An Ite Sheunta
Le ALASDAIR MACNEACAIL
BHA sud ann o shean air Gàidhealtachd na h-Albann, mar their sinn an diugh, rìgh do am b’ ainm Brùd. Ged b’e Inbhirnis a cheann-bhaile, bha iomadh àite-còmhnuidh eile aige air feadh a dhùthcha ach, ’nam measg uile, cha robh aon a thigeadh ri a chàil mar a dheanadh longphort thìorail, an gleannan àilidh, air taobh siar a thìre. Sin far am bu mhiann leis a bhith a’ tuineadh agus far an robh e a’ fuireach ri ám ar sgeòil.
Bu ghreadhnach dol a mach agus teachd a steach an rìgh chliùitich so, oir b’ fharsaing agus bu thoirteil a sheilbh; ach cha d’aisig sin dha saorsainn o dhoilgheasan na beatha so. Mar dh’éirich do iomadh rìgh, roimhe agus ’n a dheidh, b’ anshocrach a cheann-adhairt. Air cho teòma agus gun tlàmadh a luchd-seòmair a chluasagan, air cho eagnaidh agus gun caislicheadh iad a leabaidh, cha thàladh an dealas tàmh do inntinn an rìgh. Cha bu luaithe a rachadh e fo’n aodach na thòisicheadh an suaineadh, an iorpais agus an luasgan, gus am fàsadh na cluasagan dhà-san cho cruaidh, corrach ri mol fuar an tiùrraidh agus an t-seid mar leacan daingeann a’ chuain. Mar sin do’n rìgh ré na h-oidhche, air chor agus an uair a dh’éireadh e sa’ mhadainn nach bu shùgradh a dhol ’na dhàil. Chan fhaiceadh e nì ceart mun cuairt dha agus an saoghal mar gum b’ eadh a’ leum air.
Rachadh iadsan a rinn a leabaidh an gairm d’ a ionnsaigh agus, air dha an càineadh gu am brògan air son an cearbachd ’nan dreuchd agus an dearmad air an dleasdanas, bhriseadh e air muinntearas le fraoch ’s le feirg. Bu shoirbh feadhainn eile a fhaotainn a sheasadh ’nan àite, ach, ann am beachd an rìgh air an là màrach, mur b’ iad sin a bu mhiosa, cha b’ iad dad a b’ fheàrr na iadsan do’n tugadh cead an coise. Cha ghabhadh cluain a chur air an rìgh agus e a’ sìor-shireadh a’ chadail a bha a ghnàth ’g a sheachnadh; agus gach madainn a’ meudachadh a fhrionais agus a ghairge. Mu dheireadh fhuaras dithis mhnathan a rinn leabaidh cho mìn, tlàth ri ceò na maidne samhraidh ann an gleannan fàsaich ach, ged chaidh an rìgh ion agus am falach innte, bha i cho cruaidh leis-san agus a b’ àbhaist, agus an cadal air chall.
Cha robh fios de a dheanteadh ris. Bha de ùpraid agus de ùinich anns an lùchairt, agus eadhon air feadh na dùthcha gu léir, agus nach robh fios aig neach seach a chéile dé a dh’ fhaodadh tachairt. Bha an luchd-cùrtach gun tàmh a’ sireadh comhairle, feuch an tùradh iad meadhon a dh’aisigeadh fois do’n rìgh. Is ann a bha iad air an cur chuige cho mór agus gun do leig iad ruith le an céill, air chor agus gun éisdeadh iad ri neach sam bith a thogadh an dòchas.
B’ ann mar sin a bhà, an uair a thachair do bhuachaille ghobhar a bhà aig an rìgh, an druim a’ mhonaidh, tighinn am fagus do’n chùirt. B’ iongnadh leis a’ bhalach an othail a bha air gach làimh, agus dh’ fheòraich e ciod a b’ adhbhar do’n bhrionglaid. Dh’ innseadh sin dhà; agus is ann a chinn e de dhànadas gun do dh’iarr e cead a dhol a steach do’n lùchairt. Ged bu doirbh an gnothach e, chaidh aig an luchd-comhairle mu dheireadh air rathad a réiteachadh; agus thugadh an gille-buachaille do sheòmar-cadail an rìgh. Bha de
ghreadhnachas an sin nach faca esan riamh a leithid, eadhon ann an aisling. Thuig e gu maith ceann-adhbhair na cùise, agus chuir e roimhe gun leasaicheadh e cor an rìgh, ged chùm e an seòl dòghach ris fein.
Dh’iarr e leabaidh an rìgh a fhaicinn agus cho luath agus a rinneadh sin, thòisich e air tionndadh agus air crathadh nan coilceadan. Dh’àithn e an còmhdach a bha air aon diubh a fhuasgladh chùm agus gum faiceadh e an seòrsa clòimhtich a bha ’na bhroinn. Cha bu luaithe a dh’iarradh na rinneadh; agus rannsaich am balach gach ceàrn deth gu mion, mar gum bitheadh e a’ sireadh ni-eigin nach d’ fhuair. “Tha iomadh ite mhìn-bhog an so,” arsa esan, “ach tha aon a dhìth; agus gu bràth gus am faighear i, cha chaidil an rìgh le cluain, oir is ann innte-se a mhàin a tha buaidh na sìor-throm-suain.”
Thog na briathran so ùidh na bhà san làthair, agus dh’fheòraich iad le aon ghuth càite idir am faighteadh an ite shònraichte sin. Dh’ innis esan: “Ite gheal an earball fithich a tha a’ tuineadh air taobh siar na dùthcha air eilean fàs mu mhìle o thìr.”
Air ball chuir na h-àrd-chomhairlich buidheann air bhonn chùm agus gun rachadh iad air tòir an eòin; ach thubhairt an gille nach fòghnadh sin mur falbhadh an rìgh féin g’a mharbhadh, agus sin ’na aonar; ach gun deanadh esan an t-iùil.
Greis mun glas an latha air a’ mhàrach, bha carbad ’n a uidheam agus bha siubhal réidh aig eich sheanga gu còrsa siar na h-Albann.
Fhuaras eithear beag ann an cala agus chuireadh i air sàl. Dh’ iomair am buachaille gu smiorail agus, leis gu robh sruth agus soirbheas leotha, cha b’ fhada a bhathas a’ ruigheachd eilean an eòin sheunta.
Ràinig iad tìr agus chuir iad uchd ri bruthaich. Ann an ùine ghoirid, mar bha san dàn, thug an gille an aire do’n fhitheach air sgor creige. Rinneadh air le suigeart ’nan ceum, ach mhilleadh an cothrom. Leis cho dian, deifireach agus a bhà an rìgh, thilg e saighead nach deachaidh an gaoith an eòin a dh’éirich air a sgéith a’ gròcail orrasan a bhris air a fhois. Chùm an gille gu biorach a shùil air siubhal an fhithich, gus am faca e e a’ laighe air mullach àrd mu leth-mhile air falbh.
Mach a ghabh iad a rithis; ach bha am fitheach tuille agus furachail air an son; agus bha e air sgèith mun robh na sealgairean faisg urchair air. Chùm am buachaille luath-chasach a aire air an rathad a ghabh an t-eun, agus chunnaic e e mu dheireadh ’na sheasamh air cnoc a bha an iochdar glinne san eilean.
Leanadh e a rithis ach bu dìomhain an t-saothair. Dh’fhalbh an t-eun uair eile, gun sgathadh, gun leòn, air chor agus gum bu sgìth an rìgh ’g a leanail.
Chaidh aca air a lorgachadh air creig àird am fìor mhullach an eilein; agus on bha an latha a nis air dhol seachad agus a’ ghrian air cromadh san iar, chliùthaich am buachaille do’n rìgh gum b’ e so an cothrom mu dheireadh a gheibheadh iad air an eun, agus gun feumteadh a dhol le an uile fhaiceall ’na dhàil. Sheòl an gille e air an t-slighe cho falachaidh agus a b’ urrainn da; agus le slaodadh ’s le liùgadh, le èaladh ’s le falach-fuinn ràinig iad bonn na creige air an
robh am fitheach ’na sheasamh. Ghabh an rìgh geur-chuimse air. Thilg e an urchair. Bhuaileadh an t-eun anns a’ bhrollach agus thuit e dìreach aig an casan. Thog an rìgh a’ chlosach le sùrd. Chunnaic e gun robh ite gheal anns an earball. Spìon e as i agus spàrr e i ’na sporan
Ged bu sgìth an rìgh ’na bhodhaig b’ aighearach a chridhe a’ deanamh air an àite anns an d’ fhàgadh am bàta tràth de’n latha. An uair a ràinig iad chunncas gun robh an tràigh fada a mach agus am bàta ann an àird a’ chladaich. Shlaod iad i gu cois na tuinne agus chaidh an rìgh air bòrd. Tharruing an gille i thar a’ ghrunnd, leum e ’na toiseach agus rug e air na ràimh a chum a h-iomradh gu tìr.
Cha robh iad fada air astar an uair a dh’éirich a leithid de chaitean air an fhairge agus nach robh an t-iomradh ’gan cur dad thuige. Air do’n rìgh an aire a thoirt da so, agus mar bha an oidhche a nis air tuiteam orra, chaill e a fhoidhidin agus dh’àithn e do’n bhalach iomradh na b’ fheàrr. Thog so friogh a’ ghille-bhuachaille air dhòigh agus gun do fhreagair e le dànadas gu robh an cruaidh-spàirn ’ga chur thar a chomais, agus gum b’ iomchuibhe do’n rìgh aon de na ràimh a ghabhail na bhith a’ coireachadh an neo-chiontaich; agus mur deanadh e sin gun dàil gu robh a bheatha an geall na b’ fhiach i. An sin thug an rìgh fainear an cunnart agus le iomradh sgairteil ràinig iad tìr.
Cha bu luaithe a rànas an lùchairt na thug an rìgh àithne do’n mharascal an ite-sheunta a chur ’na leabaidh; agus laigh e sìos gun bhiadh a ghabhail, gun deoch.
Bha a’ ghrian an àird an adhair mun do dhùisg an rìgh air a’ mhàrach; gidheadh cha d’ fhairich e an ùine ach mar thiota. Leum e as a leabaidh cho sùnndach agus a rinn e riamh ’na òige. Stad e e-féin; agus, nì nach d’ rinn e fad iomadh bliadhna, nach ann a thòisich e air a fhéithean a lasachadh. An sin chaidh e do’n t-seòmar-bhiadhta far an do bhris e le càil fhallain air a thraisg.
An uair a chuireadh crìoch air a’ bhiadh dh’iarr e a bhith air a threòrachadh gu bothan-àirigh a’ bhuachaille. Ge b’ fhad air falbh an àirigh ràinig iad i agus fhuaradh am balach air ceann a ghnothaich mar b’ àbhaist. Thug an rìgh fainear nach robh e idir cho dàna agus a bhà e an oidhche roimhe oir, b’ ann le faitcheas agus le cead a’ mhórachd a dh’fheòraich e an toisg so, cia mar chaidil an rìgh an oidhche. Dh’innis an rìgh dha le faoilt, aig an ám cheudna a’ cur an céill gum bu toigh leis àite-cadail a’ bhuachaille féin a fhaicinn. Shealladh sin dhà, —seid fhraoich, air a comhdachadh le cìob na beinne ann an oisean dùdaidh de’n bhothan-àirigh; agus b’ iongnadh leis an rìgh cia mar chaidleadh neach sam bith air a’ leithid de àite. Fhreagair an gille gu robh i dhàsan cho seasgair tlàth ri leabaidh anns an dùthaich; oir, leis mar bhà e air a chlaoidh le obair an latha, gun caidleadh e gu suaimhneach ré na h-oidhche eadhon ged b’ i a’ chlach a bhitheadh fo a cheann.
An sin dh’fhalbh an rìgh air sgrìob leis a’ bhuachaille a chuartachadh an treuid agus b’ aobhach uallach a ghleus leis an iomairt a rinn iad. An oidhche sin a rithis chaidil e gun ghluasad agus mhothaich e gun cuir gnìomhachas ri slàinte agus ri suain; oir, mar thubhairt an seanfhocal: “Is feàrr sgìos cuirp na sgìos meanmann.”
title | An Ite Sheunta |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Alasdair MacNeacail in Gairm 12 %p |
parent text | Gairm 12 |