PROISECT MUINNTlR NAN EILEAN ANNS NA HEARADH
le Mòrag NicLeòid
Thainig rud neo dhà ùr annasach an lùib na dòghach ùir air riaghladh sgìreachdan a thachair ann an 1973 agus tha fhios gu robh na h-Eileanan an Iar fortanach seach mòran àitichean gun d’fhuair iad seòrsa de dh’fhèin-riaghladh aig an àm sin. ’Se aon de na h-annasan anns an deach cuid de luchd-dreuchd Comhairle nan Eilean an sàs iarrtas a chur gu Urras Van Leer anns an Olaind gus pròisect foghlaim a chur air chois anns na h-eileanan. Chuir Van Leer Daibhidh MacAoidh a Leòdhas a rannsachadh a robh a leithid de dh’obair so-dhèanta anns na h-Eileanan, agus chuir iad Anna NicDhòmhnaill an sàs anns an rannsachadh ’na sgìre fhèin, Nis. Dh’fhasdadh Sìle, bean MhicLeòid, a bha uaireigin ag obair aig Gasaet Steòrnabhaigh, ’na ban-chlèireach. Bha Daibhidh MacAoidh air a bhith ag obair aig Van Leer ann an grùnn àitichean; duine ciatach, tàileantach, èasgaidh a chuireadh e fhèin a-staigh air duine sam bith. Bha Sìle i fhèin comasach air cus a bharrachd na tha an dreuchd “ban-chlèireach” a’ cur an gèill, agus bha iad le chèile ’nan tacsa mhìorbhaileach dhuinn uile, fhad ’s a mhair a’ chiad ìre den Phròisect. ’Se buil a bha ann gun deach gabhail ri iarrtas na Comhairle an ceann na bliadhna sin, agus thòisich mi fhèin agus Cailean MacillEathainn ag obair air Pròisect Muinntir nan Eilean, còmhla ri Anna, anns na Hearadh, anns an Iochdar agus ann an Nis, ann an 1978. Bha seo gu bhith airson trì bliadhna.
Tha pròisectan aig Urras Van Leer air feadh an t-saoghail, far a bheilear a’ faicinn feum aig daoine air leasachadh ’nan caitheamh-beatha. Chaidh am Pròisect a chur air chois anns na h-Eileanan an Iar “airson gu robhas a’ faireachdainn gu robh feum air seòrsa foghlaim:
a) nach robh glaiste an taobh a-staigh ballaichean na sgoile, ach a bha a’ frithealadh na coimhearsnachd air fad:
b) a bheireadh do mhuinntir nan Eilean barrachd tuigse air an suidheachadh fhèin agus barrachd misneachd gus an suidheachadh sin a leasachadh.” [Leabhran mun Phròisect 1981]
Abair obair! Abair adhbhar dùlain! Bha fear-stiùiridh a’ cumail rian air a’ Phròisect ann an oifis an Steòrnabhagh. Dh’fhaodamaid ar comhairle chur ris-san, agus troimhe-san ri Roinn an Fhoghlaim, agus bha comataidh
de luchd-dreuchd ann am Foghlam agus ann an Comhairle nan Eilean dha ar coinneachadh mu uair san ràithe airson sgrùdadh a dhèanamh air an obair a bha sinn a’ dèanamh. Ach aig toiseach gnothaich co-dhiù, bha an dòigh anns an dèiligeamaid ris an obair gu mòr an urra ruinn fhèin.
Tha timcheall air dà mhìle gu leth duine a’ fuireach air tir-mòr na Hearadh agus faisg air còig cheud ann an Sgalpaigh. ’Sann air an Tairbeart a fhuair mise oifis agus àite-fuirich. Bha sin fhèin ’na ghnothach cugallach. Le bhith fuireach anns an aon bhaile ris an dotair, ri fear nam fiaclan, ris a’ bhancair, ’s ris a’ mhaighstir-sgoile, a chuile h-aon dhiù ’na choigreach agus mar bu trice gun Ghàidhlig, a robh mi a’ dèanamh dìmeas air na bailtean beaga iomallach anns a robh barrachd de mhuinntir na dùthcha? Co-dhiù neo co-dheth, ann an iomadach dòigh cha ghabhadh e leasachadh, o nach robh rùm obrach neo taigh rim faotainn am bad sam bith eile.
Thòisich mi le dhol chon a chuile coinneamh a bha dol, chaidh mo chur air corra chomataidh, agus fhuair mi beagan eòlais mar sin air cò na daoine “a b’fhiach” anns an àite. ( ’Sann à Sgalpaigh a tha mise, agus bidhear a’ magadh oirnn nuair a bhios sinn dha ar cur fhèin air leth o mhuinntir na Hearadh, ach chaidh mise don sgoil an InbhiNis aig aois dusan bliadhna; bha bàta Mhic a’ Bhruthainn a’ tadhal an Sgalpaigh ’s a’ dol às sin dhan Chaol. Cha robh bùithtean an Tairbeart cho mìorbhaileach seach feadhainn Sgalpaigh agus Williams agus Oxendale ’s gum biodh daoine a’ dol ann tric. Saoilidh mi nach robh muinntir nan eilean cho eòlach air a chèile anns an leth-cheud bliadhna chaidh seachad ’s a bha iad ron sin, agus a bhitheas iad às dèidh seo, airson caochladh adhbharan.) Bha mi ann an oifis còmhla ri tè a bha air a bhith fuireach anns an eilean fad a beatha, agus b’i an tè-clàraidh airson an eilein. Cò a b’fheàrr gus mo chur ’nam fhaicill a thaobh cò a bha càirdeach don fhear ud neo
[Dealbh]
Fhuair mi oifis air cùl oifis nan Obraichean Sòisealta, air an Tairbeart.
[Dealbh]
Taigh-sheinnse Ròghadail, an ceann a deas na Hearadh.
don tè ud, agus cò bha ’nan dearg nàimhdean da chèile, ’s cò bha laghach, còir, glic comasach!
Bheireadh e ro fhada bruidhinn mun chuile nì ris a robh a bheag neo mhòr de ghnothach agam, agus cumaidh mi ri beagan dhiù. Ghabh mi pàtran pròisect Nis an siud ’s an seo, ach bha tòrr air an do dh’obraich Anna a’dol mar-tha anns na Hearadh, leithid Leabhar Fòn, Day Centredha na seann daoine, Co-chomann. Cha b’ionnan àite, cuideachd. Tha an aon àireamh dhaoine anns an dà àite, ach tha muinntir Nis an taobh a-staigh de chòig mìle a dh’astar; tha mu leth-cheud mìle eadar crìoch Leòdhais agus Ròghadal anns na Hearadh, gun tighinn air na bailtean beaga a tha a sear ’s a siar air an rathad sin. Mar sin, dh’fheuch mi ri buidheann sheann daoine fhaighinn còmhla anns an Tòb, coltach ris a’ bhuidhinn a bha air an Tairbeart mar-tha. On is ann dhaibh-san dhan duilghe dhol ann as fheumaile a leithid seo, bha e fortanach gu robh còmhdhail ri fhaighinn dhaibh mar bu trice. Bha cròileagan air an Tairbeart cuideachd, agus bha mi treis a’ smaoineachadh gum bu rud e air nach robh feum aca an Sgalpaigh ’s na taighean cho faisg air a chèile.
[Dealbh]
Bha rùm againn ri taobh bùth “Bean Angaidh” anns a robh na seann dealbhannan ri ’m faicinn.
Ach chruinnich na màthraichean ’s dh’aontaich iad gu feuchadh iad air cròileagan a chur air bhonn. Chan eil teagamh nach do rinn e feum don chloinn a bha fad às, diùid, a’ dèanamh na slighe nas rèidhe dhaibh man deidheadh iad dhan sgoil. Tha mi ’n dùil gun do rinn e beagan do na màthraichean cuideachd, ach tha e uabhasach duilich do mhàthair òg laghach gabhail oirre fhèin càch a stiùireadh, ged a bhiodh an comas aice.
Bha daoine air a bhith bruidhinn air pàipear-naidheachd anns na Hearadh airson treis mus deachaidh mise ann, agus cha robh mi fada ann gus an d’fhuair sinn “Dè tha dol” gu dol. Fhuair sinn airgead onMhanpower Services Commissionairson a chlo-sgrìobhaidh airson bliadhna, agus às dèidh sin bha tè a bha faisg air làimh dha dhèanamh. Bha dràibhearan busaichean na sgoile a’ toirt a’ phàipeir chon nam bùithtean. Cha robh e furasda naidheachdan fhaighinn uaireannan ach bha sinn a’ dèanamh an gnothaich mar bu trice, agus bhiodhte dha mholadh ’s dha chàineadh, mar a bhiodhte an Gasaet fhèin glè thric!
An rud a b’fheàrr a thachair rium anns na trì bliadhna a bha mi aig Pròisect Muinntir nan Eilean, ’se an clas-oidhche a bha a’ dol dà gheamhradh ann am Mànais, baile beag air taobh nam bàgh den eilean.
’Se nigheanan òga bu mhotha bha ann, agus bha bodaich à taigh nan seann daoine air an Tairbeart ag ionnsachadh dhaibh ciamar a dhèanadh iad treidheachan is stùil ’s a leithid sin, le cuilc. Bhiodh fireannaich a’ tadhal dìreach airson còmhradh ri na bodaich. Bha cothrom againn air rud mar sin a dhèanamh gun a bhith fo chuibhrichean Chomhairlean Foghlaim.
An ceann ùine fhuair sinn airgead onMhanpower Services Commissiondo chòignear òga agus do fhear-stiùiridh airson eachdraidh an àite a chruinneachadh. Chaidh tòrr dhealbhannan a thrusadh agus chuidich pròisect Nis agus fear an Iochdair agus Sgoil-Eòlais na h-Alba sinn len copaigeadh ’s am meudachadh. Bha iad rim faicinn ann an rùm am meadhan a’ bhaile air an Tairbeart, agus thog iad ùidh dhaoine thall ’s a-bhos. Bha an luchd-obrach cuideachd ag iarraidh eachdraidh air muinntir an àite, ’s dha fhaighinn air teip. Cha robh an gnothach ach gann air tòiseachadh nuair a bha a’ bhliadhna seachad, ach tha mi ’n dùil gu bheil e a’ dol a chumail air adhart le tuilleadh airgid a-nis. Bha an sgeime seo glè fheumail airson naidheachdan a’ Chogaidh Mhòir a chruinneachadh, agus nochd an leabhar a thainig às — le naidheachdan às an Iochdair is à Nis — an uiridh agus ghabhadh ris gu math.
Thòisich Mòd na Hearadh fhad ’s a bha mi ann. Cha robh luchd-stiùiridh a’ Phròisect air a shon idir ’s iad dha fhaicinn mar dhroch rud gum biodh daoine a’ co-fharpais ri chèile. Bha co-dhiù aon bhan-sgoilear den aon bheachd. Ach anns na Hearadh cha mhòr nach e seo an aon dòigh anns an ionnsaich a’ chlann òran Gàidhlig ’s a’ chuid mhòr de na tidsearan gun bhiùc seinn. Bha iad aig an àm ud às aonais tidsear ciùil. Cha chreid mi gun do dh’adhbhraich am mòd a bheag sam bith de dh’aimhreit, ach dh’fhaodadh e fhathast a dhol ’na fhèisd, tha fhios, le britheamhnan a sheachnadh, ach tha an t-eagal an còmhnaidh nach nochd duine mur a bi co-fharpais ann. Tha mi-fhèin an dòchas, ma theid gu math dhaibh an Uibhist, gu faigh iad misneachd anns na Hearadh airson fèisd a dhèanamh den mhòd cuideachd.
’Sann air sàilleamh m’obrach ann an Sgoil-Eòlais na h-Alba a chuir mi a-mach dà chassette, le leabhar an urra, de dh’òrain ’s de laoidhean a sheinn Cairistìona Seadha, i fhèin ’s a piuthar Peigi, agus bannal-luaidh. ’Sann on Sgoil a thogadh na h-òrain ’s na laoidhean ach chuireadh a-mach iad, tro Acair, fo ainm Pròisect Muinntir na Hearadh, agus tha iad rin cluinntinn air feadh an t-saoghail. Bha dà bhuidheann luaidh a’ coinneachadh an dràsda ’s a-rithist ’s ag ionnsachadh òran. Dh’obraich iad gu math trang aig àm Mòd nan Eilean, agus cluinnear tè de na buidhnean aircassetteIomall a’ Mhòid.
Dh’fhàg mise am Pròisect aig deireadh an Iuchair 1981, ’s cha deachaidh duine chur ’nam àite. Chan e mo chuid a chantainn an do rinn mi feum anns na Hearadh neo nach do rinn. Ga be dè na tha ri fhaighinn de dh’airgead airson a leithid seo, ’se cò tha an urra ris agus cò na daoine
[Dealbh]
Ath-linne. Na Hearadh air an dàrna taobh de Loch Siofort, ’s Leòdhas air an taobh eile.
tha ann airson a chuideachadh a tha cudromach. Agus an dèidh sin cha chùm rud a’ dol ma bhitheas e ro mhòr an crochadh ri aon duine. ’Se sin aon de na rabhaidhean a fhuair sinn nuair a thòisich sinn air a’ Phròisect: gum bu chòir gun cumadh rud sam bith air an do thòisich sinn a’ dol às ar n-aonais. Mur a cumadh cha robh na daoine dha iarraidh. Tha barrachd air sin an ceangal ris, duilgheadasan faighinn o àite gu àite, mar eiseimpleir. Fiù is le bus “coimhearsnachd” cha robh e furasda daoine fhaighinn cruinn còmhla ro thric. Tha “Dè tha dol” ann fhathast, agus Mòd na Hearadh, agus tha buidheann às ùr a’ dol a chruinneachadh eachdraidh.
Airson caochladh adhbharan tha am Pròisect air atharrachadh anns gach àite. ’Se obair am-measg chloinne a tha fo aois sgoile, agus cuideachadh do chomainn eachdraidh, na goireasan air a bheil Van Leer a-nis a’ leigeil cudrom. Mar sin bidh na Hearadh, tha mi creidsinn, a’ faighinn cuideachadh cleas a’ chorra, ged nach eil obraiche an làthair ann gu cunbhallach. Bha an obair a rinneadh an Nis fo sgèith a’ chomainn eachdraidh ’na ùrachadh mòr don sgìreachd, agus, ri tìde, dh’fhaodadh gum bi e mar sin do na Hearadh cuideachd.
(Bha na dealbhannan gu lèir air an togail le Cailean MacIllEathainn).
title | Proisect Muinntir nan Eilean anns na Hearadh |
internal date | 1983.0 |
display date | 1983 |
publication date | 1983 |
level | |
reference template | Mòrag NicLeòid in Gairm 123 %p |
parent text | Gairm 123 |