Mgr. Ailean anns a’ Cholaiste
An earran so air a deasachadh do Ghairm le Iain Lathurna Caimbeul, Fear Chanaidh. Anns na ceud àireamhan de’n raitheachan, thug e dhuinn “Leabhar Latha Mhgr. Ailein.”
Thogadh an dealbh so de’n t-sagart ainmeil ann an 1898, an uair a bha e suas ri da fhichead bliadhna a dh’aois.
FACAL BHO FHEAR CHANAIDH
Bha na h-earrannan a leanas air an sgrìobhadh le Mgr. Ailean Dòmhnallach sa’ bhliadhna 1880, nuair a bha e an Colaiste nan Albanach, ann am Valladolid. Ged nach robh e idir cho fileanta sa’ Ghàidhlig an uair sin agus a dh’fhàs e, bliadhnaichean ’na dheidh so, ann an Uibhist, bha e daonnan glé mhiadhail oirre. Mar sin, tha earrannan Gàidhlig dhe’n t-seòrsa so r’am faighinn air feadh leabhairnotebooka bha e cumail aig an àm.
Bha corra sgoilear Gaidhealach anns a’ Cholaiste còmhla ri Mgr. Ailean, agus, mar a tha Mgr. Ailean ag innse dhuinn, rin iad leabhar nomagazinelàimhsgrìobhte ris an canadh iad An Gàidheal air feadh 1881. Tha lethbhreac dheth ann fhathast. On a bha a h-uile fear aca a’ cleachdadh far-ainm chan eil e furusda a bhith cinnteach có sgrìobh na h-earrannan a tha sa’ “Ghàidheal,” ach tha làmh-sgrìobhadh Mhgr. Ailein a’ tachairt (mura bheil mi air mo mhealladh) corra-uair fo chorra-ainmean. Bha e gabhail ùidh mhór ann am friamhachd nam facal, no philology mar a chanas iad an ám sin agus daonnan ’na dheidh.
VALLADOLID, 1880–1881
IS truagh nach eil pàipeir Gàidhlig saor miosail againn coltach ris a’ Chatholic Progress. Pàighidh mise ceithir tasdan ’sa bhliadhna air a shon gu deònach nan robh e air a chur a mach.
* * * * *
Thionndaidh mi so( “Oithona”) bho’n Bheurla ann an dà uair gu leth gun fhaclair, air a’ chiad latha fichead de’n mhios deireanach a’ bhliadhna 1880.
Tha an sgeul ro-iongatach.
Chunnaic mi ’san t-seòmar ’sa bheil iad a’ cumail na(n) leabhraichean a bhuineas do’n Cholaiste, leabhar beag anns an robh an dàn so air a tionndadh gu Laidionn. Bha an leabhar sin air a chlò-bhualadh anns a’ Cholaiste a bh’againn bho chionn fhada ann an Aquhorties. Tha mi duilich a nis nach tug mi mach e nuair a bha cothrom agam.
Is truagh nach robh tuillidh leabhraichean Gàidhlig againn a mach a so. Chan eil againn ach an Tiomnadh Nuadh, seann leabhar Ceisdean a chaidh chur a mach ’san linn a chaidh seachad, an Cath Spioradail, Leanmhuinn Chrìosda, Bliadhna Theàrlaich, Sean Dàna le Oisean, Ulann is Orran, dà fhaclair, Gramar Foirbeis is Munro, Leabhar Ceisd, Leabhar-ùrnaigh, is earrann de Charaid nan Gaidheal.
Tha pailteas leabhraichean Beurla againn. Leugh mi tuille ’s a chòir dhiu sin mar tha. ’S mi bhitheadh air mo dhòigh an diugh nan do leugh mi uidhir ’sa Ghàidhlig ’s a leugh mi ’sa Bheurla. An latha roimhe thug mi mach Ossian’s Poems ann an trì leabhraichean, is leabhar no dhà eile, ach tha mi smaoineachadh gun leugh (mi) tuille bho’n Ossian na leughas bho na leabhraichean eile.
’S i mo bheachd-sa gur e dòigh anabarrach air son a’ Ghàidhlig ionnsachadh a th’ann an Oisian a thionndadh gu Gàidhlig bho na Bheurla gun fhaclair no cobhair sam bith ach do smaointean fhéin. Tha e ciad mìl’ uair na’s fhasa Ossian ’sa Bheurla thionndadh gu Gàidhlig, na tha e leabhar sam bith eile air a sgrìobhadh am Beurla, no Laidionn no cànan sam bith eile, as toigh leat a thionndadh gus ar Gàidhlig bhriagh fhéin. ’S adhbhar air so gu bheil na smaointean a tha sinn a’ faighinn ann an Oisian cho Gàidhealach ’s a b’urrainn a bhith.
Nach iongatach nach eil aon fhacal ’san Oisian air Dia sam bith. An robh creideamh sam bith aig a’ bhàrd? Theagamh nach faodadh bàrd no duine sam bith ach na sagairt no na draoidh ainm Dé ainmeachadh air son onoir a thoirt dha. Shaoileadh tu gun robh reusan air choireigin mar so aca, no cia mar air an t-saoghal nach eil na bàird Ghàidhealach a’ cuimhneachadh an Dia?
* * * * *
Ardar
Thionndaidh mi ’n dàn ghoirid so bho’n Ghàidhlig gu Beurla ’s as deidh dhomh sin a dhianamh, dhùin mi ’n leabhar Gàidhlig, is dh’fhiach mi nam b’urrainn a’ Bheurla a thionndadh air ais gus a’ Ghàidhlig bho’n do thionndaidh mi i. ’S i dòigh ainneamh math a tha so gu dòigh-labhairt a’ Ghàidhlig ionnsachadh. Cuiridh mi a’ Ghàidhlig ma tà air aon taobh, ’s a’ Bheurla air an taobh eile.
Tha h-uile facal ’sa Ghàidhlig mar a bha iad ’san dàn. Bha an crioman cho goirid ’s gu robh (e) furusda gu leòir na faclan Gàidhlig a chumail ’nad chuimhne. Nan tionndaidhinn dàn fhada bho’n Ghàidhlig, ’s mur toisiachadh mi (sic) gus a’ Bheurla thionndadh air ais air son seachdainn no co’la diag, cha bhitheadh e cho furusda uile gu léir a h-uile facal a chur sìos dìreach mar thathas ’gam faighinn’ san dàn fhéin. Fiachaidh mi sin a dhianamh uair air choireigin. Mar bi an tionndadh cho math, dé’n dolaidh? Ionnsaichidh (mi) pailteas fhaclan Gàidhlig, is nì no dhà mu dheidhinn deagh-dòigh-labhairt an Gàidhlig.
Sgrìobh mi an taobh so air maduinn Di-Ciad-Aoine 21 Dec. ’sa bhliadhna 1880.
* * * * *
Oidhche Di-Ciad-Aoin’
Chan eil leasan eile againn gus an dara latha as deidh a’ bhliadhna (sic) Ur. Nach mi tha duilich! !! Tha m’anam trom le mulad. Tha mo chridhe a’ bristeadh le bròn. Tha mo shùilean a’ struthadh le deòir. Tha mo cheann a’ snàmh an ceò.
Is truagh mi ’nam aonar,
Gun leabhar no peann ’nam làimh;
Tha mi mar leanabh lag fann
Air a sgaradh bho mhàthair.
Ach feumaidh mi cluich uaireigin. ’S nach eil an t-am so cho math ri am eile. Ma chluitheas càch, car son nach bitheadh mo chuid spòrs agamsa? Is subhach am na Nollaig. Tha e glé chridheil a bhith suidhe mu chuairt aig an teine ag éisdeach ri sgeulan an am a chaidh seach ’s a losgadh cnothan is ubhlan.
Bha mi coiseachd leis a’ Ghille Dubh an nochd. Thòisich sinn air bruidhinn air na bha dol a thachairt mu Dhi-Dòmhnaich Càisg an ath-bhliadhna. Feumaidh sinn Fàilt’ a chur air ar fear-riaghlaidh ann an Greugais, an Laidionn, am Beurla, an Gearmailteach, am Fraingeis, an Spàinteach, ’s ann an Gàidhlig. Bithidh sin anabarrach. Ach a sheòid, có as a tha a’ Ghreugais ’s a’ Ghearmailteach dol a thighinn? Bithidh e furusda gu leòir fàilt’ a chur air ’sna canain eile. Ach tha dòigh air gach nì air a bheil miann againn. Tha sinn an dòchas gun tig Maighstir Uilleam a mach le sagart eile. Tha mi creidsinn gum bu Maighstir Uilleam Mac na Cathaig* an so. Tha e ’san Fhraing an dràsd ’s cha bhi duilich dha tighinn ’gar n-ionnsaigh. Bu toigh leam fhaicinn a rithisd, oir ’s e sagart math, naomh, tapaidh a th’ann.
* An t-urr William Dawson.
Tha gealach a’ siubhail na speur
Gun neul a’ cur a gnùis fo smalan,
Tha na reultan soillse a’ leumnaich le àigh
’S iad aobhach, ’s ise ri gàire;
Trà dhùisgeas a’ ghrian ’sa mhaduinn bho suain,
’S a dh’éireas i gu oidhche is ceò a ruag,
Le caithream binn a chridhe
Chuireas fàilt air sagart dìleas.
* * * * *
Aig am na Nollaig leughaidh mi an leabhar air a bheil mar ainm“Smith’s Poems. ”Cha n-e leabhar Beurla a th’ann idir, ach leabhar de sheann dàna a sgrìobh Oisean, Ulann is Orran. Thionndaidh mi a’ chiad dàn a tha ’san leabhar gu Beurla mar tha cho math ’s a b’urrainn, ach tha mi cinnteach gun d’rinn mi móran mearachdan. Leugh mi “Tiomna Ghoill,” “Diarmid,” “Trathuil,” “Losga Themra” is “Ardar.” Cha mhór as fhiach Dan an Deirg no Tiomna Ghoill’. Tha Trathuil is Diarmaid glé laghach, ’s bu toigh leam Ardar cuideachd.
Bu toigh leam nan tòiseachamaid an “Gàidheal” a chur a mach a rithisd aig am na Nollaig. Bithidh pailteas tìm againn an sin. Sgrìobhaidh Dai, is an Torc, ’s mi fhéin. Bu toigh leam a bhith cinnteach gum faigheamaid cobhair Dhunnchaidh is cobhair an t-Saoir. Tha mi cinnteach mar thà nach sgrìobh an Glasach facal ’gar n-ionnsaigh a chaoidh. Ach dé ’n dolaidh? Thigeamaid air adhart a h-uile buille cho math as aonais.
* * * * *
Là Nollaig (1880). Bha mhaduinn fliuch ach cha do chuir sin dragh oirnn. Las sinn teine is bha pailteas cnothan ’s ubhlan againn. Bha ceòl againn cuideachd. Bha sinn uile cridheil gu leòir. Fhuair mi litir ’sa mhaduinn bho m’ bhana-charaid Mór. Chuir i deich tasdan gam’ ionnsaigh. Tha mi móran ’na comain. Ma bha mi am fiachan leis an fhear-riaghladh chan eil mi nise. Chuir i fhéin is Tearlaid* (i.e. Charlotte) dealbhan beag gu m’ ionnsaigh-se ’s a dh’ionnsaigh Deòrsa.
’San fheasgar chaidh sinn a mach do’n Eaglais Mhór, los gun cluinneamaid na“Villencitos, ”ach cha robh iad ann idir. Bha na straidean uabhasach salach. An déidh dhuinn tilleadh, bha tì is oransean againn. Chluich an Tòiseach† air fhiodhull air ar son. Ghabh Donnchadh òran Gàidhlig. Tha fios aig air pailteas dhiu. As déidh an tì òl ’s an t-òran dol mu chuairt, ghabh sinn ri na Cuthagan. Chluith sinn dà uair, ’s choisinn Donnchadh an dà uair. Bha sinn a’ bruidhinn air a’ phàipeir-naidheachd Ghàidhlig.
Là N. Steaphain. Bha mhaduinn fliuch. Bha sinn ag iarraidh cluith ach cha robh ball againn, ’s cha b’urrainn ball a dhianamh chionn ’s gum b’e Di-Dòmhnaich a bh’ann. An déidh dh’innse Donnchadh dhuinn gum fiachadh esa ar Gàidhlig a cheartachadh mun reachadh a chur ’sa phàipeir. Tha sinn móran ’na chomain air son sin.
Bha tì, is ceòl, is cluith againn an nochd cuideachd. Choisinn Uilleam ’s mi fhéin na leabhraichean. Chaidh ceathrar a mach ’san fheasgar, ach bha an làr ro-bhog.
Là N. Eòin. Tha mhaduinn math gu leòir. Thàinig triùir Shasunnaich a nall air son fiodhull an Tòisich, us ged a bha fios aca gun robh feum aig’ fhéin oirre, thug iad leò i. Tha e coltach riu, na trusdairean mhì-mhodhail. Chaidh cuid dhiu a mach a chluith leis na Sasunnaich aig braigh-bhaile leis a’ bhall mhór. Cha deach mise mach leò. Bha mi fuaghal ball a rinn Daibhidh, ’s ag éisdeachd ris
* “Aunt” aige.
“ † Iain Mac an Tòisich, a bha ’na shagart ann am Bòirnis ’na deidh so.
an Tòiseach ’s e feadaireachd air biast de“requito”mar a their iad riu ’sa Spàinde. ’San fheasgar chaidh sinn a mach. Bha mise coiseachd le Daibhidh ’s bha sinn a’ bruidhinn an Gàidhlig, ’s air a’ Ghàidhlig fad an tìm. Tha e glé dheònach gun tòisich sinn am pàipeir. Bha tì, etc., againn. Fhuair an t-Easbuig an leabhar an nochd. Thug an Tòiseach ubhlan òrbhuidh, is ubhlan-granaideach iscigarrosdhuinn an nochd chionn ’s gum b’e so là-fhéill-Eòin, oir ’s e Iain as ainm air-sa cuideachd.
Thàinig litir bho Mac na Cathaig an diu. Dh’innse e gun robh am madadh alluidh no ’n t-iasg an Dun-Eideann an drasd, ’s gun robh e ’na bheachd a bhith ’na shagart fhathast. Thàinig litir bho Iain Coilltean an diu. Tha e ’n Cille Mhàrnaig fhathast. Fhuair e cothrom a bhith ’na shagart an Caisteal Dubhghlas, ach cha do ghabh e e.
Là nan Naoidhean Neochiontach. Chaidh mi mu chuairt ’sa mhaduinn is dh’fhaighnich (mi) dhe’n t-Saor ’s dhe’n Tòiseach an robh iad toileach an còmhnadh a thoirt do’n phàipeir-naidheachd aon uair a thòisicheadh i. Thuirt iad gun dianadh iad an cuid sgrìobhadh. Cha deach an caramh a’ Ghlasaich, tha e miodhanach leisg.
Bha mhaduinn fliuch. Bha Daibhidh ’s mi fhéin is Donnchadh a’ bruidhinn air an litreachadh an Gàidhlig. Tha Daibhidh ’ga thuigsinn gu math. Chaidh sinn a mach ’san fheasgar is chluith cuid dhinn leis a’ bhall-cois comhla ris na Sassunnaich. Bithidh cleasan aca an ath-oidhche. Fhuair mi pàipeir a bha sealltuinn an clàr-innse a bhitheadh aca. Tì etc. againn. Choisinn Donnchadh an leabhar a chuir Mac na Cathaig g’ar n-ionnsaigh. Tha mi toilichte gun d’fhuair Gàidheal e. Sheinn Donnchadh an nochd “Iseabail Nic Aoidh” is thug e orra creidsinn gum b’e marbhrann Mhic Coinnich a bh’ann. Sheinn mi fhéin òran Gàidhlig an oidhche roimhe air son a’ chiad uair air dealachadh a’ Phrionnsa le Fionnaghal Nic Dhòmhnaill. Rug Mgr. Seumas air Daibhidh ’s e feadaireachd ’sa mhaduinn.
Là N. Thòmais. Bha ghaoth ro-àrd ’sa mhaduinn. Cha d’éirich an Tòiseach aig sia ’sa mhaduinn. Mu naoi uairean thòisich a’ ghrian ri gnùis fhéilidh a chur a mach bho na neulan. Chaidh sinn a chur fàilte air Maighistir Daibhidh. Thug e cluith dhuinn air son an dà uair. Chaidh sinn a mach do’n chladh. Thug na Sassunnaich dhuinn ’san fheasgarSent to the Toweris Pàdruig Blac. Cha mhór a b’fhiach a’ chiad nì, ach bha Pàdruig ro-mhath. Bha òran math aca “Uabhasach Tapaidh.” Nuair a phill (sinn) smaoinich mi nam b’urrainn duine Rob Ruadh a thionndadh gu bhith ’na opera, gum bitheadh (e) toghta air son latha ’n fhear-riaghlaidh. An toiseach bhitheadh am Bàillidh againn am fiachan a cómhradh leis na daoine dha’n robh e am fiachan is dhaibhse dol a mach a’ cuimhneachadh gu robh aig Rob Ruadh dà chiad punnd Sassunnach a bhuin dha-sa, ’s a’ cur roimhe gun reachadh e air an son. Tuathanaich is Saighdearan ann an tigh-òsda, “Am fòghnan ’s a’ Phìob” ’s am Bàillidh tighinn a stigh ’s a’ sabaid. Niall is Rob a’ bruidhinn air a’ chogadh a bh’aca ’n aghaidh na Sassunnaich (sic) —Am Bàillidh ’nam measg. Na Sassunnaich a’ tighinn faisg bho Thornton—am batail—am Bàillidh bochd. Rug iad air Rob. Am Bàillidh dol dhachaidh a’ tachairt
air Rob—faighinn an t-airgiod, is Rob gealltuinn dol dhachaidh leis do Ghlaschu chionn ’s gu bheil e cunnartach. A’ chùirt a’ brath am Bàillidh dhìteadh nuair a thàinig e fhéin is Rob a stigh.
Là N. Sheumais. A’ bruidhinn leis a’ ghille dubh air opera. Thuirt (e) gun do shaoill leis gum b’urrainn opera a dhianamh dhe Rob Ruadh ged nach duirt mi aon fhacal mu dheidhinn. A sin chaidh sinn a bhàn do seòmar na(n) leabhraichean is sgrìobh sinn ar smaointean air crioman pàipeir. Bhitheadh i air a h-ainmeachadh Turus do’n Ghàidhealtachd, is thòiseachadh leis a’ Bhàillidh ’na bhùth ’s an Sassunnach Frannsaidh a’ tighinn a stigh ’s ag innse gu robh (e) deas air son an Turu(i) s. Dhianadh am fonnLe Continoyainneamh math air son deireadh a’ chiad earrainn, etc. etc.
An Là mu dheireadh ’sa Bhliadhna. Chuir mi air falbh litir do mo charaid an Sagart an Dailiobrog. * Bha litir bho Mac na Cathaig an diugh. Thug Deòrsa pailteas tombac dhuinn an diugh chionn ’s gum b’e so an latha air an do dhùisg e ’na dhuine. Thug e leabharManual de Confessoresdo’n fhear a choisneadh e aig na Cuthagan e (sic). Choisinn Uilleam e. Sgrìobh an Tòiseach do D(h) ouai air son a’ Chalaiph am Bagdad. Bha Daibhidh ag ionnsachadh “Nach tig thu air t’ais a rithist” an nochd. Bhaeclipsena gréine ann an diugh.
Là na Bliadhna Uire. Thòisich sinn An Gàidheal an diugh. Gum bi e fada beo! Bha beagan reothadh ann an raoir. Bithidh chiad earrann de’n “Ghàidheal” sgrìobhte a màireach. Mo bhannag ort! Ciad mìle fàilt’ oirre.
* Rev. (an deidh sin Mgr. Canon) Alex. McKintosh.
[Sanasan]
title | Mgr. Ailean anns a’ Cholaiste |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Iain Lathurna Caimbeul in Gairm 12 %p |
parent text | Gairm 12 |