TURAS DO DHUTHAICH EILE
le Pamela NicAoidh
An uair a bhitheas mi ’nam shuidhe ri taobh an teine agus teas an teine gam bhlàthachadh, bidh mo smuaintean air dùthaich eile agus air an turas a ghabh mi air bus rè nan saor-làithean.
Bha an triùir againn, mi-fhèin agus dithis chaileag eile, ag iarraidh air falbh bhon droch shìde an Alba gu deàrrsadh na grèine san Eadailt.
Dh’fhàg sinn Lunnainn air a’ bhus agus an sin choinnich sinn ri mòran dhaoine bhon a h-uile ceàrnaidh den dùthaich. Thug am bus sinn gu Sheerness agus às a sin ghabh sinn an toiseach ri airgead agus cànain air nach robh sinn eòlach.
An ath latha, ràinig sinn a’ Ghearmailt. Mhothaich sinn gur e tramaichean a bha a’ ruith air na rathaidean ’s nach robh bus ri fhaicinn. Bha iad tòrr na bu ghlaine agus bha mise a’ smaoineachadh gun robh iad tòrr na b’eireachdaile ’nan cruth. Bha a h-uile càil glan anns a’ Ghearmailte — na sràidean, am biadh agus na daoine, na daoine gu h-àraidh agus bha iad uile cho pongail cuideachd. Sin mar a chunnaic mise na Gearmailtich.
Ach, mus do dh’fhàg sinn a’ Ghearmailt chaidh sinn troimh dhùthaich àlainn Bhavaria far an robh dealbhan àlainn dathte air gach taigh. Bha dealbhan ann den a h-uile rud bho Mhuire màthair Iosa gu flùraichean àlainn agus beathaichean eireachdail. Bha a h-uile rud cho brèagha nuair a bha a’ ghrian a’ deàrrsadh air.
As a’ Ghearmailt chaidh sinn do dh’Austria. Sin far an robh an sealladh — na beanntan mòra, làidir còmhdaichte le còta geal de shneachda; bha dìtheanan beaga gorm agus geal a’ fàs air gach taobh agus na taighean beaga le bocsaichean fo na h-uinneagan le tuilleadh dhìtheanan a’ fàs annta. Stad sinn an sin agus dh’òl sinn cupa tea agus dh’fhiach sinn pìos ‘apfel strudel’ le bàrr. ’Se bha blasda!
Thog sinn oirnn agus, mu dheireadh, ràinig sinn an Eadailt. An uair a chaidh sinn troimh an luidheir faisg air drochaid Europa, thug sinn uile an aire cho eadar-dhealaichte ’s a bha an Eadailt ri Austria is a’ Ghearmailt. Bha na rathaidean làn salchair is trealaich de gach seòrsa. Bha na feansaichean gus tuiteam le meirg. Ràinig sinn Vipiteno, baile beag, brèagha, far an robh fìon ann am pailteas, daoine a’ reic bàrr rèodhta agus ceòl a’ seinn a-mach às a h-uile còrnair.
Ach cha b’urrainn boireannach a dhol air thuras don Eadailt gun facal a ràdh mu na fir! Bha iad dìreach mar a dhealbh a h-uile caileag a bh’ann romhainn — na caisean feusaig agus na fiaclan geala a’ deàrrsadh. Bha iad a’ smaointinn gun robh iad cho càirdeil ’nan dòighean ach bha sinne an dùil gun robh iad gu math bragail is bras!
Dh’fhàg sinn Vipiteno agus an oidhche sin ràinig sinn an taigh-òsda faisg air Venice, far am bitheamaid a’ cur seachad seachdain eile. Chaidh sinn a-mach a thoirt sùil mun cuairt. An Eadailt, ’se bha seo ach saoghal eile! Dùthaich a tha làn ciùil, làn maise nàduir agus maise ealain. Bu toigh leam am ‘siesta’, cadal beag an fheasgair, agus bu toigh leam cho coma ’s a bha na h-Eadailtich mu obair. ’S fheàrr leotha a bhith ’nan laighe air an tràigh a’ gabhail na grèine.
Chan fhaca mi riamh àite a chòrd rium cho math ri Venice — na ‘gondoliers’ ag iomradh na gondolas suas an abhainn gus an d’ràinig sinn an drochaid ‘Rialto’ aig ceann a’ Ghrand Canal. Nuair a ràinig sinn ar ceann-uidhe, thàinig sinn às a’ ghondola agus ghabh sinn cuairt gus am faiceadh sinn am ‘Piazza St. Marco’ far a bheil lùchairt an Doge. Bha ceudan de dhealbhan anns an lùchairt, dealbhan àlainn le Tintoretto, feadhainn de bhoireannaich air an robh coltas ànraidh agus feadhainn eile a’ coimhead cho ciùin ’s cho sàmhach ri snuadh am ‘Mona Lisa’. Gu mì-fhortanach, mhìll e dhòmhsa àilleachd an àite na prìsean a bh’againn ri phàigheadh. Mar eisimpleir, cosgaidh e not airson cupa tea anns am Piazza St. Marco!
Ràinig sinn Florence cuideachd agus bha an t-àite sin e fhèin làn dhealbhan. Dealbhan le Leonardo da Vinci, Botticelli agus iomadh duine ainmeil eile.
Tha mi a-nis air ais ann an Alba ’s chan eil a’ ghrian a’ deàrrsadh an seo — tha dìle uisge ann. Chan eil ‘gondolas’ air an abhainn, chan eil fiù ’s bàta-iomraidh oirre! Tha a h-uile duine ag obair cho trang ’s nach eil tìde aca airson bruidhinn ri chèile neo airson ‘siesta’ bheag! Tha sinn gus a dhol fodha le sneachda agus làn fuachd, agus mar sin, bidh mo smuaintean a’ dol air ais gu na làithean brèagha anns an Eadailt. Uill, sin mar a tha cùisean — ’s dòcha gum bi mi air ais an sin an ath bhliadhna — co aig tha fhios?
title | Turas do Dhùthaich eile |
internal date | 1984.0 |
display date | 1984 |
publication date | 1984 |
level | |
reference template | Pamela NicAoidh in Gairm 129 %p |
parent text | Gairm 129 |