A’ Bhreatainn Bheag
Le PER DENEZ.
[’Se Breton a th’ ann am Per Denez fhéin, is mun do thòisich e ri teagasg anns a’ Bhreatainn Bhig (no a’ Bhreatainn Fhrangach) thug e greis a’ teagasg Fraingeis, is ag ionnsachadh Gàidhlig, ann an Oilthigh Obar-dheadhain. Tha e ’na fhear-deasachaidh air an iris AL LIAMM (Tir na n-óg) a tha air fad ann am Breatnais. Tha Per Denez air grunn math altan a sgrìobhadh anns an iris sin mu dheighinn na Gàidhlig agus nan Gaidheal. ]
[Dealbh]
Seipeil Sant Jaoua, am baile Pleuvian.
(Kervalla-Kongar).
THA a’ chrìoch air taobh an ear na dùthcha a’ ruith bhoSt . Michael’s Mountgu ruig Nantes, is chan eil crìochan eile air a’ Bhreatainn Bhig ach tràigh na mara. Tha trì muillion de luchd àiteachaidh anns an dùthaich, is muillion Breatnach a tha a’ gabhail comhnaidh air taobh muigh nan crìochan aice. Mharbhadh 300,000 anns an dà chogadh mu dheireadh agus chaidh 448,000 air eilthireachd anns an lethcheud bliadhna a chaidh seachad. Ach a dh’aindeoin sin, tha 358 duine as a’ mhìle de shluagh na dùthcha fo aois naoi bliadhna deug, far nach eil anns an Fhraing ach 302 agus an Sasuinn 301 as a’ mhìle.
’Sann bho thuathanachas a tha beairteas na dùthcha a’ tighinn. Bheir na figeirean a leanas beagan beachd dhuinn air toradh na h-obrach so—ochd muillion cwt. de chruithneachd, trì muillion cwt. de choirce, 552,000 tonna de pheasair, 120,000 tonna de uineanan, 93,500 tonna de ‘chauliflower’ agus 88,000 tonna de chàl. Ged nach eil aice ach 5. 76% de dh’àireamh sluagh na Frainge, tha 85% de shìol curachd (buntàta) na Frainge a’ tighinn as a’ Bhreatainn Bhig, 40% de’n bhuntàta luathaireach, agus 16% de gach seòrsa eile bhuntàta, a thuilleadh air 40% de leann-ubhall(cider) .Tha an àireamh so de bheathaichean anns an dùthaich—370,000 each, 1,730,000 bó, agus 850,000 muc. Tha 30% de’n iasg a tha ’ga chur air tìr anns na puirt Fhrangach air iasgach le iasgairean Breatnach. Tha na Breatnaich ’nan seòladairean làmhcharach, is tha móran diubh air soithichean na Frainge agus anns a’ Chàbhlach aice. Tha mu leth nan soithichean Frangach, eadar soithichean cogaidh is eile, air an togail sa’ Bhreatainn Bhig.
Ma thainig adhartas air caitheamh-beatha an t-sluaigh aig toiseach an fhicheadaibh linn, thainig ’na luib dùsgadh poiliticeach agus culturach. Chuireadh air bonn a’ Phàirtidh Nàiseanta sa’ bhliadhna 1911, agus dh’oibrich i gu dìleas eadar an dà chogadh. Bha paipear-naidheachd aice ’ga cur an clò(Breiz Atae) ,agus b’ e na daoine a bha ’ga stiùireadh Debeauvais (a bhàsaich an 1944), Mordrel agus Laine (a tha ’nan dithis a nis fo ’n choill). Chuir obair agus teagasg nan daoine so spionnadh as ùr ann am beatha phoiliticeach na dùthcha, agus bhrosnaich iad iomadach gluasad eile, mar a bha an gluasad dùthchail(regionalistic)aig Yann Fouéré, agus obair culturach nan Clubaichean Ceilteach. Chuireadh as do’n Phàirtidh sa’ bhliadhna 1944, ach tha spiorad na nàiseantachd nas beothaile na bha e riamh anns an dùthaich.
A thaobh litreachais, thainig an dùsgadh bu mhotha an lùib an ràitheachain GWALARN (1925-1944), agus obair an duine a stéidhich e, Roparz Hemon. Rinn esan a dhìchioll gus feallsanachd Bhreatnach a chur an céill, agus dh’fhiach e ri smuaintean agus deilbh-inntinn nan dùthchannan Eòrpach eile a mhìneachadh do na Breatnaich. Bha e ’na bheachd cuideachd sgrìobhadh ann am Breatnais a chur air stéidh na bu sheasmhaiche, ach am faigheadh an litreachas inbhe eadar-nàiseanta. Chuir GWALARN an clò cuideachd gràmairean, foclairean, leabhraichean ann amBasic Breton,is a leithid sin, a’ toirt brosnachadh làidir dhaibh-san a bha a’ deanamh spàirn airson na cànain, oir bha fhios aig Hemon is aig a chàirdean nach robh soirbheachadh gu bhith le obair litreachais mur a bhiodh an sluagh air ionnsachadh anns a’ chànain. Ged nach tug GWALARN gu crìch gach obair a bha fainear dha, shoirbhich leis, agus bha na h-urracha móra air fad ann an litreachas na Breatnais a’ sgrìobhadh ann: Roparz Hemon, a sgrìobh bàrdachd, sgeulachdan goirid agus dealbh-chluichean; Youenn Drezen, fear-sgrìobhaidh bàrdachd agus novelichean; Jakez Riou, a sgrìobh dealbh-chluichean agus sgeulachdan goirid; G. B. Kerverzhioù nach maireann (bithidh cruinneachadh de’n bhàrdachd aige-san gu h-iomlan air a chur an clò a dh’aithghearr); Jan Priel, an dealbh-chluichiche; Abeozen, fear-sgrìobhaidh geàrr-sgeulachdan;
[Dealbh]
Menhir Sant Duzeg, faisg air baile Pleuveur Bodoù.
(Kervalla-Kongar).
[Dealbh]
An ‘Calbharaigh’ aig Kleden Poc’her.
(Kervalla-Kongar).
Meavenn, a sgrìobh geàrr-sgeulachd air an d’ rinneadh film o chionn ghoirid; Maodez Glanndour, am bàrd agus am feallsanach. Mus do stéidhicheadh GWALARN, bha Kalloc’h iomraiteach mar bhàrd agus Tangi Malmanche mar dhealbh-chluichiche.
Bhàrc an sìon gu trom air na Breatnaich sa’ bhliadhna 1944: is mór na chaidh a mharbhadh dhiubh, agus cha robh a bheag de luchd-stiùiridh na h-obrach sin air an tug mi iomradh, no de an luchd-sgrìobhaidh, nach do chuir greis seachad anns a’ phrìosan. Thug e greis mhath mus robh nithean air an cur an òrdugh a rithisd; a thaobh gnothaichean poiliticeach tha iad a’ strì ris an obair sin fhathast. Ach tha dùsgadh as ùr againn a nis, stéidhichte air an iris
AR SONER (clò-bhuailte san Fhraingeis), air na Clubaichean Ceilteach is air Comunnan nam Pìobairean, is tha iadsan a’ brosnachadh pìobaireachd is dannsa, is a’ cumail Féill no Mòd gach bliadhna, ann an Kemper. Tha an Comunn Caitligeach, Bleun-Brug, a’ cur a mach mìosachan ann am Breatnais (a’ chuid as motha dheth cràbhach) agus a’ cumail Féill gach bliadhna. Tha an iris AL LIAMM a’ tighinn o ’n chlò gach darna mìos, a’ fiachainn ri bratach ar litreachais a chumail ri crann, a’ deasachadh leabhraichean eile, is a’ brosnachadh sgrìobhaichean òga.
’Se an rud as motha tha cur de bhacadh air adhartas na dùthcha a thaobh litreachais is ghnothaichean mar sin, gu bheil Breatnais, a tha ’ga labhairt le faisg air muillion anam, ion ’s a bhith air a toirmeasg anns na sgoiltean. Tha gu leòir ag iarraidh gum biodh i air a teagasg: roimh ’n chogadh dh’aontaich trì cheud Comhairle Baile gum faigheadh i a h-àite san sgoil. Fhuaras cead o chionn ghoirid Breatnais a theagasg dà uair a thìde anns an t-seachdain, anns na h-Ard Sgoilean, air taobh muigh uairean na sgoile, dhaibhsan a bha ’ga h-iarraidh, ma bha luchd-teagaisg ri an lorg a bhiodh deònach. Ach a chionn ’s nach eil an cànain gu feum ann an ceasnaichidhean, chan eil soirbheachadh mór sam bith an lùib na h-obrach so, is chan eil leasanan air an toirt seachad ach ann an leth-dusan sgoil, na mar sin. Nam biodh a h-inbhe dhligheach aig a’ Bhreatnais anns na sgoiltean, dh’fhaodadh i bhith ’na meadhon airson litreachais agus marsantachd, air a cleachdadh gu coitcheann anns gach ionad.
[Sanas]
title | A’ Bhreatainn Bheag |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Per Denez in Gairm 11 %p |
parent text | Gairm 11 |