[174]

BI AOIGHEIL RI LUCHD-TURAISACH LEUGH SEO!

le Calum MacLeòid (Ratharsaigh)

Anns an Lùnasdal 1981 bha na làithean tioram, grianach agus blàth. A thaobh seo, bha mòran de luchd-turais às gach ceàrna air chuairt anns an eilean seo.

Seach gu robh an aimsir cho brèagha, chaidh mo bhean air chuairt gu tìr-mòr a dhamharc air a càirdean. Bha seo aciallachadh nach biodh anns an dachaigh airson seachdain ach mi fhìn.

An dèidh dhi falbh, thòisich mi ri spealladh an fheòir. Ach làithean roimhe seo, chuir mi lìn-sgadain, agus aon latha fhuair mi leth-cheud sgadan agus beagan rionnaich; agus seach gu robh an sgadan annasach, smaoinich mi gum biodh e agam còmhla ri buntàta ùr air mo dhìnnear a h-uile latha agusgu as fheàrrcòmhla ris an t-seann bhuntàta gorm a bha aig ar n-athraichean mar bhuntàta tràth.

Aon latha, agus mi an dèidh am buntàta agus an sgadan a bhruich, agus iad air truinnearan ullamh air abhòrd bheag anns an sgàth-thaigh a bha mach den t-seòmar-bidhe taobh cùil an taighe, agus mi air suidhe sìos, rùisg mi buntàta. Cha tug mi ach greim no dhà às nuair a chuala mi a bhith abualadh an dorais a-muigh a bha air an sgàth-thaigh, taobh aghaidh an taighe. Chaidh mi a choimhead a bhann le leth-bhuntàtana mo làimh chlì agus mi acagnadh aghrèim a bhanam bheul, oir shaoil mi gur e mo nàbaidh a bhann, agus e mar fhasan aige tighinn a dhobair leis achòmhradh-dealain, uidheam nach robh aige fhèin.

Ach nuair a dhfhosgail mi an dorasse a bha fam chomhair boireannach àrd, dèanta. “Am bi sibh cho math,” thubhairt i, “agus gu lìon sibh am botal falamh seo le uisge òil,” agus i aig acheart àm asìneadh abhotail thugam agus ag ràdha, “Cha toigh leam a lìonadh à uillt gun fios agam am beil an t-uisge annta sàbhailt.”

mi sin glè thoilichte,” fhreagair mise, “ach nach gabh sibh cupa teatha.”

Bidh mi glè thaingeil air,” thubhairt ise, “mur cur mi èis no dragh oirbh.”

Gu dearbh, cha chuir,” arsa mise, “oir tha mi aig mo dhìnnear, agus tha an coire agam air achòcaire san sgàth-thaigh cùil. Bidh mi dèanamh teatha co-acathigibh a-steach.”


[175]

Rinn i seo. Bha màileid no pac mòr air a druim a chuir i dhith anns an sgàth-thaigh. Bha bonaid ghrinn oirre, seacaid thana ghorm le muilicheannan goirid, briogais bheag le osain mu cromadh air faid agus brògan ìosal làidir le socsaichean goirid. Bha na bha ri fhaicinn de a craiceann rùisgte ruadh leis aghrèin; agus a thaobh aois theirinn, “astreap ris an fhichead.”

Threòraich mi i don t-seòmar-bidhe agus gu suidhe sìos anns achathair-ghàirdeanach ri taobh an àite-theine. “Tha mi duilich nach eil mo bhean a-staigh, ach cha bhi mi fada adèanamh cupa teatha dhuibh,” thubhairt mi rithe. “Tha an coire air an teine san sgàth-thaigh cùil.” An sin thubhairt ise, “Seo achiad uair agam anns an Eilean Sgiathanach agus ann an Ratharsaigh. Ged a shiubhail mi mòran den t-saoghal, chan fhaca mi seallaidhean cho grinn agus a chunnaic mi air an turas seo. Faic: eadhon bho far am beil thu fhèin acòmhnaidh, chì thu ceann a tuath an Eilein Sgiathanaich, an Cuan Sgìth, Na Hearadh agus Leòdhas. Ach gu an chreag neònach a tha nas fhaisge na cladach Na Hearadh?” “Tha,” arsa mise, “anns aBheurla naShiants. Anns aGhàidhlig Na h-Eileanan Mòra.” “An e eileanan mòra a thannta,” thubhairt i, “dòcha uimhir ri Ratharsaigh?” “Chan e,” arsa mise, “ach tha creagan anabarrach mòr annta.”

An sin dhfheòraich mi, “Cia às a tha sibh?” Fhreagair i gu robh à Sasainn agus dhinnis i a h-ainm. Nuair a chuala mi sin thubhairt mi, “Cha chreid mi fhìn nach e fine Frangach a tha agaibh.” Rinn i lasgan gàire agus thubhairt i, “Chan eil sibh fada ceàrr, oir tha e air aithris gun tàinig na daoine dem beil mise a Shasainn comhla ri Uilleam Buadhair.” “Tha ùine mhòr bhon àm sin, thubhairt mise, “Blàr Hastings ann an 1066.”

Dhfheòraich i an sin gu a bainm dhomh, agus dhinnis mi gu robh mi de Chloinn Leòid, a thàinig à Lochlann gu Alba dlùth air an aon àm agus a thàinig na daoine den robh ise à ceann a tuath na Frainge gu Sasainn. An sin dhfheòraich i gu bu cheàird dhomh mun do leig mi dhìom a bhith ag obair, agus dhinnis mi gu robh mi ann an Seirbhis Luchd-cùraim nan Taighean-solais. “Their iadTaigh na Trianaidris achuideachd sin ann an Sasainn,” thubhairt ise. “ an obair ris am beil sibfhèin?” dhfheòraich mi dhith (oir bha min dùil gur ann ateagasg ann an sgoil a bha i). “Tha mi”, ars ise, “ ’nam àrd-chlèireach aig Comhairle baile mòr ann an ceann a deas Shasainn.”

Nuair a chuala mi co ris an robh mi acòmhradh, cha mhòr nach tainig fallas fuar orm. Cha robh mi ciallachadh ach cupa teatha agus briosgaid a thoirt dhina làimh. Ach nuair a chuala mi iboireannach foghlaimte agus ann an àrd-inbhesmaoinich mi gu feumadham muillean a bhith a-rèir abheathaich”, ged a bha mi glè shocharach agus, ann an seagh, aithreachas orm gun tug mi cuireadh dhi tighinn a-steach.

A-nis, mun do dhfhalbh mo bhean, chuir i air dòigh am bòrd-bidhe


[176] beag anns an sgàth-thaigh cùil airson gum bithinn agabhail mo bhidhe air gus an tigeadh i air ais. Bha seo afàgail ar seòmair-bidhe cuimir agus glan airson neach sam bith a thigeadh a choimhead orm. A bhàrr air seo, chuir i brat grinn air abhòrd-bidhe ann agus soitheach làn fhlùraichean air a mheadhon gus a bhith spaideil. Co-dhiù, thòisich mi air ullachadh na teatha don bhan-Sasannach mar seo: thog mi air falbh an soitheach anns an robh na flùraichean, dhùblaich mi am brat gu aon cheann den bhòrd agus dhfhosgail mi am preas far an robh abhean acumail thubhailtean. Rug mi air achiad a chunnaic mi, agus nuair a dhfhosgail mi à pasgadh i bha i air leth grinn, le dealbhan eun agus bheathaichean fiadhaich iomadh-dathach, agus sgrìobhte oirre ann am Beurla “Sanctuary of Corrumbura, Queensland.” Tubhailt a chuir caraide thugainn à Astràilia. Sgaoil mi i air abhòrd.

An sin dhfhosgail mi am preas glainne anns an robh abhean acumail shoithichean sìona, agus thug mi às cupa, truinnsear-buinn, truinnsear beag agus truinnsear arain. Chuir mi air abhòrd iad còmhla ri sgian agus spàin-teatha. An dèidh seo chuir mi aran, bonnaich bheaga agus briosgaidean air, comhla ri soithichean le ìm, siùcar, silidh agus bainne. Lorg mi an sin poit-teatha ùr ghrinn cheithir cupannan, agus chaidh mi leatha don sgàth-thaigh cùil, far an robh an coire gu dian afeadaireachd agus e agoil. Sgol mi aphoit-teatha, chuir mi teatha innte agus lìon mi i le uisge goileach. Chuir mi còmhdach-teas oirre, agus chuir mi air abhòrd san t-seòmar-bidhe i, is truinnsear-buinn fòidhpe.

An sin thubhairt mi ris abhan-Sasannach, “Suidhibh-se sìos air achathair seo aig ceann abhùird agus gabhaibh bhur teatha gu socrach. Tha mise dol don sgàth-thaigh cùil a chur crìoch air mo dhìnnear.” Rinn i seo, agus chaidh mise a-mach air an doras don sgàth-thaigh. Ged a bhan doras seo fosgailte, cha robh sinn am fianais a chèile. Bha balla-cùil an taighe eadarainn. Air suidhe sìos dhomh aig abhòrd bheag, ghlaodh mi rithe, “ cho fada tuath agus a tha sibh adol?” “Tha,” ars ise, “gus an comharra a thaig an Riaghaltas air beinn àrd.” “Sin agaibh,” arsa mise, “Beinn na h-Iolaireann am Beurla, Eagle Mountain — mu dhà mhìle tuath air an taigh seo.” Chuala mi an sin i amonmharBen-na-hi-o- lair-ee.” Bha mise air buntàta a rùsgadh, agus mi le mo mheòirean atoirt nan lannan de òrda-chinn sgadain, nuair a chuala mi ùpraid anns an t-seòmar-bidhe. Gu grad leum mi a-steach. Bha an sin abhan-Sasannachna seasamh, agus i gu dripeil atiormachadh a sliasaidean le neapaicin beag a thug i fo bhann a h-uaireadair air caol a dùirn.

thachair dhuibh?” thubhairt mi rithe. “O,” ars ise, “thachair tubaiste. Chuir mi car den chupa làn teatha, agus thuit enam uchd. Cha do bhrist mi idir e.”

Tha sibh air bhur losgadh,” thubhairt mise.

Tha eagal orm gum beil,” fhreagair i.

Sheall mi an sin oirre. Bha uachdar a shliasaid bho lag na slèisde


[177] gu mullach na glùin cho dearg ri druim ghiomach mhòr air am bruich. An dèidh dhòmhsa an seòmar-bidhe fhàgail, lìon i an cupa le teatha, ach a chionns nach robh i acleachdadh bainne innte, bha an teatha ro theth ri h-òl nuair a bhlais i oirre. Gus am fuaraicheadh i, sgaoil i clàr-dùthcha a bha aice de Ratharsaigh ri taobh air abhòrd gus am faiceadh i càit an robh Beinn na h-Iolaire, agus, gar bith an spuacail a bhoirre, bhuail a h-uilinn sachupa, agus chuir e carna h-uchd leis na bhann.

O,” thubhairt mi rithe, “feumaidh cungaidh-fionnarachaidh a dhol air bhur sliasaidean cho luaths a thanar comas mus èirich ena bhuilg-uisge a creuchdan oirbh. Am beil nur pac a tha freagarrach?” “Chan eilna mo phac,” fhreagair i, “ach aodach, biadh agus pailliun paisgte. Tha mi air leth duilich airson ammessa rinn mi den anart-bùird agus den bhrat-ùrlair, agus is math nach do bhris mi an cupa.” “Na gabhaibh dragh sam bith a thaobh sin,” thubhairt mi. “Is dorra leamsa sibh a bhith air bhur losgadh.” Thug mi sùil oirre, agus bha na deòir asruthadh bho sùilean agus ruthadh deargna gruaidheancha mhòr nach deach i ann an laigse.

Suidhibh-se anns achathair-ghàirdeanach gus am faic mise an lorg mi stuth freagarrach airson losgadh,” thubhairt mi rithe, aig an aon àm atoirt grad-leum don chlòsaid a bha a-mach às an t-seòmar-bidhe. Dhfhosgail mi ann an sin preas beag anns an robh, ar leam, stuth den t-seòrsa a bha dhìth orm. Air achiad sgeilpe bha botal Famal, botal ìodain, botal bainne maignìsia agus botal shùgh fhìogaisean. Air an ath sgeilpe bha botal Bostaic, botal deasgain-càise, bocsa Sam-buc agus botal ola-castair. Rug mi air abhotal ola-castair, ach dòcha nach faca abhan-Sasannach ola-castair riamh! Bha nàire orm a thoirt am follais, air eagal mus cuireadh fhàileadh i ann an laigse cheart. Cha robh ann freagarrach.

An sin chuimhnich mi gun tàinig mo bhean dachaigh à Port-rìgh mu bhliadhna air ais agus trì bocsaichean beaga aiceaon gorm agus dhà dearg agus, nuair a dhfheòraich mi carson a bha iad, gun duirt i, “Tha am bocsa gorm, Sabhlon, airson ghearraidhean no rùsgadh, agus na dhà dhearga Aicriflecs airson losgadh no dathadh.” Ach càit an robh i air an cur? Ruith mi an sin a-steach dar seòmar-cadail, oir bha fios agam gu robh preas beag aig mo bhean ri taobh na leapa, agus nuair a dhfhosgail mi ese achiad ni a lorg mi ann rola de chlòimh cotain agus am bocsa Sabhlon. Gu grad thill mi leotha far an robh abhan-Sasannach, agus thubhairt mi rithe a sliasaidean a thiormachadh le bad den chlòimh cotain agus dhfhosgail mi am bocsa Sabhlon. Bha botalna bhroinn de luaidhe bhog, is sgòrnan biorach air. Nuair a thug mi an ceann dheth agus a bhruthainn am botal, thigeadh boinne an dèidh boinne de stuth geal às. Thòisich mi aig mullach aon de glùinean, a sgaoileadh an stuth seo air a craiceann cho aotroms a bhanam chomas le meòir mo làimh dheis. Nuair a bha mi suas aig lag na slèisde, agus mi afaotainn air adhart gu math acòmhdach achraicinn dheirg leis an stuth, a chunnaic mi adeàrrsadh air cùl mo mheòirean


[178] ach lannan sgadain! Leis achabhaig, nach do dhìochuimhnich mi mo làmhan a ghlanadh. Nuair a mhothaich mi dha seo, thubhairt mi ris abhan-Sasannach, “Seach gum beil sibh ullamh de thiormachadh na teatha leis achlòimh cotain, sgaoilibfhèin an Sabhlon a-rèir mar a dhfhuilingeas sibh ele bhur làimh. Bidh sin nas luaithe, agus leanaidh mise ga dhòrtadh. Chaidh seo a dhèanamh gus an robh uachdar a shliasaid gealcoltach ri liath-reodhadh aleaghadh às is teas grèine air. Bha an stuth adol à sealladh ann an ùine gheàrr leis an teas a bhana craiceann. Co-dhiù, chaidh Sabhlon a liacradh air na bha dearg de craiceann ann am pailteas.

An sin thubhairt i rium, “A h-uile h-àite air an deach an Sabhlon, dhfhalbh an cràdh. Dòcha nach bi an losgadh cho dona agus a bha min dùil.” “Glè mhath,” fhreagair mi. “Seo agaibh am botal Sabhlon; cha mhòr nach eil e falamh, ach bithibh-se acur na thann air àite sam bith a chì sibh tioram, agus theid mise a lorg an bhocsa Aicriflecs.”

Chaidh mi rithist don t-seòmar-cadail agus lorg mi anns aphreas an bhocsa Aicriflecs agus thug mi iad airson a bhith aice air a turas. Bha mi duilich a thaobh i bhith cho draghail airson na tubaist, ach arsa mise rithe, “Dhfhaodadh a leithid tachairt do neach sam bith.” Rinn mi an sin làn poit de theatha ùr agus ghabh mi fhìn cupa còmhla rithe. An dèidh sin sheall sinn air a sliasaideanged a bha iad dearg, cha do dhèirich an craiceann ann an àite sam bith, agus dhfhalbh i air a turas.

Is mise a bha taingeil nach do dhòirt an teatha theth air a briogais-bheag. Nan robh sin air tachairt, bhan losgadh air a bhith fada na bu mhiosa. eilebha mi cinnteach, nan tigeadh oirre a cur dhith, nach robh a leithid eile san fhàrdaich. Abhriogais bu mhotha agamsa, cha rachadh a bann seachad air a cruachain.

Ann an tubaist losgaidh, feumar sealltainn ris glè sgiobalta ann am beagan mhionaidean, mus èirich ena bhuilg-uisge. Nuair a bha mi dol don sgoil, dhòirt nighean muga lan còco tethna h-uchd. Bha na truaghan sia seachdainean mum burrainn i coiseachd don sgoil. Cha do dhìochuimhnich mi riamh an coltas a bhoirre. Mar sin, bha fìor thruas agam ris abhan-Sasannach ghasda.

Cho luaths a dhfhalbh i, bfheudar dhomhsa mo dheagh dhìnnear ath-theodhachadh agus, cho luaths a chuir mi crìoch oirre, tòiseachadh air an t-anart-bùird a nighe, aglanadh aiste nan sgallan ruadha agus, nuair a thiormaich i, ga pasgadh far an robh i roimhe. Gus an -an-diugh, ma dhaimnichear am facalAstràilia”, tha atighinnnam chuimhne “Sanctuary of Corrumbura” agus abhan-Sasannach!

titleBi aoigheil ri Luchd-turais — ach leugh seo!
internal date1983.0
display date1983
publication date1983
level
reference template

Calum MacLeòid in Gairm 122 %p

parent textGairm 122
<< please select a word
<< please select a page