[19]

Litir bho Dhòmhnall

IS ann dìreach bliadhna an ama so a chuireadhLitir Dhòmhnaillam broinn an leabhrain mheasail so agus tha mi moiteil gun dfhuair mi cuireadh an dara litir a dheasachadh.

Càite, matà, an tòisich mi an turus so? Saoilidh mi gum biodh e iomchuidh gum biodh rudeigin agam ri chantainn ris an òigridh chionn chuir mi seachad na làithean a bu toilichte de mo bheathanan cuideachd.

So matà, sgeul bheag mun ghille thapaidh sinAn Sionnach, agus co aig tha fios nach dean e leasan don fheadhainn sin a tha adeanamh an dìchill gus achànain a thogail.

Gheibhear an sionnach cha mhór anns gach ceàrn den domhainn. Buinidh e don aon seòrsa ris amhadadh. Tha a dhath donn, a bheul biorach, a chluasan àrd agus dìreach agusearball fada, dosach agus breac.

Tha an toll anns a bheil e agabhail còmhnaidh am bitheanta fon talamh no ann an sgeiribh chreag.

Chan fhàg e a gharadh gu feasgar; agus an sin theid e a mach air feadh nan coilltean agus an fhearainn airson cobhartaich agus fanaidh e amuigh gu madainn.

S e is biadh dha amhaigheach, an coinean, cearcan agus eunlaith de gach seòrsa. Ithidh e mar an ceudna, faimh, radain agus luchaibh; agus tha e ro dhéidheil air ubhlaibh agus air gach gnè meas. Ged tha an sionnach ro dhiuthalach am measg eunlaith agus uan, tha e adeanamh feum mhór le bhithcur as do iomadh creutair millteach agus gràineil.

Ann an Sasunn agus ann an iomadh àiteile den domhainn, tha an sionnach atoirt mór-shùgradh agus aighear do luchd-seilg. Tha na sealgairean amarcachna dheidh agusga ruagadh le madaibh; ach is tric asgìthicheas e na coin, na h-eich agus na sealgairean; agus faodaidh e bhith, an deidh dhaibh a leantainn car leth-cheud mìle, gun toir e an car asda mu dheireadh, gun ruig e ionad-falaich éiginn agus gun tèaruinn e a bheatha.

Tha an sionnach ro-innleachdach chum breith air a chobhartach, agus chum a nàimhdean a sheachnadh. Tha so cho aithnichte do gach neach is gun abrar mar ghnàth-fhocal ri duine carach agus cuilbheartachGu bheil e cho seòlta ris an t-sionnach.”

Is iomadh sgeul a dhinnsear mu thincheall an t-sionnaich agus mu thimcheall nan innleachdan a tha egnàthachadh a mhealladh a nàimhdean.

Bha aon de na creutairibh so gu tric air a dhlùth-leantainn le madaibh, ach chaidh e as a ghnàth le bhith ruith gu mullach creige corraich, far an robh àite-tuinidh aige; agus is minic a thachair e, nuair a bha na madaidh an dian-thòir air, gun deach iad thar acharraig agus gun do mharbhadh iad.

Le bhithgabhail beachd air an àite so, fhuair an luchd-seilg amach mu dheireadh gun robh garadh aig an t-sionnach ann am beul aodann na carraig agus gun robh e agreimeachadh le fhiaclan ri slait làidir



[20]

[Sanas]



[21]

a bha fàs aig taobh a thuill, agus air an dòigh soga thilgeadh féin a steach ann. Ach tha innleachd an duine nas na seòltachd an t-sionnaich. Gheàrr na sealgairean an t-slat agus chum an car a thoirt as an t-sionnach, dhfhàg iad ina seasamh far an robh i.

An ath uair a chaidh an sionnach a ruagadh ruith e gu bile na carraige mar a bàbhaist , rug e air an t-slaitna fhiaclaibh, ach ghéill i roimhe agus thuit e sìos, car air char, gu ìochdar na carraige, agus air an dòigh so reubadhna bhloighdibh e. Achrìoch.

Nis, ar leam gu bheil mi acluinntinn cuid-eigin ag ràdh— “Ach saoil càitan dfhuair Dòmhnall an sgeul sin?”

Matà, eadarainn fhéin, so an fhìrinn. Dìreach fichead bliadhna air ais, chuir mo charaid nach maireann, Seòras Gallda còir, is mi-fhéin cuairt air an Eilean Sgitheanach, no mar a chanas iad-fhéinAn t-Eilean. Bha sinn afuireach fad seachdainn an Tobhta, dachaidh an t-sàr Ghaidheil sin an Coirneilear Coinneach Dòmhnallach, a tha a nis aig fois leis na daoine bhon tàinig e. ’Na mo bheachd-sa cha dfhàg ena dheidh fear eile coltach ris, chan ann a mhàinna dhreuchd achna nàdur. Fìor dhuin-uasal anns gach seagh agus fìor charaid na Gàidhlige. Mun dfhàg sinn an dachaidh fhialaidh sin, thug e leabhar do Sheòras agus leabhar eile dhòmh-sa. Be am fear a fhuair miseMac Talla IIIagus is ann as an leabhar ghrinn sin a thog mi an sgeul mun t-sionnach. Tha mi an dòchas gun còrd i ribh.

Agus cha burrainn mi gun gàireadh a dheanamh nuair a leugh mi so:—

Nach ann aig Dòmhnall a bha an srann nuair a chadil e san eaglais an diugh,” arsa Calum ri Seumass iad air an rathad dhachaidh. “ ’Sann a bha e uabhasach,” arsa Seumas, “ ’S peacach dha fhéin an dòigh a thaige, dol dhan eaglaiss acumail a suas a leithid sud de shrann. Cha dfhuair mi-fhéin norradh cadail leis fad an t-searmoin!”

Agus a rithistBha Peigi air leaba a bàis agus cha robh aon acur cùram oirre ach eagal gum pòsadh Dòmhnall an deidh dha ise a chur fon fhòd. “A Dhòmhnaill, eudail,” ars ise, “Feuch nach teid thusa a phòsadh eile an deidh mo bhàis-sa!”

O, a Pheigi,” arsa Dòmhnall, “cha tig an latha chì thu mise pòsda ri sam bith ach thu-fhéin, a ghràidh.”

O chionn seachdain no dhà, bha mi aig dùnadh na Sgoile an Gleann Urchardain, mar bhall de Chomhairle an Fhoghluim. Chaidh mi sìos ann am bus agus bha aon dusan de oileanaich a Sgoil Rìoghail Inbhir Nis cuide rium. Cha bfhada gus an cuala mi na h-òrain Ghàidhlig agus cha biongnadh sin agus gach aon dhiubh adèanamh air Eilean Bharraidh, troimh an Oban. Bha gille ògnam measg agus am Bocsa aige. Thog esan fonn an deidh fuinn air abhocsa agus sheinn càch na h-òrain. Bfheudar dhomh am fàgail agus achuirm aig a h-àirde, agus nuair a dhfhàg mi beannachd aca agus beannachd chun am pàrantan cuideachd, chunnaic mi fear abhocsa aglacadh na pìoba. Gu dearbh be sud còmhlan de ghillean is de nigheanan cho toilichte agus cho aighearrachs a chunna mi riamh.



[22]

[Sanas]



[23]

Thug e gu mo chuimhne aliuthad Campa aig an robh mi fo ùghdarras Chomunn na h-Oigridh. Bha cuirm eile romham san sgoil ach is e an a bfheàrr a chòrd rium na h-òrain Ghàidhlig le Coisir mhór na Sgoile. Sheinn iadAn t-Eilean Muileachgu dùrachdach agus nuair a sheinn iadTeann a nall,” cha mhór nach do thog iad na sparran. Tha Gàidhligga teagasg san sgoil agus tha dùil ri barrachd adhartais anns na bliadhnachan a tha romhainn. Nach e obair latha tòiseachadh!

Tha Céilidh nan Gaidheal a nis air tighinn gu ìre agus is dòcha gun cuala cuid agaibh achéilidh a chraobh-sgaoil sinn air an Radio o chionn ghoirid. Tha mi atabhairt taing don Bh. B. C. a thaobh so.

Aig ám sgrìobhaidh na litreach so, tha an t-sìde dìreach àluinn fhéin, teas gréine fad-fin-faoineach an latha agus dealt ciùin san oidhche. Ach is e beachd an luchd-àitich nach biodh fras no dhà as an rathad.

Chuala mi fear atalach an roimhe nach robh ena chomas sud no so a dhèanamh. “Tut, tut,” ars am fear eile, “chan eil thunad aonarcha chùm an rìgh fhéin snaoisean ris aghaoith!”

Saoil thuirt so:—

Cha dràinig cleitean sneachd riamh an talamh gun smal a thrusadh on àile troimh an do thuit e; mar so, tha an nàdur as gloinne air a shalachadhna ghluasad anns an t-saoghal.”

No so:—

Tha atharrachadh mór eadar sonas agus gliocas. Tha esan gun teagamh sona a tha da-rìreadh acreidsinn gu bheil e sona, ach is amadan an duine sin a thaga mheas fhéin nas glice na gach neach eile mun cuairt da.”

No so:—

Ma bhios sam bith a chuireas smal air daodach seachainn e; agus seachainn mar an ceudna gach a bheir -chliù air dainm.”

Nis, a leughadairean, cha chan mi an còrr an dràsda agus am paipear cho daor ach ma bhios mi beò is gu maith, faodaidh dùil a bhith agaibh ris an treas litir ri ùine.

Deoch an Doruis
Deoch an t-sonais
Deoch an deagh thuruis;
Air ghaol sìth
S air eagal Donais
Thugaibh deoch an doruis dhuinn.

Slàn leibh,

DOMHNALL MACPHAIL.

titleLitir bho Dhòmhnall
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Dòmhnall MacPhàil in Gairm 13 %p

parent textGairm 13
<< please select a word
<< please select a page