[164]

NA SITHICHEAN

leis an Urr. Tormod Dòmhnallach (nach maireann)

Ma bha e fìor gun robh na seann Ghàidheil ’nan sluagh a bha cho geur mhothachail agus cho beachdail mu nithean faicsinneach obair nàduir agus gun robh an eòlas air na nithean sin an chuid sònraichte mean agus farsaing, tha e mar an ceudna fìor gun robh an eòlas a cheart cho mean agus cho farsaing a thaobh gnothaichean na beatha neo-fhaicsinnich. Gheibh sinn sin air a dhearbhadh dhuinn gu soilleir anns a liuthad iomradh a chaidh a thoirt a-nuas bho shaobh-chràbhadh.

Nach iongantach a mheamhraicheadh iad mu gach punc, biodh e beag no mòr, a bha araon sùil na bodhaig agus amhac-meanmainn atoirt fo an comhair.

Ged bhios daoine anns na làithean bruailleanach, cabhagach seo ro dheiseil air a bhith dèanamh fanaid air beachdan nan linntean a chaidh seachad, tha mòran aig na seann daoine a bhuineadh do na làithean ud ri theagasg dhuinn fèin fathast.

Tha sinn an-diugh mar shluagh asiubhal cho dian chabhagach, air ar cumail ann am breislich le faram is gleadhraich is gu bheil e buailteach dhuinn a bhith call nan comasan beachdachaidh agus nam buadhan labhairt a bha aig ar sìnnsirean. Agus ma sguir daoine a bhith ag innse seann sgeulachdan na h-aimsir ud anns na taighean cèilidh, is i acheist an dfhuair iad nas feàrrnan àite. Is iad cus as oideachdaile agus as taitniche na gu leòr den abhuamasdaireachd gun stàth a tha air a chraobh-sgaoileadh air fritheud is sealladh-cèin.

Chan eil ann ach ùine glè ghoirid bho na bha achuid bu mhotha de Ghàidheil atoirt gèill mhòr is creideas làidir do na sìthichean. Anns achoitcheann, ’se sluagh glè bheag ann am meudachd a bha annta, cus nas lugha na daoine nàdurra. Tha beul-aithris atoirt iomraidh dhuinn air corra fhear is a bha cheart uiread ri sluagh an t-saoghail seo agus a bha an tòir air leannan talmhaidh.

Is ann anns gach cnocan gorm bu bhòidhche na chèile, bu mhiann leotha bhith fuireachnam buidhnean mòr, acaitheamh na tìde gu suilbhir, aighearach, adannsas asùgradh ris acheòl bu bhinnes bu shunndaiche a chualas riamh air thalamh.

Cha be na Gàidheil an aon treubh aig an robh creideas anns na daoine sìthe. Is gann gu robh cinneach air uachdar na talmhainn, bho Escamoich is daoine dearg Ameireaga, gu sluagh Phalestin, Aràbia, nan Innseachan an Ear, Sìna, luchd àitichidh eileanan lìonmhor aChuain Shìochaint aig nach dfhuaireadh gu bitheanta an aon saobh-chràbhadh a tha dèanamh luaidh aonsgeulach air an cridhealas. Tha fìor sheann sgrìobhaidhean mar a tha Rig Bheda nan Innsean, dàn Sanscrit, is bàrdachd Ghreugais Homer atoirt iomraidhean orra.


[165]

Làns gun robh beatha nan sìthichean de shòlass de mhealladh, be miann an cridhe a bhith dol uairean an cuideachd achinne-daonna ris an robh farmad aca. Ged bha iadsan na bu dreachmhoire ann an cruthachd na aon de shìol Adhaimh, bha e air a ràdh gun robh meas anabarrach aca air a bhith goid naoidheanan a-steach don t-sìthean maille riutha fèin. Thug feadhainn uiread de ghèill dha seos nach rachadh iad a-mach as an taigh gun snàthad a chur an aodach naoidhean na criomag de iarann fhàgailna chreathall nona leabaidh mur an robh e air a bhaisteadh. Chumadh an t-iarann a bhair a mheas seunte, naomh, leanabh gun bhaisteadh bho chumhachd nan spioradan ud. Nam be agus gun rachadh aca air leanabh lurach a thoirt air falbh leotha, dhfhàgadh iadna àite tàcharan beag, seacta, glas, nach sguireadh a chaoineadh a latha no dhoidhche.

Gu minig, leigeadh iad iad-fèin fhaicinn do neach sam bith air an robh iad agabhail ceann, atoirt cuideachaidh dha a meadhon drip is trainge, no abuileachadh feartan no buadhan air nach robh aig cach. nach cuala gur i bean shìth a thug do Chloinn Mhic Cruimein an t-eòlas ciùil a thug dhaibh bàrr-urram air gach pìobaire eile.


Am MacCruimein a bòige

Bha teaghlach mòr mhac aig achiad Mhac Cruimein air am bheil iomradh againn. ’Se pìobairean barraichte bha anns na mic gu lèir ach an aon a bòige agus theid mise an urras nach faighte uiread is aon rodannan sabhal no ann an saibhlean bhailtean na nàbachd anns an cluinnte nuallan faramach nam pìoban mòr a lathas a dhoidhche.

A h-uile madainn be cleachdadh an athars a chuid mhic a dhol a-mach a chluich do sgoil Bhorroraig beagan astair bhon dachaigh. Cha bfhiach leotha leigeil leis an fhear a bòige dolnan comann do bhrìghs nach robh esan air a mheas math gu leòr mar phìobaire, a bhana bhristeadh cridhe -rìreadh dhàsan. Bha fheadan fèins a phìob aige co-dhiù air an robh e toirt oidhirp nar a gheibheadh e an taigh dha fèin gun neach an làthair a dhèanadh fanaid air.

Air aon de na làithean anns an robh an t-òganach gu tùrsachna aonar, thàinig a-steach far an robh e ach maighdean shìth bu bhòidhche air an do dhearc a shùil. Le aodann suilbhir làn bàigh is truais thuirt i risA ghràidh nan gillean, is math a tha mise tuigsinn t’ -uile àmhghair agus tha mi ar teachd a chum do chuideachadh. Cuiridh mi aon cheist ort a dhfheumas thu a fhreagairt a bfheàrr leat coiliontachd ann an cluich ceòl-mòr gun chliù an t-sluaigh, seach cliù an t-sluaigh gun alt coilionta na pìobaireachd?”

Bi freagairt aghille— “thoir dhomhsa buaidh choilionta na pìobaireachd, chan eil diù agam de bhith ainmeil!” “Ille, is glic do roghainn agus do bhrìgh sin bheir mise dhut a-nis an chuid foirbheachd mar fhear ciùil leis an toir thu bàrr air gach pìobaire bha ann romhad no a leanas thu, agus


[166] cliù is àrd mholadh nan uile a do chluinntinn. Nis, faigh am feadan, thoir às an seann ribheid, tilg air falbh i is cuir an ribheid airgid seo, mo thiodhlac-spèis dhuitna h-àite. Tòisich air cluich agus cuiridh mi fèin mo mheòirean air muin do mheòir-sa.”

Rinneadh mar a dhiarr. An taobh a-stigh de chòig mionaidean bu ghann gun creideadh Mac Cruimein a chluasan. Bha cluich na pìobaireachd a bha roimhe do-dhèanta a-nis cho soirbhs nach robh fios aige a dhèanadh e ris fèin le fìor thoileachadh is iongnadh.

Thuirt amhaighdean shìth — “tha mo theagasg geàrr aig crìch, bheir mi air ais mo mheòirean. Tha thuna do làn fhear ciùil, le comas gach sàr phìobaire eile, tathair is do bhràithrean fhàgail fada, fada as do dhèidh. Gleus do phìob, cluinneam aon phort mum fàg mi thu. Gach nuair a bhios tu deiseil cluich cuimhnich gun toir thu mach an ribheid às an fheadan, cuir am falach i ann an àite nach aithne do neach eile ach thu fèin gus am bi an ath fheum agad oirre.”

Shèid an t-òigear suas am màls na duis is chluich e mar nach cluicheadh aon eile ach e fèin. An sin sheall e an rathad na maighdein airson a barail fhaotainn ach chaidh ise às an t-sealladh is chan fhac e tuilleadh i.

Chum am pìobaire air adol bho phort gu port.

Mu dheireadh thall nochd athair is a bhràithrean air fàire, atilleadh dhachaigh. Nar a ghiùlain oiteag na gaoithe an ceòl gu an cluasan bha uiread de bhuaidh aige orras gun do shaoil iad nach buineadh e idir don t-saoghal seo, ach cheana bha fios aca gur ann bhon taigh a bha e tighinn. Acur luathas nan ceuman, thuirt an dàrna h-aon ris an aon eile — “cha chuala mi an leithid eile de chluich riamhna mo bheatha, ach saoil am pìobaire barraichte tha maille ris an fhear òg?”

Gu grad dhfhosgladh an doras, sheas an athairs na mic air an stairsnich agus cha mhòr nach do thuit am pìoban bhuapa air an ùrlar le ro mheud an iongnaidh a dhfhàg gun chainnt iad airson neoni de aiteal. Gun chomas gluasaid, sheas iad ann an sin fo bhuaidh ciùil a chuir fo gheasaibh iad gus an do sguir e.

Nuair thàinig comas bruidhne air ais thuige, thubhairt athair le guth critheanach acur meal-naidheachd air an fhear a bòige — “A mhic, an ann abruadar a tha mi, no am bheil na chuala mi an -rìreadh fìor? Ma tha e fìor, bho seo a-mach cha leig an nàire leamsa no le do bhràithrean cluich nad fhianais! air thalamh an domhain, no fon talamh, no os a chionn, a theagaisg dhuit alt a tha air buaidh a thoirt air na h-uile? Gu fìrinneach cha chuala sinne riamh an leithid, ’s motha chluinneas ach agad fèin a-mhàin!”

Dhinnseadh sgeulachd na maighdein shìth. Nar a thàinig i gu crìch thug Mac Cruimein an ribheid airgid a-mach as an fheadan is ghlèidh e seachad i gu cùramach.

Chaidh a chliù mar phìobaire air feadh gach tìr. Thàinig òganaich bho sheachd roinnean ruadh an domhain gu bhi fo a theagasg. Besan am fear


[167] bu mhotha de phìobairean ainmeil Chloinn Mhic Cruimein. Cha chualas riamh a leithid ann an dùthaich sam bith air feadh an t-saoghail.


Obair! Obair!

Mar a thuirt sinn cheana, bha dèidh aig na sìthichean air a bhith ag obairs acuideachadh dhaoine nuair bu trainge bhiodh iad an àm cuir is buain.

Bha fear roimhe anns an Eilean Sgitheanach air a chuartachadh le sluagh gun àireamh de na daoine sìthe agus a h-uile h-aon diubh aglaodhaich àird a chlaiginn — “Obair! Obair!”

Mar a bha an neach seo coma ach faotainn cuidhteas iad, agus bhon a bha aige ri leabaidh mhath a dhèanamh anns abhàthaich don chrodh, bhuail ena inntinn iarraidh orra dol a bhuain fraoich.

Mar sin, thubhairt e riutha falbh a bhuain fraoich, aig a cheart àm ag ràdh ris fèin gun tug e dhaibh obair gu leòr a chumadh air falbh iad airson greis co-dhiù.

Cha robh e eòlach air dòigh nan sìthichean.

Mun do thàrr dhaibh gann falbh, ’sann a bha iad air ais agus an àite eallach, bha aon ghaisde fraoich aig a h-uile dùile diubhna laimh. Chuir iad seo a-steach don bhàthaich gus an do lìonadh an taigh am prioba na sùla le fraoch suas gu na sparran.

Chruinnich iad an uair sin a-rithisd timcheall air an duine ag èigheach — “Obair!” “Obair!” Cha robh fios aig abhodach bhochd an obair a bheireadh e dhaibh a chumadh air falbh uaithe iad airson greis eile. Cha robh a dhiarradh e orra a dhèanamh nach robh iad ga dhèanamh mus bu gheàrr dhan àithne tighinn bho bhilean!

Anns achàs seo, chaidh e dhiarraidh comhairle air duine glic a bha fuireach san nàbachd.

Air dha an sgeul innse, chomhairlich an duine dha an ath uair a thigeadh na sìthichean timcheall air ag iarraidh obair, e a dhiarraidh orra falbh sìos chun achladaich agus ròpa air gaineimh a dhèanamh.

An ùine gheàrr, thàinig na daoine sìthe mar a bàbhaist, aglaodhaich — “Obair!” “Obair!” Dhiarr an seann duine orra mar a chomhairlicheadh dhà, iad a dhfhalbh agus ròpa gaineimh a shnìomh. Chan fhaca am bodach na sìthichean an dèidh sin tuilleadh!


ABhanachaig Chòir

Bha siod uair, dithis dhaoine air latha earraich aruamhar san Eilean Sgìtheanach ri sìde ciùin, blàth, mar bu ghnàth leis a bhith anns na làithean ud. An dèidh greis mhath a thoirt ag obair, stad fear de na bodaich agus thuirt e ris an fhear eile — “bfheàrr leam fèin, a dhuine, gun robh deoch mhath de bhlàthaich agam an dràsda, tha am pathadh air mo bhualadh!”

Cha bu luaithe thubhairt na thachair. chunnaic iad ach doras afosgladh ann an cnoc beag dlùth dhaibh agus a-mach thàinig ban-sìthich agus cuach de bhlàthaich aicena làimh. Thairg i i gu h-aoidheal don fhear


[168] air an robh am pathadh, ach nach ann a ghabh esan a leithid de eagal is gun do dhiùlt e an soitheach a ghabhail uaipe.

Bha a charaid na bu chalmana inntinn agus nuair a chunnaic e an tairgse, thubhairt e ris fèin gum be an call soitheach math blàthaich a dhiùltadh air latha teth mar seo agus is ann a dhiarr e an deoch.

Thug abhanachaig shìthe sin dhà gu toileach, agus cho luaths a dhòl e abhlàthach dhfhairich e e fèin air ùrachadhs air neart eile fhaotainn. Anns acheart àm dhfhàs esan a dhiùlt an deoch tinn, gus gum bèiginn dha achas-chrom a thilgeadh uaithe air an raon.

Fhuair e seachad air an tinneas, co-dhiù, an ùine ghoirid, ach thuirt abhean shìthe ris gur e siod am peanas a rinn i air airson gun chaill e gu tur a chreideasna coibhneas agusna deagh rùn dha.

Mar bu trice, is ann air an còmhdach ann an trusganan uaine a chìte iad. Bhiodh cuid de na mnathan sìthe uairean acaitheamh ite fhada, dhearg anns abhonaid agus còta beag, gorm.

Tha e air ìnnse gun robh crodh aca agus a thuilleadh air ar sin, , air an robh an t-ainmCorramheann.”

Mar a dhèirich don chroitear a bha ri àiteach, thachair e do iomadach neach a bha dol seachad air sìthean gun cuala iad fuaim atighinn a-mach às agus air dhaibh èisdeachd tacan beag, dhèanadh iad a-mach gur e bean a bha ri maistreadh anns an t-seòmar rìomhach fon talamh.

Ri gealach làn bhuidhe buain achorc, nach iomadh uair a thàinig an crodh sìths an cuid tharbh a dhionaltradh cuide ri crodh an Eilein a bhair am fàgail a-mach na h-oidhche. Theirtecrodh sìtheri àl nan tarbh cheudna a bha de eadar-dhealachadh dath bhon achrodh nàdurra is bha e air a ràdh gun do lean an t-àl ceudna ann an Eilean aCheò airson iomadh linn.


An Cèilidh Fada Goirid

Bha fear eile anns an eilean cheudna, adol dhachaigh às amhuilinn, agiùlain bolla mine air a dhruim. Mu àirdfheasgair, nuair a bha e dol seachad air sìthean a bha dìreach ri taobh na slighe, chuale atighinn a-mach às achnoc ach an ceòl bu bhriagha ris an do dhèisd e riamh.

Bha an leithid de chumhachd tàlaidh anns acheòl is gun tug e ceum no dhà a-null thar an rathaid ri taobh an t-sìthein agus thug e fa-near gu robh doras fosgailte an cliathach achnoic.

Tharraing an ceòl a ceum air cheum cho socrach a-steach air an doras. Cha robh aon cheum a bha e gabhail nach robh ga dhèanamh na bu ghealltanaiche air a dhol air adhart ceum eile. Mu dheireadh, ràinig e lùchairt a bha dol bharr labhraidh ann am maise agus a meadhon an ùrlair sluagh mòr adannsa ris acheòl iongantach seo.

Lìon an sealladh am fear air an robh an t-eallach mine le leithid de aoibhneas agus de mhire is gun tug e grad leum a-null a dhannsa a-measg nan sìthichean.


[169]

Thàinig meadhon oidhche, ’s cha tàinig am fear a chaidh don mhuileann dhachaigh. Chaidh an oidhche seachads cha do thill e. Chaidh latha is latha seachads cha robh fios a dhèirich don aon a bha air chall. Dhfhàg e amhuileann leis an eallach mine, ceart gu leòr, ach cha robh duine a chunnaic bhon uair sin e.

An dèidh a bhith sgìth ga iarraidh thalls a-bhos, chaidh iad airson comhairle gu saoidh a bha faisg air làimh.

Bha amharas aig an t-seann duine mar a thachair agus thug e dhaibh gu saor a bheachd. Dhiarr e dithis fhear calma, tapaidh a dhol air oidhche Shamhna a dhionnsaigh sìthein àraidh agus bhon is i oidhche Shamhna an aon oidhche den bhliadhna a bha doras an t-sìthein fosgailte do luchd tadhail, iad a dhol thun an dorais gun fhiamh gun eagal, ach a bhith cinnteach gun toireadh iad leotha tarrang iarainn a chuireadh iad fo bhonn na còmhla. Cho fad’ ’s a bhiodh an tarrang an sin, san talamh, cha robh de chomas aig na sìthichean a chaoidh, na dhùineadh an doras. Cha robh cumhachd aig sìthiche no spiorad sam bith eile, a rachadh an aghaidh iarainn sheunta agus mar sin, gheibheadh iadsan a-mach gun dragh nuair a thogradh iad fèin.

Dhfhalbh dithis cho calmas a bha san dùthaich, thug iad leotha an tarrang agus cho luaths a ràinig iad an cnoc, fhuair iad mar a thubhairt an seann duine riutha, an doras fosgailte.

Le deagh chùram, stob iad an tarrang san talamh ri bonn na còmhla agus chaidh iad a-steach.

Be sin an seòmar àlainn air an do laigh an sùil-san agus an ceòl bu bhinne ga chluich air innealan ciùil nan sìthichean. Sheall iad air abhuidheann a bha dannsa air an ùrlar agus a chunnaic iad adannsa anns an ruidhlenam measg, cho aotrom ri duine dhiubh, ach am fear a bha air challs am bolla mine air a mhuin! Leis cho fad’ ’s a bha e dannsa fon eallach, chaidh an ròpa troimhn amhin gu dhruim!

Leum na gillean a-null, thug iad grad spìonadh air ga shlaodadh a-mach às an ruidhle, ach cha bann de dheòin. “Nach leig sibh leam,” ars esan, “chan eil an oidhche ach òg fathast!” Bha dùil aige-san nach robh e anns achnoc ach greiseag de fheasgar, ged a bha e an siod fadbliadhna!


An Bha Fuine Aig Na Sìthichean

Bha nighean òg ann an eilean Uibhist air latha àraidh abuachailleachd laoigh a-muigh air achùl-cinn. Am feadhs a bha i na h-aonar air cnocan beag gorm, bha i air a grad chuartachadh le sluagh mòr de na sìthichean a rinn a giùlain a-steach maille riutha don chnoc.

Chaidh a treòrachadh gu seòmar fada farsaing agus ann an oisinn thall fa a comhair, sheall na daoine sìth dhi girneilear làn mine. Chuir iad mu a coinneamh gu feumadh i bhith fuine arain dhaibh gach latha gus am falamhaicheadh i an girneilear agus an latha bhiodh e falamhs an gràinne mu dheireadh den mhin air fhuine, gheibheadh ise a-mach as achnoc.


[170]

Bi seo an aonta a chuireadh oirre.

Gach latha rachadh na sìthichean a-mach, dhfhàgadh iad seann bhodach beag, crotach, a-steach mar gum bann agleidheadh an taighe.

Theann an nighean, co-dhiù, air fuine cho luath, sùrdails a bhana comas agus cabhag orra gu faotainn a-mach ach ged bhiodh i fathast afuine, cha robh chiste mhòr afàs mìr falamh.

Latha an dèidh latha, bho mhoch gu dubh, cha robh fois adol air fuine na caileig, ach bha uiread de mhin sachistes a bha innte riamh.

Nuair a mhothaich am bodach beag an imcheist anns an robh an nighean thuirt e rithe — “Tha mi faicinn gu bheil e mar chleachdadh agad gach latha nuair a tha thu ullamh fuine, a bhi dòrtadh air ais na fallaid (smùireach mine a bhios anns achlàr de dhfuigheall) anns achiste. An ath latha theid thu a dhfhuine, bi cinnteach gu fuin thu gach gràinne mine, agus an gràinne mu dheireadh, anns abhonnach. Na cuir mìr air ais.”

Ghabh an òg comhairle abhodaich. Cha do chuir i gràinne air ais den mhin tuilleadh agus latha an dèidh latha, mar a bhiodh i fuine, bhiodh an girneilear a sìor fhàs falamh, gus fa dheòidh, air latha sònraichte, latha an àigh dhì-se, bha e glan falamh agus bèiginn do na sìthichean a-rèir an geallaidh, a saorsa a thoirt dhi. Ach a thuilleadh air seo, thug iad dhi mar dhuais gun dèanadh gach aon de a sliochd a thigeadhna dèidh, uiread de obair ri dithis agus creididh mise nach deach i riamh a dhfhuine an dèidh sin, gun chuimhneachadh air an liuthad bonnach a rinn i dha na sìthichean.

(Ra leantainn)

titleNa Sìthichean
internal date1980.0
display date1980
publication date1980
level
reference template

Tormod Dòmhnallach in Gairm 110 %p

parent textGairm 110
<< please select a word
<< please select a page