An Autobiography,le Edwin Muir. (The Hogarth Press,Lunnainn. 18/-)
Am measg nan sgrìobhadairean Albannach anns an linn againn a choisinn cliù ann an litreachas na Beurla is iongantach gu bheil duine ann a thug bàrr air Edwin Muir ann am filidheachd. ’Sann ciùin, socair bunachail a tha móran de’n fhilidheachd aig, glé ao-coltach ris a’ mhór- chuid de’n bhàrdachd Bheurla a ghlac aire dhaoine, gu h-àraidh anns na bliadhnachan 1930-39. Nuair a bha bàird mar a tha Auden fo smachd na h-iomagain a bha a’ laighe air an Roinn Eòrpa aig an ám ud, agus sgàile an dubhachais thairis air an smuain, bha smuaintean Edwin Muir mar gum biodh iad socraichte air bunait na bu sheasmhaiche, agus mhair am bunait a bha sin nuair a chaidh bunaitean eile air udail.
’Se cuis-iongnaidh a th’ann, a réisd, a bhith a’ leughadh anns an iomradh so air a bheatha, mu gach trioblaid a rug air is gach buaireas a dhochann e. Ach chì sinn aig an aon ám fuaran a’ ghliocais is a’ chiùineis.
Rugadh e sa’ bhliadhna 1887 ann an Arcaibh. Bha tuathanachas beag aig athair, agus ged a rinn e imrich grunn thuruis shoirbhich leis gu math gus an robh Edwin Muir os cionn deich bliadhna. Is taitneach gu dearbh cunntas nam bliadhnachan sin, agus is furasda fhaicinn mar a dhrùidh iad air mac-meanmain a’ bhàird òig. We think and feel and believe immortally in our first few years,tha e ag ràdh, simply because time does not exist for us.Bha inntinn air a stòradh anns na bliadhnachan sin le iongnaidhean na cruthaidheachd—beò-chreutairean, teachd is siubhal nan ràithean, aodann fuinn is mara is adhair, cur is buain. Mu ám na curachd, tha e ag ràdhthe world opened, the sky grew higher, the sea deeper, as the summer colours, blue and green and purple, woke in it. The black fields glistened— —— — .
Bha sin roimh Chogadh Africa, is chuir e iongantas orm cho coltach, ann an iomadh dòigh, ’s a bha caitheamh-beatha nan Arcach ri caitheamh-beatha nan Gaidheal. Bha sìth ann agus beothalachd, is bha daoine a’ tighinn beò gu nàdurrach, is bha biadh is sàsachadh ann do spiorad is do mhac-meanmain bàird.
Chreachadh an t-sìth sin gu math h-aithghearr. Nuair a bha Edwin Muir ceithir bliadhna deug thainig air athair an tuathanachas fhàgail, is thog e air a Ghlaschu, cuide ri theaghlach. ’Se sgeulachd dhubhach a tha Muir ag innse mu na bliadhnachan a thainig an deidh so. Air taobh stigh dhà no trì bhliadhnachan bha athair ’s a mhàthair, dithis de a bhràithrean agus piuthar dha marbh, is bha e fhéin an sàs ann an caochladh seòrsa obair anns a’ bhaile mhór, is gun e a’ faighinn riarachadh ann an gin dhiubh. Laigh smùid is salachair is bochdainn Ghlaschu air a spiorad, is ged bha e a’ fiachainn ri inntinn a chumail air ghleus, bha buaireasan agus droch shlàinte a’ toirt ionnsaighean garg air inntinn agus air a chorp. Tha móran aige ri ràdh as fhiach a leughadh air mar a thaobh e, aig an ám so, riSocialism .
Cha b’urrainn dà nì a bhith na b’ ao-coltaiche na na cunntasan a tha so air Arcaibh is air Glaschu, agus is dòcha gur h-e an earrann so aig toiseach an leabhair as fheàrr dheth. Tha co-fhaireachdainn agus léirsinneachd air am filleadh ’na sgrìobhadh, agus tha an sgrìobhadh fhéin ealanta snasmhor.
Aig aois dà bhliadhna dheug ar fhichead phòs e Willa Anderson, is chaidh iad le chéile a Lunnainn, is as a sin do’n Roinn Eòrpa—do’n Ghearmailt, gu ruig Seacho-Slobhacia, do’n Fhraing, do’n Eadailt, air ais a Shasuinn agus a dh’Albainn, is a rithisd gu ruig Prague is an Ròimh. Aig deireadh an leabhair tha e air ais an Albainn, mar cheann air Colaiste Newbattle Abbey, ach bho’n uair sin tha e air dreuchd fhaighinn mar Ollamh Filidheachd ann an Ameireaga. Chan urrainn dhuinn an so cunntas a thoirt seachad air gach turus a thug e, is gach atharrachadh a thainig air. Tha móran de thiamhaidheachd anns na cunntasan a tha e toirt dhuinn air a’ Ghearmailt agus air Seache-Slobhacia, gu h-àraidh an deidh a’ chogaidh mu dheireadh, is tha móran ann cuideachd a thogas inntinn duine—iomradh air càirdeas is air còmhradh, air smuain is air obair.
Chaidh a’ chiad phàirt de’n leabhar a chur a mach an toiseach an 1940, is chuireadh sia caibideilean ris o’n uair sin. Chan eil iad sin cho math ris a’ chiad fheadhainn, mar nach biodh blàth na h-òige orra, no mar gum biodh e duilich do mhac-meanmain an ùghdair an saoghal ùr an deidh a’ chogaidh a smachdachadh. Is dòcha cuideachd gu bheil e air fàs cleachdte ri bailtean móra, ri inbhe is ri comhfhurtachd, is nach fheàirrde a mhacmeanmain sin. Ach airson a’ chiad earrann, bu mhath leam a leughadh uair is uair fhathast ach an tuig mi nas fheàrr am bàrd so a thòisich air bàrdachd a sgrìobhadh an deidh bhith ’na ghille ann an oifis, is ’na chlàrc ann am factoraidh chnàmhan, aig aois cóig bliadhna deug ar fhichead.
Leabhraichean eile a fhuair sinn:
Irisleabhar Muighe Nuadhat, 1955 (Ri fhaotainn o’n Eagarthóir, Seosámh O Nualláin, Colaiste Phádraig, Magh Nuadhat, Eire. 3/- ).
Loch Sunartside Memories,le Alasdair Camshron( “Taobh Tuath Earraghaidheal”) ( “Oban Times. 3/- ) .
[Sanas]
title | An Sgeilp Leabhraichean (An Autobiography, le Edwin Muir) |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Gairm 12 %p |
parent text | Gairm 12 |