Bruadaran
LE TORMOD DOMHNALLACH (ILE)
THA feadhainn ann nach eil idir a’ creidsinn ann an aislingean. Their iad nach eil anns a h-uile aisling ach nì a tha air aobharachadh le neach a ghabhail biadh trom nach do chnàmh e mun deach e laighe, no ma dh’fhaodte nach robh aon ’na shlàinte aig an ám, no gu robh a’ bhodhaig sgìth no anshocrach anns an leabaidh. Their cuid eile gu bheil coire mhór aig a’ mhacmeanmainn riutha, sin ri ràdh, ma thachair do neach a bhith làn cùraim agus iomagain, gu bheil e nas buailtiche gum biodh an inntinn troimhe chéile ann an seagh cho mór ’s gu bheil i mì-fhoistinneach, eadhon an suain na h-oidhche, ’s a’ cur an céill a bruaillean anns na nithean a bhios daoine a’ faicinn anns na h-aislingean. Chan eil teagamh sam bith nach eil sin fìor mu àireamh de aislingean ach tha móran eile ann de bhruadaran aig nach eil buintinneas sam bith ri suidheachadh bodhaig no inntinn, a tha cho fìor ’s cho làn de bhreithneachadh ’s gu bheil e ro shoilleir gur e teachdairean a tha annta bho’n t-saoghal thall, a tha ’toirt sanas is rabhaidhean thugainn mu nithean a tha dol a thighinn gu teachd.
Bha na Ceiltich bho shean, mar a bha iomadh cinneadh eile, glé làidir de’n bheachd gur ann bho spioradan dhàimhean is luchd eòlais nach maireann, a bha bruadaran na h-oidhche a’ tighinn thuca. Anns an sgeul a bha ri chluinntinn gu minig ri mo cheud chuimhne, a tha ’toirt iomradh air mar a fhuair Coinneach Odhar a’ chlach-fhiosachd, bha e air aithris gu robh màthair Choinnich air oidhche bhriagha shamhraidh ’na suidhe an iomall cladh Uig, a’ buachailleachd mart agus a cuigeal gu gnìomhach ’na dòrn. Goirid an deidh meadhoin oidhche, ged nach robh oidhche ann anns an t-seagh ’s nach robh an latha idir gu tur a’ falbh bhàrr an adhair, chunnaic i na h-uaighean gu léir a’ fosgladh agus na mairbh ag éirigh ’s a’ deanamh le luathas na gaoithe air na ceithir àirdibh. Goirid mus do shoilleirich a’ mhadainn, thug i sùil agus nach ann a bha na tannaisg cheudna a’ tilleadh ’nam ficheadan ’s a’ dèanamh air an uaighean le dian chabhaig agus cha bu luaithe a shocraich gach neach ’na àite féin, na dhùin an uaigh air ais. Bha aon ann co-dhiùbh, nach do thill fathast, cailin òg, dheas, fhìnealta, a dh’fhàg an uaigh a bha ri taobh na mnà. Chuir a’ bhana-bhuachaille roimpe gu faigheadh i mach bun na cùise agus anns an inntinn sin chàraich i an cuigeal thairis air beul na h-uaigh fhosgailte. Cha robh i ach air so a dhèanamh an uair a nochd an aon a bha i ’feitheamh air fàire na h-àird’ a tuath. Air dhi tighinn dlùth, ghlaodh i gu cas: “Tog do chuigeal ’s leig a steach dom uaigh mi!” “Cha leig,” ars’ an té eile, “gus an innis thu dhomh an toiseach có thù agus càite an robh thu féin agus càch! '”
“Is mise” ars an òighe “nighean rìgh Lochlann agus bha mi fhìn agus càch a’ cur aislingean gu ar càirdean, ach do bhrìgh ’s gu robh agamsa ri dol cho fada air falbh ri Lochlann, is e sin a dh’fhàg mi cho fada air dheireadh air an fheadhainn eile. Ach rach thusa thun a’ chladaich ud shìos agus gheibh thu ann an sin clach bheag bhòidheach,
[Sanasan]
eadardhealaichte bho chàch, thoir do Choinneach do mhac i agus cho luath ’s a sheallas e innte bidh fiosachd aige.”
“A’ cur aislingean gu ar càirdean!” Faodaidh gu saoil sinn nach robh an so ach sgeul fhaoin gun chiall gun bhrìgh, ach anns gach sgeul de’n t-seòrsa, gheibh sinn daonnan teagasg, no cràbhadh, no beachd a tha mar ghath soluis a’ tighinn a nuas bho na linntean cian a dh’aom.
Bha na seann daoine de’n bharail nach robh nì de chiall aig bruadaran na Sàbaid is mur an tigeadh dad de na bha iad a’ cur air mhanadh gu teachd an ath là, nach robh géill sam bith ri thabhairt dhaibh.
Chunnaic sinn féin bruadaran a bha cho fìrinneach ’s nach leig sinn a chaoidh air dìochuimhne iad. Chuala sinn mar an ceudna mu aislingean a chunnaic feadhainn eile, a bha cheart cho fìor air an coimhlionadh ’s gun do chùm sinn a riamh air chuimhne iad.
Anns a’ bhliadhna 1913, bhruadar bean Ghaidhealach ann an Ceap Breatann, air oidhche, gu robh i ’na seasamh a muigh là blàth grianach, air an raon. Sheall i suas air an speur, is an sin chunnaic i riomball dearg de theine a’ cuartachadh an adhair ceithir thimcheall. Chuir na chunnaic i a leithid de iongnadh oirre is gun do dh’ innis i mu dheighinn do bhoireannach eile. Bhreithnich a banacharaid e mar so: “tha cogadh mór agus sgriosail a’ dol a bhristeadh a mach a dh’aithghearr agus bidh uile rìoghachdan an domhainn an sàs gu dian anns a’ chòmhrag.” An ath bhliadhna, fhuair an aisling agus a breithneachadh làn choimhlionadh. Chuala mi cuideachd mu bhoireannach ann an Gaidhealtachd Alba a chunnaic aig a’ cheart ám, an dearbh shealladh so ’na cadal. Nì iongantach.
Bha fear ann an àite eile de Cheap Breatann aon mhadainn, ag innse do a theaghlach mu aisling a chunnaic e an oidhche roimhe sin. Bhruadar e gun do thuit na fiaclan uile, ceart cruinn còmhla, á charbad. Nuair a chaidh e mach an latha sin gu a ghnothach, is beag a bha de dhùil aige féin no aig càch nach tilleadh e dhachaidh beò. Ann am priobadh na sùla, chaidh a mharbhadh nuair a bhuail cumhachd an dealain e aig obair.
Dh’ innis bean dhomh air an robh mi eòlach, aisling a chunnaic i féin. “Thainig mo sheanamhair a bha a’ còmhnaidh ann an àite de Chanada a bha iomadh ceud mìle air falbh, g’ am ionnsaigh ann am bruadar aon oidhche. Chuir i fàilte orm gu gràdhach, suilbhearra, leis na facail so anns a’ Ghàidhlig: “thàinig mi astar fada g’ ad fhaicinn!” Le sin, dh’ fhalbh an sealladh. Dà là ’n a dheidh, fhuair mi litir bho’n dachaidh ag innse dhomh gun do chaochail mo sheanamhair air an dearbh oidhche anns an tainig i g’ am ionnsaigh ’na mo chadal.”
Anns a’ bhliadhna 1812, bha naoidh-duine-deug ann am broinn eathair a’ dol dhachaidh do Chulnancnoc as baile Phortrìgheadh. Bha tuilleadh mór is a’ chòir de luchd anns a’ bhàta is chaidh triùir a mach aisde ann am beul na h-oidhche nuair a ràinig iad Rigg, mu thrì mìle bho’n dachaidh. Chum na sia-deug orra anns an sgoth, ach ann an dorchadas na h-oidhche, bhuail i an Duibh Sgeir air cùl Rubha Nam Bràithrean, is bhàthadh na bha ’n a broinn. Cha d’fhuaireadh ach aon a mhàin de na cuirp.
[Sanas]
Oidhche no dhà an deidh a’ challa, thàinig fear de na h-òganaich a chaidh a dhìth far an robh a mhàthair ann an aisling, is dh’ innis e dhi gach nì mar a dh’ éirich dhà féin. “Nuair a chaidh mise do’ n ghrunnd” ars esan, “chaidh mo cheann an sàs ann an stamhan ’s am feamainn an aigeil. Chaidh té de na stamhan fada so mu’ m amhaich a chùm sìos mi gus an deach mo bhàthadh. Mur a biodh sin bha mi air tàrrsainn as.”
Thàinig fear eile de na chailleadh an oidhche ud, far an robh a mhàthair féin ann am bruadar, is dh’ innis e dhi gun deach a chorp-san air tìr ann an Eilean na Cìche, is cha do labhair e an còrr. Bha a’ bhean bhochd a’ feòrach de gach duine ris an coinnicheadh i, càit an robh Eilean na Cìche, oir cha chual’ i mu’ n àite a riamh, ach cha robh aon comasach air sud innse dhi. Mu dheireadh thàinig buidheann cheàrd timcheall is dh’ fhaighnich i dhiùbhsan air dhaibh a bhith cho siùbhlach anns gach àite de’ n Ghàidhealtachd, càit an robh Eilean na Cìche, ma bha a leithid de àite ann. Bha na ceàird comasach air sud innse. Thubhairt iad rithe gu robh Eilean na Cìche a mach bho chòrsa an iar Siorramachd Rois. Bha na cuirp air an giùlain air falbh thun an ionad ud leis an t-sruth.
“Aisling caillich mar a dùrachd,” an è? Chan è gu buileach, agus ged a b’ è, nach eil i ’nochdadh dhuinn cho fìor dhlùth ’s a tha an dà shaoghal da chéile nuair a chluinnear eadhon an “dùrachd” ’s a gheibh i ceart fhreagradh bho’ n taobh thall.
title | Bruadaran |
writers | Norman MacDonald |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Tormod Dòmhnallach in Gairm 13 %p |
parent text | Gairm 13 |