TURAS GU NIRRIBHIDH
le Tormod E. MacDhòmhnaill
Air an t-samhradh seo chaidh, 1981, rinn mi fhèin agus Mairead suas gun rachamaid cuairt do Nirribhidh mun dèanamaid mar is àbhaist air na h-eileanan an iar.
Dh’fhàg sinn Hamilton aig dà uair Disathairne agus chaidh sinn ann am bus gu Port Adhair Ghlaschu. Bha beagan dàil ann a bhith a’ fàgail a thoireadh gun robh a leithid a’ dol air chuairt ach mu dheireadh bha sinn air an iteig agus a’ dèanamh air Bergen. Nuair a ràinig sinn, bha an sìde fliuch ceòthach agus mar sin chan fhaca sinn mòran air an rathad gu Norheimsund.
’Se baile beag bòidheach, air an Hardanger Fjord, a tha an Norheimsund. Tha mu 1800 duine a’ fuireach ann agus bha sinne a’ còmhnaidh anns an taigh-osda Sandven, a tha gu math sean agus a tha air a thogail gu h-iomlan air fiodh. Bha na rumannan comhfhurtail agus am biadh air leth math. Aig àm breacaist agus aig meadhan latha bha sinn gar cuideachadh fhèin bho bhòrd mòr le biadh de gach seòrsa.
Là na Sàbaid bha uisge trom ann agus cha deach sinn fada. Feasgar chunnaic sinn film air obair nan seann ghobhaichean airgid ann an Nirribhidh agus an làthair bha gobha airgid aig a bheil bùth anns a’ bhaile. Tha gobhaichean airgid anns gach baile oir tha mòran obair airgid comh-cheangailte ri deise nàiseanta na dùthcha.
Bha an sìde na b’fheàrr Diluain agus chaidh sinn ann am bus gu Øystese agus an sin ghabh sinn aiseasg gu Fyksesund. Thadhail sinn ann an Alvik agus an Kinsvarik. Fhuair sinn aiseag eile gu Bruarvik agus thug am bus sinn suas do na beanntan. Bha an dìreadh cas le rathad caol lùbanach, coireachan domhainn, sgoran is creagan agus ged aig amannan a bha eagal air duine coimhead a-mach air an uinneig bha an sealladh air leth eireachdail, le easan a’ tuiteam ’nan steallan sìos cliathaichean nam beann agus na fjords a’ tighinn a-steach cho fada.
Bha madainn àlainn ann Dimàirt le grian agus fìor bheagan gaoithe agus ghabh sinn am bus gu Øystese agus air dhuinn coimhead air an bùthan choisich sinn air ais gu Norheimsund air an t-seann rathad tarsainn nam beanntan. Bha an sealladh brèagha fhèin, leis na h-eileanan beaga, na beanntan, na craobhan agus na taighean air an dèanamh gu lèir air fiodh agus air am peantadh le dathan bòidheach. Seach gu bheil a leithid de pheantadh ri dhèanamh feumaidh duine cead fhaighinn airson dè seòrsa dath a chuireas e air an taigh.
Tha iad airson gum bi na dathan a-rèir dathan nàduir, dathan nan craobh, an fheòir agus nam beanntan. Tha na taighean air an dèanamh air fiodh ach am bonn, a tha air a thogail air clachan. Seach gu bheil an talamh cho mì-chothrom bidh am bonn gu math tric àrd agus bidh iad
[Dealbh]
Mairead anns a’ mheadhan
[Dealbh]
Cead-dol-thairis air chall, ’s am pleuna a’ feitheamh!
[Dealbh]
Eaglais-chlàr Borgund, aig Laerdal
an còmhnaidh a’ cur rùm no dhà shìos gu h-ìosal. Tha am fiodh airson nan taighean pailt agus gu math saor ach tha pàigheadh luchd obrach gu math àrd.
Anns a’ phàirt seo den dùthaich chan eil na tuathan no na croitean ach beag agus mar a bheil obair eile aig na tuathanaich tha iad a’ dèanamh bèoshlaint air fiodh, measan, iasgach no air luchd turais. Airson gu mair am fiodh tha e coltach ma ghearras duine craobh gu feum e a dhà a chur ’na h-àite. Bidh iad a’ gearradh a h-uile pìos feòir as urrainn dhaibh agus airson a thiormachadh bidh iad ga chrochadh air sreangan eadar pìosan maide. Bidh iad a’ dèanamh seo cho luath ’s a ghearras iad e agus ga fhàgail gus an tiormaich e. Laighidh e air a chèile agus cha teid an t-uisge troimhe. Tha an geamhradh cho fada agus gum bi an crodh a-staigh gun dol a-mach, bho thoiseach an fhoghair gu meadhan a’ mhìos Màigh agus mar sin feumaidh iad an t-uabhas fodair.
Feasgar, thadhail sinn ann an Eidfjord agus chaidh sinn air chuairt do Sima far am bheil an obair cumhachd Hydro as motha anns an Roinn Eòrpa. Chladhaich iad a-staigh do thè de na beanntan airson pìoban a chur troimpe agus tha an cladhach cho domhainn agus cho mòr agus gun teid bus a-staigh leth mhìle ann. Leis na tha aca de Hydro tha cumhachd an dealain cho saor agus gu bheil na Nirribhich uabhasach cosgail air. Tha e coltach an uair a theid duine a-staigh do thaigh, ’si dorcha, gun cuir e air a h-uile solas agus gum fàg e air iad fad na h-oidhche.
Diciadain ghabh sinn am bus gu Bergen-port gu math trang le margadh èisg a tha iongantach ri fhaicinn. Chaidh sinn suas ann ancable - cargu mullach tè de na beanntan agus gu dearbh bha an sealladh àlainn.
Chuir sinn seachad Diardaoin timcheall air Norheimsund fhèin agus feasgar thadhail sinn ann an Frammes Folkehoeskule noFrammes Folk School, far am bi clann nach eil ro chinnteach dè tha iad a’ dol a dhèanamh an dèidh na h-àrd-sgoil, a’ cur seachad bliadhna, agus bidh iad ag ionnsachadh mòran mu eachdraidh, cànan agus ceòl Nirribhidh. Nach mòr am feum a tha againn air a leithid de sgoiltean air a’ Ghàidhealtachd?
Dihaoine chaidh sinn do Eaglais Vikoy, far an d’fhuair sinn òraid, ann am Beurla, bhon mhinisteir. Tha a’ chuid mhòr de na h-eaglaisean agus 96% de na daoine den chreideamh Lùtaranach.
Tha cosgais nan eaglaisean air a ghiùlan gu lèir leis an riaghaltas. Anns na h-eaglaisean tha sèithrichean brèagha far am bi càraid a tha a’ dol a phòsadh a’ suidhe. Tha eaglais Vikoy gu math faisg air cladach an Hardanger Fjord agus air taobh eile an rathad, dìreach air oir na mara, tha seann taighean beaga far am b’àbhaist, anns na seann làithean, an fheadhainn sin den chomhthionail, a bha fuireach air taobh eile am fjord agus a bhiodh a’ tighinn ann am bàtaichean, a bhith a’ cur orra an aodach Sàbaid. Nuair a thill sinn don taigh-òsda bha itealan, a laigheas air a’ mhuir, dìreach air tighinn a-staigh. Bidh iad a’ dèanamh feum de na h-itealain seo, airson iomadach nì — martaxis, carabadan eiridinn agus giùlan
[Dealbh]
Caileagan Nirribhidheach ann an aodach nàiseanta
[Dealbh]
Ard-sgoil sluaigh (Folk High School)
phàipearan. Air an oidhche chunnaic sinn film air obair nam banarach anns na saitars — àirighean na Gaidhealtachd.
Disathairne, dh’èirich sinn tràth anns a’ mhadainn airson a dhol gu Port Adhair Bergen, agus an dà uair a thìde bha sinn air ais ann an Hamilton.
Tha mise smaoineachadh gum bu chòir don h-uile duine ann an Alba a dhol air chuairt do Nirribhidh. Tha an dà dhùthaich gu math coltach ri chèile. A thaobh sluaigh tha 4,080,000 ann an Nirribhidh agus 5,170,000 an Alba. Tha 455,000 a’ còmhnaidh an Oslo agus an Dun Eideann. Mar a tha Alba air a bhith strì gus i fhèin a chumail gun a dhol fo spògan mòra Shasainn tha Nirribhidh, troimh na linntean, air a bhith a’ sabaid ris an t-Suain. Ach ann an 1905 rinneadh cùmhnant a dh’fhàg Nirribhidh ’na dùthaich air leth, gun ghnothach air bith ris an t-Suain. Bhon uair sin tha Nirribidh air a cànan agus a dualchas a chur an òrdugh agus tha gach duine moiteil as gach nì a tha a’ fàgail Nirribhidh ’na dùthaich air leth.
Tha Alba ìosal, truagh, an iomadach dòigh an comas ri Nirribhidh. An Nirribhidh tha 70% de oileanaich a’ cumail air foghlam an dèidh sia bliadhn deug. An Alba ’se an aireamh 37% . Gun obair an Alba tha 318,000 no 14. 1% . An Nirribhidh chan eil gun obair ach 28,200 no 1. 5% . Ann an gnothaichean economaiceach an 1979-80 bha am fàs an Nirribhidh 4. 3% . An Alba bha seo cho ìosal ri 1. 7% . Ann an 1979 ghlac na Nirribhich 2.7m tonne de iasg ach an Alba cha tugadh gu tìr ach 0.4m tonne.
Dh’fhaodamaid cumail air adhart ach tha mi smaoineachadh gu bheil mòran leasain againn ri ionnsachadh bho na Nirribhich.
title | Turas gu Nirribhidh |
internal date | 1982.0 |
display date | 1982 |
publication date | 1982 |
level | |
reference template | Tormod E. MacDhòmhnaill in Gairm 118 %p |
parent text | Gairm 118 |