[339]

Mor Ros

Le UILLEAM MACMHATHAIN

MAR tha fhios aig an t-saoghal, ’s e am ball-seirc a bhana gnùis so a dhfhoghainn do Uilleam Ros; agus leis mar a chaidh abhàrdachd a rinn e dhi am fads am farsaing, ’s gann gu bheil téile am beul-aithris cho ainmeil rithe a thaobh maise is baindeachd mur eil Deirdre fhéin ann.

Is iomadh uair a dhinnseadh mar a phòs i fear eile seach am bàrd. Theirear nach misde sgeul math innse uair, agus tha e cinnteach, an seagh eile, nach bu mhisde an sgeul so a bhith air innse iomadh uairis ann asìor dhol am feabhas a bha e mar sgeul leis gach innse. Chan eil fiù nach robh e aca san aithris an oidhche a dheug Uilleam Ros gun tàinig a mhanadh chun an doruis aice an Liverpool, agus an uair a dhfhosgail i an dorus gun do rinn lasair na coinnle greim air a h-aodach, ’s gun do loisgeadh i gu bàs. Tha a leithid so math gu leòir mar uirsgeul, ach cha bu chòir am barrachd géill a thoirt dha na sin.

Cho fads as aithne dhòmhsa, chan eil de fhiosrachadh cinnteach mu Mhór Ros ri fhaotainn an clò ach a mhàin gur h-ann do Steòrnabhagh a bhuineadh i, agus gun do phòs i fear Clough a Liverpool. Bu mhath leam mar sin beagan a chur sìos ma deighinn an so, chan ann o bheul-aithris, ach o dhaoine a bhanns a chunnaic.

Chan e Leódhus toiseach mo sgeòil idir, ach sgìre Chunndainn, air tìr-mór siorrachd Rois. Mu bhliadhna Theàrlaich gheibh sinn teaghlach an sin agus Ros orra mar ainm-cinnidh, ach chan eil fhios an ann de fhìor Chlann Ghill-anndrais a bha iadco-dhiùbhs eRiabhacha theireadh sluagh na dùthcha riutha. Bha dithis bhràithrean dhiubh ann: ceannaiche a bha an Dòmhnall, agus tha e coltach gu robh Iain air a bhith treis air falbh on tighna mharaiche, ’s e aseòladh a mach a Crombaigh do fhear-luingeas dam bainm Iain Mac Gille Ruaidh (John Reid).

Is ann mar so a bha an uair a thòisich an iorghail ri linn Theàrlaich Stiùbhart a thighinn dhan dùthaich a chothachadh achrùin dha athair. Tha fhios aig na h-uile mar a chaidh dha, agus mar a bfheudar dha tilleadh mu thuath a Sasainn mu dheireadh na bliadhna 1745. An uair a ràinig am feachd Gaidhealach Inbhir-nis, thugadh man aire gum biodh Colla mac Fir Bhàrasdail air a chur a shiorrachdan Rois is Chataibh gus na bha air na crìochan sin de nàimhdean nan Stiùbhartach a chumail fo cheannsailchan e sin a mhàin, ach gus sparradh orra éirigh air taobh Theàrlaich. Be Iain Ros aon den fheadhainn a lean Colla mac Fir Bhàrasdail aig an ám so, agus inbhe caiptein aige. ’S e sin a bhair a ràdh as a leth co-dhiùbh, agus gun do mhaoidheadh air mur rachadh e ann gun togte achreach bho a bhràthair.

An deidh blàr Chùil-lodair bha an tòir air Iain Ros, agus thug e a cheann fodha. Chan eil fhios cho fads a bha e fon choill mun do ghabh e tàmh an Steòrnabhagh, ach bha tigh is fearann aige ann sabhliadhna 1753. Be sin abhliadhna san tug Caiptean Barlow agus Caiptean Mac Fhearghuis ruaig do Leódhus feuch na reubalaich a bhann bu chòir a chur an làimh; agus chan urrainn gu robh Iain



[340]

Ros ro shaorsainneil fhads a bha iad air àrainn abhaile. Bhiodh fhios glé mhath aca an Steòrnabhagh air mar a dhéirich dha, ach cha robh duine ann gus a bhrath.

Mar as minig tha atachairt an uair a thig coigreach do bhaile dhan t-seòrsa, shoirbhich le Iain Ros gu math. Bha ena cheannaiche agusna fhear-luingeas, agus ri ùine thog e tigh math cloiches aoil sachuid sin den bhaile ris an abrar an Rubha(Point) .Chan urrainn gu robh e ro fhada an Leódhus gus an do phòs e. Chan eil lorg air ainm-baiste na mnatha aige, ach be a h-athair Alasdair Mac Gille Mhoire (Alasdair mac Ailein), Fear Shiadair an Rubha. (Tha litir ann a sgrìobh esan anns am bheil e ag ainmeachadh Iain Rois marmy good son John Ross. ”) Is ann a mhuinntir Nis a bha Fear Shiadair, agus e de shliochd aBhritheimh Leódhusaich. Bha teaghlach mhac is nighean aige. Fhuair Dòmhnall àrd fhoghlum an Oilthigh Ghlaschu, agus an deidh sin chaidh e air imrich a dhAmeireaga. Bha Sìne pòsda aig Ruairidh Moirreach (Ruairidh Gobha), Fear Shuaineabost an Nis, agus Màiri aig Aonghus Mac Neacail. Bi Màiri so seanmhair nan gillean a chuir air bonn Sgoil Mhic Neacail an Steòrnabhagh. Tha fhios gum bfheàirrde Iain Ros cleamhnas a bhith aige ri daoine dhan t-seòrsa, a bha càirdeach do uaislean an latha bhann an iomadh baile air feadh an eilein. Thàinig teaghlach air, ach chan eil rofhas againn an ceartuair air mac no nighean a bhann ach Mórboinne-fala cho àillidhs a sheas a riamh air balt bròige, mas fìor na chaidh a ràdh dha taobh eadar bhàrdachd is eile.

Feumaidh gur h-ann suas mun bhliadhna 1780 a fhuair Uilleam Ros eòlas oirre air bàl an Steòrnabhagh. Tha e fhéin ag innse dhuinn mar a bha san òranFeasgar Luain.” Chan eil fhios againn cho fadas a mhair an t-eòlas, no amhisneachd a thug i dha a thaobh a phòsadh. ’S e as dòcha nach tug móran. Co-dhiùbh, cha robh e an dàn gur h-ann aige a bhitheadh i. Bha na siantan fhéin adeilbh an uilcna aghaidh; a chionns ann air fhuadach roimh ghaillinn a bha Caiptean Samuel Clough acheud uair a chuir e acair an sàs an caladh Steòrnabhagh. Bha e air turus-cuain o Liverpool gu ruige Jamaica, agus feumaidh gur h-e gaoth dha rìribh a chuir cho fada thar a chùrsa e. Be so mar a thachair e ri Mór Ros, agus ged dhfhalbh e an uair a thàinig soirbheas, cha robh e fada gun tilleadhchan eil fhios an e aghaoth bu choireach uile gu léir dhan trobha so. Is cinnteach gu robh e an trom ghaol air Móir, ach chan eil achùis idir cho soilleir dha taobh-se. Faodaidh gur h-ann airson a chuid airgid a bha meas airaig a h-athair co-dhiùbh mur ann aig Móir fhéin; agus san latha bhann bha e air iarraidh air nighean a bhith umhail dha pàrantan an cùis dhan t-seòrsa so.

Is e duine cothromach a bha an Caiptean Clough. Bha long mhór fichead gunna aige de na luingeas-spùinnidh (privateers), math dhfhaoidte, a bha aig na Breatannaich agus aig na Frangaich air gach taobh gus a bhith acreachadh càbhlach-marsantachd a chéile. Bha duaisean móra ri fhaotainn airson gach soitheach agus luchd a ghlacte bhon nàmhaid, ar neo mar éiric bhon nàmhaid fhéin. Leis an airgead a bhaig Clough thalls a bhos, ’s e as dòcha gu robh e air na Frangaich



[341]

a thoirt fo chìs uair is uairbha an t-armachd aige airson aghnìomh a dhèanamh co-dhiùbh.

So an duine a roghnaich Mór Ros mar fhear-pòsdano a roghnaicheadh dhi. Phòs iad toiseach ceud mhìos an earraich, 1782. Goirid an deidh sin shuidhich Clough air a bhean £50 sabhliadhna maille ri trian dha sheilbh, agus rinn e tiomnadh anns an dfhàg e aice a chuid dhan t-saoghal nam bes nach tilleadh e on turus air an robh e. A nis bha so uile àbhaisteach, agus chan eil dearbhadh sam bith ann gur h-e an t-airgead aig Clough a bha a dhìth air Móir no air duine a bhuineadh dhi.

Is e an t-Urramach Iain Downie, ministeir sgìre Steòrnabhagh, a phòs iad, agus tha e atoirt tarraing air mar a bha an trì litrichean a sgrìobh e aig an ám. (Tha na tha e ag ràdh air a chur sìosna dhearbh bhriathran fhéin aig deireadh achunntais so.) Anns acheud litir chan eil a choltas air a bhith ro thoilichte le cùisean. Cha robh aige ri ràdh mun chunnradh a bhann ach gu robh itean bòidheach air na h-eòin a bha fad as. Dhfhaodadh mar a thachair a bhith a chum leas an teaghlaich aig Iain Ros, no dhfhaodadh e a nighean a chur chun na truaighe. Chaidh tuilleadhs achòir a chur sagheall . . . Ach mun do sgrìobh e an treas litir bha Clough air a ainm a chur ris na còraichean a dhainmich mi cheana, aguss e tha e ag ràdh gur bochd nach robh dusan eile dha sheòrsa a measg chlann-nighean Steòrnabhagh!

Mu dheireadh thall thàinig air Caiptean Clough seòladh thar chuan gu Jamaica, agus dhfhàg e a bhean còmhla ri a pàrantan. Tha fhios air so a chionn gun do sgrìobh a h-athair litir an Stròrnabhagh air an t-sèathamh latha de mhìos dheireannach na bliadhna 1782 anns a bheil e ag ràdh: “Mrs. Ross Mrs. Clough and the rest of our family joines in most respectfull complyments. ” ’S e as dòcha gun dfhuirich Mór aig an tigh gus an do thill an duine aice a Jamaica, agus gur h-ann an uair sin a dhfhalbh i gu ruige Liverpool. Bidh cuimhne air mar a thuirt Uilleam Ros anns an òran:

Do thurus thar chuan fo bhréid
Thug brasshileadh dheur o mshùil;

agus ann am fear eile:—

Ach masa triall gun dàil duit
Gu àite nam mòrsheol
Gun fhuireach ri do chàirdean,
Do dhàimh, no luchd teòlais,
Biodh soineann air na speuran
Gun éirigh air mòrthonn
A dhaisigeas le réidhghaoith
Gun bheud thu gu seòlaid.

Mas fìor beul-aithris, thill Mór Ros air chuairt do Steòrnabhagh uair no dhà móran bhliadhnaichean an deidh dhi pòsadh. Is ann bàn a bha i, agus i àrd thar achoitcheann.

Sin, ma tha, nas aithne dhuinn mu Mhór Ros. Ach tha aon sealladh eile againn air Clough. Dheug Iain Ros an Steòrnabhagh air an fhicheadamh de cheud mhìos an earraich, 1795, agus dhfhàg e tiomnadh anns a bheilCaptain Samuel Cloughair ainm-



[342]

eachadh mar am fear-gnìomha(executor) ,a chionn gu robh fiachan aige air a athair-céile. Leis sin, chan eil mac do Iain Ros faighinn san tiomnadh, agus cha bhiodh gnothach aig Móir, mar bhoireannach, ri a leithid co-dhiùbh.

Tha aon fhacal bu chòir a ràdh mu Uilleam Ros. A réirSàr Obair nam Bàrdrugadh e sabhliadhna 1762. Ma tha so ceart, cha robh e achna ghlasghille an uair a thachair e ri Mór Ros, agus is gann gu smaoinicheadh i air fear cho òg a phòsadh ged nach biodh Clough air tighinnna lùib idir. Ach tha taobh eile air achùis. Saoilidh mise co-dhiùbh nach do rinneadhFeasgar Luainle fear nach do ràinig aois fichead bliadhna. Chan eilSàr Obair” ’na ùghdarras ro earbsach a thaobh eachdraidh nam bàrd, agus theagamh gu robh Uilleam Ros beagan na bu shine na bhatar an dùil. Tha e air a ràdh gur h-e an gaol a thug e do Mhór Ros a dhfhàg an eucail ann a thug am bàs dha. Mas fìor sin, ’s e, mar a theireadh iad, galar fada agus eugna bhun a bhann: oir (co-dhiùbh a réirSàr Obair”) is ann sabhliadhna 1790 a thàinig an fhàisneachd fo theachan fhàisneachd a rinn e fhéin an uair a thubhairt e:

Ach triallam a chadal gu bràth
Do thalla nam bàrd nach beò.


LITRICHEAN AN URRAMAICH IAIN DOWNIE

(1)
Stornoway , 11th February, 1782.

Dr. Sir,
I have been in town for some days gallanting the Duchess of Letterew* who returns by this Packetand marrying the celebrated Miss Ross to a Capt. Clough of Liverpool commanding a 20 Gun ship bound to Jamaica, who by the Influence of Venus has been twice driven in to this place from the Western Ocean during the late Hurricanes. I can make no reflection on this Bargaine, but that far fowls have fair feathers. It may be the making of John Rosss Family, or the ruin of his Daur. It is high Gaming . . . .

*B ’e so a phiuthar-chéile, Catrìona, bean Iain Mhic Coinnich, Fear Leitir .

(2)
Tong , 26th February, 1782.

. . . John Rosss son-in-law loiters still in this Harbour with his 20 Gun Ship . . .

(3)
Tong, 16th March, 1782.

Dr. Sir,
It is true I had the honour of buckling Miss Ross to Mr. Clough, and of seeing two settlements executed on that affair. By the one she is secured in £50 a year with Terce of moveables in common form. The other is a will bequeathing all his subjects in the world to her, in the Event he does not return consisting of £800 at Liverpool— £500 insured aboard his shipand £200 Jamaica currency due him in that Countrey. So that he has given ample proofs of his being over head and Ears. I wish we had a dozen more of him among our lasses . . .

titleMór Ros
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Uilleam MacMhathain in Gairm 12 %p

parent textGairm 12
<< please select a word
<< please select a page