MO THILLEADH DHACHAIGH
le Ealasaid Chaimbeul
(Choisinn Ealasaid Chaimbeul o chionn ghoirid a’ chiad duais ann an co-fharpais sgrìobhaidh a bh’aig a’ Chomann Leabhraichean, le eachdraidh a beatha fhèin, agus seo agaibh beagan den eachdraidh sin — Fear-deas.)
Aig Sgoil Bhrèibhig, 1950.
San Iuchar anns a’ bhlianna naoi ceud deug tri fichead ’s a sia (1966) bha mi air ais am Barraigh air làithean saora. Fad nan còig blianna roimhe seo, bha mi air bhith teagasg an sgoil an Glaschu. Dh’innis ban-charaid dhomh agus sinn le chèile nar suidhe air Cnoc na Fèille am Bàgh a’ Chaisteil, gun robhar a’ lorg ban-sgoilear thall an eilean maiseach Bhatarsaigh. Bha deich blianna fichead bhon dh’fhàg mi e, agus aig an àm sin, bha còrr is dà fhichead de chloinn eadarainn aig a’ mhaighstir-sgoile ’s agam fhèin. Bha dàimh agam riamh ris an eilean oir ’sann ann a bha Màiri, piuthar mo mhàthar, air thaigheadas nuair a bha mise ’nam chaileig, ged bha i nis air triall bho chionn grunn bhliannachan gu a dachaigh bhuan. A bharrachd air a sin, bha fhios ’am fhèin, ged nach aidichinn do neach fon ghrèin e, gun robh mulad mòr is cianalas gam bhualadh a h-uile turas bha mi tilleadh a bhaile mòr Ghlaschu, dìreach aig an dearbh mhionaid bha am bàta gam ghiùlain troimhn t-seòlaid.
Chuir mi fios suas gu oifig an Fhoghlaim an Inbhir Nis, gum bithinn glè dheònach dhol a sàs sa’ char cosnaidh sin nam faiceadh luchd an fhoghlaim sin iomchuidh. Bheirinn mo ghealladh nach robh freagairt na litreach sin na b’fhaide na trì latha bhuam, agus iad a’ leigeil fhaicinn dhomh gur iadsan a bhitheadh sin deònach gabhail roimheam gu an dleasnas sin a choimhlionadh
An t-seachdain mun dh’fhàg mi Glaschu, dh’innis mi do chlann na sgoil an sin gu robh mi am beachd togail orm gu crìochan ùr. San dearg mhionaid dh’fhaighnich iad càit idir robh mi dol. Nuair fhreagair iad nach cuala iadsan
Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil. Mise sa’ mheadhon an aodach dorcha, ’nam shuidhe.
Sgoil a’ Ghearasdain 1932, an dèidh Mòd Ionadail; mise leis a’ chupa.
aon uair riamh ’nam beatha iomradh air an eilean bheag iomallach air an robh mi dèanamh cùrsa, chuala mi an guth beag binn aig aon chaileig a’ glaodhaich sa’ Bheurla — “Tha fhios agamsa — tha sibh a’ dol a Bhatarsaigh.” Nach e an saoghal tha beag! Dh’èigh mi dhi “Trobhad a-nall — inns dhomh dè an t-ainm a th’ort.” Cha robh a’ chlann sin agam ach mu thrì seachdainean aig an ìre seo. Nuair fhreagair i mi, cò bh’agam ach caileag le Eòsag Iain Raghnaill a bha mi teagasg uaireigin an Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil, agus a màthair a Bhatarsaigh. Tha Eòsag le theaghlach e fhèin an diugh air thaigheadas san eilean sin, is nach àlainn an naigheachd sin.
’Sann mu mheadhon na Sultainn a 1966 a sheas mi aon uair eile mar bhean teagaisg air clàir ùrlair Sgoil Bhatarsaigh. Ach mo chreach ’s mo lèireadh, cha robh mi fada air ais nuair a thuig mi nach b’i an dealbh bhòidheach ghlèidh mise riamh ’nam inntinn dheth a bh’agam a-nis idir. Bha i air car-a- mhuiltein chur dhith. Bha baile beag Eorasdail, far b’àbhaist dhomh bhith dol air chèilidh air a dhol a-nis fàs, agus na taighean aca, gu beag-nithe, air dhol bho dhòigh. Bha baile beag Charagraidh far am b’àbhaist còig no sia theaghlaichean bhith, a-nis am freasdal a dha neo trì. Glè ghoirid an dèidh dhomh tilleadh, ghabh mi àireamh an t-sluaigh. Eadar fhear is bhean is chlann cha robh air fhàgail ach tri fichead is seachd deug. Bha misneach an t-sluaigh gu math ìosal, agus cha b’fhada gun d’fhuair mise na fàthan air mo mhisneach fhèin a lùghdachadh. Chuireadh cruaidh orm, ged bha mi leam fhèin, dhol a chòmhnaidh don taigh-sgoil, nach robh faisg air dachaigh sam bith eile. Nach i a’ chuibheall thàinig mun cuairt. An diugh, seòlar neach sam bith air am buail an taghadh — biodh e Gallda neo Gaidhealach — a-staigh do na dearbh thaighean còmhnaidh sin, ’s gun gnothach idir aca ri sgoil glè thric.
’Se sin a’ bhlianna chaidh mo dhùbhlanachadh gu m’fhiaclan. Glè ghoirid an dèidh mo thillidh, bha coinneamh aig muinntir an eilein fiach an gabhadh dad a leasachadh dèanamh sa’ chàs anns an robh sinn. Bha fear sònraichte a Tir Mòr sa’ làthair. Glè thric bidh feadhainn den treubh sin a’ tighinn ’s an teanga ’nam pluic! Nuair thog mi mo ghuth an àird, dh’fhaighnich e dhìom sa’ Bheurla “Co as a bheil thusa?” Nuair fhreagair mi, thuirt e, “Ciod idir chuir air ais an seo thu?” Choisich mi sgrìob sìos an rathad leis agus nach ann thuirt e rium os ìosal, “Bheil thu idir a’ creidsinn gu bheil e ro anmoch dad do leasachadh sam bith dhèanamh an seo?” ’S beag an t-iongnadh ged ’se an ‘Dying Island’ bh’aca air sna pàipearan naidheachd. Cha robh air thuar bhith air fhàgail ann ach seann daoine is beagan chloinne. Cha robh taic aca bho ghàirdean neartmhor nan òganach. Bha iadsan, gu beag-nith’, air taobh eile thoirt orra air thòir theachd-an-tìr.
Cha b’fhada gu na thuig mi gun robh an uileann annam fhèin cuideach Tuigidh fear-leugaidh leth-fhacal! Chunnaic an t-àgh freagarrach, comas
Sgoil Bhatarsaigh: a’ chlann ’s mi fhìn anns a’ bhliadhna 1967.
thoirt dhòmhsa a dhèanamh a-mach air gnùis neach thigeadh ’nam chuideachd co-dhiù bha an sruth leam neo ’nam aghaidh. Ach chaidh a dhèanamh follaiseach dhomh am briathran cuideachd gum b’fheàrr dhomh bhith togail orm taobh eile. Cha robh latha gun dà latha. ’Sann a b’àbhaist dhòmhsa bhith air bharraibh bas aig luchd teagaisg, ach a-nis bha caochladh cuir air clò-allaidh.
Leugh mi am pàipear bhon dh’fhàg mi an dreuchd, gun robhar an làn bheachd Eilean Bhatarsaigh fhalamhadh dha neo trì bhliannachan roimh 1970 mar rinneadh air Hiort. Thuig mi am port an uair sin.
Nuair bu duilghe bha a’ chùis, ’sann thuirt mi rium fhèin, “A Chlannaibh nan Gaidheal, cothaichibh, cothaichibh,” agus siud an sàs gun tug sinn. Nach ann a chunnaic a Freasdal freagarrach gun thill òganach neo dhà bho mhuir, agus ’sann fhuair iad saod air sgothan ghiomach fhaotainn. Mòr thapadh leis a’ phears’ eaglais bh’againn an uair sin. Cha do dh’fhàg esan air sgeir leinn fhèin sinn. ’S mòr an taic thug e seachad.
Nochd dealbhannan an seo sna pàipearan naidheachd den chrodh bha dol gu margadh, a’ snàmh tarsainn a’ Chaolais Chumhaig, feadhainn
dhiubh gam bàthadh, agus na fir a bha ’nan ceann a’ faighinn an dùbhlan san oidhirp. Bha gliong air a fòn an oidhche sin bho luchd mo ghràidh san sgoil an Glaschu, ag èigheach dhomh, “As uchd Nì Math riut, bi tilleadh an seo cho luath ’s a rinn thu riamh.” ’S mise dh’fhaodadh sin, ach bha mòran ann nach fhaodadh.
A cheart cho luath ’s a nochd dealbhannan a’ chruidh sa’ phàipear, bha pronnaich air thearraich uabhasach ann, gu bàt’ aiseig cruidh fhaighinn don eilean. Nach bu mhìorbhuileach sin! Thàinig i sin cha mhòr am priobadh na sùla, agus tha i fhathast trang ag aiseig a’ chruidh, ’s gun na fir a’ sgaoileadh an cridhe mar b’àbhaist.
An seo, chuir sinn fios gun robh sinn ag iarraidh cumhachd an dealain, bocsa an T.V. , is gach goireas eile co-cheangailt ri cumhachd an dealain, null do na dachaighean. Thigeadh a’ chlann, an impis dhol a cnàimh na h-amhaich, fiach cò chiad fhear gheibheadh an cothrom innse dhomh naidheachdan ‘Jackanory’ agus ‘Blue Peter’. Cha robh latha gun dà latha. Thug seo misneach mhòr do shean is òg, agus ’sann chuir sinn sprogan oirnn. Cha deargadh neach fon ghrèin a-nis ar putadh an comhair ar cùil.
An dèidh na Càsga an 1974, bhuail tiormachd an-àbhaisteach an t-eilean. Air druim na crìche, bha de dh’uisge na dhèanadh feumalachd
Mi fhìn an Lourdes san Iuchar 1979.
Aig Sgoil Bhatarsaigh, còmhla ri balach bha mi teagasg a’ chiad turas an seo; e nis agus taigh-òsda aige dha fhèin.
muinntir a’ bhaile thall, ach bha àiteachan eile ann bha glè eiseil as aonais uisge. Thòisich sinn a-rithist air sgrìobhadh, air glaodhaich agus air gearain gus mu dheireadh na chàradh pìob uisge air a’ ghrinneal null a Barraigh a’ giùlain thugainn a Bhatarsaigh ar toil uisge.
Cha do stad sinn aig a sin. ’Sann bha sinn a-nis air thòir talla seach a bhith freasdal na sgoile airson cruinneachaidhean. Gun teagamh, thuig sinn gun robh an tagradh leinn nuair chaidh an riaghladh an earbsa ri Comhairle nan Eilean. Gum bu fada beò iad is ceò as an taigh — ’s nam bithinn-sa dol seachad, seo aon tè, gun teagamh, a thadhladh a-staigh.
title | Mo Thilleadh Dhachaigh |
internal date | 1980.0 |
display date | 1980 |
publication date | 1980 |
level | |
reference template | Ealasaid Chaimbeul in Gairm 113 %p |
parent text | Gairm 113 |