SGIAN MHIC AN T-SRONAICH
le Tormod Calum Domhnallach
Seo agad an dearbh uamh anns am biodh a crùbadh air oidhche fhiadhaich Gheamhraidh.
Esan ’na chrùban a’ coimhead a-mach air sitig fhliuch gun duine na beathach ri fhaicinn.
Esan ’na chrùban agus na mnathan Leòdhasach gu mhuighean air a’ chloinn, ri cur eagal orra le ainm.
Ach bha eagal air a h-uile duine, mòr is beag, ro Mhac an t-Srònaich. Oir tha beagan dhen a leanabh anns a h-uile duine againn.
Bha na mnathan a’ cur eagal air a’ chloinn le ainm agus cha deigheadh fireannach gu mòinteach leis fhèin.
Robh a leithid ann?
Bha! Sin agad càil is mìorbhailich idir: Cha b’e Bodach Eagal a rinn na pàrantan suas airson smachd a chumail air a’ chloinn. Cha b’e idir.
Bha leithid ann; seo an dearbhadh:
Procurator Fiscalv Bodach na Mondachor Fantom
(sic) A Moor Stalker
1834
July 8 Warrant dues on Petition to apprehend 2/-
Extract Warrant 2/ 6
Tha iad a’ ràdh gun do mharbh e naoi duine deug.
Shuidh am boireannach air bruaich agus chùm i sùilean air a mac:
Balach mòr tapaidh, Calum Caimbeul à Arnol, agus esan a’ sàs ann am Mac an t-Srònaich.
Bha ’m bolla min ’na laighe ann a lòn, a’ dol ’na lit.
Am balach tapaidh agus am fireannach fiadhaich a sàs ’na chèile eadar am poca min agus màthair a’ bhalaich.
Siud a sgian a làimh Mhic an t-Srònaich agus siud am balach dhi mar an dealanach.
Theich Mac an t-Srònaich beagan air falbh, anail ’na uchd.
Tha mi uasal asad a bhoireannaich: is math am bainne cìch a dheoghail an giullan.”
Sin a thuirt Mac an t-Srònaich ri bean Arnoil, màthair a’ bhalaich threuna:
Calum Caimbeul, a thug a sgian bho Mhac an t-Srònaich.
Ghabh an Caimbeulach dhan Arm agus tha iad ag ràdh gun tàinig orra deise a dh’aon ghnothaich a dhènamh dha air sgàth cho mòr ’s a bha e.
Dhìrich Calum Caimbeul an t-Alma gu ruige na gunnaichean agus stob e leis a’ bhiodaig iomadach Ruiseanach.
Bha e dha sadadh tarsainn air a ghuaillean mar gu faiceadh tu bad coirc.
[Sanasan]
Chaochail an Caimbeulach Mòr san àite sin.
Chì thu fhathast e. As dèidh a’ bhatail.
An Diabhal, tha e mòr, seall an dà ghualainn a th’air!
“Where were you, you bastard, where were you?”
Chan eil facal aige ri ràdh ach sin fhèin, is e bruidhinn ri Nolan, Caiptean anns aLight Brigade. Thàinig Nolan a-mach as dèidh a’ bhatail, còmhla ri Russell, fear anTimes.
’Se fear Michael Dillon a tha cluich, air ainmeachadh aig deireadh nacredits : Dying Highlander.
“Where were you, you bastard, where were you?”
Bheir Nolan dha sglog man a’ bhus, agus an Gaidheal aig doras a’ bhais.
Bheir Russell dha balgam uisge-beath’ à flasca.
’Se Eireannach a bh’ann a Russell. ’Se Sasannach a bh’ann a Nolan, ach cha chreid mi gu robh a leithid idir ann.
Fictiona th’ann a Nolan.
Tha e iongantach mur e Eireannach a th’ann an Dillon cuideachd.
Chaidh sgian Mhic an t-Srònaich a chall aig muir is iad ri sgoltadh bhiorach. Mur a biodh cho dèidheil ’s tha na Siaraich air bioraich, bhiodh sgian Mhic an t-Srònaich an-diugh anns a’ mhuseum airScotland Street.
AN deireadh.
title | Sgian Mhic an t-Sronaich |
internal date | 1981.0 |
display date | 1981 |
publication date | 1981 |
level | |
reference template | Tormod Calum Dòmhnallach in Gairm 117 %p |
parent text | Gairm 117 |