[328]

FEASGAR CALLA

le Cairstìona A. NicLeòid

Tha an eachdraidh a leanas air tighinn bho pheann Iain MhicArtair a cheana le chùnntas cunbhalach fhèin (Gairm 33 (1960); Rosg nan Eilean). Faodaidh e bhith gun tig an sgeul thiamhaidh seo bho pheann sgrìobhaiche fhathast le tuilleadh phuingean ga lìonadh a-staigh.

Se feasgar colgarra, bagarrach a bhann air acheathramh den Dàmhair 1938 ged a bha beagan lasachaidh gaoithe ann seach mar a bha i troimh an oidhche. Ma bha mòran adhartais air a dhèanamh anns an àm ud air bhith craobh-sgaoileadh roimh-innseadh air aimsir, cha tugte cus aire, seach a bhith an urra ris abhreith bheireadh seann chinn (gu minig ceart) air aghaidh nan speur agus air àbhaistean eunlaith agus ainmhidhean.

Bha aon chomharradh cinnteach againne ann am Pabail air an-uair agus stoirm ri bruthadh, ’se sin nuair a chitheamaid tràlairean ag acrachadh air lag abhàigh.

Air madainn a latha iomraidich seo nuair a dhèirich am baile bha thràlair a dhfhalbh a Steòrnabhagh gu cur chun aghrùnnd iasgaich anns aChuan a Tuath air acair a leagail, an dara mu dha no trì cheudan slat bho shròin na laimrig ann am fasgadh nan Toll Dubha, agus an eile mu chairteal a mhìle an ear air a sin.

Be ainm na a bhana laighe mun ear an Carisbrooke GY 207, agus be ainm an sgiobair aice Fred Thomsett, agus be ainm na eile Buckingham. ’Se glè bheag a tha aosda gu leòr airson cuimhne bhith aca air an tubaisd nach eil na h-ainmean sin air an sgoradh air clàr an cuimhne.

Bidh balaichnam balaich, agus anns an ud be an cladach an àros, agus bha ena ghnàths aca nuair a thigeadh cothrom mar seo cur gu muir anns agheòla bu deiseile aig an àm agus glè thric gheibheadh iad crochadh na praise nuair a thachradh daoine gràsda riutha.

Is neònach, mar tha facal ga chur, mur e grad fhiath na gaoithe mòire bhann nuair a dhfhalbh seachdnar ghillean a Clèide, a bha air an a chaitheamh mar gum be air aphràisteach afeitheamh na h-oiteig gu cur chun aCharisbrooke — ’ a bfhaisge.

Chunnacas eathar eile anochdadh bhon aPhort Mhòr le triùir innte agus rinn iadsan air aBhuckingham.

Nuair a fhuaireadh eathar Chlèide air bhog mheas iad gun robh i ro luchdaichte, agus, mar tha freasdal afaicinn iomchaidh aig iomadh àm, chuireadh dithis a-mach aisde. Be an dithis air an deachaidh caol-theàrnadh Iain MacLeòid (Iain Shandaidh) agus Dòmhnall Stiùbhard (Dolan Laids). Be an còigear a chaidh a-mach Iain Stiùbhard (An Caidhsear), Amhlaigh Stiùbhard (Amhlaigh Gais), Alasdair MacMhathain (Uidais), Coinneach Dòmhnallach (Coinneach Beag) agus Murchadh Caimbeul (A Moirean).

Cha do thuig iad anns an dol-a- mach gun robh sin fada na bu shoirbhe


[329]

Cidhe Phabail is Eilean Phabail air fàire.

dhaibh na tàrsainn air ais, oir tha seòlas Phuirt Lidhear caol sgeireach agus glè shian bhuailte le srùpladh tràghadh mara, sgealan greannach bhon iar-thuath, agus na Sgeirean Lèithe acasadh am fiaclan biorach troimh chìrein gheala ghailbheach.

Dhiomair iad an ràmhach, balaich òga chalma, gus an do tharraing iad suas i air taobh fasgaidh aCharisbrooke, ach cha robh coltas beothalachd sam bith air bòrd. Cheangail iad an t-eathar agus leum iad fhèin an àird. Ma leum cha bann a dhionnsaigh na seasgaireachd. Thòisich fear an dèidh fir den sgioba ri nochdadh agus dhaithnich iad an gruaimiche spràiceil a theann air grìusdadh agus mallachadh dhaibh gum be seo an t-àrd cheannas. Dhfhiosraich e dhiubh càit am Fear Mòr an robh dùil riutha na cia airson a bha iad ri snòtaireachd; iad dhol air ais don eathar na bu luaithe na thàinig iad aisde.

Cha robh na balaich idir aineolach air làimhseachadh eathair, agus mar thoradh air sin bha deagh lorg aca nach dèanadh iad cladach dheth. Chitheadh iad am marcach-sìne dol mar chathadh-làir gu feur glas, agus chluinneadh iad onfhais an tuinn tràghaidh ri slugadh amhuil agus ga sgeith air ais air an tiùrr le toirm. Bha an t-suaile bho thuath ag èirigh bhon doimhnena cliathan abriseadh bàn agus atoirt clisgeadh air abhòrd chinnteach bha fo an casan. Bha Alasdair MacMhathain air tilleadh an oidhche roimhe seo bho ghairm an rìgh a fhreagair e gu toileach agus gun gheilt, agus dhfheuch esan ri reusonachadh ris an ùmaidh mhì-fhialaidh, e ghabhail riutha co-dhiù gus an tugadh a pìos lìonaidh agus gur dòcha gun dèanadh iad ruith cladaich, agus gun robh an t-eathar letheach làn mar a bhà.


[330]

Ma tha taomaibh i achse an t-eathar ur n-àite”. Cha robh air ach an t-òrdugh a ghiùlain a-mach, oir mhaoidh e orra gun cuireadh e iad fear an dèidh fir tarsainn a taoibh. Am feadhs a bha na balaich ri dol air ais don eathar bhris an peantair breòite a bhaca ga ceangal, agus rug sgioba na tràilair le geadha. Dhòrdaich an uair sin an sgiobair an teas a chur an àirde, ach dhiùlt a h-uile ball den sgioba am ball-langais a thilgeadh don eathar agus thilg e fhèin e. Dhiarr am meit air an einnseanaidhear gun e a dhèanamh ach gluasad, gun robh iad an sàs an gnothaich ain-dligheach. Achiad bhraigheadh a thug an tràlair aisde fo astar thug i leis an ailbheag as an eathar leis aghrèim. Cha tug i ach aon suaineadh aisde anns amhuir-cùil leis a h-uile pearsa bhana broinn. Thàinig an t-aon teasairgean a fhuair a bheatha as an àirde crochaichte air abhall, agus, le glaodh bàis a chompanaichna chluasan, air a lapadh leis an eagal agus leis an fhuachd, chuala e an uile-bhiast ag iarraidh am ball a ghearradh.

Cha ghabhte òrdugh air bòrd tuilleadh bhuaithe.

Am feadhs a bha an t-ana-cleas oillteil seo ga chur an gnìomh bha sgiobair aBhuckingham an dèidh balaich Phabail laraich fhialachadh le tacar èisg, air an iomain a-staigh uidh air n-uidhe ann am fasgadh na tràlair cho fads a leigeadh dànachd doimhne dha. Chuir e loidhne asda agus cha do leig e as a shùil iad gus an tug iad sgread air amhol. Nach bu shubhailceach gnèidheil dèiligeadh an duine uasail seo, agus nach e thaisbein àrd-ealantachd ann an coimeas ris abhurraidh aineolach a leig ruith da bhurraghlas ri cho-chreutairean? ’Sann nuair a thòisich e le leus-rannsachaidhna chearcaill asoillseachadh muir agus tìr a thuig fear aBhuckingham gun robh ni-eigin air gabhail àite. Ma bha Fred Thomsett idir den bheachd gun sgaoileadh e brat dall-cheò air achùis le seo a dhèanamh chuir sgiobair aBhuckingham fios air bàta-teasairginn Steòrnabhaigh agussann bhuaipe thàinig for gur h-e Murchadh Caimbeul a bhaca air bòrd. Dìlleachdan cheithir blianna deug, cha do dhfhuiling am balach dochann sam bithna bhodhaig ach theàrnadh e a suidheachadh searbh. Ma chuireas neach a thoinisg chumanta an cleachdadh tha e nàdurrach gum bi e ag altrom smuaintean dìomhair, muladach gus an thèid e fhèin dan ionnsaigh.

Bha mòran den bheachd nach robh an duine gu mathna inntinn, seadh gun robh e ceàrr-chiallach. Ma bha sin fìor tha lorg ghoirt gur e dreuchd glè mhì-fhreagarrach anns an robh e sàs.

Sann an Cùirt an t-Seisein an Dun Eideann a thagradh an sgiobair, agus fhritheil grunnan chuspairean co-cheangailte ris acheann-teurma seo achùirt mar fhianaisean, ach, ’se cùis dhìtidh an sgioba aige fhèin bu ro mhaslaiche. ’Se binn ath-cheum muirt (culpable homicide) a thàinig a-mach air a cheann agus fhuair e prìosan.

Is iomadh eathar a bha air a slinn ann an stioghaichean a Rubha anns an ud ach is neònach gu robh mòran ann a dheidheadh gu sàl eadar


[331] Cidhe Phuirt-nan-giùran agus Port Shuardail nach robh ri faicinn an an dèidh na tubaist asgrìobadh abhàigh leis gach seòrsa innleachd gu dìcheallach dòchasach. Ann am briathran abhàird, “O chuain, bho nach tug thu dhuinn beò iad thoir seachad marbh iad”, ach cha dfhuaras gaisinn cinn. Tha fadhail aChinn a Tuath dèanamh coinneamh ri Sruth aChàis, acosnadh bras-bhuinne theann, ruiteach, agus, bhon a ruith ùine le uairean an dorchadais agus nach dfhuaireadh a-mach a lorg gu àm briseadh na fàire bha priobag an dòchais air a claoidh bho thoiseach.

Tha eachdraidh nan Eileanan an Iar mar àitean iasgaich anns an fharsaingeachd luma làn de bhàthaidhean agus euchdannan cois, achse dhfhàg achreach seo cho tur do-ghiùlainte nach robh i do-sheachnach. Tha tuilleadh dearbhaidh anns an àireach.

Bha seann chù chaorach aig fear de na chaill a bheatha, Iain Stiùbhard, agus, an oidhche a chailleadh an t-eathar cha do thog an ceann. Nuair a thill esann a thaigh bràthair-athar a mhaighstir a chaidh e air aoigheachd agus cha robh anns an fheòil na thàlaidheadh an air ais fo na cabair bhon do dhfhalbh e.

Aige fèin tha fios thug ceangal brìoghmhor
S neart faireachdainn cho domhainn iùlmhor
Thar tuigse agus eòlais daonnachd.

titleFeasgar Calla
internal date1981.0
display date1981
publication date1981
level
reference template

Cairstìona A. NicLeòid in Gairm 116 %p

parent textGairm 116
<< please select a word
<< please select a page