[223]

AN GAIDHEAL GAISGEIL

Eachdraidh-beatha Dhòmhnaill
MhicRath as a’ Phloc

le Calum MacLeòid (Ratharsaigh)


[224]

Lt. Dòmhnall MacRath R.N. R., R.N. D., agus a bhean, (Mary Fletcher).


[225]

1. Toiseach Eachdraidh

Rugadh an sàr Ghaidheal Dòmhnall MacRath ann am Ploc Loch Aillse, baile beag ann an cois na mara air taobh siar Siorramachd Rois, anns abhliadhna 1892. Be Dòmhnall aon de chòignear theaghlachceathrar ghillean agus nigheana rugadh do Dhonnchadh MacRath agus da bhean, Peigi NicLeòid.

Bha athair Dhòmhnaill de Chlann MhicRath Chinn t-Sàile, clann-cinnidh cho ainmeils a bha agus a tha ann an Gaidhealtachd na h-Alba. Bha iad riamh air am meas treun agus misneachail an cogadh. Bha mòran diubh foghainteach agus comasach mar shaighdearan, seòladairean, iasgairean, ministearan agus lighichean. Ann an cumantasse daoine àrda, calma, le craiceann air leth glan agus fìnealta, agus maiseach ann an cruth, a bha annta. Bha athair Dhòmhnaill coltach ris na daoine den robh e. Do bhrìgh sin, theirteDonnchadh Mòrris.

Ma bha Clann MhicRath iomraiteach, cha robh Clann MhicLeòid, den robh màthair Dhòmhnaill, ball air deireadh. Rugadh ise ann an Airnis, ann an ceann a tuath Eilean Ratharsaigh. Bha a h-athair, Teàrlach MacLeòid, ’na èildear cliùiteach ann an coimhthional an Urramaich Aonghas Mac aBhreatannaich, a bhana mhinistear ann an Ratharsaigh mu thimcheall deich bliadhna fichead. Bha Teàrlach de dhaoine a dhfhuiling mòr-fhòirneart bho uachdarain an-iochdmhor, a dhfhuadaich achuid bu mhotha de luchd-àiteachaidh Ratharsaigh a-mach as am fearann agus a chuir a taigheannan smàl airson àite a dhèanamh do chaoraich agus fèidh.

Anns aChèitein 1883 thàinig buidheann-rannsachaidh mu chor nan croitearan gu Ratharsaigh. Thug Teàrlach fianais chothromach don Mhorair Napier agus da chuideachd mun eu-ceartas a bha dol air adhart, agus thubhairt e mar seo:

Anns na linntean a dhfhalbh, bha an t-Eilean seo ainmeil airson àrach dhaoine mòra treuna. Bairidh e air achliù seo, gu h-àraidh bho linn Iain Ghairbh MhicIlle Chaluim, ainmeil ann an dìon an Eilein bho nàimhdean, agus an dèidh sin ann an dìon na rìoghachd. Mar an ceudna, bha iad air leth adhartach anns gach obair ris an cuireadh iad làmh. Ach gu an staid a-nis? Air am fuadach as am fearann agus as an dachaighean, air an cur ann an seann longan-seòlaidh gu taobh eile an t-saoghail. Tha na thair fhàgail air an dùmhlachadh air iomall creagach den Eilean. An t-àite a bha aig mathair, chaidh màl £18••10 /- a chur air le aon uachdaran. Goirid an dèidh sin, roinn uachdaran eile an t-àitena sheachd mìrean, chuir e seachd croitearan ann le màl £5* air gach neach, agus lùghdaich e am monadh air chor agus nach eil ach àite aon bhò agus seachd caoraich aig gach teaghlach. Tha ar cor nas miosa na bha cor Chlann Israel fo dhaorsa na h-Eiphit.

A-nis, anns an àm ud, dhfheumadh neach a bhith duineil, misneachail


[226] agus làidirna inntinn mun canadh e aon fhacal gu follaiseach an aghaidh uachdaran, oir bha e an comas an uachdarain na daoine a sguabadh, chan e mhàin a-mach as an taighean agus as am fearann, agus pòsadh a thoirmeasg, ach mar an ceudna am fuadach a-mach as an dùthaich.

* Bha sin co-ionnan ri £3500 de mhàl an diugh. Aig an àm udse tuarasdal-seachdain fear-oibre 10/- gu 12/ -. Bha aig Teàrlach ri cosnadh deich seachdainean mum pàigheadh e màl a-mhàin.

Cha dfhàgadh aig Teàrlach ach mun deicheamh cuid de fhearann athar. Air achuibhrinn bhig seo thog Teàrlach taigh-còmhnaidh snasail air a thughadh le fraoch, agus dhàraich e ann sianar theaghlach. Sholair e a lòn gu dìcheallach, ag obrachadh fearainn agus ag iasgach le eathar beag a bha aige fhèin agus aon de bhràithrean. Bhiodh iad adol cho fadas ri Loch Hùirn agus Loch Eiseart, far an robh an sgadan pailt.

Na dhèidh thog a mhac, Iain, naoinear theaghlach anns an dachaigh. Bha gach aon diubh àrd, calma agus maiseach. Aig aon àm, bha triùir de mhicnam maoir-sìthedithis ann an Glaschu, agus fear eile ann an Dun Eideann. Bho chionn ghoirid leugh mi iomradh mu aon diubh nach maireann dam bainm Teàrlach (ainm a sheanar, agus seanair Dhòmhnaill MhicRath). Seo an cunntas a bha air a thoirt air:

Airson deich bliadhna fichead bha ena mhaor-sìthe ann an Dun Eideann, agusna dhèidh sinna mhaor aig achùirt-lagha ainmeil, Cùirt an t-Seisein. Bha ena dhuine air leth grinn, àrd agus eireachdailna dheise ghuirm air prìomh-shràid abhaile acumail rian air na bha adol seachad. Bha ena adhbhar-eagail do eucoraich.

Mar seo, chì sinn gu robh Dòmhnall MacRath de dhaoine foghainteach agus comasach air gach taobh de phàrantan.


2. Roghnaich Dòmhnall Seòladaireachd

Am feadh a bha a theaghlach glè òg, chaidh athair Dhòmhnaill air imrich gu Caol Lochaillse, far an do chuir e suas dachaigh chomhfhurtail da theaghlach.

A-nis, be àite goireasach a bha anns aChaol. Bha e fagas don Eilean Sgiathanach le aisig ghoirid, agus bha bàta-smùide adol gu Malaig. Mar an ceudna, be an Caol ceann-crìche an rathaid-iarainn don Taobh Deas. Air an adhbhar sin, bha e furasda an t-iasg, a bha pailt aig an àm ud, a chur chum nam margaidhean, eadhon cho fadas ri Billingsgate ann an Lunnainn.

Anns aChaol, thòisich Donnchadh Mòr air ceannach, reic agus sailleadh èisg, gu h-àraidh sgadan agus rionnach. Le mòr-dhìcheall shoirbhich leis, agus chan e mhàin gu robh àite-ceannach aige-san saChaol, ach bha mar an ceudna àite eile aige ann an Sgalpaigh na Hearadh agus bàta-iasgaich mòr dam bainm Dìlseachd atoirt an èisggu h-àraidh sgadanair a smocadh don Chaol.


[227]

Nuair a thàinig Dòmhnall gu aois, chaidh e don sgoil far an robh e air leth math gu foghlam ionnsachadh, agus air dha an sgoil fhàgail, roghnaich e dhol a dhionnsachadh seòladaireachd. Ann an ùine gheàrr, chaidh e do long-mhòr le trì chroinn dam bainmLoch Catriona” (Loch Katrine). Seo an sgoil chruaidh anns an do dhionnsaich Dòmhnall seòladaireachdroimhn chrann.

Bhuineadh na longan-siùil seo do bhuidhinn a bha ri marsantachd aig an robh mòran long. Bha iad uile air an ainmeachadh air lochan na h-Albainn. Mar seo, theirte naLochanriu. Bha iad aseòladh eadar Breatann agus Astràilia. Atoirt a-nall luchd-turais, eilthirich, agus gach gnè bathar, agus atoirt a-nall clòimh. Bha iad ainmeil mar shoithichean-seòlaidh.

Anns an àm ud, bha cor an t-seòladair ag agairt cruadal. Is iomadh cruaidh-chàs a bha tighinnnan car. Cha robh taighean-solais ach tearc air taobh eile an t-saoghail, agus ged bha achombaiste aca, cha robh fiosrachadh mion-eòlach aca mu chreagan aig an robh cumhachd tarraing dan ionnsaigh mar a tha aig achloich-iùil. Mar an ceudna, cha robh eòlas coilionta aca mu shruthan achuain. Mar seo, bha call mhòran long ann. A thuilleadh air seo, air turais fhada, bha mòran bìdh saillte aca, a bha ag adhbharachadh dìobhail slàinte. Gle thric, bha am biadh gann, agus cho neo-thaitneach agus gur h-e fìor èiginn a bheireadh air neach itheadh.

Chaidh mòran de naLochana chall. Air a turas gu Astràilia, chaidh anLoch-Ard” ’na mìrean air creagan cunnartach Ceap Otivai.

Cha dfhuair aisde beò den luchd-turais ach aon bhoireannach. Thàinig i gu tìr gun ribeag aodaich oirre, agus grèim-bàis aice air bocsa-chearc. Bha iad acumail chearc airson uighean ùra bhith aca air an turas. Den sgioba cha do thàr as beò ach aon bhalach òg.

Ann an 1905 chaidh anLoch Bheannchar”, air a turas eadar Glaschu agus Astràilia, a chall leis na bhinnte.

Air a turas gu Astràilia, chaidh eile de naLochandam bainmLoch Arkaiga chall air cladach iomallach de Afraca.

Innte seo, bha Iain MacLeòid, bràthair Nèill MhicLeòid Bàrd Ghleanndail. Chaidh naoi mìosan deug seachad mun dfhuaras fios gun robh Iain beò. Bhiodh Iain ri bàrdachd agus ann anOran an t-seòladairtha e ag innseadh mu chor nam maraichean aig an àm ud mar seo:–

Tha gillean òga tapaidh an Gleanndail
ag èirigh suas,
Tha cuid aca deònach air an lòn
thoirt thar achuan.
Ach! Eisdibh ris an òran rinn MacLeòid
a shiubhail cuain
S biodh cuimhne agaibh an còmhnaidh air
àm seòladh mach a Cluaidh.


[228]

Nuair thèid thu ògs tu amaideach,
gu long nam mòr-chrann sheòl,
Bidh cùisean dhuit cho ain-eòlach,
s nach aithnich thu gach ròp,
O! ’s tric a thèid do mhionnachadh,
s do sgriosadh don Fhear-mhòr,
Mur dìrich thu sna croinn aice
cho aotrom ris na h-eòin.

An uair a thig droch shìde ort
s a dhèireas muirna ghlinn,
Gur tric riut fèin a chanas tu
Bu mhath a bhi air tìr.”
Bidh tu aig an stiùir aice
nuair bhrùchdas tonnan uain’,
Nach sona dhuit-sa Fhionnlaidh, *
gur h-e dhionnsaich thucuris buain.”

* (Bràthair Iain a bhagoibreachadh fearann athar.)

Is ann mar seo a dhionnsaich Dòmhnall MacRath seòladaireachd. Bha e tapaidh, gleusda, sgiobalta, agus ealanta. Ann an treun a neart, be àirde sia troighean agus òirleach, dèanta, le gruaidhean ruiteach, agus aghaidh thlachdmhor le fiamh gàire daonnan.

Bha e measail aig na h-uile a chuir eòlas air, agus deagh chliù aige bho na h-oifigich. Ann an 1910 thachair stoirm uabhasach le cuairt-ghaoith obainn ris anLoch Catrìonafagas do eilean Gàbo, agus, mun dfhuair an sgioba cothrom na siùil a bheagachadh no leagadh, bhris na trì chruinn agus chaidh iad fèin agus na siùil thar a cliathaich. Chaidh na h-uile bàta-beag a bha innte bhriseadh ach a h-aon. Am beagan ùine chaidh achuairt-ghaoth seachad, agus chuireadh am bàta-beag le sgioba innte air falbh a shireadh cobhair. Cha bfhada gus an tàinig an long-slaodaidh dam bainmBan-laoch” (Heroine) agus thug i anLoch Catrìonaair ais gu port.

Mun dfhàg i Astràilia air an turas seo, bha anLoch Catrìonaagus am bàta-smuid mòr amUarata” (Waratah) ri taobh a chèile, agus dhfhàg iad ag an aon àm. Chan fhacas sealladh denUaratatuilleadh. Chailleadh i leis na bha innte.

A-nis, am feadh agus a bha Dòmhnall MacRath ag ionnsachadh, agus atighinn air adhart ann an seòladaireachd, air turasan eadar Breatann agus Astràilia, bha ùpraid mhòr adol air adhart anns an Roinn-Eòrpa, oir, ann an ciad mhìos an fhoghair 1914, thòisich Cogadh Mòr aCheusair.

Ann an ùine ghoirid bha Dòmhnall MacRath air a ghairm don Chabhlaich-Rìoghail agus air a chur do Ghallipoli.

Feumaidh sinn a-nis amharc air eachdraidh, agus, air cruinn-eòlas an àite


[229] sin, chum agus gun tuig sinn, an t-adhbhar a chuir an seo e, agus mar a thachair dha ann.

Be adhbhar tòiseachaidh aChogaidh-Mhòir seo gun do mharbh Searbanaich àraidh PrionnsOstria. Ghlaodh an rìoghachd mhòr sin cogadh an aghaidh nan Searbanach. Chaidh an Ruis a sheasamh nan Searbanach.

A-nis, bfheudar do an Fhraing i fèin armachadh a sheasamh na Ruise, oir bha comh-bhann eadar iad fèinnan dithis.

Thug an ùpraid seo, an cothrom a bha i ag iarraidh, agus ag ullachadh as a leth iomadh bliadhna don Ghearmailt, agus thàinig i a-steach don chogadh air taobh Ostria. Chuir i gu grad a saighdairean air adhart troimh rìoghachd nam Beilgeach adèanamh dìreach air prìomh-bhaile na Frainge, chun a ghlacadh.

Thug an obair seo Breatann a-steach don chogadh air taobh nam Beilgeach agus nam Frangach. Chuir i armailt bheag air tìr anns an Fhraing, ochd làithean an dèidh an cogadh bhith air a ghairm.

Bha na Gearmailtich atighinn air an aghaidh troimh rìoghachd nam Beilgeach. Chaidh na Breatannaichnan còdhail.

Choinnich an fheachd a chèile aig Mons, agus an dèidh iomadh blàr fuilteach bfheudar do na Breatannaich agus do na Frangaich a bha cath maille riu pilleadh an comhair an cùil, oir bha na Gearmailtich cho lìonmhor. Lean an ruaig seo làithean gus an robh na Gearmailtich aig an abhainn Marne, fagas do phrìomh-bhaile na Frainge. An uair a bha nis cùisean glè dhorcha do Bhreatann agus don Fhraing thàinig an Tuirc a-steach don chogadh air taobh na Gearmailt agus Ostria.


3. Chaidh Dòmhnall MacRath gu Gallipoli

A-nis, than Tuircna roinn, cuid anns an Asia, agus cuid anns an Roinn-Eòrpa. Tha na roinnean seo dealaichte le Caol fada cumhang a tha eadar am muir Meadhon-Tìreach agus am Muir Dubh.

Aig ceann na mara Mheadhon-Tìreach den Chaol, tha an Asia air an taobh an Ear. Air taobh na Roinn-Eòrpa, tha rubha àrd, creagach, os cionn fhichead mìle air faid, atighinn air fhiaradh mu choinneamh na h-Asia, chor agus, aig ceann an rubha, tha an Caol nas lugha na mìle air leud. Theirear ris an rubha fhada seoGallipoli”, agus ris aChaol aig ceann an rubhaNa Dardanelles”.

A-nis, air bith a ghlacadh an rubha seo, bha cothrom aige gu dèanamh dìreach air prìomh-bhaile na Tuirce, agus dòcha a ghlacadh agus an Tuirc a cheannsachadh. Air an adhbhar seo, bha an rubha air a dhaingneachadh leis na Turcaich, co-ionnan ri Gibraltar, le gunnachan mòra alosgadh peilirean tarsainn an Caol, chum nach faigheadh longan-cogaidh nàimhdeil troimhe. Bha taobh na h-Asia mar an ceudna air a dhaingneachadh chum gum biodh achùis na bu treise.

Cho luath agus a thàinig an Tuirc a-steach don chogadh air taobh nan


[230] Gearmailteach, bha cuid ann an Oifis-a- chogaidh ann am Breatann ag iarraidh oidhirp a dhèanamh air an rubha seo a ghlacadh, mar seo, atoirt buille mharbhtach do na Turcaich.

Le seo san amharc, chaidh armailt uidheamachadh fo stiùireadh Seanalair Iain Hamilton mar Ard-cheann-feachd, agus òrdachadh dol gu Gallipoli agus a ghlacadh. Mar an ceudna chuireadh roinn den Chabhlaich-Rìoghail ga chuideachadh. Anns an roinn seo, bha Dòmhnall MacRath.

Ach mun dràinig an armailt Gallipoli, bha dàil an siud, agus dàil an seo. Eadar na h-uile moille bhann, fhuair na Turcaich chan e mhàin fios gun robh na Breatannaich ateachd, ach cothrom an rubha a dhaingneachadh cho maths a bhanan comas agus sin le gunnachan mòra Chrup fo stiùireadh oifigich Ghearmailtich.

Bha na Gearmailtich abòsdail nach rachadh saighdear Breatannach beò air tìr ann, ach, bha na Breatannaich de bheachd eile, agus dhearbh iad sin.

Mu dheireadh, anns aGhiblin 1915 ràinig an armailt Bhreatannach Gallipoli, agus maille riu, bha buidheann de shaighdirean Frangach, Astràilianaich, agus saighdirean aNew Zealand.

Chaidh an òrdachadh dhol air tìr aig bonn chreagan le sguir àrda, agus na Turcaich ann an daingnichean agus ann an clais-bhlàir air am mullach. Bha h-uile cothrom aca air na Breatannaich fhroiseadh le peilirean de gach seòrsa, agus le sligean-spraighteach.

Nis, mar a ta ri cois rubhachan feadh an t-saoghail, bha sruth-mara làidir ann, adol gu faisg air còig mìle anns an uair. Mar sin, nuair a ràinig na Breatannaich, chan fhaigheadh na longan-mòra anns an robh iad dol dlùth gu cladach le cion laimhrige, agus bfheudar na saighdirean aisig gu tìr ann am bàtaichean-beaga. Ach mar a dhfhàgadh iad sin na longan-mòra bha iad air an giùlan air falbh leis an t-sruth làidir, gu bhithnan targaidean comharraichte do na Turcaich. Mar seo chaidh mòran de na saighdirean agus de na seòladairean a mharbhadh no bhàthadh.

Gidheadh, am beagan a fhuair air tìr, dhìrich iad na creagan, agus na sguir àrda, agus dhfhuadaich iad na Turcaich a-mach as na clais-bhlàir. Seo mar thubhairt Dòmhnall MacRath mun chùis:– “Chaidh sinn air tìr air cladach fosgailte, aig bonn chreagan àrda, far nach robh laimhrig de sheòrsa sam bith, air ar froiseadh gu garg le peilirean nan Turcach. Dhìrich sinn na creagan agus sguab sinn na Turcaich de na mullaich agus ghlac sinn na clais-bhlàir. Ach, ma ghlac, bha call oirnn a bha cianail. An ciad neach a chaidh a mharbhadh, be saighdir ògSgiathanach a Gearraidh. Thuit esan aig ceann fàraidh air bòrd anAbhainn Cluaidh” – an long a ruith sinn air tìr.”

Anns an ionnsaigh seo, chaidh faisg air leth nam Breatannach a leòn, no mharbhadh. Am beagan a ghlac na clais-bhlàir cha burrainn iad a dhol na bfhaide air adhart. Na saighdirean cobhair, a bu chòir a bhith dlùth air làimh, bha iadsan air na cuantan, no ann am Breatann, agus ann an Astràilia. Bha aig na truaghain anns na clais-bhlàir ri fuireach far an robh


[231]

Creagan Garbha Ghallipoli.

AnAbhainn Cluaidhair tìr ann an Gallipoli, far an robh Dòmhnall MacRath an toiseach.


[232]

iad gus an tigeadh cobhair, acumail nan Turcaich air falbh, agus iad a-nis gann de pheilearan, biadh, agus uisge.

Bha cion seanalaireachd agus -rian anns an ionnsaigh air Gallipoli bho toiseach gu deireadh. Bheir mi aon dearbhadh air seo:– Mu dhà mhìos an dèidh do na Breatannaich dol ann, chaidh an rèisimid ainmeil – “Na h-Albannaich Rìoghail” (Cameronians), air latha soilleir samhraidh, òrdachadh, “dhol an sàs anns an armailt Thurcach leis abhèigleid a-mhàin.”

Nis, bha aig na saighdirean seo, ri dhol thairis air druim lom mun ruigeadh iad na Turcaich. Cho luath agus a nochd iad air an druim fhosgailte seo, sgrios na Turcaich iad le peilearan de gach seòrsa air chor agus gur h-e aon oifigeach agus naoi thar fhichead saighdear a dhfhàgadhnan seasamh de chòig ceud agus a dhàa leum a-mach as na clais-bhlàir.

Thuit Còirneal na rèisimeid le seachd leòin ciùrrail, thuilleadh air leòin bheaga. Deich bliadhna an dèidh na casgraidh gun toinisg seo, sgrìobh an Còirneal eachdraidh na rèisimeid, agus tha e ag ràdh gun tubhairt Iain Hamilton mun , nach robh fios sam bith aige nach robh gunnachan mòra agus pailteas pheilearan aig an rèisimeid, gu ùine mhòir an dèidh na casgraidh seo.

aig eile bu chòir fios a bhith mu chor shaighdearan, ach aig aCheann-feachd? – mun rachadh an cur ri obair gun toinisg.

Thàinig an dèidh seo, samhradh air leth teth. Do bhrìgh agus nach robh doimhneachd talmhainn ann an Gallipoli anns an rachadh na mairbh adhlacadh dòigheil, thàinig plàigh chuileag a bha uabhasach agusna cois, galairean-cuim, agus fiabhrasan de gach seòrsa. Thubhairt Dòmhnall MacRath gum bu dorra leis na cuileagan na na Turcaich, agus, nuair bheireadh e grèim bìdh a mhàlaid gum feumadh e churna bheul cho grad ri peilear, no bhiodh e còmhdaichte le cuileagan.

Leis an teas dhfhàs an t-uisge cho gann, agus gur h-e pinnt san latha bha ceadaichte do gach neach. Chaidh mòran de na saighdearan thar rian le cion uisge.

An dèidh samhradh teth, thàinig geamhradh anabarrach fuar le gailleann, sneachd agus reodhadh. Reòdh gleusachan nan gunnachan air chor is nach gabhadh peilearan cur annta, agus dhfhàs mòran de shaighdirean tinn.

Chuir am fuachd gailbheach seo an tuilleadh dòlais anns aghnothaich, gus mu dheireadh, ràinig àireamh na bha marbh agus tinn de na saighdearan agus de na seòladairean, gu math seachad air cheud mìle fear.

Thaobh nach robh an armailt adèanamh adhartais a-rèir call dhaoine, ghairm an Riaghaltas Seanalair Iain Hamilton dhachaigh, agus chuir iad Seanalair Teàrlach Rothach a rannsachadh mu chor na h-armailt.

Nuair a chunnaic an Rothach an suidheachadh truagh anns an robh i, be a bheachd a toirt a Gallipoli, cho luath agus a ghabhadh dèanamh. Rinneadh seo gun mhòran calla, agus gun fhios do na Turcaich.


[233]

4. Be Lt. Dòmhnall MacRath an Neach mu dheireadh a dhfhàg Gallipoli

A-nis, chaidh Dòmhnall MacRath troimh gach seòrsa cruaidh-chàs agus gàbhadh ann an Gallipoli, far an do chleachd se e fèin gu cliùiteach mar ghaisgeach. Bha e calma, duineil, agus neo-ghealtach. Ann an ùine gheàrr, bha e air àrdachadh gu bhi na “Lieutenant”.

Aig àm toirt na h-armailt a Gallipoli, bha e air a churna oifigeach gu amharc thairis air treòrachadh nan saighdearan o na clais-bhlàir chum achladaich far an robh bàtaichean beaga afeitheamh chum an toirt a-mach do na longan-cogaidh mòra, a bha gan toirt air falbh.

Is e buidheann Astràilianach na saighdearan a bha air deireadh gun fàgail. Chuir iadsan mullach Cnuic-Ruisealna smàl, mun do dhfhàg iad na clais-bhlàir. An sin, dhòrdaich Dòmhnall iad a ruith chun achladaich far an robh na bàtaichean-beaga.

Dhfhuirich e fèin gus am fac e an saighdear mu dheireadh afalbh, agus an sin thug e sùil an robh neach air fhàgail a-measg nan clais-bhlàir, cho fad agus a bhana shealladh. Nuair nach robh duine ri fhaicinn, leum e a-mach as na clais-bhlàir gu ruith an dèidh chàich, ach cha tug e ach sìnnteag no dhà troimh phreasan beaga, nuair a bhuail sròin a bhròige gu goirt -èigin cruaidh, agus thuit e le glag.

An uair a dhèirich e, agus a thug e sùil a leag e, chunnaic e gun robh e tarsainn air uachdar gunna-innleachdach, ùr mar a thugadh e à cèis. Rug e air le dhà làimh, agus ruith e leis còrr agus mìle troimh gharbhlaich chun achladaich.

Bha e aig cùl-sàiltean chàich aleum don bhàta-bheag, agus, aig an aon àm ag ràdh, “Seo aon gu bràth nach faigh Turcach.”

Nuair a ràinig iad an long-chogaidh mhòr, agus a chaidh iad air bòrd, thòisich Domhnall air innseadh do na h-oifigich eile mar a fhuair e an gunna-innleachdach, agus gun robh e rùnachadh a chumail mar chuimhneachan air an gnìomharan ann an Gallipoli. Bha mòr ioghnadh orra uile, ciamar a bha e comasach air an gunna ghiùlan, cudthrom gum bu math an t-eallach do thriùir dhaoine cumanta.

Cha robh Dòmhnall ach gann ullamh den naidheachd, nuair a thàinig Ceann-feachd na cuideachd, an Seanalair MacIain R.A. N.Z. far an robh iad. Bha esan fad na h-ùine gu comhfhurtail anns an long-cogaidh aig cuan, agus òganach Gaidhealach air a chur a shealltainn ra chuid shaighdearan.

Thubhairt esan gum feumadh Dòmhnall an gunna thoirt dàsan. An toiseach, cha robh Dòmhnall deònach seo a dhèanamh. An sin thubhairt an Seanalair, “Nach bu chòir do Dhòmhnall bhith dèanamh nithean nach burrainn daoine eile dhèanamh,” agus chuir e Dòmhnall cho suarachs a bhana chomas.

Ma dheireadh, thug Dòmhnall an gunna seachad. Tha e air aithris, gur h-e seo achiad uair a thàinig gruaim air aghaidh thlachdmhor. Ged is nàr


[234] ri aithris e, de na h-oifigich Bhreatannach a bha làthair, cha tubhairt a h-aon aca facal air taobh Dhòmhnaill.

Mar seo thuig Dòmhnall ged a thigeadh e leis na h-uile Turcach le n-àirneis, a bha ann an Gallipoli, le ròp mun amhaich gan tarraing na dhèidhmar am fuamhar anns an sgeulachdTurasan Ghullabhar” — nach faigheadh e cliù dligheach, no àrdachadh a-rèir a ghnìomharan.

BhaRaglanachanns an arm Bhreatannach. bfhiach dhèanadh mac iasgair bochd a taobh siar Siorramachd Rois, gun rachadh àrdachadh co-ionnan ris, no chur os cionn clann dhaoine saidhbhir a chaidh troimhSandhurst”, agus ùghdarras mòr aig an athraichean maille ris an Riaghaltas? Chan eil guth mun òganach Ghaidhealach a sheasna aonar, agus a theasairg an gunna, agus a ruith còrr agus mìle thar garbhlaich leis, agus an t-àite ga fhroiseadh le sligean-spraiteach nan Turcach.

Uine an dèidh seo, nuair a fhuair Dòmhnall gu bhithna Chaiptean airH.M. S. Blàth”, sgrìobh e chun an t-Seanalair MacIain ag iarraidh aghunna. Tha am fios freagairt fam chomhairleis gach uile leth-sgeul chun nach faigheadh se e. Tha cuimhne agam feòrach de Dhòmhnall, de seòrsa Seanalair a bhan seo, agus, cia as a bha e. Fhreagair e mar seo, “Rugadh e ann anNew Zealand, agus bha e de dhaoine saidhbhir aig an robh mòr ùghdarras an sin.” “Ach,” arsa Dòmhnall, “cha be Breatannach ceart a bhann co-dhiù” (Colonial).

Nis, leugh mi gu mionaideach gach eachdraidh cogaidh Bhreatannach a burrainn mi fhaotainn, ach, cha tàinig mi thairis air cunntas mu aon ghnìomh èifeachdach le Seanalair MacIain, ach, tha aon cinnteach, gun do chuir e call do-labhairt air Breatann anns an latha a ghràinich e Dòmhnall MacRath air a seirbhis.

Tha mi den bheachd gun robh aig Dòmhnall san amharc an gunna a thoirt don Chaol, agus a chur air carragh aig taigh athar a tha ri taobh an rathaid mhòir. An sin bhiodh e air leth annasach do mhìltean luchd-turais mar chuimhneachan air aGhaidheal òg ghaisgeil a theasairg e bho na Turcaich, agus an neach mu dheireadh a dhfhàg Gallipoli.

Sia uairean a bheatha dhìon Dòmhnall gu soirbheachail, gum besanan neach mu dheireadh a dhfhàg Gallipoli,” oir bha e cunntas seo mar onoir mhòir. Ann an 1929, bha Ceann-feachd dam bainm Seanalair J. W. Paton C.B. air ainmeachadh ann am pàipearan-naidheachd Astràilia maran neach mu dheireadh a dhfhàg Gallipoli.” Gu grad sgrìobh triùir shaighdearan litrichean an aghaidh seo anns an tubhairt iad mar a leanas:–

(l) “Cha be Seanalair Paton an neach mu dheireadh a dhfhàg Gallipoli. Se bhair an duine deise na Cabhlaich-Rìoghail. Bha mise an làthair an uair a thug Seanalair MacIain uaithe an gunna-innleachdach ùr. Chan eil cuimhne agam air ainm ceart, oirseMac Snotha-Gàiream frith-ainm a bhagainne air.” “ANSAC

(2) “Is e aodach na Cabhlaich-Rìoghail a bha air an oifigeach dom buin an t-urram gur h-ean neach mu dheireadh a dhfhàg Gallipoli.”


[235]

SeMac Snodha-Gàiream frith-ainm a bha againn air. Bha mise an làthair nuair a thug Seanalair MacIain R.A. N.Z. an gunna-innleachdach uaithe. Is e seo an aon uair a chunnacas riamh roimhe gruaim air aghaidh thlachdmhor. Mas math mo chuimhne, is e Mac , no MacAoidh a bainm da.” D. OBRIAN.

(3) “An t-oifigeach le deise na Cabhlaich-Rìoghail bha air deireadh afàgail Gallipoli, cha be Mac , no MacAoidh, a bainm da, ach MacRath, agus tha e fathast beò, ’na Ard-mhaighstir-acarsaid do bhaile Sidni”. B. UILLEAM.

Gus an lathan diugh, cha chualas an còrr air euchdan Seanalair T. D. Paton C.B.

Beagan bhliannachan air ais, leugh mi naidheachd bàis uachdarain saidhbhir am pàipear-naidheachd an Obain, agus bha anns an iomradh, gum besanan neach mu dheireadh a dhfhàg Gallipoli.” Sgrìobh mi afeòrach ciod an t-ùghdarras a bha aca airson na briathran ud, gun robh mise de atharrachadh beachdnach robh iad fìor. Fhuair mi freagradh mar seo, “chan eil ùghdarras sam bith, ach gun robh an duine fèin ga ràdha.”

Chì sinn a-nis, cho ealamhs a tha daoine, eadhon ann an àrd inbhe, gu bhith sanntachadh cliù, air neo urram a bha dligheach don òganach GhaidhealachLt. Dòmhnall MacRath.

An chuideachd maille ris an robh Lt. Dòmhnall MacRath aig àm fàgail.


[236]

5. Don Eiphit, agus gu Tripoli

Den n-Armailt a thugadh a Gallipoli, chaidh an roinn mhòr dith a chur gu Alecsandria anns an Eiphit, far an do thòisicheadh air Armailt uidheamachadh chum ionnsaigh a thoirt air Tìr Israel, a bha aig an àm ud fo riaghladh na Tuirc. Chuireadh abhuidheann anns an robh Lt. Dòmhnall MacRath air falbh gu Tripoli. Ann an sin, ghlac iad am baile Sollum, anns an do chuir iad saighdearan-dìon, agus, thill achuid eile den chuideachd, air ais gu Alecsandria, far an robh amhòr-chuid den armailt.

Air teachd dha a Tripoli, chaidh Lt. Dòmhnall MacRath a chur a dhamharc thairis air Eiphitich òga a bha ag ionnsachadh saighdearachd chum cath air muir no tìr, air , nuair bhiodh iad ionnsaichte, gun seasadh iad, ann an àite nan saighdearan Breatannach, a bha glèidheadh an tairbeirt agus na Slighe-uisge tha eadar am muir Meadhon-Tìreach, agus am Muir Ruadh. (Rachadh na Breatannaich seo maille ris an armailt a bha dol gu Tìr Israel.)

Bha an raon air an robh Dòmhnall ag ionnsachadh nan Eiphitich dlùth do champa mòr anns an robh mòran de shaighdearan leònta agus tinn a thugadh a Gallipoli.

A-nis, bu chaomh leis na Breatannaich seo a bha comasach bhith air an cois, dol gach latha dhamharc nan Eiphitich ag ionnsachadh, agus seasamh dlùth air cùl an oifigich a bha toirt nan òrdanan.

Aon latha, chunnaic Dòmhnall Eiphiteach òg mall ann an cur na beuglaid air a chuilibhir. Ghairm se e far an robh e fèin na sheasamh. Rug e air achuilibhir bhon Eiphiteach, ann an aon làmh, agus air a bheuglaid anns an làimh eile, agus thubhairt e, “ thu mar seo, agus mar siud,” agus e fèin acur na beuglaid air achuilibhir, “agus,” arsa Dòmhnall, “nuair a thu seo uair no dhà, bidh tu cheart cho eòlach riumsa leatha. Falbh a-nis maille ri do chompanaich chun na raoin.”

Cha robh na facail ach gann a-mach as a bheul, nuair a chual e bhith cur ra bhriathran air a chùlaibh, ann an Gàidhlig, “Agus cho eòlach ri mo sheannair oirre.” Thionndaidh Dòmhnall gu grad mun cuart, agus thubhairt e, “Dòcha laochain gun robh e cho eòlach ri do sheanair-sa oirre.”

Nuair a chuala iad seo, cha robh na Breatannaich fada falbh, agus mòr-ioghnadh orra, ciamar bha Gàidhlig aig an oifigeach mhòr Eiphiteach ud.

Bha Dòmhnall glè thoilichte maille ris na h-Eiphitich. Bha dòigh choibhneil aige riutha, agus, nuair bha iad ionnsaichte agus a ghairmeadh air falbh e gu Alecsandria, thug iad da fàinne grinn mar chuimhneachan, agus sgrìobhta air an fhàinnenan cànain fèin, “Nochdar aoidheachd do Lt. Dòmhnall MacRath ge be àite den Eiphit dan tèid e” — le seula arm na h-Eiphit.

Beagan ùine an dèidh dha pilltinn chum achuideachd dam buineadh


[237]

Lt. Dòmhnall MacRath, an deigh bhi ann an Gaillipoli.

Lt. Dòmhnall MacRath, ag ionnsachadh nan Eiphiteach.


[238]

e, fhuair Dòmhnall fòrlach, agus thàinig e don Chaol-Aillseach, agus do Ratharsaigh, a dhfhaicinn a chàirdean.

Thàinig e gu Ratharsaigh, agus cha daithnich neach e. Bha iongnadh air na h-uile càite an robh an t-oifigeach mòr seo adol, no an turas air an robh e. An uair a ràinig e taigh mathar, bhuail en doras. Chaidh mo mhàthair chun an dorais, agus dhfhosgail i e.

Nuair a chunnaic i an t-oifigeach mòr ann an deise na Cabhlaich-Rìoghail, cha mhòr nach do theich i. Cha tubhairt i guth ach ga amharcairson mionaidean.

Dhaithnich Dòmhnall nach robh fios aice e, agus thubhairt e ann am Beurla chruaidh Shasannach, “Thàinig mi a dhiarraidh Dòmhnall MacLeòid, càitam beil e?”

Nuair a chuala mo mhàthair na briathran seo cha mhòr nach deach i ann an laigse, agus cha tubhairt i guth, oir, aig an àm ud, bha mathair ann am prìosan anns an Spàinn. Chaidh an long mhòr air an robh e, anAislebiea chur fodha le long-tumaidh Gearmailteach fagas do Chorùnna. Ged a fhuair an sgioba gu tìr anns na bàtaichean-beaga, bhuin na Spàinntich gu neo-choibhneil riu, airson dhol air tìr gun chead, agus chuir siad iad ann an daingneach Chorùnna.

Ann an ceann sia seachdainean thàinig buidheann Fhrangach a thug leo iad troimh an Fhraing. ’Sann mar sin a fhuair iad air ais gu Breatann.

Gu latha bhàis, nan cluinneadh mathair neach agearan air , gu h-àraid mu bhiadh gun fìor adhbhar, theireadh e, “Tha bhuil ortsa nach


[239]

robh thu sia seachdaineanan ann am prìosan Spàinnteach.”

Ach, cha robh fios sam bith aig Dòmhnall MacRath air an tachartas seo nuair a labhair e ri mo mhàthair, agus ghabh e iongnadh an t-eagal a bha oirre roimhe. Nuair a chunnaic e a suidheachadh, rinn e lasgan gàire agus thubhairt e anns aGhàidhligO Shialag, bheil cuimhne agad idir air Dòmhnall Dhonnachaidh Mhòir?” Nuair a chual i seo, rug i air a làimhna làimh, agus tharraing i steach e.

Chaidh fàilte is furan a chur air. Mun do dhfhalbh e, thug e bonn airgid do gach aon den chloinn. Bha e air leth càirdeil agus còir. Is e seo a chiad uair a chunnaic mise e.


6. Air Tòir Luchd-Bratha

Aig an àm shuidhichte thill Dòmhnall gu Alecsandria far an robh an armailt Bhreatannach fagas air bhith ullamh gu ionnsaigh a thoirt air Tìr Israel. Ach mun drinneadh seo, thachair eile, agus chuireadh Dòmhnall air tòir luchd-bratha.

Mun àm seo, thàinig fios a Lunnainn chun an Ard-cheannard a bha ann an Alecsandria, gun robh iad den bheachd gun robh luchd-brath acraobh-sgaoileadh naidheachdan chum ar nàimhdean mu gach bha dol air adhart ann an Alecsandria, agus e mion-rannsachadh a dhèanamh gu grad.

Ghairm an t-Ard-cheannard na ceannardan-bhuidhnean cruinn, agus dhinnis e mun fhios a fhuair e, agus dhòrdaich e, iad rannsachadh a dhèanamh gun dàil chum gun lorgadh iad an uidheam craobh-sgaoilidh-naidheachdan, agus iadsan a bha ga h-oibreachadh.

Anns an àm ud, cha robh na h-uidheaman seo cho grinn na cho gleusda air an dèanamh agus a tha iad an diughcho beag agus gun giùlanar iad ann am pòcaid, no ann am màileid. Dhfheumadh iad aig an àm ud, crann àrd, agus driamlach copair mun cuireadh iad naidheachd asdar fada, agus ged chaidh rannsachadh a dhèanamh, cha dfhuaras , agus chuir na ceannardan-bhuidhnean mion-chunntas air mar a chaidh dhaibh chun an Ard-cheannard.

Gu grad dhòrdaich an t-Ard-cheannard do na ceannardan-buidhne cruinneachadh a-rithist. Rinn iad seo, agus thubhairt e riu, “Tha mi air an dara fios fhaotainngum bheil gu cinnteach luchd-bratha anns an àite seo, agus iad acraobh-sgaoileadh naidheachdan mu gach a tha sinn adèanamh, oir cha mhòr long a tha fàgail an àite nach eil long-tumaidh nàmhaid atachairt rithe agus ga cur fodha, no ga milleadh.”

Nuair a chuala ceannardan nam buidhnean seo bha iad uile balbh gus an dèirich an ceannard a bha air abhuidheann anns an robh Dòmhnall MacRath. Thubhairt esan car mar seo, “Ma bheir sibh cead dhomh, tha duine agamsa am chuideachd, agus, ma ghabhas luchd-bratha faotainn gheibh e iad. Nach cuir sinn esan a-mach le buidheann luchd-rannsachaidh?”

Thug na ceannardan eile sùil air a chèile ag ràdh riu fèin. “Beagan


[240] bòsdail.” Ach, nuair a chual an t-Ard-cheannard a bhriathran, thubhairt e ris, “Dèan mar a thubhairt thu, agus cuir fios thugamsa cho luaths a gheibhear an t-uidheam agus an luchd-bratha.”

Cha robh fios aig Dòmhnall MacRath air mun ghnothaich gus an deach a ghairm gu grad air beulaibh acheannaird a dhinnis da mun , agus a thubhairt ris, “Faodaidh tu ceud saighdear no seòladairean a thoirt leat a rannsachadh an àite gu h-iomlan agus cho luath agus a gheibh thu an t-uidheam agus na daoine, thig agus innis dhòmhsa.” “ mi a-rèir bhur n-iarrtas,” thubhairt Dòmhnall, agus dhfhalbh e.

A-nis chì sinn cho geur-bheachdachaidh agus a bha Dòmhnall. On thàinig e gu Alecsandria, thug e fainear gun robh long bheag aig Greugaich a bha falbh air ais agus air adhart air feadh na h-acarsaid ational bocsaichean falamh no briste, agus mìrean fiodha de gach seòrsa a bha air uachdar na mara, agus, nuair bhitheadh i làn, afalbh ga chur air tìr ann an cùil bheag à fianais far an robh na Breatannaich. Bha seo ag amharc neo-lochdach. Ach, seo an a thug Dòmhnall an aire da. Gum falbhadh i aig amannan don chùil agus afàgail mìrean fiodha na bfheàrr na chuid bha i togailagus i leth-fhalamh. Smuainich e ann fèin, gun robh an obair seo glè neònach, agus, cho luath agus a chuala e mun luchd-bratha, smuainich e gur h-ann anns an long seo bhan t-olc. Nuair a fhuair e òrdan rannsachadh on cheannard, thug e leis ceathrar armaichte maille ris, agus bha iad afeitheamh ris an luing Ghreugaich anns achùil.

Nuair a thàinig i, chaidh Dòmhnall air bòrd agus rannsaich e i bho cheann gu ceann, ag amharc airson uidheam-craobh-sgaoilidh naidheachdan, ach cha dfhuair e . An sin, choisich e gu deireadh na luinge adol a leum a-mach aisde. Ach, mar is caomh le maraichean a dhèanamh nuair a thèid iad air bòrd long coigreach, thionndaidh e mun cuairt a ghabhail beachd air mar a bha i air a togail, agus air a cumadh.

Anns na beagan mhionaidean a bha e ag amharc oirre, chuala e gairm colmain shuas mu bhun a crann-toisich, far an robh dùn de fhiodh de gach seòrsa, bocsaichean briste agus falamh, agus sgudal eile de na chaidh a thogail anns an acarsaid.

Sgap e an dùn gach rathad, agus na mheadhon fhuair e bocsa grinn agus trì colmain ann. Rug e air abhocsana làimh agus ghlaodh e ris na daoine bha maille ris, iad am bàta chur fo cheannsal, agus gun aon den sgioba leigeadh as gus an tigeadh esan le tuilleadh dhaoine.

Dhfhalbh e leis abhocsa gu ionad-còmhnaidh ceannard-na-buidhne, agus nuair a dhfhosgladh am bocsa, bha ann am bann air cas aon de na colmain, litir anns an robh sgrìobhta fiosrachadh mu na h-uile a bha na Breatannaich adèanamh, gu h-àraidh mu na longan a bha fàgail na h-acarsaid.

Airson aghnìomh ghleusda seo, cha dfhuair Dòmhnall MacRath cliù na àrdachadh. Chaidh amhòr-chliù a thoirt don cheannard a chionn gun gun robh daoine cho gleusda agus cho math air an ionnsachadh aigena


[241] bhuidheann. An aon a fhuair Dòmhnall, se gun robh e air a chur a-mach air tòir luchd-bratha. Ann an deich mìosan, ghlac e ceathrar a fhuaradh ciontach.


7. ’Na Chaiptean airH.M. S. Blàth” (Blossom) agus na dhèidh sin, airH.M. S. Alecsandria

Na dhèidh seo, chuireadh Dòmhnall MacRathna Chaiptean air luing-chogaidh bheag dam bainmH.M. S. Blàth” (Blossom). Ben obair a chaidh thoirt da, bhith stad agus arannsachadh na h-uile long coigreach a bha tadhal acarsaid Alecsandria, agus gach a dhfhaodadh bhith feumail do ar nàimhdean a thoirt asda. Bha an obair seo co-cheangailte ri Taigh-cuspainn Alecsandria.

An dèidh mu bhliadhna aig an obair seo, chaidh Dòmhnall a churna Chaiptean airH.M. S. Alecsandria” – long-dhìona an àite sin.

Cha be seo an seòrsa obair a thigeadh ri càil Dhòmhnaill. Thuig e glè mhath gun robh na h-oifigichbha thairis air ga chumail sìos cho fads a bhanan comas, agus gun robh ùghdarras achinn-feachdna aghaidh, oir bha iad uile-chinnteach nam faigheadh e gu long-chogaidh mhòr, am beagan ùine gun dèanadh e -èigin agus gum biodh e air àrdachadh gu inbhe co-ionnan riusanna eadhon thairis orra.

Thachaireadh an ceudna nan cuirte e air ceann buidhne de shaighdearan-fairge (marines), no nan rachadh a chur don arm-thìre.

Ach, bha aon Oifigeach onarachnam measg, an Ceannard Cabhlaich R. F. MacCoilltean (Woods). Sgrìobh esan litir chum Ard-cheannard na Cabhlaich anns an robh mar seo:–

Tha Dòmhnall MacRathna Oifigeach-Rannsaichidh ann an seo bhliadhna gu leth. na h-ùine seo, tha mi làn thoilichte le sheirbhis anns gach gnìomh a chuireadh fa chomhair. Tha mi ga mholadh airson àrdachadh, agus an onoir a tha dligheach dha.
R. F. MacCoilltean,
Ceannard-cabhlaich

Sgrìobh e litir eile chum Tighearnan na Cabhlaich, anns an robh mar seo:—

Than t-Oifigeach-Rannsachaidh Dòmhnall MacRath, chan e mhàin fiosrach mu oibreachadh longan, ach tha e mar an ceudna, anabarrach sgileil ann an glacadh luchd-bratha. Ann am beagan ùine ghlac e ceathrar a fhuaradh ciontach. na h-ùine a tha e ann an seo, chleachd se e fèin gu h-urramach, agus mar Oifigeach comasach. Tha mise ga mholadh duibh airson an onoir agus an t-àrdachadh a bhios sibh deònach a chur air.
R. F. MacCoilltean,
Ceannard-cabhlaich

Ach cha do ghabhadh suim sam bith de na litrichean seo, agus cha drinneadh buanachdail do Dhòmhnall. Cha robh càirdean aigenam


[242] measg a tharraingeadh sreanganan chun ròpa garbh a dhèanamh dha.

Bha Dòmhnall cho -thoilichte aig an obair seo, agus gun deach a shlàinte sìos, agus dhfhàg e an Chabhlaich-Rìoghail air an deicheamh de Samhuinn 1919, agus chaidh e do Astràilia, far an deach mòr luach a chur air a ghnìomharan gleusda am fad agus bu bheò e.

Ann sa bhliadhna 1919 phòs Dòmhnall MacRath agus Màiri NicGill Leasdair (Fletcher) – a rugadh ann an Sheffield. Bha ina banaltrum co-cheangailte ris an arm. Bha i ann am Mudros, san Ghrèig, an Eiphit agus an Tìr Israel. Chaidh a cliùitheachadh le Seanalair Moraidh airson a seirbhis fheumail measg nan saighdearan. Bha i air leth maiseach. Chaochail i ann an 1951.

Rugadh triùir theaghlach dhaibhdithis mhac agus nighean. Chaidh aon de na mic a mharbhadh ann am Blàr Bhreatainn an dèidh dha bhithna oifigeach-adhair cliùiteach maille ri Seòras Beurlaing adìon Mhalta.

Chaochail am mac eile bho chionn beagan bhliadhnachan an dèidh dha bhithna ghunnair-adhair anns an arm Astràilianach ann am Borneo.

Tha an nigheanna h-Ard-bhanaltrum ann an Taigh-eiridinn baile Chaisteal-Nuaidh.

Mu thrì bliadhna air ais, chaochail an neach mu dheireadh de theaghlach Dhonnachaidh MhicRath. Be seo Murchadh, am bràthair a bòige aig Caiptean MacRath. Besan an neach mu dheireadh, anns na ceàrnan seo, de na seòid a bha anns na bàtaichean-adhar (R.F. C.) aig àm achiad Chogaidh Mhòir.

Cha robh Caiptean MacRath fad ann an Astràilia nuair a chaidh a churna Mhaighstir-acarsaid ann am baile Chaisteal-Nuaidh. Mar an ceudna, chaidh a churna Chaiptean air anAjax”, bàta teasairgin agus treòrachaidh an àite sin.

Ann an 1927 bha anAjaxair fàs sean, agus chuireadh am bàta ùrBirubi” ’na h-àite. Tha am facalBirubiann an cànain seann luchd-àiteachaidh Astràilia aciallachadh, an grunnan rionnagan ris an abrarA Chrois-a- Deas”. Be luchd abhàta ùr seo trì cheud gu leth tunna.

(Ra leantainn)

titleAn Gàidheal Gaisgeil
internal date1980.0
display date1980
publication date1980
level
reference template

Calum MacLeòid in Gairm 111/112 %p

parent textGairm 111/112
<< please select a word
<< please select a page