[301]

A’ SRUDHAN

le Dòmnhnall Iain MacDhòmhnaill (Uibhist-a- Deas)

Cha robh eadar-dhealachadh mòr sam bith eadar e agus srùdhan eile. Cha deach ga dhèanamh ach min, bainne, ugh is siùcar, ach bha am fear seo àraid anns an t-seagh nach deach itheadh riamh mar gach fear eile a baithne dhomh, agus gur e a thiodhlaigeadh fon talamh taobh a-mach baile Le Mans anns an Fhraing, slàn fallain mar a chaidh fhuine, an deireadh a bhaige.

Ach gu idir a dhfhàg srùdhan Gaidhealachsrùdhan na Fèill Mìcheiltiodhlaigte san Fhraing, bidh thu faighneachd. Uill, ’se naidheachd tha sin.

Se cleachdadh gu math pailt a bhannnam òige fhìn a bhith dèanamh nan srùdhan aig an Fhèill Mìcheil. Cha be idir aon srùdhan dha gach teaghlach, ach srùdhan dha gach ball den teaghlach. Cuideachdse droch mhanadh a bha ann nam bristeadh srùdhan fear no den teaghlach. Bha e air a chunntais gu robh tubaist air choreigin, no eadhon am bàs fhèin, gu bhith bualadh an neach àraid sin.

a-nis na stuthan a bha dol dhan t-srùdhan ga dhèanamh air leth bho bhonnach eile? Tha Mairead Fay Shaw ag innse anns a leabhar thaitneachFolksongs and Folklore of South Uistna bha dol anns an t-srùdhan, mar a thog i e air Taobh-a- Deas Loch Baghasdail ann an deichead nan 1930.

Ceithir làn truinnseir beag do mhin eòrna, rud beag beag do shòda arain, agus fliuch le uisge. Dèan an uair sin bannag air agus cuir air aghreideal e.

ugh, làn spàinneadh do shyrup, làn spàinneadh do uachdar. An uair sin cuir a h-uile sian còmhla agus cuir air abhannach e le badag itean. Dha no trì do chòtaichean, fad na h-ùine ga chumail air bheulaibh an teine, agus ga chur mu chuairt, agus mu chuairt, gus am bi e bruich”.

Be seo gun teagamh an t-seann dòigh, ach thàinig d òighean ùra le ruith gach bliadhna.

Tha Mairead acumail roimpena briathran fhèin ann am Beurla:

In the olden times it was the custom to make the cake of all the cereals grown on the farm. A dent was made with the


[302] knuckles in the centre and a beaten egg was brushed on with a feather while it was held before the fire.”

Now thesruthanis generally made of a pound of flour, a teaspoonful of baking soda, salt, enough sour milk to make a dough, with carraway seeds, currants or raisins. It is baked on a girdle, turning as it bakes. When ready, the following mixture is spread first on one side and baked and then on the other: 3 tablespoonfuls of treacle, 1 tablespoonful of sugar, 2 tablespoonfuls of milk, and as much flour as will make a dough that will adhere to the bannock. It can be done on the girdle or in a not too hot oven. ”

Bidh thusa nis a leughadair ionmhainn, afaighneachd carson idir a chaidh bonnach cho beairteach blasda sin a thiodhlaigeadh fon talamh. Nach be am peacadh e, ars thusa. Uill, ’s iomadh latha a thuirt mise rium fhìn na ceart bhriathran sin an dèidh dhomh am bonnach àraid ud a chur fon talamh, mo ghlùinean alùbadh fodham leis an acras asmaointean air apheacadh a rinn mi.

Tha toiseach na sgeul-sa atòiseachadh ann a Roinn Lorraine dhan Fhraing faisg air achrìoch eadar a Fhraings aGhearmailt. Chaidh an dibhisean Ghaidhealach, a 51st, a chur dhan cheàrn sin dhan dùthaich deireadh an earraich 1940. ’Se dùthaich bhrèagha a thann a Lorraine, dùthaich thorrach uaine le cnuic is glinn is coille; abhainnean is sruthain bheaga, le bailtean beaga bòidheach an siuds an seo. Aig an àm ud dhan bhliadhna, bha na craobhan ga sgeadachadh fhèin ann an èideadh de dhuilleach ùr uaine, agus bha na craobhan ubhal uile fo bhlàth. Sìth, sàmhchair agus àilleachd nàduir, dealbh gu tur eadar-dhealaichte bho an uabhas a bha dol a dhòirteadh thairis air an dùthaich uile ann a seachdain no dhà eile.

Thachair dhòmhsa, mi fhìn is fear eile à Uibhist-a- Deas, a bhith air dithis do bhuidheann a chaidh an ainmean a thoirt à aid gus faighinn a-null dhachaigh air fòrladh, agus abair gu robh toileachadh is deisealachadh an sin. Fhuair sinn an trèan gu Cherbourg, bàta às a sin gu Southampton, trèan às a sin gu Lunnainns gu Glaschu. ’Sann man do dhfhàg sinn Glaschu a chuala sinn gu robh na Gearmailtich air briseadh thairis air an Olainds air aBheilg bhon a dhfhàg sinn a Fhraing, agus bha sinn an làn bheachd gum biodh brath romhainn aig an taigh gar gairm air ais, ach cha robh. Chuir sinn seachad deagh sheachdain ann an Uibhist, agus dhfhan sinn no dhà a bharrachd air achòir. ’Sann nuair a bha mise dol a dhfhalbh a chaidh asrùdhan a dhèanamh dhomh.

Be an cleachdadh aig an àm ud fear no sam bith a bha fàgail an eilein, bonnach de sheòrsa air choreigin, no coileach no cearc, bruich deiseil gus itheadh, a chur air dòigh dhaibh gus a bhith aca air an turas. ’S dòcha gur e an t-airgead a bhith cho gann gus biadh a cheannach bu choireach ris a seo; co-dhiù, ’se srùdhan a chaidh a dheasachadh dhòmhsa.


[303] Phaisg mi e gu cùramach ann am pios anairt agus chuir mi e fhèins achearc am broinn achit-bag.

Tuigidh sibh gu robh an gille Uibhisteach a thainig còmhla rium afalbh còmhla rium air ais cuideachd agus tha deagh chuimhne agam gun do dhith sinn achearc ann an taigh-beag na trèan eadar an Gearasdan agus Glaschu, ach dhfhàg sinn asrùdhan gus am biodh am barrachd acrais oirnn.

Cha robh an naidheachd a bha tighinn a-nall às a Roinn Eòrpa acoimhead gealltanach sam bith. Bha an t-arm Gearmailteach aputadh tarsainn na Beilge; na feachdan againne dol an comhair an cùil. Mar sin rinn sinn ar n-inntinn suas gu fanamaid latha no dhà eile an Glaschu agusse seo a rinn sinn. Ach tha teas is buaireas anns an fhuil òig agus bha toil againn ar pàirt fhìn a bhith againn anns an dol-a- mach a bhann, agus thog sinn oirnn gu Southampton. Bha deannan math de shaighdearan à caochladh rèiseamaidean a seo air a rathad a-nullfeadhainn a chuir latha no dhà no barrachd ris an fhòrladh mar a rinn sinn fhìnagus ghabh oifigeach a bhann cùram dhinn uile.

Fhuair sinn bàta gu port-mara Cherbourg san Fhraing agus chuireadh suas sinn ann an càmpa taobh a-mach abhaile. A-rèirs mar a bha sinn atuigsinn, cha robh cinnt sam bith aca càita robh na rèiseamaidean againn ach gun do dhfhàg a 51st Dibhisean Lorraine gus a dhol suas gu crìoch na Beilge. an dearbh bhad sa faight iad, cha robh cinnt sam bith. Chuireadh uile sinn, matà, gu baile Le Mans, na bfhaide staigh san dùthaich, far a robh càmpa-gleidhidh nobase - campaig an arm Bhreatannach.

Nise, suas chun an ama seo, cha robh gainne bidhe de sheòrsa sam bith oirnn. Bha gach dad pailt gu leòr, agus cha tàinig feum sam bith air làmh a thoirt air an t-srùdhan. Bha e fhathast paisgtann am pàipear am broinn a chit-bag.

An dèidh lathaichean anns achàmp aig Le Mans thàinig naidheachd gu robh draft afàgail gus a dhol suas gu crìoch na Beilge, a neartachadh rèiseamaid nan Camshronach. Chaidh taghadh a dhèanamh, ach gu -fhortanach cha robh mise idirnam measg. Ach bha fìor thoil agamsa faighinn còmhla ri mo chompanaich fhìn, agus sin ge be an cunnart no an gàbhadh anns an robh iad. Bha deagh fhios againn gu robh an t-sabaid cruaidh anns acheàrnaidh sin, ach bhon a bha mo chridhe agus minntinn còmhla ris na gillean a baithne dhomh, dheònaich mi a dhol an àite fear eile nach robh idir deònach falbh, agus chaidh aontachadh ris a seo.

Gu a-nis a dhèante ris an t-srùdhan? Nuair a thugadh làmh air, bha e cho cruaidh ri creig, agus chan eil cuimhnagam thuirt gum bfheàrr a thiodhlaigeadh, rud a chaidh a dhèanamh an oidhche mun do dhfhàg sinn Le Mans gus siubhal suas chun a Somme aig Abbeville far a robh an dibhisean Ghaidhealach leatha fhèin còmhla ri na Frangaich ann an cath


[304] cruaidh ri feachd cumhachdach na Gearmailt, fo stiùradh an t-sàr fhear airm sin, a Seanailear Erwin Rommel.

Dhfhàg sinn asrùdhan aig Le Mans matà, agus tha mi cinnteach gu bheil e an-diughna ùir mar an ùir mun cuairt air, achs iomadh latha is oidhchena dhèidh sin, agus an t-acras atoirt amhionaich asainn, a smaointich sinn air an t-srùdhan a chuir sinn cho suarach nuair nach robh gainne no dìth no acras acur dragh sam bith oirnn.

Tha eachdraidh afoillseachadh mar a thachair an dèidh dhuinn a dhol suas gu Abbeville. Faodaidh mi ràdh gun do thòisich an t-acras còrr agus seachdain mun deach an Dibhisean an grèim aig St. Valery, oir cha robh sinn ach air ghluasad fad na h-ùine agus bha uidheam-ullaichidh bidhe agus gu dearbh biadh fhèin cuideachd doirbh tighinn mu thimcheall. Nach faod thu thuigsinn gur iomadh uair a thugadh iomradh air an t-srùdhan a bha fon talamh aig Le Mans. Air an t-slighe sgìth goirt a dhionnsaigh na Gearmailt, bhiodh feadhainn ag innse dhomh na dòighean anns an gabhadh asrùdhan cur gu feum an dèidh dha no trì sheachdainean fon talamh. Thuirt aon fhear gun cuireadh e am bogadh e fad uair no dhà a thìdes gum biodh e cho càilmhor ri bonnach air ùr-fhuinne. Thuirt fear eile gun itheadh esan e mar a bhitheadh e, cruaidh tioram, ged a bhristeadh e a h-uile fiacail a bhana cheann. Thuirt fear eile aon latha, gu robh eg aislig a-raoir, ’s ga fhaicinn fhèin aig Le Mans, acladhach achnuic le iongnan gus na ràinig e asrùdhan, ach mar a bhios an cruaidh-fhortan an dàn, thuirt e, mun dfhuair e gu bheul e, dhùisg e! Agus bhan t-acras na bu mhiosa na bha e riamh!

Tha an cleachdadh a bhith dèanamh srùdhan na Fèill Mìcheilmar ri iomadh cleachdadh taitneach eileair a dhol gu ìre mhòir a-mach à bith anns an t-saoghal anns a bheil sinn beò an-diugh. Gu dearbh tha fuine bhonnach de sheòrsa sam bith a-mach à cleachdadh anns amhòr-chuid de thaighean nan eilean. Mar gach goireas eile tha e ri cheannach anns abhùthaidh, ach tha no dhà fhathast, tha mi ndòchas, a sheallas annas a làimhe le srùdhan mòr brèagha, tiugh a thionndadh a-mach às an àmhainn.

Than t-àm agam gu dearbh am peann a leigeadh sìos, agus mi faicinn Nellie mo bhean air tighinn a-staigh às achidsin le cupa tea, agus gu air an t-saoghal a thaice air truinnsear salàimh eile? Tha, you ’ve guessed it,pios mòr srùdhain!

titleA’ Srùdhan
internal date1984.0
display date1984
publication date1984
level
reference template

Dòmnhnall Iain MacDhòmhnaill in Gairm 128 %p

parent textGairm 128
<< please select a word
<< please select a page