[164]

TRI SGEULACHDAN TAIRBEARTACH AGUS RANN

Bho Mhac Iain Dheòrsa

Fhuair na Pàrlanaich an t-ainm a bhithnam buidsean agus a bhith eòlach air an sgoil-dhuibh. Chan eil fhios agam an do thoill iad sin, ach be sin an creideas cumanta a bha san dùthaich dam buin mise. Theagamh gun robh sgeul eile aca an Gleann Cròs an Gleann Conaghlais. Tha sgeul mu Phàrlanaich air na trì sgeulachdan a leanas bho Thairbeart Loch Fìne.

(1) Am Bioran Calltainn

Latha buidhe bruthainneach luchair is aghrian asgogadh nan creags na luin aruith air uachdar an fheur thàinig coigreach a-nuas bho Chruach an t-Sorchain. ’Se Pàrlanach a bhann air a shlighe bho Ghleann Crò gu Ceann Locha tarsainn amhonaidh rathad Sgibinis.

Lean e air gus abhaile a bhaig Allt Beithe agus ghabh e gu doras achiad thaighe a choinnich ris. Bha bean anns an taigh agus a triùir nighean is iad ri snìomh oir dhfhalbh na fir uile a thadhal air na h-àirighean.

An toir thu deoch bhainne dhomh a bhean?” thuirt an coigreachs ena sheasamh anns an doras air nach robh còmhla. “Cha do bhlais mi air grèim no balgam bhon , agus tha Ceann Locha agam ri dhèanamh dheth.”

Cha toir mi bainne no bainne dhuit,” ars abhean gu frionasach. “Gabh sìos don alld agus gheibh thu deoch agus an latha cho blàth, bruthainneach.”

Matà, matà,” ars am Pàrlanachs egabhail a-staigh don taigh. Dhèirich lìon an taighe air an casan bhon t-snìomh. Cha duirt e diog a chòrr ach chuir e a làmhna achlais agus thug e a-mach bioran beag calltainn. Stob e don tughadh e.

Nuair a stob e don tughadh e thòisich an ceathrar bhan adannsadh. Bha e ga stobadhs ga stobadh san tughadh. Bha e ris is ris is ris agus bha lìon an taighe adannsadhs adannsadh mar gun robh iad air dol às a rian. Lean e air agus lean iadsan orra.

Se bun a bhann gun do thuit iad seachad leis an sgìosnan clod air


[165] ùrlar cloiche an taighe. Stad am Pàrlanach.

Spìon e am bioran calltainn a-mach às an tughadh agus chuir e air aisna achlais e.

Ghabh e a-null do bhean an taighe a bhana laighe air an ùrlar chloiche agus a sàilean air stoban.

Tha mi dearbh nach diùlt thu deoch bhainne don ath choigreach a thig an taobh seo,” thuirt esan an guth ìosal, agus thionndaidh e air a shàil agus dhfhàg en taighs e dèanamh air Sgibinis.


(2) Bleoghann aChroinn

Tha Caoil Bhòid air an dèanamh suas de dhà chaol: Caol an Ear bho Fheàrnach gu Sròn Sroigheann, bhon Phutaig gu Rubhan Draighnein faisg air Baile Bhòid; agus Caol an Iar, no an Caol Ceathrach (the Kerry Kyle) bhon Chalbh (no Eilean Dubh) gu Aird MhicLaomainn. Gheibhear Taigh na Bruaich agus Achan Lochain taobh aChaoil Cheathraich, a tha fosgailte gu deas.

Oidhcha bhann bha sgoth aig an iasgach saChaol Cheathrach. Chunnacas Ailean à Gaoth Deas (am muirbhuachaill) air an loch an latha roimhes e air tighinn fada a-staighrabhadh air droch aimsir bhon Airde Deas. Ach coma, bha iad a-mach ag iasgach saChaol an Iar. Thàinig meadhan oidhche is cha dfhuair iad lann.

Aig beagan samhadainn a dhaon phlathadh dhèirich gailleann a deas le cathadh-mara a bha uabhasach. Bha a h-uile cladachna chladach leis agus cha robh a chridhe aca feuchainn ri dol ris. Chuir iad trì chinn a-staigh san t-seòl.

Leis achathadh-mhara shaillte bha iad gam marbhadh aig an tarts aig aphathadh, ach cha robh boinne uisge air bòrd aca, ach a-mhàin builghean arain. Bha iad pàiteach, tartmhor, ìotach da-rìribh. ’Se Pàrlanaich a bhannta, triùir aca.

A bheil tobar aig aChalbh?” arsa Pàrlan Meadhanach, “agus ruithidh sinn.”

Coma dhan Chalbh,” arsa Pàrlan Mòr, “a bheil làmhag air bòrd againn?”

Tha, shìos an seo san deireadh,” arsa Pàrlan Beag, a bhair an stiùir.

Ghabh Pàrlan Mòr sìos don deireadh agus fhuair e an làmhag. Chaidh e suas don toiseach agus chaidh ena chrùban aig bun achroinn.

Thug e gliong den tuaigh ri bun achroinn agus thàinig a-mach às bainne cho math, blasdas a chunnaic sibh rir beò!


(3) Chan fhoghnadh Sàl

Oidhche bha siud nuair nach robh deò à adhar, ach an loch gu fèathail, farsaing, bha sgioba, ceathrar aca, a-mach aig an iasgach. Bha iad


[166] àrd gu leòr a-mach.

Bhacaoileachair bòrd aca, brazierairson còcaireachd agus e lomalàn mòna. Bha e air.

Thuit fòd mòna laiste a-nuas air an t-seòl mhòr a bha shìos air ùrlar abhàta agus ghabh an seòl. Bha iad asaltairt air len casan feuch an cuireadh iad às e, ach cha ghabhadh e cur às.

bheil tobar?” dhèigh fear.

Aig aChoileach,” dhèigh fear eile.

Dèanamaid air aChoileach!” dhèigh an Sgiobair.

Shuidh dithis air na ràmhan, an Sgiobair air an stiùir agus an ceathramh fear shuas san toiseach le bucaidna làimh, deas gu leum air tìr nuair a ruigeadh iad an Coileach Arannach.

Bha iad asìor iomram is asior iomram gus an robh an lochna chaoir leis an iomram aca.

Mu dheireadh rinn iad an Coileach dheth. Bhuail i le sad. Thuit fear na bucaid an comhair a chinn san uisge. Thàinig e an uachdar.

Coma leibh, ’illean!” dhèigh e. “Tha gu leòr de dhuisg an seo.”


(4) Rann

Dùrd aGhlinne

Fonn ciùil bu bhinne dùrd aghlinne,
s e dùintan grinneas chraobh;
duilleachs feur is guth nan eun,
buidhe grèine caomh.

titleTri Sgeulachdan Tairbeartach agus Rann
internal date1984.0
display date1984
publication date1984
level
reference template

Mac Iain Dheòrsa in Gairm 126 %p

notesAuthor: Deòrsa Mac Iain Dheòrsa = Deòrsa Caimbeul Hay
parent textGairm 126
<< please select a word
<< please select a page