà. Bha mi riamh den bheachd. agus cha chuir duine as mo bharail mi, gun do thoill Calum aon oidhirp eile co-dhiùbh leis na slatan.

[Sanasan]

titleAm Measg Nan Cudaigean
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Domhnull Grannd in Gairm 11 %p

parent textGairm 11
<< please select a word
<< please select a page