“The Problem of the Picts‘ ”Air ullachadh le F. T. Wainwright, agus air a chlo-bhualadh le Nelson, 21/ -.
An robh a leithid a dhaoine ann riamh ris na Piocaich? Càite as an tàinig an t-ainm “Picts” no “Picti”? An uair a thug na seann Ròmanaich iomradh air “Picti” an robh iad a’ ciallachadh sluagh sònraichte, no, an e sin an t-ainm a thug iad air mór-shluagh aig an robh e mar chleachdadh a bhith a’ dath an craicinn?
Tha na ceisdean sin air a bhith a’ cur dragha air sgoilearan troimh na linntean, agus, bha feadhainn a theireadh, gun teagamh sam bith, nach robh gnè dhaoine ann leithid nam Piocach. B’e na ceisdean sin a thug grunnan de dhaoine ainmeil an ceann a chéile gus an gnothaich a rannsachadh agus an leabhar so a chur ri chéile.
Anns a’ cheud dol am mach, thàtar ag aontachadh gum faod teagamh a bhith mu’ n ainm, ach, thàtar a’ seulachadh cuideachd nach eil an t-ainm gu diofar—gun robh sluagh sònraichte ann, agus nach lorg sinn gu bràth, a nise, gu dé a theireadh iad riutha fhéin—gu bheil, ann am briathran sìmplidh, an t-ainm “Piocaich” cho math ri ainm sam bith eile.
Anns a’ cheud roinn, tha an Dotair Wainwright fhéin a’ soillseachadh dhuinn nan roinnean anns an robh an dùthaich so—tuath air Northumbria—bho’n treas linn. Tha e ag innseadh dhuinn càite an robh an cuid dhùn agus càite an robh an cuid rìghrean. Tha e ag aontachadh gur iad an sluagh bho’n tàinig pàirt de’ n fheadhainn ris an canar “Gaidheil” an diugh, ged nach iad sin an aon fheadhainn a thàinig bhuapa.
Ann an earrann air na comharran—grìogagan is armachd is gnothaichean de’ n t-seòrsa sin—a thatar daonnan a’ cladhach, tha an Dotair Stiùbhart Piggott a’ dol air ais gu cóig mìle deug bliadhna roimh Chrìosd. Tha e a’ toirt deilbh dhuinn air na daoine a bha a’ tathaich ceann a tuath na Roinn Eòrpa an uair sin, agus ’gar stiùireadh troimh na linntean anns an do sgoilt an sluagh sin ’na shluaghan eile, agus ’gar toirt chun nan ciad linntean an deidh Chrìosd anns an tàinig na Piocaich am bàrr mar shluagh sònraichte. Tha e ag innseadh dhuinn an seòrsa beò-shlàint a bh’ aca—an seòrsa thighean anns an robh iad a’ còmhnaidh, agus an obair làimhe a dh’ fhàg iad as an deidh.
Faodaidh sinn an dà earrann mu na dùin chogaidh ’s mu na tighean còmhnaidh ’s mu na h-uaighean a ghabhail còmhla. Tha iad so a’ toirt dhuinn cothrom seòrsa de thuigsinn a dheanamh air cor nam Piocach ’nam beatha mar dhaoine. Loma làn de dhealbhanan làimhe de na dùin ’s de dhealbhanan camara de na h-àiteachan anns a bheil iad, tha sinn a’ faotainn an so siolpadh-sùla a steach do shaoghal eile. Is e fear de na dùin air am bheil iomradh, Dunadd ann an Earra-Ghaidheal, anns an robh daoine a’ còmhnaidh, thuige ’s bhuaithe bho thoiseach na siathamh linn gu meadhon na naoidheamh linn.
Air bloighean chlach air feadh na dùthcha tha fhathast ri’ m faicinn dealbhannan a rinneadh leis na Piocaich bho chionn còrr agus mìle bliadhna, dealbhannan sìmplidh, am bitheantas, ach air uairean tha iad eireachdail ’nan cuid phàtaran. Tha an roinn de’ n leabhar a tha a’ bruidhinn air na rudan sin air leth tlachdmhor, agus tlachdmhor
da rìribh, an uair a tha e nochdadh dhuinn na dearbh dhealbhan a rinneadh aon uair leis na seann cheatharnaich sin—éisg agus tairbh agus nathraichean agus eòin agus móran de rudan eile.
Tha ceann trom a’ mhaide air guailnean an Ollaimh ’Ic Sheoc, an uair a tha e a’ deanamh oidhirp air cànain nam Piocach a’ sgrùdadh. Oir, fo’n cheann so, tha e a’ rannsachadh ainmean àiteachan, gnàthasan labhairt, agus a’ mìneachadh fhacal. Tha e a’ dol troimh na cànainean Ceilteach gu léir, agus a’ lorg annta fuaimean a tha co-ionnan dhoibh uile; agus a’ strì ri dealbh a thogail bhuapa sin uile de’n t-seòrsa cànain a bha uair air bilean nan seann Phiocach. As a sin, tha e a’ nochdadh dhuinn mar a sgoilt ’s mar a dhealaich cànainean eile bho’n t-seann chànain sin, agus mar a ghabh iad an cùrsa fhéin troimh na linntean chun an latha ’n diugh.
Is e leabhar sgoileir a tha an so, a bhios gu mór fheum dhaibhsan a bhios ri sgrùdadh ’s ri rannsachadh dhaibh fhéin. Ach is e a tha ann cuideachd, leabhar a chòrdas ris an duine chumanta, agus a bheir dha tuigse nach robh aige roimhe air daoine agus air linntean fad as. Leabhar a tha a’ cur ghathan solais do cheàrnan dòrcha, agus a’ toirt am follais rudan a chuireas mór iongnadh air an fhear a leughas—a ni ireasal am fear a thuigeas nach eil anns na daoine mun cuairt air an diugh ach ginealach eile, anns a’ chraoibh eachdraidh anns an robh na Piocaich ’nan ginealach mhóir anns an latha anns an robh iad fhéin a’ tathaich nan ceart ghleann a tha mun cuairt oirnn ’nar laighe ’s nar n’ éirigh.
F. McD.
[Sanas]
title | An Sgeilp Leabhraichean (The Problem of the Picts) |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 13 %p |
parent text | Gairm 13 |