[233]

A-MEASG NAN CNOCAN DUBHA

le Barbara NicAlasdair

Air an t-samhradh mu dheireadh, chuir mi seachad gràinnean sheachdainean anns na Cnocan Dubha, taobh Loch Tuilich agus dlùth air Druim Liaghairt far an drugadh am bàrd ainmeil Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir. Choisich caraids mi fhèin, far nach eil a-nis ach totachan a thaigh-còmhnaidh agus a bhà-thaigh. A-rèir coltais bha baile beag an siud aig aon àm, oir tha barrachd is aon tota ann, ’s nach bu shona do na daoine a bha air an togail an siud a-measg na sìthealachd a bha mun cuairt. Soirbh fhaicinn mar a bha Donnchadh air a bheothachadh airson nan òran a dhfhàg e againn agus bhon a chithear Beinn Dòrain bhon àite seo, thig facail an òrainCead Deireannach nam Beanngu clis air ais ri neach:

Be siud an sealladh èibhinn
Bhithg iomachd air na slèibhtean
Nuair bhiodh aghrian ag èirigh
S nuair bhiodh na fèidh alanganaich.

Tha e doirbh a thuigsinn carson nach eil tuillidh fiosrachadh air a thoirt seachad mu dhèibhinn an àite far an drugadh an duine comasach seo. Tha e glè shoirbh a ruigheachd, mu dheich mionaidean bho thaigh-òsda Inbhir Orain, air an taobh chlì, tha fhathast rathad gu math socarach adol suas chun an droma; gabhaidh càr toirt ann (ma tha e laidir! ). Saoilidh mi gur e seo càrn-cuimhne mòran as freagarraiche air abhàrd, neo an togalach oillteil a chithear aig Dail Mhàillidh.

Chitheamaid fhèin na fèidh gu math tric a-nuas dlùth oirnn. ’S doirbh, gu dearbh, a thuigsinn carson a bhios iad air an sealg, beothaichean le rìoghalachd is grinneachd os cionn chàich, ach feumaidh a leithid tachairt airson an cùnntas a chumail sìos, ’s mar an teid a marbhadh, bàsaichidh mòran dhiubh co-dhiù, nuair thig fuachd is gailleann agheamhraidh.

Mar tha fhios againn, bha an samhradh a chaidh seachad, sònraichte, le teas grèine nach tric a thig an rathad againn an Albainn agus anns an àite seo, a tha faotainn barrachd uisge na grian mar as tric, bha e toil-inntinneach gun teagamh a bhith ag amharc air na beanntan, Beinn Achaladair, Beinn Odhar, Beinn Dòrain agus Beinn an Dothaidh, agus afaicinn an t-sean Choille Albanach (Caledonian Forest) uair, oir bha


[234] an loch cho soilleirs gun robh gach sònraichte a bhann air a sgàthanachadh air ais.

Thug e taitneas dhomh nuair a chunnaic mi ann am pàirc dlùth air Drochaid Urchaidh gum bheil oidhirp mhòr ga dèanamh airson an t-seann choille a shoirsinn, le craobhan òg acinntinn, a chaidh a thogail bho na cònaichean aig na prìomh chraobhan.

Ged bha am fraoch air deireadh, ’s nuair a thàinig e mach, cha robh e idir cho brèaghs a chunnaic mi, rinn na flùran àlainn suas air a shon adeàrrsadh mar sheudan beag anns aghrèin.

Tric chithinn coisichean adol air an “West Highland Way” chun aGhearasdan, oir bha pìos dhe seo adol troimhn oighreachd san robh mi afuireach, le am brògan trom agus màileidean, math-dhfhaoidte na bu truime air an dromanan, anns an teas a bhann. Bhiodh iad gu math sgìth mun ruigeadh iad. Aon latha bha boireannach òg ann agus leanabh beag aice ga ghiùlain air a druim.

Tha air innseadh gun robh taobh-sgoiltean feumalach anns na gleanntan seo, aig aon àm. Tha fhathasd aon ann an Gleann Eite le dìreach sgoileir, caileag agus gille. Tha iad anabarrach snog. Tha an gille dol do sgoil aGhearasdain am bliadhna. Bha aon de na sgoiltean seo aig Clais nan Gobhair (Clash Gower). Tha ina seasadh an siud gus an lathan diugh. Chan eil innte ach togalach glè bheag, le mullach iaruinn coltach ri “shed” beag ach cho dlùth ris na “twenties” bha aon deug de chloinn agus fear-teagaisg adèanadh feum innte. A chois ri Taigh-òsda Inbhir Orain tha taigh beag eile a bhana thaobh-sgoil aig aon àm. Bha air innseadh dhomh gum be maighstir-sgoile Dhrochaid Urchaidh a bhana cheannard air na feadhainn bheag seo, a bha cho goireasach airson muinntir nan àiteachan uaigneach, mun do thòisich carbadan sgoiles a leithid.

Bha aon latha sònraichte agam le mtheaghlach; thàinig iad à Glaschu gam fhaicinn, choinnich sinn aig an loch is ghabh sinn “picnic”. An dèidh sin, chaidh sinn do Ghleann Eite. Chòrd seo gu mòr ris na gillean beag, oir bha teas na grèine cho làidirs gum bfheudar dhoibh an aodach uile thoirt dhiubh, ’s chluich iad fhèin agus sinne gu toilichte ann an Allt aChaorainn.

A-rithis bha ar n-inntinnean air am brosnachadhs adol air ais chun Deirdre chòir air an cluinn sinn iomradh aig Marsali Nic Ualraig Fhriseil anns an òranBeannachd Dheirdre do dhAlba”. Ach mo chreach, chuir na meanbh-chuileagan mosach crìoch air an spòrs a bhagainns bfheudar teicheadh. Bha an t-uisge tuiteam glè chudthromach air Buachaill Eite, nuair a rinn sinn air Taigh-òsda an Rìgh airson cupan tea.

Bha na seachdainean a chuir mi seachad anns an àite shìtheil shàmhach seo mar acfhuinn leighis do dhanam, ann an saoghal a tha dol air aghaidh mothas cabhagach.

titleA-measg nan Cnocan Dubha
internal date1984.0
display date1984
publication date1984
level
reference template

Barbara NicAlasdair in Gairm 127 %p

parent textGairm 127
<< please select a word
<< please select a page