NAIDHEACHDAN A UIBHIST-A- DEAS (2)
air a cruinneachadh bho Eàirdsidh Munro ’s air an deasachadh le Iain Mac a’ Phì, Loch Baghasdail.
(1) NA GILLEAN BARRACH
’Sann am Barraigh a thachair seo. Bha dà ghille ann, dà chompanach ’s bhiodh iad daonnan dol air chèilidh do thaigh cèilidh a bh’ ann, far am biodh ‘crowd’ a’ dol air chèilidh ach an latha bha seo dh’fhalbh fear dhiubh a dh’iasgach gu Ceann Bharraigh còmhla ri daoine eile a bha dol a dh’iasgach ann a’ shin ach co-dhiù gu tubaisteach chaidh a bhàthadh agus an oidhche sin chaidh an companach a bh’aige air chèilidh dhan taigh a b’àbhaist dhaibh a dhol, ach cha do dh’fhan e ro fhada ann idir o nach robh a chompanach fhèin còmhla ris, ach a’ tilleadh air a rathad dhachaigh, thachair a chompanach ris agus thuirt e ris, “Cha do dh’fhan thu fada a-nochd air chèilidh”, ars esan. “Cha do dh’fhan,” ars an gille, “o nach robh thu fhèin ann, bha mi coma, cha robh mi cho toilichte co-dhiù, ’s dh’fhalbh mi.” “O ma thà,” ars am fear eile, “cha bhi mise ann gu bràth tuilleadh, chaidh mo bhàthadh an-diugh aig Ceann Bharraigh agus cha bhi mi tuilleadh air chèilidh còmhla riutsa.” “Ach,” ars esan, “air a leithid seo a dh’oidhche”, dh’inns e dha an oidhch’ a bh’ann, “ma choinnicheas tu mi”, ars esan, “air cnoc”, ’s dh’ainmich e an cnoc, chan eil cuimhne agamsa an-diugh air, “innsidh mi dhuit a h-uile sìon mar a thachair dhomh” agus gheall esan dha gun coinnicheadh e e. Ach co-dhiù chaidh e dhachaigh ’s dh’inns e dha mhàthair seo agus thuirt a mhàthair ris, “Cha robh sìon a chòir agad”, ars ise, “air gealltanas a thoirt do spiorad — ’se spiorad a choreigin a thachair riut ann a’ shin.” “O ma thà”, ars esan, “cha teid mi ann idir.” “O feumaidh tu dhol ann”, ars ise, “neo bidh barrachd dragh agad ann ’s a tha thu smaointinn. On a gheall thu dhol ann, feumaidh tu dhol ann. Ach a’ rud a nì thu,” ars ise, “theid thu far a bheil an sagart agus innsidh tu dha a h-uile sìon mar a thachair dhuit agus cluinnidh sinn dè their esan.” Co-dhiù chaidh e far an robh an sagart ’s dh’inns e dha an gnothach a bh’ann. “O”, thuirt an sagart ris: “O”, ars
esan, “ma gheall thusa dhol ann, feumaidh tu dhol ann ach innsidh mi dhuit a’ rud a nì thu. Bheir mi dhuit bìdeig mhaide a th’ann a’ sheo agus bheir thu leat e agus bheir mi dhuit leabhar cuideachd”, ars esan, “agus an oidhche tha thu ris an spiorad tha sin a choinneachadh ruigidh tu aig an àm a gheall thu dha bhith ann, agus nì thu”, ars esan, “cearcall air bàrr an talmhainn leis a’ mhaide tha seo”, ars esan, “gu math farsaing agus thoir an aire gum bi e dùinte”, ars esan, “dèan cinnteach nach bi fosgladh sam bith air agus fanaidh tu fhèin am broinn sin agus fosglaidh tu an leabhar a tha ann a’ sheo, fàgaidh tu fosgailte e feuch dè thachras.” Ach co-dhiù chaidh e ann, ’s bha eagal gu leòr air ach rinn e h-uile sìon mar a dh’iarr an sagart air. Cha robh sìon a’ tighinn. Bha e fhèin ’s an leabhar a’ siod ’s an leabhar fosgailte. Ach chual’ e seo oiteag uabhasach làidir de ghaoith agus aig a’ cheart àm chunnaic e duine a-nuas thuige agus leis an eagal a ghabh e chaidh e ann an laigse, thàinig laigse air ’s thuit e far an robh e. Ga bri dè an ùine bha e san laigse bha sin, dhùisg e agus bha duine ga thogail agus ga chur air a chasan agus dh’ fhaighneachd e dheth ciamar a bha e nis. Thuirt e gun robh e na b’ fheàrr. “Well, ma thà”, ars esan, “ ’s mise do chompanach dòigheil”, ars esan, “agus a’ chiad dhuine a thachair riutsa ’nam riochd-sa a’ latha chaidh mo bhàthadh cha robh sin ach droch spiorad”, ars esan, “agus ’se bha a-nochd a’ tighinn far an robh thu cuideachd ach”, ars esan, “on an rinn thusa mar a dh’ iarr an sagart ort, shàbhail sin thu nach d’ fhuair e staigh far an robh thu agus fhuair mise cead tighinn a-nochd gad chuideachadh agus gad thogail agus bidh sinn a-nis a’ falbh dhachaigh”. Agus dh’fhalbh iad còmhla agus bha ’chompanach còmhla ris ann a’ shin gus an robh iad faisg air an taigh. “Well, tha mise a’ dol a dhealachadh riut”, ars esan, “agus chan fhaicear mise gu bràth tuilleadh air an talamh seo.”
(2) DONNCHADH RUADH CIOBAIR ’S AM BOCAN
Donnchadh Ruadh a bha seo, ’se cìobair a bh’ann air cùl na Beinne Mòire, air a’ Mhol a Tuath, tha sin a tuath air Solas Rubh’ Uisinis ann a’ shin, ach thàinig e air turas a choreigin gu Lochbaghasdail, agus dh’fhalbh e a Lochbaghasdail air son coiseachd dhan Bheinn mhòir, dh’fheumadh e dhol mun cuairt Ceann an Iar Loch Aoineort an toiseach, ’s an sin coiseachd a mach dhan Bheinn Mhòir ach a-null beagan o na taighean ann a’ sheo, àite ann ris an can iad Druim Eadar Dà Abhainn Na Fìdhlein, chuala e guth as a dheaghaidh a’ cantail, “A Dhonnchaidh Ruaidh nach fhan thu rium?” Thuirt Donnchadh, “Coiseachd agad fhèin cho math ’s a th’ agamsa”, arsa Donnchadh; cha robh eagal ann an Donnchadh ann, agus an dràsd’ ’s a-rithist chanadh am bòcan, “A Dhonnchaidh Ruaidh nach fhan thu rium?” Chanadh Donnchadh Ruadh, “Coiseachd agad fhèin cho math ’s a th’ agamsa”. Bha iad air an dol a
bha sin ach thuirt am bòcan a’ seo, “Ceum ri ceum.” Bha e nauirsin mar gum biodh e ri ’thaobh. “Ceum ri ceum”, arsa Donnchadh Ruadh, “ ’s ceum a bharrachd.” Bha Donnchadh a’ ciallachadh gun cumadh e air thoiseach air a’ bhòcan co-dhiù. Bha iad air an dol a bha sin, ’s bhrist iad a’ sin a-mach dhan Bheinn Mhòir agus ràinig iad a’ Mol a Tuath co-dhiù, taigh Dhonnchaidh Ruaidh agus chaidh Donnchadh Ruadh a-staigh ’s dh’fhan am bòcan a-muigh. Ach co-dhiù bha iad a’ dol gu biadh a choreigin agus anns na h-amannan a bha sin bhiodh iad a’ dol a cheann eile an taighe a ghabhail am bidhe, ’sann a’ sin a bha iad a’ dol chun a’ bhidhe agus bha searbhanta aig Donnchadh Ruadh, nighean a choreigin, ’s tha mi creidsinn nach robh tuarasdal ro mhath aice an uairsin ann, ach co-dhiù bha a leithid ann ’s bha cuideigin ag iarraidh tuilleadh brot, ’s nuair a thàinig i a-nuas bha am beathach a bha seo ’na shuidhe air a’ bheingidh, gaoisid air agus cluasan mòra mar gum biodh air mart no creutair a choreigin mar sin, agus thill i sìos leis an eagal a ghabh i agus dh’innis i seo do Dhonnchadh Ruadh, agus thuirt Donnchadh Ruadh rithe, “Till sìos air ais agus faighneachd dheth an gabh e truinnsear dhan bhrot tha seo. Thàinig i a-nuas agus thuirt i ris a’ bhòcan, glè mhodhail, “An gabh sibh”, ars ise “truinnsear dhan bhrot tha seo?” “Cha ghabh”, ars esan, “ach gabhaidh mi na gheibh mi”, gu math fiadhaich. Well, bha cù aig Donnchadh, ’s bha e ’na laighe a-staigh, ’s bha e leisg co-dhiù riamh ach air a shon sin bha e gu math làidir, sgoinneil agus thuirt Donnchadh ris a’ nighinn, “O tha sin ceart gu leòr”, ars esan, “theirig sìos agus bheir gu leòr dhan chù dhubh, uiread ’s urrainn dha itheadh ’s chì sinn dè thachras”. Thug i sin dhan chù ’s air a ghabh an cù sin chiomhead e air a’ bheathach a bha ’na shuidhe air a’ bheingidh, ’s thòisich e air dranndan ris agus thòisich am beathach air dranndan ris-san cuideachd. Well am bad a chèile a ghabh iad air an ùrlar, ’s thòisich an t-sabaid, ’s ged a bha an cù greimeil bha am bòcan greimeil cuideachd. Ach co-dhiù chaidh iad a-mach as an taigh, a’ sìor shabaid agus fhad ’s a chluinneadh Donnchadh Ruadh, bha e cluinntinn a’ choin fad na h-oidhche ag obair air a’ bhòcan. Co-dhiù cha do thill an cù bochd dhachaigh an oidhche sin idir agus dh’fhalbh Donnchadh na là-arna-mhàireach feuch a’ faiceadh e coltas a’ choin. Well, fhuair e an cridhe ’s an grùthan aige ’s pìosan eile aig taobh struthain a bha sin. Mharbh am bòcan e ’s thug e as a chèile e agus sin mar a chuala mise mu Dhonnchadh Ruadh ’s am bòcan.
title | Naidheachdan A Uibhist-a-Deas |
internal date | 1982.0 |
display date | 1982 |
publication date | 1982 |
level | |
reference template | Eàirdsidh Munro in Gairm 118 %p |
parent text | Gairm 118 |