Aonghus Greum agus Alasdair Mac-a- Phearsoin
Le CREAG-GHUANACH
B’E Aonghus Greum a Leódhus agus Alasdair Mac-a- Phearsoin, no mar theirte ris Alasdair Mór, a Uibhist-a- deas, dà shàr cho calma agus cho foghainnteach ’s a sheas a riamh am bonn bròige, anns na h-Eileanan an Iar co-dhiùbh. Bha iad le chéile, mar as gnàth le an seòrsa, anabarrach stòlda agus ciùin ’nan giùlain, agus cha shaoileadh neach le coinneachadh riutha air a rathad mhór gu robh iad ach mar dhaoine cumanta anns an t-sreath. Tha sgeula ghoirid air innse air gach fear dhiubh a nochdas am foghainnteachd. Bha Alasdair Mór aon fheasgair brèagha samhraidh a’ tighinn dhachaidh a Loch-nam-madadh le trom-luchd air an each bhuidhe anns a’ chairt. Aig dìreadh leathad Langais thòisich an gearran a’ sgìtheachadh ’s a’ leigeil ann cho mór agus gum b’fheudar an t-each a thoirt as a’ chàrn agus a cheangal an deidh na cairt. Chuir an sin Alasdair an t-slabhraidh dhroma m’a ghuaillean fhéin agus ghabh e suas am bruthach leis a’ chàrn luchdaichte mar bha e air an each roimhe sin. Rug marcaiche sgoinneil o’n Taobh-an-Iar air agus dh’fheòraich e dheth dé bha ceàrr air an each bhuidhe agus dh’innis Alasdair gu socrach dha gu robh an t-each sgìth agus nach robh e ag iarraidh a bhith trom air. “A bheil thu ag iarraidh cuideachadh?” ars am marcaiche. “Tha mi coma ged a phutadh tu a’ chairt gu mullach an leothaid,” ars Alasdair. Thainig an Siarach bhàrr an eich agus thòisich e a’ putadh gu dìchiollach, ach cha b’fhada gus an robh fhallas a mach agus ged a sguir e car tiotan a leigeil analach cha do stad an càrn. Nuair a chunnaic e sin ’sann a thòisich e a’ leigeil a chudthrom air a’ chàrn, ach lean an càrn air adhart mar a bha e roimhe. Ghabh an duine leithid a dh’iongnadh ’s gur ann a smaoinich e an tuilleadh dearbhaidh a chur airsan a bha a’ tarruing a’ chàirn, agus thòisich e le uile dhìchioll a’ tarruing na cairt an comhair a cùil ach cha tainig maillead sam bith ann an astar a’ chàirn. Nuair a ràinig iad mullach an leothaid leum am marcaiche do’n dìollaid agus anns an dol seachad dha thug Alasdair còir taing dha airson a’ chuideachadh ghasd a thug e dha.
Air do Aonghus Greum a bhith dol dhachaidh a baile Steòrnabhaigh aon là maille ri ochdar fhear thòisich deasbaireachd eatorra mu chreig-cloiche bha ri taobh na slighe. Chuir Aonghus geall r’a chompanaich, airson leth bhodach uisge-bheatha nach cuireadh iad le chéile car de’n chloich. Thòisich na fir le chéile air a’ chloich ach an deidh am fallais a thoirt a mach gus an robh braon agus ceò de am malaidhean cha chuireadh iad gaoth eadar i ’s làr. Thòisich an sin an Greumach fhéin ’na ònrachd oirre agus chuir e gu furasda car thar char dith an aghaidh na bruthach thairis air an rathad mhór far a bheil i ’na laighe gus an là an diugh, mar chuimhneachan balbh air spionnadh agus lùth a’ churaidh ghreimeil sin a thug na tulgaidh ud dhi do’n dìg.
Nise thachair gun do choinnich an dithis laoch so aig aon ám ri chéile ann an Loch-nam-madadh. Bhiodh bàta sònraichte anns an ám sin ri togail nam fear anns na h-eileanan uair sa’ bhliadhna gu dhol do’n “luing” a Ghrianaig. Bha móran de Leódhasaich agus de dh’Uibhistich cruinn aig an ám agus a chionn ’s gu robh ainm Alasdair Mhóir agus Aonghuis Ghreim air dol fad agus farsuing a thaobh an treise, bha e ’na nì annasach gun do thachair iad aghaidh ri aghaidh air an là ud, agus thubhairt sgeigire beag de Hearach a bha làthair “Nach fhiach sibh aon leth-dusan sìnnteag air a chéile ach an dearbh sinn có as fheàrr.” “Dé math ged a dheanamaid sin,” arsa Aonghus Greum,” ’s nach eil anns na Hearadh agaibh na chuireadh o chéile sinn a rithisd.” Le sin ghabh an dithis fhuirbidh sin car làimhe de chéile agus b’iad dithis a bu shìtheile bha an Loch-nam-madadh air an là ud. ’Se am fear as lugha feum gu tric as motha ni de ghleadhraich agus de sgeig, agus fanaidh am fear a tha ’n fhìor chomas air a làimh anns an t-sreath-chùil gu ám na feuma.
[Sanasan]
title | Aonghus Greum agus Alasdair Mac-a-Phearsoin |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Creag-Ghuanach in Gairm 12 %p |
parent text | Gairm 12 |