[81]

Coinneach MacLeoid

Le NIALL MACGILLE SHEATHANAICH.

RUGADH Coinneach MacLeòid ann an Eilean Eige far an robh a athairna Mhaighstir Sgoile, agus so aig ám a bha beul-aithris air a cleachdadh leis gach dara duine aig céilidhean is còmhdhailean caidreimheil den t-seòrsa sin. Chuala Coinneach, ’na ghiullan òg, sgeulachdan air an Fhéinn is air curaidhean treuna nan aimsirean a dhfhalbh; spioradan nan tìmeannan a bha ann, agus dhéisd e le aires le iongnadh. Bha a mhac-mheanmna mar sin air a ghluasad tràth oir dhfhàs e suas an coimhearsnachd nam fìor sheanachaidh. Tha ar lithreachas-ne móran nas beartaiche trìd an togail a fhuair e, agus is sinn a bu chòir a bhith taingeil gu robh air giùlan abhalachain so spiorad na bàrdachd, theagamh aig an ám gun ghluasad, ach bha an inntinn fosgailte, fallain agus acàrnadh suas stoc saidhbhir fa chomhar làithean a dhuinealais.

Chan eil teagamh sam bith nach eil buaidh aig modh-ghiùlain is cleachdaidhean nan coimhearsnach, mar as math as aithne dhuinn, air dealbhadh caitheamh-beatha na h-òigridh. Tha am mac-meanmna asìor aomadh ris na chunnaic is na chual iad, eadhonnan sean aois.

Bha Coinneach greisna oileanach an Oil-thigh Chill-Rìmhinn ach cha robh àile is gleadhraich abhaile mhóir afreagairt air a shlàinte agus béiginn tilleadh gu ùr-àile is fallaineachd nan Eileana Siara.

Bann an uair sin a thachair e ris aMhnaoi Uasail Marsaili Friseal, agus cha bhiodh e iomchuidh gun moladh a dheanamh air a h-obair-se mar bhean-chiùil eagnaidh, ach cha dàn e a ràdh mur bitheadh Coinneach aco-oibreachadh leatha nach bitheadh am meas is am miadh air na h-òrain a chruinnich iad a tha orra an diugh.

Be sud an t-ám gu dìolam na bha air bilean an t-sluaigh de òrains de laoidhean; de rannan beannachaidh is brosnachaidh; de



[82]

uirsgeulans de ghuidheachan. Mar thuirt an sean-fhacalIs in oidhchen oidhche nam biad na fir na fir. Be Coinneach MacLeòid an dearbh dhuine airson na h-obrach agus rinn e i mar nach deanadh neach eile a bha beò ri a linn. Neach sam bith a leughas an Roimh-ràdh a sgrìobh e anns acheud leabhar a thug iad amach fon ainm, Orain Innse-Gall, thig e gus acho-dhunaidh gum bu duine so aig an robh eòlas is comasan os cionn a cho-Ghaidheal.

Acheud uair a laigh mo shùil air Coinneach MacLeòid bann aig aMhòd a chumadh an Glaschu anns abhliadhna 1911. Bha ena bhreitheamh còmhla ri fear-ciùil. Ma sgrìobh e sìos dad mu dheighinn mo Ghàidhlig-sa chan aithne dhomh. Aig an ám ud cha robh na breitheamhan adol air clàr-uachdair a thabhairt am barail seachad air co-fharpaisich fa leth. Cha tàinig sin gu Mòd Dhundeagh an 1913.

Chan fhaca mise Coinneach tuilleadh gus an a sheas mi fa chomhar buill na h-Ard-Chomhairle ann an Struighlea air acheathramh fichead de mhìos aChéitein, 1913. Be sin an a chaidh mo thaghadh mar Rùnaire aChomuinn Ghaidhealaich. Cha dfhidirs cha dfharraid mi riamh an taobh air an robh Coinneach: cha bhiodh sin modhail dhomh, ach bha ena dheagh charaid dhòmhsa bhon uair sin. Faodadh mi a ràdh ann an so nach eil beò an diugh ach Abrach MacAoidh, an Gallaibh, dhen fhichead ball aig an robh guth-taghaidh an ud.

An ath uair a choinnich sinn, is a chuir sinn eòlas ceart air a chéile bann aig coinneimh de Mheur Obair-pheallaidh is mi alabhairt, airson na ciad uaire, as leth Comhairle aChraoibh-sgaoilidh. Bha sin cóig mìosan an deidh dhomh dreuchd Rùnaire a ghabhail os làimh. Bha Coinneach an uair sin an Strath-loch. Bha e roimhe sin, mas math mo chuimhne, ’na shoisgeulaiche saChrìon-làraich is am Meadarloch.

Chaidh a phòsadh ri a cheud eaglais an Colbhasa agus an deidh beagan bhliadhnachan a chur seachad san eilean lurach sin ghabh e ri gairm bho choimhthional na h-eaglais an Giogha agus shaothraich e an sin cóig bliadhna fichead mun do leig e dheth dreuchd na ministrealachd.

Aon de na Samhraidhean a bha bean an tighe is mi fhéin acur seachad làithean fòrlaich am Bothan an Fhuarain ghabh sinn an t-aiseag bho Rubha na h-Aoireann gu Giogha a chur seachad tacan den latha le Coinneachs a phiuthair a bha acumail tighe dha. Be sin an sona. Cha chreid mi gu robh Coinneach an àite riamh anns nach robh sìdh-bhrugh, no bòcan de sheòrsa air chor-eigin!

Thug Coinneach sinn an àird Cnoc an t-Sionnachain a leigeil fhaicinn dhuinn na cathrach iomraitich far am biodh muinntir

[Sanas]



[83]

an eilein adol a ghridhe airson fàbhar sònraichte. Dhinnis Coinneach dhuinn, agus am fiamh ghàire aobhach sin air a ghnùis, nach bfhiosrach iad gun dfhuair neach riamh a ghuidhe ach seana bhean a mhuinntir an eilein. Chaidh a leigeil sìos gu socrach don chathair chloiche so agus chaidh earalachadh oirre i a ghuidhe gu dùrachdach airson rùn a cridhe. Thug iad as i agus an ceann beagan ùine dhfhaighneachd nàbaidh dhi an do ghuidh i airson dad sònraichte sam bith. Fhreagair an t-seana bhean gun do rinn i sin. “Agus,” dhfhaighneachd a nàbaidh, “an dfhuair sibh bhur guidhe?”

Fhuair,” fhreagair an t-seana bhean. “Agus mur mìomhail fhaighneachd,” ars a nàbaidh, “ciod a ghuidh sibh air a shon?”

Ghuidhars an t-seana-bhean, “gum faighinn as a sud gun chnàmhan briste!”

A Choinnich ghaolaich, chan fhaic sinn do leithid tuilleadh anns an fheòil, ach bidh tunar cuideachd, agus air ar n-aire, gach uair a chluinneas sinnGràdh geal mo Chrìdhair a sheinn, agus a leughas sinnAn Clachan a bha ann.”


Thaisg sinn Coinneach MacLeòidna leaba bhuan, còmhla ri a athair, an Cladh Mhuc-Càrna, aig Tigh an Uillt, faisg air na h-àitean a bionmhuinn leisGleann Eite, Lora, Selma, agus Cruachan Beann ri freiceadan thairis air.

titleCoinneach MacLeòid
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Niall MacGille Sheathanaich in Gairm 13 %p

parent textGairm 13
<< please select a word
<< please select a page