[11]

THA na trì coinnlean adol air bonnach bangaid Gairm ann am bliadhna cho cudthromachs a bhuail aGhaidhealtachd bhon a loth am buntàta. Air aon duilleig de phaipear naidheachd an latha, chì sinn sgeul aoibhneis mu Choimisean nan Croitearan. Air duilleig eile, chì sinn straighlich mu rocaidean ann an Uibhist-a- Deas. Air an treas duilleig, chì sinn gu bheil An Comunn Gaidhealach, gun chùram fon ghréin, adol air aghaidh air a shlighe chiùin, shìobhalta, fhéin, le a chuid mhòdans le a chuid chéilidhean. Facal le gach spéis is coibhneas, ann an cluas aChomuinn an ath bhliadhna. Feuchadh e nach cuir e seachad an latha afìdhleireachd, mar a rinn Nero, is an Ròimh adolna teine!

Chan ann tric a bhios Gairm adol an comhair a chinn an connspaid. Ach tha rudan ann mu nach h-urrainn dhuinn cumail sàmhach. Tha sinn toilichte, làn thoilichte, le Coimisean nan Croitearan. Ma ni e dhleasdanas, agus leis na daoine a tha an urra ris tha sinn cinnteach gun dèan, cha dean e dad ach feum don Ghàidhlig ged nach eil cànain, mar chànain, fo ùghdarras. Ma ni e feum don chroitearma dhaotromaicheas euallach agus ma chuidicheas e a theachd-an-tìr, cumaidh e aGhaidhealtachd fo shluagh aig a bheil aGhàidhlig bhon chìch. Agus fòghnaidh sin.

Ach, ceart mar a tha an reul dòchais sin apriobadh air fàire na Gaidhealtachd, tha neul, nach eil fhathast ach mar làimh duine, anochdadh os cionn beanntan Uibhist. Tha sinne seulaichte gur e obair nan rocaidean ann an Uibhist cunnart cho teanns a bhagair air aGhàidhlig bho am Chuil-lodair. Ann an eilean a tha loma làn de na nòsans de na gnàthasan as fheàrr a tha againnann an eilean far a bheil aGhàidhlig beò, fallainbithidh, ann am bliadhna no dhà, na ceudan de Ghoills de luchd Beurla de gach seòrsa, a chuireas an t-àite fòdhpa fhéin agus a bhàthas cànain is gnàthasan is nòsan is eile! Chan eil theagamh sin. Tachraidh e. Agus ann am bliadhna eile bithidh sinn ro fhadalach gu dad a dheanamh mu dheighinn. Their cuid gu bheil thaobh air amhaoilgun toir so beairteas agus obair dhUibhist. Bheir! Ach an ann do na h-Uibhistich?

Eadar obair fearainn is obair maraeadar uibhean is feamainntha na h-Uibhistich riatanach math dheth taca ri cuid de na h-eileanan eile. Mar sin, cha leigear leas a ràdha gur ann air sgàth nan Uibhisteach a tha an obairga stéidheachadh. Na bitheamaidgar mealladh fhéin. Cha toir an fheadhainn a tha air ceann so, hóro air Uibhist no air Uibhistich fhads a theid an cuid oibreach fhéin air adhart.

Càite a bheil An Comunn Gaidhealachs nach eil e ri trods ri ùpraid? Tha sinn acur na ceisde, agus ma bheir An Comunn freagairt dhuinn, clò-bhualaidh sinn an fhreagairt anns an ath àireamh. Faodaidh e bhith, gu bheil iad an dùil gu faigh iad “Whist Drive” no dhà ann am Mars airson Mòd 1992, agus gu bheil iad coma co-dhiùbh a bhios Gàidhlig an Uibhist an uair sin no nach . Chluinn sinn.

Anns an ath àireamh, bheir sinn làn iomradh cuideachd air beachdan nan Uibhisteach fhéin, agus air beachdan dhaoine eile aig a bheil ùidh ann an cànain ar daoine.

titleAs a’ Chathair
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Gairm 13 %p

parent textGairm 13
<< please select a word
<< please select a page