[374]

An Sgeilp Leabhraichean

Folksongs and Folklore of South Uist,le Margaret Fay Shaw (Routledge agus Kegan Paul Ltd., Lunnainn. 50/- ).

Tha sinn cinnteach gun toir achuid as motha de ar luchd-leughaidh sùil gheur air prìs an leabhar so mus ceannaich iad e. Is duilich gu dearbh cho daors a tha leabhraichean air fàs, ged a tha mi smaoineachadh gu bheil nas lugha prothaid aig na clò-bhualadairean na bhaca roimhn chogadh. Ach chan eil prìs an leabhar so thar cuimse, oir cha bann an asgaidh a chaidh a dhèanamh, leis na thann de dhealbhannan is de cheòl. Cha leiginn a leas eadhon an leisgeul sin a dhèanamh airson na prìse. Is geal as fhiach e an t-airgead airson na thana bhroinn.

Se bana-Ameireaganach a bha anns an ùghdar mus deach i a dhfhuireach a dhUibhist a Chinn a Deas anns abhliadhna 1929. Chuir i seachad faisg air sia bliadhna ann an Gleann Dail anns an eilean sin, agus dhfhàs i anabarrach ceangailte ris abhaile sin agus ri na daoine a bha i beònam measg. Tha iomradh coibhneil blàth-chridheach againn an so air na daoine is na mnathan a bha sin, is chan e a h-uile baile no a h-uile sluagh a gheibh carragh-cuimhne cho snasmhor no cho buanbithidh e da-rìribh nas maireannaiche no umha.

Se ceòl is òrain bu mhotha a bha air ùidh Mairead Fay Shaw, no mar a theirte rithe an diugh, Bean Fear Chanaidh. Ach saoilidh mi gur h-e an as luachmhoire den leabhar gu bheil i afiachainn ri dealbh a thoirt don t-saoghal a muigh air caithe-beatha an t-sluaigh anns abhaile so o chionn còrr is fichead bliadhna. Thainig iomadh atharrachadh air abhaile bhon uair sin. Is iongantach gu faicear an diugh achas-chrom adol an sàs ach glé ainneamh, is chan eil fhios agam a bheil aon teine am meadhon an làir ann an diugh. ’Se gnothaich gun chiall a bhiodh ann a bhith caoidh nan nithean sin air an sgàth fhéin. ’Se aobhar caoidh a bhiodh ann nan dfhalbh, mar a thuirt am bàrd Iain Gobha, spiorad aCharthannais a bhà, a rèir sgeòil is a rèir ar fiosrachadh fhéin, co-cheangailte ris na seann rudan sin, is ma dhfhalbhas eòlas nan daoine air an litreachas fhéin agus an uaillnan ceòl isnan cànain. Ma dhfhalbhas, is math an cunntas so a bhith againn.

Tha cunntas againn cho mionaideach anns an leabhar so air Gleann Dails a thagainn air baile sam bith air aGhaidhealtachd. Chì sinn dealbhannan nan tighean, a muighs a stigh, dealbhannan nan daoines iad aig mòine, aig buain, ag càradh nan lìon, asnìomh is a leithid sin. Tha móran ann mu dheighinn Mhàiri is Pheigi Anndra, oir bann còmhla riutha-san a bha abhan-ùghdar afuireach. Chì



[375]

sinn dealbh de Mhàirina suidhe ri taobh aghealbhain is Uilleam Donana h-uchd— ’se sin an cat! Chì sinn Peigi ableoghan na , Bean Ruairi aChùbair acàrdadh, Bean Iain Chlachair am measg nan caorach, saoitheanangan tiormachadh air an fhence air bialaibh tigh Ghilleasbuig Mhic Cormaig. Tha grunn de na sgeulachdan a dhinnis Seonaidh Caimbeul air an cur sìos an so am Beurla; tha cunntas ann air leigheasan a bhagan dèanamh, air seanfhacail is tòimhseachain a bha air bilean an t-sluaigh gu coitcheann, agus gu h-àraidh air an h-òrain a bhiodh iad aseinn, is iad asnìomh is aluadhadh, ableoghan na is atàladh an leanaibh bhig. Tha ceuds a naoi de na h-òrain sin anns an leabhar, cuid aca is dha no trì de dhfhuinn eadardhealaichte riutha, is beag no mór de dhfhiosrachadh mun deighinncàit eile a bheil iad ram faighinn, no an sgeulachd tha ceangailte riutha. Tha òrain ann bhon t-siathamh linn deug gu ruig an againn fhìn, cuid a rinneadh air tir-mór, cuid a Leódhus, as na Hearadh, as an Eilean Sgitheanach, a Barraidh, gun luaidh air Uibhist fhéin. Mar as trice tha iad air an cur sìos mar a bha iad air an seinn ann an Gleann Dail, ach an corra àite tha iad air an leasachadh is air am mìneachadh. Chan aithne dhomh càit eile a faigheadh duine co-chruinneachadh den mheudachd so de cheòl is de dhfhacail a tha cho earbsach ri so, mura faigheadh anns achruinneachadh a rinn Frannsag Nic an Tolmaich, is a chuir AnEnglish Folksong Societyan clò anns abhliadhna 1911. Tha gun teagamh móran de dhòrain ann an so nach eil ro phrìseil mar litreachas, ach cha bhiodh an cunntas iomlan as an aonais, oir chan iad as lugha a tha atoirt de thlachd dhaibhsan a thagan seinn. Nan deanainn casaid idir an aghaidh an leabhairse so e; gu faigheadh duine sealladh na bu shoilleire agus na bfharsuinge air fàs agus searg abhial-aithris so nam biodh na h-òrain air an òrdachadh a rèir an aoise. Tha fhios gu bheil so duilich a dheanamh, anabarrach duilich air uairean, ach feumar a dhèanamh uaireigin, agus feumar mar an ceudna an ceòl a sgrùdadh is a mhìneachadh air an dòigh cheudna. Ach is dòcha anns an leabhar so gum be call a bhiodh ann fiachainn ri sin a dhèanamh, oir tha a iomchuidheachd fhéin aig an òrdachadh a thagh abhan ùghdar. Tha i aleantainn dòigh an Ollaimh Otto Andersson air na h-òrain luadhaidh a rannadh; a thaobh achuspair sin bu chòir a ràdh gu bheil alt ùidheil aig Seumas Ros anns an àireamh mu dheireadh den iris Eireannach Eigse, abuntainn ris an dearbh chùis tha so ann an dòigh chothromach.

Tha ar taing aig amhnaoi-uasail Mairead Fay Shaw, agus aig a céile Iain Lathurna Caimbeul, airson an saothair ann a bhith atoirt dhuinn an leabhair luachmhoir so.

RUARAIDH MACTHOMAIS.

[Sanas]

titleAn Sgeilp Leabhraichean (Folksongs and Folklore of South Uist)
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 12 %p

parent textGairm 12
<< please select a word
<< please select a page