Cuireideas Cuirte
Le CALUM LAING
GABHAMAID ceum air ais dà ghinealach, agus thigibh còmhla rium gu Cùirt an t-Siorraim an Lochnamadadh. Leigidh sinn ar n-anail gu tosdach air an t-suidheachan chùil as fhaisg air an dorus. Eisdidh sinn ris gach cuspair a thig air adhart, ma seach mar a shéidear na builg. Chluinn sinn cùis-chasaid, cùis-dhìtidh is cùis na còrach. Chì sinn a bheil a’ chòir mar a chumar i, ’s có ’s fheàrr caraid sa’ chùirt na crùn san sporan.
A’ chiad làtha a sheallas sinn a stigh, ’s e Siorram Seatha a tha anns a’ chathair. Tha e a’ fuireach daonnan an Lochnamadadh agus smior na Gàidhlig aige. Chan eil feum air eadar-theangair ann.
Tha Tormad Mac Mhurchaidh air a tharraing le Ruairidh saor air son prìs leapach. Tha an ceasnachadh a’ dol mar so:—
SIORRAM— “An do rinn Ruairidh leab ùr dhut, a Thormaid?”
T.— “Rinn. le ur cead, seòrsa.”
S.— “An do phàidh thu Ruairidh?”
T.— “ ’S mì nach do phàidh!”
S.— “Carson nach do phàidh thu rud a fhuair thu?”
T.— “Cha do chuir e crìoch oirre.”
S.— “ ’S iongantach sin. Dé tha thu a’ ciallachadh?”
T.— “Tha sud mar sud. Cha do chuir e sgeilp innte.”
S.— “Dé am feum a tha agad air sgeilp?”
T.— “Nach fheum mi a’ phìob ’s an tombaca ’s bocsa choinnein a bhith far an ruig mo làmh orra ’s nach ruig làmh eile gun fhios domh?”
S.— “An do chuir thusa, a Ruairidh, sgeilp innte?”
R.— “Cha do chuir.”
S.— “Cuiridh tu sgeilp san leabaidh ’s pàidhidh Tormad thu. Nach pàidh, a Thormaid?”
T.— “Pàidhidh, air a bhois a h-uile sgillinn, an dearbh mhionaid a chuireas e crìoch air an leabaidh.”
An là-arna-mhaireach chunnacas Ruairidh le sàbh is òrd air a ghualainn is déile ’na achlais a’ dol gu tigh Thormaid.
Tha Iain Mac Alasdair ’ic Iain an sin air a ghairm. Chan ’eil ann ach buaireas beag nàbachd. Tha a choimhearsnach airson Iain a bhacadh o bhith gabhail aithghearrachd tarsuinn a chuid iomairean.
SIORRAM— “Am bheil cairt agad, Iain?”
I.— “Tha.”
S.— “Am bheil each agad?”
I.— “Chan eil.”
S.— “Dé feum a nì cairt gun each dhut?”
I.— “Tha deagh làir agam.”
Thug an Siorram binn a mach air taobh Iain!
Chan fhaigh a’ Ghàidhlig bàs ach fhuair an Siorram Seatha, aig aois abaich. Bu mhuladach le ciontaich (cha robh iad lìonmhor) agus
neochiontaich gur e Sasunnach a thàinig ’na àite. B’e an t-àrd mhaor-sìthe an Lochnamadadh, MacEanruic, a bh’air a thaghadh mar eadar-theangair. Agus bha sin aige ri dhèanamh, a chionn nach robh bheag de’n Bheurla Shasunnaich aig inbhich an Eilein Fhada san ghinealach ud. Rud nach do chuidich an siorram ùr, ’s ann air dòigh Athandaimh a bhruidhneadh e.
Latha bha sud ’se bodach a Lochachàrnain, Aonghas Mac Néill ’ic Aonghais, “rob-fhiasagach glas air dhroch sheasamh cas,” a bh’ ann am bocsa nam mionnan an toiseach, ’s gun aon fhacal de’n chainnt Shasunnaich ’na cheann.
SIORRAM (ri MacEanruic). —“Tell him that he is to be put on oath; that he is to hold up his right hand; and that he must repeat exactly the words I say. ”
MACE.— “Tha an Siorram ag iarraidh ort do làmh dheas a chumail suas; agus feumaidh tu mionnachadh, a’ ràdh a h-uile facal a their e dìreach mar a their e iad.”
AONGHAS— “Nì mise sin.”
S. —“I swaya (swear) . . .
A.— “I swaya . . .
Cha chuala an Siorram dad riamh a bha cho fìor choltach ri ghuth ’s ri chainnt fhéin. Rinn e lasgan gàire—cha b’urrainn dhà leasachadh. Rinn, agus na bha’n tigh na cùrtach.
Aig an ám ud bha Iain MacAonghais, duine coibhneil, éibhinn ’na mhaor-sgoile, agus aige ri clann Uibhist a Tuath a thrusadh a steach do dhusan sgoil feadh an eilein. Bhiodh pàrantan a thigeadh geàrr san dleasnas so air an toirt gu cùirt le Bòrd na Sgoile. Thachair sin do Dhomhnall MacFhearghais, duine bha seachad air leth-cheud mun do phòs e. Bha an aona mhac, Niall, air eiridneadh ro chùramach, ged a bha e cho slàn ri ròn. Nam biodh fras no fuachd ann chan fhaodadh e dol do’n sgoil. Dh’fhàg sin athair aig cùirt an là ud. O, nach robh facal Beurla aig Domhnall, thainig air MacEanruic eadar-theangachadh air a shon.
SIORRAM—“Ask him why he is not keeping the boy in school regularly. ”
MACE.— “Carson nach eil thu a’ cumail a’ ghille san sgoil cunbhalach. Feumaidh tu an t-aobhar innse do’n t-Siorram.”
DOMHNALL— “Chan eil brògan aige.”
MACE. —“My lord, he says the boy has no boots. ”
S. —“Tell him that I don’t accept that as a valid excuse. ”
MACE.— “Tha an Siorram ag ràdh nach seas sin mar leisgeul idir.”
D.— “Faighnich dheth an robh brògan aige fhéin an uair a bha e dol do’n sgoil.”
Chrom MacEanruic a cheann ’s thòisich e air slìobadh fhiasaig— —bha sin air, fiasag fhad liath. Ach aon fhacal cha chanadh e.
S.— “You must repeat the man’s words in English for me.”
Cha leigeadh a nàire le MacE. sin a dhèanamh ’s dh’ fhan greis sàmhach.
S. —(firmly). — “I insist.”
MACE.— “My lord, he told me to ask you if you had boots yourself when you went to school”
Dh’ éirich an siorram ’na chabhaig far na cathrach, thug e ceum no dhà chun na cagailt a bh’ air a chùlaibh, thog e brod-grìosaich ’s lean e tacan air brodanachadh an teine. Chan fhaiceadh an sluagh a bha’n làthair aodann, ach chunnaic iad gun robh e air chrith, a fiachainn ri a ghàire chasg. An uair a fhuair e sòlaimteachd air a ghnuis a rithis, thionndaidh e ’s dh’ iarr e air an eadar-theangair innse do Dhomhnall nach rachadh a dhìteadh an turus so, ach gu feumadh e Niall a chumail san sgoil cunbhalach; agus gu robh aig Domhnall ri tighinn a steach d’ a sheòmar nar a sgaoileadh a’ chùirt. Sin mar a bhà.
Thuirt an siorram mar so ri Domhnall: “Thug thu gàire orm an diugh, is thug thu làithean toilichte m’ òige ’nam chuimhne. Bha brògan agam nar a bha mi dol do’n sgoil; ach shuidhinn air fàl an rathaid, thilginn dhìom iad is chuirinn am falach iad ann an toll gàrraidh aig a’ chiad tionndadh a bha ’gam thoirt a fianuis mo dhachaidh. Chuirinn orm iad a rithist air mo thilleadh. Bha mi air son a bhith casruisg mar a bha gillean eile aig an ám ud. Ach gheibh thusa brògan ùra, aodach is rud sam bith eile dh’fheumas Niall. Chì mise fear na bùtha rithist is pàidhidh mi é.
Sud Domhnall sìos ’na ruith gu bùth Iain ’ic Eachuinn le litir an t-siorraim ’na làimh. Ged a bha còrr is deich mìle aige ri mharcachd dhachaidh, cha do rinn e turus riamh cho inntinneach. Bha pasgain a bha feudalach da-rìribh ceangailte ris an dìollaid. Fhuair an siorram còir a bheannachadh. Nach bu mhath a b’ airidh esan air a sin?
[Sanas]
title | Cuireideas Cùirte |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Calum Laing in Gairm 12 %p |
parent text | Gairm 12 |