LAITHEAN M’OIGE
le Dòmhnall R. Moireasdan
Bidh mo smuaintean a’ dol tric gu na làithean anns am bu bheag mo chùram, làithean m’òige. Làithean na bu shaor, shaoirsneil a bha mi, mar a tha ma dh’fhaoite fìor mu gach aon neach. Bithidh mi toirt sùil fhathast air sgeir neo badan anns a’ chladach far am bithinn a’ cur seann chliabh ghiomach airson portain ann ’s mi ’na mo bhalach sgoile; àit’ eile far am bithinn a’ seòladh long le cuid aodaich de dh’anart geal, a shrac mi, neo a gheibhinn a-staigh san taigh. Cha b’e mise ’nam aonar a bha leum ann an subhachas na h-òìge, gu beothail ann an cleasachd, ann an dealbhadh gu cluiche, ’s ann a bhith samhlachadh a-mach an fhìor fhear bàta ’s an iasgair le m’aon chliabh.
An Sgoil
Saoilidh mi gu bheil cuimhn’ agam air a’ chiad latha a chaidh mi dhan sgoil co-dhiù an uiread seo gun do shuidh mi cuide ri co-aoisean eile air suidheachan beag fada ìseal anns an t-seòmar sgoile, dà sheòmar mas math mo chuimhne bh’anns an taigh-sgoile an uair ud, aon seòmar mòr farsaing agus aon eile a bha na bu lugha. Le suidheachain fada gu h-àraidh anns an t-seòmar mhòr, air an robh na sgoileirean mhòr a’ suidhe.
Nise chan eil mòran cuimhn’ agam eadar mi dhol dhan sgoil agus faighinn gu clas “Mary had a little lamb” mar a theireadh na nuadh
Soitheach-seòlaidh, Eye of the Wind, ri taobh bàta ScalpachIsle of Tiree, ris a’ chidhe tha am beul-a- muigh na h-acarsaid a tuath (Samhradh 1981). Chaidh an soitheach-seòlaidh a-null a dh’Àstràilia an dèidh sin.
ghillean neo na nuadh nigheanan. B’e seo a’ chiad leabhar tha mi ’n dùil tha cuimhn’ agam fhaighinn, an leabhar anns an robh an duan cloinne ‘Mary had a little lamb’. ’Se aon mhaighstir sgoile agus dà bhana-mhaighstir sgoile a bha dhar ionnsadhadh anns an sgoil an toiseach nuair a chaidh mise innte.
Aitichean Fàsail
Chì mi fhathast mar an ceudna àitichean mar calachan, caraichean air am biodhte sailleadh èisg, tha an diugh air a dhol bàn, glas gun chlag ùird ri chluinntinn an siud, far a b’àbhaist meadhrachas de chaochladh sheòrsachan a bhith measgadh le gàire, is gean oibreach ann an ùpraid an obair làitheil air an eilean nuair a bha obair a sgadain a’ dol ann am feabhas gu soirbheachail cothromach òrdail, agus an t-eilean fo bhuaidh obair iasgaich is chlòitean is chroitean mar chòs dheillein le sreann gu leòr is piseach.
Ach mo chreach dh’fhalbh sin o timcheall a’ bhliadhna 1930, neo na 1930-an, is thàinig car eile ann an adhairc an daimh.
Chì mi tobhtaichean falamh mar fhianais air an là ud. Seòlaichean, stòir a thuit as a chèile fo mheuran na dùilean is siantan is gailleann an iochdmhor;
Toileachas Inntinn
Bu thoileachas inntinn do neach a bhith beò anns an là ud, their mi ’n diugh; na h-igheanan a’ deanamh bothagan a dèidh àm sgoile, le briachain a’ cruthachadh a-mach cumadh is snasalachd an dreasair ann an seòmar dachaigh, eadar a’ phreis bheag is mòran ghrigleidean eile a’ cur ri comharrachadh obair is ionadan tàimh nan làithean a b’aithne dhaibh-san. ’S na gillean a’ cur an gleachd am buadhan fhèin ann an seadh obair nam fear air bòrd na luinge, a’ dol le pìos lìn gun chladach ’s dha chuir ris an roc, air a bhiathadh uaireannan. Gun a seo ach beagan air smuaintean na h-òige a’ dol gu gnìomh.
Cèilidh
Bha ’n cèilidh a dh’fheumar cuimhneachadh air a’ dol, nuair a bhiodh daoine òga a’ tadhail cha mhòr a h-uile oidhche ann an taighean, ann an taighean àraidh: taigh Cairistìona Mòire air aon dhe na taighean sin. An t-seann chailleach chòir uasal a bha siud, a bha fuireach ’na h-aonar air am biodh na gillean a bha sinn ann a’ dol a chèilidh. Sinn an siud air an oidhche gheamhraidh ag èisdeachd ris na fir, na gillean bu shine ’g innseadh naidheachdan a’ sloinneadh, ’s a chailleach fhèin a’ cur a-staigh facal an dràsda ’s a-rithist ’s a’ ceartachadh na cuideachd.
Sochraichean
Ann a-measg gach eòlas dh’fheumadh a’ chlann fhaighinn ’na mo linn-sa, dh’fheumadh iad eòlas fhaighinn air na Sgriobtairean Naomha, eòlas spioradail bhon Eaglais. Mar sin bha sgoil shàbaid cuideachd air an eilean, air a cumail anns an eaglais, anns an taigh-leughaidh anns an tìm a bha taigh leughaidh an àird, ’s a chiad cheist as leabhar nan ceist air a chur air an fheadhainn a b’òige: ‘Ciod is crìoch àraid don duine,’ agus a bharrachd air a sin earrainnean as a’ Bhìoball, sailm is na sgriobtairean a-mhàin. Bha coinneamhan is searmonan air a frithealadh le sean is òg anns an aon nòs.
Atharraichean
Mar a bha na bliadhnaichean a’ tighinn air adhart, bha atharraichean a’ tighinn, faodaidh gum b’ann mall anns a’ chiad sheirm, ach an sin na bu luaithe air adhart gu atharraichean an latha ’n diugh, sin a thaobh dòigh beò-shlaint, dòigh ionnsachaidh, dòigh eòlais, fòghlam dòigh sgoile, dòigh na h-òige, dòighean eadar-dhealaichte ann an iomadh seagh. Mar aon eisimpleir an t-eallach bh’air a ghiùlain air an druim nis air a ghiùlain ann an carbaid.
Chaidh na croìtean, na fearainn a bha uaireigin air an oibreachadh gach ploc dhiubh a leigeil seachad, an crodh, a’ bhò bhainne. Bainne na canasdairean, bainne na ‘cartons’ mar a chluinneas sinn anns an linn seo. Tha Ghàidhlig a’ call a grèim. Tha cròilean na sgoile air tuiteam gu
An taigh-sgoile ann an Scalpaigh (1982).
cleachdadh is labhairt na Beurla. Obh obh, mar a thuirt seann duine le na ciabhagan tana. “Cha b’ann mar seo a bha a bhalaich ri mo chiad chuimhn’ -sa”. ’S chan ann le ra-spars co-dhiù bu mhiann leam sin a ràdha. On latha anns am b’urrainn dhomh ‘cat’ a litreachadh gu’n seo, ged a bha tomhais dhen a’ Bheurla air a faighinn leinn anns an sgoil bha barrachd grèim againn air a’ Ghàidhlig ann am bitheantas gu bhith dha labhairt nar measg fhèin ’s a-measg na b’urrainn a bruidhinn a-muigh. Bha là eil’ air an eilean ’s b’e sgoil Ghàidhlig a theirte ri sgoil bh’air an eilean, ach ’se tha seo sgeul eile.
- - - - - Dh’fhalbh an dè ’s tha nis am màireach ann.
title | Làithean m’ Oige |
internal date | 1982.0 |
display date | 1982 |
publication date | 1982 |
level | |
reference template | Dòmhnall R. Moireasdan in Gairm 120 %p |
parent text | Gairm 120 |