BILE CHOIRICHEAN AIRSON CANAINEAN BEAGA
le Niall MacEacharna
Ceann-suidhe a’ Chomainn Ghaidhealaich
Aig deireadh na bliadhna 1981 chaidh Bile Chòirichean airson Cànainean Beaga troimh Phàrlamaid na Roinn Eòrpa. Tha am bile a’ comhairleachadh nam Pàrlamaidean nàiseanta cinnt a dhèanamh gu bheil luchd nan cànainean beaga a’ faighinn an còirichean; agus gu sònraichte a’ moladh gun toirear taic ann a roinn fòghlaim, meadhanan naidheachd agus gnothaichean coimhearsnachd.
Tha e air iarraidh air na riaghaltasan nàiseanta agus ionadail maoin a chur air leth airson teagasg nan cànainean, an eachdraidh ’s an cultur, a neartachadh anns na sgoiltean, agus far a bheil e freagarrach na cànainean a chleachdadh mar mheadhan teagaisg.
Ann an raon craolaidh tha am bile a’ moladh gum bi cothroman ann airson prògraman de iomadh seòrsa agus de ghnè àrd a dheasachadh agus a sgaoileadh anns na cànainean air rèidio agus telebhisean.
Agus tha am bile a’ dèanamh soilleir gu bheil e ceart gum biodh cothrom aig muinntir nan cànainean beaga dèiligeadh ri ùghdarrasan ionadail co-dhiù, ’nan canain fhèin.
Sin, mata, gu geàrr, molaidhean a’ bhile: molaidhean a tha air leth inntinneach. ’Se bha a’ cur dragh air mòran, ged tha, nach robh dad a’ tachairt. ’Sann air a shon sin a chaidh cruinneachadh a chur air bhonn ann am Bruiseal sa’ Chèitein, cruinneachadh a theid sìos ann an eachdraidh. An làthair bha àireamh de bhuill na Pàrlamaid Eòrpach, caigeann de luchd-obrach na Pàrlamaid, ollaimh agus daoine ionnsaichte eile, agus suas ri fichead riochdaire, aon as gach ceàrn anns a’ bheil cànain bheag. San dol a-mach bha e fìor fhollaiseach an tart a bha air gach riochdaire airson fiosrachaidh mu an t-suidheachadh sna dùthchannan eile. Agus bha gach riochdaire làn fhileanta ann a bhith ag innseadh mun t-suidheachadh aig an dachaighean. Bha na facail a’ sruth om bilean. Bha iad mar gum biodh iad a’ faighinn faochadh, neart agus misneach o bhith còmhradh ri chèile. Bha am miann airson eòlas cho làidir ’s gun do rùnaich a’ choinneamh glè thràth gum bu chòir iris ràitheil a chur air dòigh, iris a bheireadh eòlas air an t-suidheachadh anns gach dùthaich, a bheireadh iomradh air na h-ionnsaighean anns a bheilear an sàs, agus a bheireadh far comhair ‘models’ airson leasachaidh. Tha fiughair mhòr ris an iris seo.
Tha am bile a’ moladh taic aig dà ìre: ìre nàiseanta agus ìre Eòrpach, agus mar sin san dol-a- mach tha feum air ceistean a chur aig an dà ìre. On a chaidh am bile troimhn Phàrlamaid dè chaidh a dhèanamh, dè tha ’n dùil a dhèanamh agus dè na structairean a tha san amharc airson leasachaidh?
A-rèir na Pàrlamaid Eòrpach bha na bha làthair glè dhaingeann sa’ bheachd gu bheil nithean cànain cho cudthromach agus cho farsaing ann am beatha an t-sluaigh ’s nach biodh e ceart am fàgail aig aon choimitidh airson coimhead orra. Bu chòir leasachadh chànainean beaga a bhith fighte staigh ann am feallsanachd na Pàrlamaid agus àite fhaighinn anns gach raon obrach. Chan eil sin ag ràdh nach biodh e freagarrach, maite, aon choimitidh a bhith ann a shealladh gu dlùth is gu domhainn air ceistean cànaineach agus culturach. Tha dùil ‘Cultural Foundation’ a shuidheachadh san Eòrpa, agus dh’fhaodadh am buidheann seo sealltainn gu dlùth air nithean co-cheangailte ris na cànainean beaga agus an culturan.
Ach tha seo fada bhuainn an tìm, agus tha gluasad na Pàrlamaid glè mhath. Airson piobrachadh agus brosnachadh a-nis chaidh dà bhuidheann a chur air chois. Sa’ chiad àite chaidh buidheann de bhuill na Pàrlamaid Eòrpach a chruthachadh. Ged as e na sòisealtaich a thòisicheas am buidheann seo tha fiughair agus dòchas gun tig buill as gach pàrtaidh a-steach ann a ghabhail pàirt ann a bhith a’ breithneachadh agus a’ dèanamh sgeimichean airson na Pàrlamaid. Tha cànain a’ beantainn ri gach taobh de bheatha an t-sluaigh agus bhiodh e neo-nàdùrra gnothaichean cànain a chumhangachadh taobh a-staigh crìochan phàrtaidhean. San dara àite, chaidh coimitidh a stèidheachadh, coimitidh le aon bhall o gach dùthaich anns a bheil cànain bheag.
Sna làithean a tha romhainn, co-dhiù gus an teid leasachadh chànainean fhilleadh nas dlùithe ann am feallsanachd na Pàrlamaid agus gus am faighear sreath anns a’ bhudget airson leasachaidh, bithidh sinn
Ann an saoghal na Gàidhlig theid coimhead air ionnsaighean ann an raon fòghlaim, meadhanan naidheachd agus gnothaichean coimhearsnachd.
A thaobh fòghlaim tha feum air rannsachadh geur agus domhainn co-cheangailte ri dà-chànanas anns na sgoiltean. Tha feum air coimhead air dòighean teagaisg agus air prògram a dhealbh airson stuthan teagaisg agus leabhraichean. Tha stuthan agus leabhraichean dathte inntinneach cho gann agus gum faod gum feumar leabhraichean ann an cànainean eile eadar-theangachadh. Tha feum air coimhead air dòighean sam faigh clann na Gaidhealtachd, an dèidh an sgoil fhàgail, cothrom dol air aghaidh le ionnsachadh ann an teicneolas, innleadaireachd agus clèireachd sa’ Ghaidhealtachd, co-dhiù airson cuid de ùine. Tha e coltach gum biodh an t-ionnsachadh air a dhealbh an dòigh a fhreagras agus a bhuineas ris e’ choimhearsnachd. Agus tha feum mòr air sùil gheur a thoirt air smaointeachadh phàrantan. Carson nach eil pàrantan a’ dèanamh oidhirp nas motha air an cànain mhàthaireil fhèin a thoirt don teaghlach. ’Se ceist mhòr a tha an sin, ceist a bha a’ cur dragh air gach riochdair a bha ’n làthair.
Ann an raon craolaidh tha e ceart gum bitheamaid mothachail air a’ chron a tha cion phrògraman Gàidhlig, gu sònraichte air telebhisean, a’ dèanamh. Ach tha ’n t-àm ann cuideachd sealltainn air dè na dòighean as urrainn dhuinn barrachd feum a dhèanamh de chraoladh. Dè feum a gheibh sinn as na h-adhartasan teicneolach — nasatellitesagus navideo cassettesagus innleachdan eile? Feumaidh sinn a bhith deas èasgaidh agus làn eòlach air na cothroman a tha tighinn an àird.
Arm an raon gnothaichean coimhearsnachd tha mòran de dh’obair luachdmhor a’ dol air aghaidh ann an dùthchannan eile a thaobh polasaidhean dà-chànanach agus dà-chulturach. Is còir coimhead air an obair seo agus tighinn gu co-dhùnaidhean mu pholasaidhean airson diofar cheàrnan ’nan dùthaich fhèin. Tha mòran rannsachadh agus fiosrachadh a dhìth.
Sin mata iomradh geàrr agus corra bheachdan mu rudan a ghabhadh dèanamh. Chan eil teagamh idir nach e bile uile gu lèir cudthromach a chaidh troimhn Phàrlamaid Eòrpach. Agus chan eil teagamh nach tig cuideachadh airson chànainean beag ’na lùib. Bithidh meud na taic a gheibh sin crochte gu ìre mhath ri meud na h-oidhirp a nì sinn fhèin air ar son fhèin. Ma sheallas an sluagh gum bheil ùidh mhòir aca ’nan cànain agus gum bheil iad daingeann ’nam miann thig buaidh. Tha taic nàiseanta agus Eòrpach luachmhoir ach nas luachmhoire uile gu lèir tha toil an t-sluaigh.
title | Bile Chòirichean Airson Canainean Beaga |
internal date | 1982.0 |
display date | 1982 |
publication date | 1982 |
level | |
reference template | Niall MacEacharna in Gairm 119 %p |
parent text | Gairm 119 |