Coimisean nan Croitearan
le T. M. MACCALMAIN.
Sir Raibeart Urchardan
AIR a’ cheud là de’ n Dàmhair fosgailear an Inbhir-Nis oifis Coimisean nan Croitearan agus théid buill a’ Choimisean agus an sgioba aca an sàs anns an obair a bheir, tha sinn an dòchas, beothachadh is soirbheachadh do’ n Ghaidhealtachd is do na h-Eileanan.
B’ ann an uiridh a dh’fhoillsicheadh beachdan na comhairle-rannsachaidh mu chroitearachd, agus am bliadhna rinneadh Achd Pàrlamaid a chur Coimisean air chois mar a dh’earalaich a’ chomhairle ud. A nis tha fhios againn air ainmean nan daoine a thaghadh a chum na h-oibre so, agus faodaidh sinn gu dearbh, ar làn-earbsa a chur anns a’ Choimisean.
Is e an Ridire Raibeart Urchardan as Ceann-suidhe air a’ Choimisean. Cha Ghaidheal e ach is mac croiteir e, a mhuinntir Bhanbh. Chaidh e, le mór-chliù, troimh chùrsa an fhòghluim an Oil-thighean Obaireadhain is Cambridge, agus, an deidh dha seirbhis a dheanamh an càbhlach an rìgh ri linn a’ cheud Chogaidh Mhóir, ghabhadh e a steach gu seirbhis na h-Impireachd, agus thug e greis bhliadhnachan anns an Eiphit agus anns na dùthchannan mun cuairt. Dh’ éirich e ceum air cheum gu inbhe is gu àrd-dhreuchd an seirbhis a’ Chrùin an tìrean céine, agus thug e greis anns na Stàitean Aonaichte, agus bho 1951 is esan Fear-ionaid na Ban-righ againn thall an Venezuela. Rinneadh Ridire dheth an 1950 agus thug Oil-thigh Obaireadhain urram LL. D. dha an uiridh. Tha e pòsda agus tha ceathrar nighean aige. Tha e dà fhichead bliadhna agus a h-ochd deug a dh’ aois.
[Dealbh]
Iain MacNeachdainn
Rugadh Mgr. Iain MacNeachdainn ann an Gearasdan Loch-abair an 1896, ach b’ ann am Bail’ -a’ -chaolais a fhuair e a’ mhór-chuid de a oileanachadh. An 1910 thàinig an teaghlach do’n Oban agus air an ath-bhliadhna ghabh Iain ann an seirbhis an rathaid—agus riamh o’n uair sin is ann anns an Oban a tha a chòmhnaidh agus is ann air an rathad-iarainn a tha a chosnadh, agus e a’ stiùireadh nan trèanaichean eadar Glaschu is an t-Oban no eadar an t-Oban is Bail’ -a-chaolais.
Agus gu dé a chuir sgiobair-trèana ’na bhall de Choimisean nan Croitearan? Chuir gur e a tha an so duine sònraichte. Duine nach d’ fhuair cothrom sgoile ’na òige ach, a dh’aindeoin sin, aig a bheil eanchainn agus a rinn feum de’ n eanchainn a fhuair e a chum maith na dùthcha.
Bheirinn-sa ùine mhór a’ cur sìos air paipear gach dreuchd is inbhe anns an d’rinn Iain MacNeachdainn seirbhis d’ a luchd-dùthcha. An 1933 thaghadh e mar bhall de Chomhairle-baile an Obain, agus rinneadh Pròbhaist a’ bhaile dheth an 1937. An 1934 thaghadh e mar bhall de Chomhairle Siorrachd Earraghaidheal, agus is esan Iar-cheann-suidhe na Comhairle sin o chionn naoi bliadhna. Is e Ceann-suidhe Comhairle an Fhòghluim anns an t-siorrachd sin o chionn dheich bliadhna. Tha e ’na bhall de Chomhairle Earalachaidh na Gaidhealtachd. Tha e air móran chomhairlean eile—mu shlàinte an t-sluaigh is riaghladh nan tighean-eiridinn is tuarasdal luchd-saothrachaidh an fhearainn. Tha e air Bòrd na Coille. Bha e ’na bhall de’n Choimisean Rìoghail a bha a’ rannsachadh Cùisean na h-Alba o chionn bliadhna no dhà. Is esan Ceann-suidhe riaghlairean Urras Catriona NicCaoig. Fhuair e an t-urram C. B. E. bho’ n Bhan-righ, agus is math a thoill e sin, ach ’s e an t-urram as mò a chuir moit air gun tugadh dha saorsa baile an Obain, urram nach tugadh do neach eile riamh roimhe no as a dhéidh.
Tha Mgr. Alasdair R. MacCoinnich ri tuathanachas faisg air Baile-Dhubhthaich an siorrachd Rois, ach is mac croiteir e a mhuinntir an Eilein Sgitheanaich, agus b’ ann air a’ chroit a chuir e seachad làithean na h-òige. Is esan Ceann-suidhe Comhairle Fòghluim Siorrachd Rois, agus tha e ’na bhall de mhóran chomhairlean eile. Tha e dà fhichead bliadhna agus a h-aon-deug a dh’aois.
[Dealbh]
Alasdair MacArtair
[Dealbh]
Alasdair MacCoinnich
Sin agaibh, ma thà, an triùir a tha air an taghadh a chum is gun leig iad an inntinn agus an neart gu h-iomlan ris an obair chudthromaich a dh’ earbadh riutha. Tha iad air an taghadh airson cóig bliadhna agus is e an tuarasdal a bhios aca—trì mile not sa’ bhliadhna aig a’ Cheann-suidhe agus dà mhìle an urra aig an dithis eile.
Mar a chunnacas anns na paipearan naidheachd, bho chionn ghoirid, tha an triùir a bhios air a’ Choimisean pàirt de’ n ùine air an ainmeachadh cuideachd, agus tha sinn cho toilichte leotha agus a tha sinn leis a’ chòrr. Seumas Grannd, fear deasachaidh anStornoway Gazette, Seumas MacIain as a’ Mhanachainn, agus Caiptean Dùghall MacLachlainn a Bail’ -a’ -Chaolais.
Feumaidh an Coimisean sgioba de dhaoine fiosrach ealanta a bheir na rùintean aca gu buil. Dhiùbh sin dh’ ainmicheadh dithis cheana, dithis Ghaidheal air a bheil deagh theist.
Is e Mgr. Alasdair MacArtair Ard-oifigeach a’ Choimisein. Buinidh esan do eilean Ile agus tha e dà fhichead bliadhna agus a seachd a dh’ aois. An deidh a’ cheud ghreis d’ a bheatha a chur seachad air croit an Ile chaidh e do Cholaisde an Aiteachais an Glaschu, agus dh’ éirich e gu àrd-dhreuchd ann an seirbhis Bòrd an Aiteachais. Tha deagh-aithne air am measg Gaidheil Ghlaschu far an robh e ’na Cheann-suidhe air a’ Chomunn Ileach.
Is e Mgr. Dòmhnall MacCumhais Rùnaire a’ Choimisein. Buinidh esan do Fhionnsabhagh anns na Hearadh agus, air dha oileanachadh fhaotainn an sgoil Chinn-a’ -ghiùthsaich agus an Oil-thighean Obaireadhain is Dhun-éideann, bha e ’na fhear-lagha an Dun-éidinn,
[Dealbh]
Domhnall Iain MacCumhais.
agus anns na bliadhnachan mu dheireadh ann an seirbhis Bòrd an Aiteachais. Tha e ’na cheann-iùil am measg Gaidheil Dhun-éidinn.
Faodar a ràdh mu cheathrar as a’ chóignear a dh’ ainmicheadh gun d’ rugadh iad agus gun do chuir iad seachad bliadhnachan na h-òige ri croitearachd, agus tha ceathrar as a’ chóignear ’nan luchd-Gàidhlige. Agus tha gibhtean sònraichte agus fiosrachadh farsaing aig gach aon de’ n chóignear, agus, an uair a théid iad cruinn mu’ n bhòrd, faodar dùil a bhith ri eòlas is tuigse is ealantachd ann a bhith a’ làimhseachadh gach cuspair a bhios f’ an comhair.
title | Coimisean nan Croitearan |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | T. M. MacCalmain in Gairm 13 %p |
parent text | Gairm 13 |