Drama Ghaidhlig
Le LACHLANN MAC FHIONGHAIN
THA móran sluaigh air feadh Alba glé eòlach air na litrichean S.C. D.A. agus air gach nì a tha iad a’ ciallachadh. Tha iad a’ seasamh airson Comunn Dràma na h-Alba. Is mór an t-adhartas a tha an comunn so air a dhèanamh o thòisich e deich bliadhna fichead air ais, agus tha a bhuaidh a’ sìor sgaoileadh, gu sònraichte anns na bailtean dùthchail. Tha uiread ùidh aig a luchd-riaghlaidh ann an gròdan beag air taobh an iar Rois, no an taobh tuath Chataibh, is a tha aca anns na meuran móra anns na bailtean. Air feadh na dùthcha gu léir tha ochd ceud meur agus trì mìle ball aig an S.C. D.A. Anns na siorrachdan Gàidhealach tha trì fichead meur ’s a deich agus cóig ceud ball.
Gach bliadhna tha féisean drama air an cumail anns gach ceàrn de’n dùthaich. An uiridh bha cóig deug de na féisean sin anns a’ Ghàidhealtachd, agus bha iad air am frithealadh le còrr agus dà mhìle dheug sluaigh. Gach samhradh tha an S.C. D.A. a’ cumail sgoiltean dràma ann an Cill-rìmhinn, agus thatar a’ toirt cuideachaidh do oileanaich leis am miannach an sgoil sin a fhrithealadh. Fad nan trì ràithean eile tha cuairtearan a’ dol air feadh na dùthcha gu cuideachadh a thoirt do ghròdain ann an ealdhain dràma.
Is ionmholta an obair a tha an S.C. D.A. a’ dèanamh gu dràma a bheothachadh anns a’ Ghaidhealtachd, chan ann a mhàin le bhith cumail nam féisean ach mar an ceudna le bhith brosnachadh agus a’ misneachadh luchd-sgrìobhaidh gu dealbhchluichean a sgrìobhadh. Tha na cluichean sin a’ buntainn ri caithe-bheatha, ri beul-aithris, is ri eachdraidh an t-sluaigh.
Gu ruig so is e glé bheag de dhealbhchluichean Gàidhlig a bha air am foillseachadh aig na féisean dràma, mar bu trice dhà no trì, is ainneamh uiread ri leth-dusan. Tha móran adhbhair air son so agus is e dhà dhiubh gu robh iad a’ farpais ri cluichean Beurla, agus nach tuigeadh na britheamhnan Gàidhlig.
Chan eil sin a’ ciallachadh nach eil cluichean Gàidhlig ri’m faicinn. Tha pailteas ann diubh aig iomadh céilidh is cuirm air feadh nan Eilean is an taobh an iar. Ach chan eil sa’ mhór-chuid dhiubh ach cluichean beaga, faoin, gun sgoinn, air an dealbh gu gàire thoirt air an luchd-éisdeachd. Is gann idir a chìte oidhirp air cluichean tomadach, brìoghmhor a chur air adhart. Eadhon aig mòid dhùthchail is aig a’ Mhòd Nàiseanta chan fhaicear ach còmhradh
eadar dithis, agus is minig nach fhiach iad sin cur fa chomhair luchd-éisdeachd. A mach o’n Chomunn Ghaidhealach chan aithne dhuinn comunn eile thug cuideachadh gu brosnachadh dràma Gàidhlig gus a so. Tha an Comunn G. a’ tairgse duais mhath gach bliadhna airson na dealbhchluich as fheàrr ann an comhfharpais. Tha cuid diubh so cho math ris na cluichean Beurla a chithear is a leughar. O chionn beagan bhliadhnachan chuidich An Comunn Gaidhealach le airgead gu eadar-theangachadh a dheanamh de bheagan de na cluichean as fheàrr tha againn an Alba chan ann a mhàin gu feum luchd cluich Gàidhlig, ach mar an ceudna gu sam biodh na cluichean mar eisimpleir dhaibhsan aig a bheil alt air sgrìobhadh de’n t-seòrsa so.
Tha an S.C. D.A. a nis a’ cur romhpa cothrom a thoirt do dhràma Gàidhlig ceann a thogail anns a’ Ghaidhealtachd agus a measg luchd-bruidhne na Gàidhlig anns na bailtean. Gus an rùn so thoirt gu buil chumadh coinneamh an Inbhir-Nis aig a’ Chàisg far an robh an làthair, maille ri luchd-riaghlaidh an S.C. D.A. , feadhainn aig a bheil ùidh ann an cumail na Gàidhlig beò, a Alba is a Eirinn.
Mheòmhraich a’ choinneamh so air staid na Gàidhlig agus mar chuidicheadh an dràma gu a cumail beò. Fa chomhair an sùl, ach fad as, bha iad a’ faicinn cuirm air a cur air chois far am biodh cluichean Gàidhlig a Eirinn, is o’n Ghàidhealtachd air am foillseachadh air an aon chlàr, agus cha bu bheag an toileachadh a bheireadh cuirm de’n t-seòrsa sin do luchd na Gàidhlig! Ach mun toirear a leithid sin gu buil fumar móran obrach a dheanamh an Alba gu dràma Gàidhlig a bhrosnachadh agus a thoirt gu leithid de inbhe agus gum bi Féis Dràma Gàidhlig air a chumail gach bliadhna ann an aon de bhailtean na Gaidhealtachd.
A measg nan cnapan-starra—agus is lìonmhor iad—tha cion dhealbh chluichean freagarrach; chan eil breitheamhnan dràma aig a bheil Gàidhlig ach tearc; tha luchd-dealbhachaidh chluichean gann; agus chan fhaighear luchd-éisdeachd air son dràma Gàidhlig sa h-uile baile Gàidhealach. A dh’aindeoin sin tha an déidh a tha aig an t-sluagh air éisdeachd ri cluichean air an ràdio agus a bhith faicinn chluichean beaga aig céilidhean a’ leigeil fhaicinn gu bheil beatha agus freumhaichean aig a’ chraoibh, is nach eil a dhìth ach cuideachadh is cothrom gu fàs.
Agus tha an S.C. D.A. deiseil, an comh-bhoinn ri comuinn eile, mar tha An Comunn Gaidhealach, gu gach cuideachadh a thoirt dhi. Tha iad deònach cuideachadh airgid a thoirt do oileanaich dràma aig an sgoilean samhraidh; farpaisean a chur air adhart ann an sgrìobhadh chluichean Gàidhlig; co-chruinneachadh de chluichean Gàidhlig a dheanamh an aithghearrachd; cuideachadh iarraidh air Comuinn Foghluim anns a’ Ghaidhealtachd agus o chomuinn Ghaidhealach anns na bailtean gus na rùin sin a thoirt gu buil; agus craobh-sgaoileadh a dheanamh air na bha san amharc aca, mar sin a’ brosnachadh ùidh ann an dràma Gàidhlig.
Gabhaidh an obair misneach, saothair, agus foidhidinn; ach ma chuireas luchd na Gàidhlig an guala ris le cuideachadh an S.C. D.A. chan eil teagamh nach buannaich a’ chànain agus a’ Ghaidhealtachd.
title | Dràma Ghàidhlig |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Lachlann MacFhionghain in Gairm 12 %p |
parent text | Gairm 12 |