[38]

AN TUAGH-CLOICHE

le Calum MacLeòid (Ratharsaigh)


[39]

Toiseach aGhiblein seo a chaidh, thòisich mi ri leudachadh achois-cheum a bha eadar mo dhachaigh agus an rathad ùr. Bha mi acladhach talamh, agus adol a chur stèidh de chloichna àite, nuair a lorg mi nach faca mise a leithid riamhtuagh-cloiche air leth grinn agus snasail.

Dòcha gu faca cuid de mo leughadairean tuagh-cloiche ann an taighean-tasgaidh sheann nithean anns na bailtean mòra. Ach ged a làimhsich mise mòran chlach mo bheatha, gus a seo chan fhaca mi tuagh-cloiche a bhuineas don àm ris an abair luchd-foghlaim Linn na Cloicheàm mun dfhuair daoine eòlas air staoin, umha agus iarann.

Tha an tuagh sia òirlich air faid agus trì òirlich air leud aig an fhaobharam bad as leatha dhith. Tha a mullach air cumadh geinn biorach airson a dhol a-steach don làimh mhaide. Tha i de stuth mìn le dath glas-uaine. Thaobh seo, tha i air leth cruaidh, le faobhar leth-chruinn, air a dhèanamh cho gleusda ann an teis-meadhan na cloiche agus ged a be an snaidheadair-chlach a bfheàrr ann am Breatainn a dhealbh i. Cho fadas as aithne dhomh, cha do lorgadh a leithid roimhe seo ann an Ratharsaigh no anns an Eilean Sgiathanach. Thaobh seo, tha i da-rìribh annasach. a thug an seo i? No a bha neach adèanamh an seo leatha?

Tha freagairt nan ceistean sin, a-rèir nan uile coltas, mar seo. A-rèir beòil-aithris, ’se na Lochlannaich a loisg na coilltean anns na ceàrnan seo, ach tha am freumhan fodha samhòintich gus an la an-diugh. Tha lòn Arnais, a thana thalamh-àitich, làn de ghiuthas-blàir. Tha bun aon chraoibh ann agus tha e ceithir troighean air a tharsainn. Tro iomadh linn bha daoine atoirt freumhan nan craobhan giuthais às an lòn gus beothachadh teine, oir bha am fiodh làn ròsaid agus furasda a lasadh. Cuideachd, a thaobh agus mar a bha e le ròsaid, cha lobhadh e, agus bha daoine adèanamh iomadh feumail eile dheth. ’Se cnagan den ghiuthas seo a bha atàthadh chabar ri chèile agus acumail nan sparran orra. Bha gach druim fuadain air a thàthadh anns na h-eathraichean leis na cnagan ceudna. Theireadh ar n-athraichean transailean ris na cnagan giuthais seo. Bha gach fearsaid agus gach crois-iarna air a dèanamh leis an fhiodh seo cuideachd.

Tha cuimhnagam air mo sheanair a bhith ag innse mu ghailleann anabarrach 1881, nuair a dhèirich am muir os cionn fichead troigh na bàirde na bàbhaist. Chaidh gach eathar anns na ceàrnan seonam mìreanach aon a bha air a ceangal le ròpa de ghiuthas-blàir Arnais. Chì sinn a-nis gu robh ar n-athraichean adèanamh feum den ghiuthas seo, agus chan eil teagamh nach robh daoine ri Linn na Cloiche adèanamh an cheudnaagus gur h-e sin an t-adhbhar a dhfhàg an tuagh ud ann an seo.

Chan eil fhios càit an deach a dèanamh, ach bha Sgìre nan Loch ann an ceann a tuath Shasainn ainmeil airson thuaghan den t-seòrsa seo.

titleAn Tuagh-cloiche
internal date1983.0
display date1983
publication date1983
level
reference template

Calum MacLeòid in Gairm 125 %p

parent textGairm 125
<< please select a word
<< please select a page