[256]

Gnothaich Bhoireannach

Le CAIRISTIONA NIC AOIDH.

AN cuala sibh guth riamh air An Ollamh Urramach Uilleam Greum? Canaidh móran, anns acheud dol a mach nach cualano foighnichidh iad, fa chomhair na ceiste, an ann anns an Eaglais Shaoir no anns an Eaglais Stéidhta tha e! Ach nan canainnan cuala sibh guth riamh air Billy Grahamcha bhiodh teagamh mionaid anns achùis!

Tha a thurus an deidh baile nuadh a dheanamh de Ghlaschuthatar an dòchas, co-dhiùbh! Cuin a chunnacas riamh roimhe dròbhan mar so de fhirs de mhnathan eadar Luain is Dòmhnach adol a dhfheitheamh air facal Dhé. Abraidh cuid gu bheil móran dhiubh sin air am brosnachadh le iongantas is deasbaireachd, agus nach ann le cràbhadh no le diadhachd. Biodh sin mar a dhfhaodas, ’s neònach mur a faigh amhór chuid aobhar is cothrom air an anam a rannsachadh.

A rìs, their na h-aimh-chreidmhich nach bi a chliù ach di-bhuan, mar oiteig

[Dealbh]
Billy Graham



[257]

[Dealbh]
AnGlory”—bàta nan itealanann an Loch Euraboll. Bann bhuaipe-se a chaidh itealain le biadh is fodar chun nan croitean bha fo shneachda.

ghaoithe, ach oidhirp sam bith a tha an taic ùrnuighe is adhraidh cho dùrachdachs a tha so, chan fhaod nach soirbhich leis. Is taitneach, co-dhiùbh, bhith afaicinn innleachdan an lathan diughdealbhan agus radio agus telibhiseanair an cur an greim gu facal Dhé a chraobh-sgaoileadh.

Is iomadh cruaidh-chàs agus teanntachd a thàinig an cois na droch shìde a bhagainn air agheamhradh so. Is iomadh dachaidh anns na ceàrnaidhean iomallach mu thuath a fhuaras air glé bheag bidhe agus mur a be furtachd agus cobhair nam bàtaichean adhair, ’s ann air dhroch dhòigh a bha móran dhiùbh. Bha ann, anns nach fhaigheadh tu an fhàrdach a birisle gun bholla flùir is min-choirce, ach cha robh e comasach dhuinn ullachadh den t-seòrsa sin a dheanamh re linn achogaidh, agus, mar sin, chaidh an cleachdadh ionmholta sin a fasan. Achse mo bheachd-sa gun teid na mnathan sin a bhanan éiginn am bliadhna, an urras nach tachair an ceudna dhaibh tuilleadh ma ghabhas e seachnadh. Tha iomadh seòrsa bidhe an diugh air ullachadh ann a leithid de dhòighs gun gléidh e a mhaitheas fad ùine mhóir. Tha iomadh seòrsa eanraich ann a tha blasda agus brìogh-mhor, leithid naMaggi Soups. ”Tha iad air an ullachadh ann am pacaidean beaga nach gabh móran rùim air an sgeilb.

abhean-tighe nach eil an còmhnuidh an tòir air pìos àirneis air choireigin a bheir barrachd tlachd agus comh-fhurtachd



[258]

don tigh. Fhuair mi forfhais bho chionn ghoirid air bòrd beag cho snogs a chunnaic thu riamh, air am faod thu obair sgrìobhaidh a dheanamhs tunad shuidhe sachathair mhóir ri taobh an teine. Tha cas phìobanach air abhòrd, air a cumadh los gun téid i steach fo bhonn na cathrach air chors gum bi am bòrd fhéin air t-uchd. Tha am bòrd so, mar an ceudhna, air leth freagarrach ri taobh na leapa ma tha biadh aig duine ri ghabhailna laighe.

Chan e a h-uile bean òg an diugh as urrainn poit-tea airgid a thoirt air loms i ag ullachadh abhùird airson luchd-céilidh. Ma leanas cùisean mar a thà iad, adol nas miosas nas daoire, ’s gann as urrainn dhi an tea fhéin a thoirt dhoibh! Ach a thaobh na poit-tea, gheibhear te glé shnasail ann an stàilinn aig prìs reusanta (seach airgead) agus cha bhi cùram ort gum feum i a sgùradh a h-uile uair a théid thu thoirt làmh oirre. Le soitheach siùcair is soitheach bainne den cheart seòrsa, cha bhiodh dìth eireachdais air do bhòrd. Agus ma tha toil agad bonnach air leth blasda is aotrom a bhith agad còmhla ris achupan tea feuch am flùrBe-Ro.” On cheud uair a dhfheuch mise e, cha dùraig mi seòrsa sam bith eile a cheannach.

Cha robh Samhradh riamh gun ghréin; cha robh Geamhradh riamh gun shneachd.” ’S cha robh Earrach riamh anns nach do chleachd abhean tighe a bhith aglanadhs asgùradh an tighes alìomhadh àirneis is ùrlair. Fhuair sibh an deagh chomhairle o Mhurdaig air an ràithe so chaidh, mu stuthan a bhitheas feumail air dhuibh a dhol am greim. Am faca sibh amPolywhirl Rotary Polisher” ?Bheir e lìomhadh grinn air an ùrlar ann am mionaid no dhà, agus chan eil e an deicheamh cuid de phrìs innealan lìomhaidh an dealain.

Anns acheart bhùth chunnaic mi àsuig a bhitheadh math anns achidsin, gu sònraichte aig ám ullachaidh abhidhinnleachd a rùisgeas trì puinnd buntàta ann am mionaid!

Tha an saoghal uile acaochladh tuair aig ám Earraich, agus tha nàdur asgeadachadh na dùthcha le ùralachd is àilleachd air nach amais sinne gu sìorruidh, ge be cho eireachdails a bhios ar n-éideadh. Chan eil dhinn nach miannaich riobagan ùra air choireigin mun ám so den bhliadhna, agus, a réir na chithears na chluinnear gu ruige so, cha bhi e doirbh rudeigin rìomhach a chòrdas ruinn a lorg am bliadhna. Tha clò de gach seòrsa air a dheagh mheas airson còtaichean, deiseachan agus dreasachan, gu sònraichte an seòrsa clò cnapach a bha cumanta fad agheamhraidh. A Ameiriga, thaboucleair a thighinn thugainn a rithis, agusse deagh naidheachd a than sin.

Tha aon rud cinnteach, gun cuir thu feum air còta dìonach a gheamhradhs a shamhradh anns an dùthaich so, agus, an diugh, tha móran de chòtaichean den t-seòrsa sin eireachdail gu dearbh. Gheibhear iad ann an clò agus ann an sìoda molach, agus ad shnognan cois.

Chualas o chionn ghoirid gu bheil inneal fighe ùr air a chur an uidheam le fighidh Bhràigh Mhàirr. ’S coltach gum fighear ceithir fichead sreaths a deich leis ann am mionaid. Ma shoirbhicheas leis an inneil so, chan fhaod nach toir e nuas prìsean an aodaich. Tha aodach fighte Bhràigh Mhàirr gun teagamh snasail agus grinn, achse fìor chorra thé as urrainn dusan no trì nota deug a thoirt airtwin-set. ”Uimhir eile, agus cheannaicheadh tu fhéin beairt fhighe.

title“Gnothaich Bhoireannach”
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Cairistiona NicAoidh in Gairm 11 %p

parent textGairm 11
<< please select a word
<< please select a page