[33]

A’ Chuibhrig

Eadar-theangachadh le RUARAIDH MACTHOMAIS den gheàrr-sgeul Chuimreach, Y Cwilt, le KATE ROBERTS.

DHFHOSGAIL i a sùilean is i air cadal math a dheanamh troimhn oidhche. Dhfheuch i ri cuimhneachadh gu bha ceàrr. Bha rud-eigin ceàrr, ach airson mionaid cha burrainn di cuimhneachadh bhann: coltach ri duine air acheud mhadainn an deidh do neach a tha an dlùth dhàimh dha am bàs fhaighinn. Uidh air an uidh thig ena chuimhne gu bheil corp anns an ath sheòmar. Sin mar a dhfhairich Febi Williams air amhadainn so, Ach cha be bàs caraid a bha adeanamh dragh dhi. Uidh air an uidh (ma dhfhaodar achainnt so a chleachdadh mu a thachair ann am beagan mhòmaidean) thainig ena cuimhne gum be so an a bha àirneis an tighe afalbh ga reic. Thill am pian a dhfhairich i an raoir fo a cridhe. Sheall i mach air an uinneig is i afeuchainn gun smaoineachadh air. An sin, thionndaidh i ris an duine aice. Bha ena chadal, is a stais agluasad sìos is suas mar a bha anail atighinn. Bha e glas fo na sùilean, agus bàn anns an aodann, is shaoileadh tu, ri a cheud choimhead, gum bann marbh a bha e. Chùm i a sùil air, is mu dheireadh thug so air dùsgadh. Bha sùilean Iain gorm lainnireach, is bha fiamh aghàire annta nuair a thug e sùil air a mhnaoi, mar gum biodh e dol a dhinnse a bhruadar dhi. Ach chuir e a dhà làimh fo a cheann is sheall e mach air an uinneig ma choinneimh. Thug an dithis greis mhath gun dad a ràdh.

“ ’S fheàrr dhuinn gun norrag eile a dheanamh,” ars esans e ag éirighna shuidhe.

“ ’S fheàrrars ise, gun charachadh.

“ ’S fheàrr dhuinn éirigh.”

“ ’S fheàrr.”

Feumaidh sinn éirigh.”

Feumaidh.”

A chionns gum bi a bhean a bhiodh ag éirigh an toiseach a chuile , bha dùil aig Iain Williams gun deanadh i an ceudna an diugh. Ach dhfhuirich ise ann an sinna laighe cho sàmhachs ged a be leac màrmoir a bhiodh innte.

A dhaithghearr smaoinich e gum biodh e cho math dha fhéin éirigh. Bhiodh luchd cruinneachaidh na h-àirneis air tighinn ann an ùine ghoirid. Dhéirich e is chuir e uime air a shocair, acoimhead amach air an uinneig fhads a bha e adùnadh a phutanan. Cha do dhfhaighnich e dha bhean carson nach do dhéirich i.

Air dhà-san a dhol sìos an staidhre, lean Febi Williams oirre acoimhead troimhn uinneig air an iarmailt a bha sìnte air clàr a léirsinn. Cha bu chuimhne leatha madainn o chionn iomadach bliadhna nuair a bha cothrom aice laighena leabaidh, acoimhead nan speuran, is a h-inntinn falamh de smuain ach mar a bha an t-adharga lìonadh. Cha robh air a h-inntinn an diugh ach an t-aon gu robh an duine aice air briseadh, is gu robh an àirneis uile, ach a mhàin am beagan nithean a bha do-sheachnaichte feumail



[34]

dhaibh, afalbh ga reic. Bha so air bith air a h-inntinn, is air inntinn a fir, o chionn mhìosan a nis. Bha iadnan dithis air uiread a chagnadh a dheanamh air gach bha co-cheangailte ris is nach robh air fhàgail a nis ach an smuain rùisgte gus cluiche leisnan inntinnean.

O chionn bhliadhnachan fada air ais, nuair a thòisich iad air abhùth an toiseach, bhiodh eagal air Febi Williams gun tigeadh a leithid so de oirre. Chunnaic i so atachairt iomadach uair ann am bruadar, is cha robh e acur móran dragh oirre ged a thachradh. Cha robh difir leatha ged a chailleadh i an saoghal uile. Bha i fhéin agus a céile air leum a thoirt don mhuir, agus dhfheumadh iad snàmh a dheanamh. Nuair a bha an sruth uaireannan leotha is uaireannannan aghaidh bha e furasda an t-iomagain a thilgeil a thaobh.

Ach chaidh leotha gu math anns abhùth, is mar a bha iad asoirbheachadh air an socair fhéin bha gach iomnaidh ateicheadh. Fhuair iad bliadhnachan mar so. Ach co-dhiùbh, o chionn beagan bhliadhnachan air ais thòisich nithean adol am miosad. Mu bhliadhna air ais bha iad cinnteach gu robh iad ateàrnadh abhruthaich gu math cabhagach. Chuir am fiosrachadh so fo eagal iad, mar gun cluinneadh duine gu robh caraid ionmhuinn dha gu tinn, gun dòchas a dhol am feabhas. An deidh achiad bhriosgaidh dhaidich i na bha an dàn dhi, mar a dhaidichear bàs an duine thinn. Ach an robh iga aideachadh mar sin? Seall mar a bha i air diùltadh éirigh an diugh. ’Se an dara cuid laige no rag-mhuinealachd a bha i aleigeil fhaicinn an sin. Cha robh i cinnteach aca. Carson a bha an duine aice air briseadhthòisich an gleachdna h-inntinn a rìs, an gleachd a bhinnte fad mhìosan. Bùithtean móra abhailesud caite an robh an t-olc— ’s iad areic biadh saor isga ghiùlain uair san t-seachdain gu ruig dorsan nan tighean. Bha e searbh dhì-se is do a céile a thug creideas don t-sluagh sin fad bhliadhnachan a bhithgam faicinn a nis apàidheadh airgead ullamh do luchd na bhanaichean. Bha i an dòchas iomadach uair gu faigheadh iad am puinnseanachadh le bhith ag itheadh seann bhiadh saor nan canastairean, ’s gun tigeadh spotan air an aodannan. ’ bha toilichte nuair a leugh i aon uair gun tainig air fear de na companaidhean móra sin ùnlagh a phàidheadh a chionns gu robh duine-eigin air a phuinnseanachadh.

Bha i fhéins an duine aice air fàs ro shean gus sabaid an aghaidh a leithid sin. Sin an fhìrinn dhut. Is cha burrainn dhi, a dhaindeoin sin, géilleadh don dàn. Cha robh e cho furasda an saoghal uile a chall is a shaoil ina h-òige. Cha be furasda a bhann thu fhéin fhalamhachadh is a dhol air aghaidh as a dheidh. Bha sin math gu leòir martheory— mun deanadh daoine argumaid mur a biodh an còrr aca ri dhèanamh. “Ach fiach risarsa Febi Williams rithe fhéin air amhadainn so. Bha i a cheart cho déidheil air stòras an t-saoghails a bha i riamh. Chuimhnich i air na chuala i riamh de sgeulachdan mu dheighinn spìocairean abàsachadh, is iad agreimeachadh, eadhon nuair a bha iad fon bhàs, nas teinne na rinn iad riamh air an t-saoghal a béiginn daibh fhàgail. Burrainn di beagan a thuigsinn dhe sin an diugh. Bha e furasda gu leòir dhì-se is do gach searmonaiche



[35]

a rinn searmoin a riamh mu dheighinn an duine òig bheairtich a dhfhalbh gu tùirseachbha e furasda gu leòir dhaibh-san a ràdh is a smaoineachadh gu robh an call soirbh ri ghiùlain. Fhads a bha abhùth aca smaoinich i iomadach uair gu robh an saoghal adol a thuiteam air an ceann. Achsann ateannadh bhuaipe a bha an saoghal an diugh, ’sga fàgail as a dheidh.

Chuala i bragadaich nan soithichean anns achidsin, agus smaoinich i airson mionaid air na bha a dhìth oirre an dràsdabiadh. Chuimhnich i an uair sin air mar a thuirt an duine aice gu feumadh iad a h-uile dad a reic, ach na dha na trì rudan nach deanadh iad achùis as an aonais, a chum pàidheadh na burrainn daibh de na fiachan aca. Dhaontaich i leis aig an ám, gun smaoineachadh. Ach aig ám den t-seòrsa so feumaidh duine breith a thoirt ann an cabhaig. Bfheàrr leatha a nis gum bfheudar dhi na nithean a bha riatanach a reic, agus na rudan a bhanan annlan a chumail. Sin na rudan a thug toil-inntinn dhi ri linn an ceannach, rudan nach leigeadh i leas a bhith air fhaighinn, ach rudan anns an do chuir i sùil, agus a cheannaich i bho bhliadhna gu bliadhna mar a bha iad afàs ann am beairteascathair-ghàirdeanach, seann chiste, cloc is a leithid sin.

An sin bfheudar sàbhaladh a dheanamh, is chaidh stad air acheannach sin. Cha robh airgead ann gus rud a cheannach. Beò air seann rudan. Fuireachd aig an tigh.

Ach aon uair, an deidh do nithean tòiseachadh adolnan aghaidh, chaidh i gu féill còmhla ris an duine aice, oirse brèagha samhraidh a bhann, is cha robh móran dòchais aca faighinn air falbh on tigh air lathaichean-saora. A chionns gu robh an t-sìde bhrèagh adùsgadh iarrtais innte gu aodach ùr a chur uimpe, bha i atogail a h-inntinn cuideachd. Ma bha aghrian alasadh deirgead an t-seann aodaich bha i acur blathsna cridhe mar an ceudna. Thachair i ri seann bhana-charaid dhi air an fhéill, is coltas gu math soirbheachail oirre, le a h-aodach tana sìoda den fhasan a bùire, is i fhéin, Febi, air a cur uime le deise a bha trì bliadhna a dhaois.

O Febi, ’s tha toilichte tfhaicinn,” ars a caraid, is bha a leithid de bhuaidh aig aghréin air cridhe Febi is gun dfhairich i a cheart cho toilichte sin.

Bheil fhios agad air a so,” thuirt a caraid, “Tha cuibhrigean air leth thall air an stàlla an sin. Trobhad ach a faic thu iad.”

Is rug i oirre air ghàirdean is tharruing i null chun na stàlla i.

Bha Febi air a buaireadh cho mórs a bha i riamh bho thòisich iad ri sàbhaladh, is i agleachd rithe fhéin mar gum bann asabaid ri nàmhaid a bhiodh i. Bha aodaichean flanan ann an sin agus cuibhrigean àluinn, agusnam measg bha aona chuibhrig a dheidheadh i mach air amhuir ga iarraidh. Bha na boireannaich gu léir alàimhseachadh na cuibhrig mar a bha iad agabhail seachad, is atoirt sùil an fhadachd oirre air dhaibh a fàgail as an deidh. ’Se cuibhrig de fhlanan tiugh geal a bhann, le stripean air fheadhstripean de gach dath, gorm agus uaine, buidhe is dearg, is gun iad idir aruith dìreach ach gu camalubach. Thainig miann air Febi a ceannach, is mar bu mhotha a bheachdaicheadh i air a bochdainn fhéinsann bu mhotha idir a bha a miann afàs.



[36]

[Sanas]



[37]

Ach nach ì tha grinn,” arsa a ban-charaid.

Cha duirt Febi facal; sheas i mar gum biodh i fo cheò. Dhfhàg i a ban-charaid gun fhacal a ràdh, is chaidh i a lorg an duine aice. Dhinnis i dha gu robh feum aice air airgead a cheannach cuibhrig as abhad, air eagal gun ceannaicheadh duine-eigin eile i. Bha coltas diùmbach air-san, ged nach duirt e dad. Nan robh e air sùil mar sin a thoirt oirre anns an t-seann aimsir, nuair a bha airgead gu leòir aca, bha sin fhéin air toirt oirre gun achuibhrig a cheannach. Ach fhuair i an t-airgead is cheannaich i achuibhrig. Nuair a ràinig i dhachaidh leatha, chuir i air an leabaidh i, is shuath i ri h-aodann achuibhrig, ’ga faireachdainn. Bha fadachd oirre, cha mhór, gus an tigeadh an geamhradh. Thainig ena cuimhne a nis gu robh achuibhrig anns achiste, deiseil gus a reic, agus bha miann a cumail a nis acheart cho làidir ri miann a ceannach. Thug i man airidh nach deidheadh achuibhrig co-dhiùbh donauction. ”

Thainig an sin an duine aice a steach don t-seòmar is threithena làmhan. ’Se rud air leth annasach a bhann dhì-se bracaist fhaighinnna leabaidh, ach cha do shaoil i dad dheth an diugh, is shaoileadh tu air an duine aice gu robh e ro-eòlach air a bhith atoirt bracaist thuice air amhodh sin.

Dhéirich ina suidhe, achiad ghlideachadh a rinn i bho chaidh an duine aice sìos an staidhre, is shuidh esan aig cas na leapa. Cha burrainn do dhuine den dithis aca móran còmhraidh a dheanamh. Gu dearbha, ’sann oirre a thainig an caochladh iongantach. Bha an tea teth agus math, is chòrd e rithe a bhith faireachdainn a bhlàthsna h-amhaich, is aruighinn a broilleich. Bha an t-arans an t-ìm math cuideachd, air a ghearradh gu tana. Chuir i car dheth air a teanga, ’ga chagnadh air a socair. Thug i sùilair an duine aice.

Tha e math,” arsa ise.

Thà,” arsa esan, “ ’ gu bheil. Bha mim beachd gu robh mi air cus arain a ghearradh, ach cha chreid mi gu robh.”

Cha robh thù,” ars i fhéin, ’s i coimhead an truinnseir.

Nuair a chrìochnaich Febi a biadh dhfhairich i iongantach toilichte. Bha i toilichte a chionn gu robh an duine aicena shuidhe aig cas na leapa. Cha dfhuair e riamh cothrom, fhads a bha abhùth aige, suidhe mar so a dhithe a bhracaist. Cabhag, cabhag an còmhnuidh. Biongantach gum bann an diugh, as a chuile , a fhuair iad an cothrom. Bha a biadh acòrdadh rithe cuideachd, is i afaighinn a bhlas na bfheàrr na fhuair i riamh, ged nach robh dad ann ach aran is ìm is tea. Chaidh aice air na smaointean sin, a bhaga sàrachadh mus tainig an duine aice a nìos an staidhre, a thilgeil a thaobh, is faireachdainn mar a bha i an dùil, bliadhnachan fada roimhe sin, a dhfhaodadh i faireachdainn an deidh a chuile càil a chall. Co-dhiùbh, airson mionaid cha robh sin acur dragh oirre, agus dhfhairich i mar gum biodh uile éibhneas a beatha air a chròthadh dha na mionaidean sin a thug i ag ithe a bracaist. Dhfhairich i mar nach biodh aimsir ann roimhe sin na as a dheidh. Cha robh an no am màireach ann. Dad ach an diugh. Is an deidh a chuile rud, bha anns abheatha air fad ach asmaoineachadh air -rna-mhàireach. Cha leigeadh duine sam bith a leas a bhith air a dhol a bhùth no a dhobair mur a biodh am màireach air a bhith ann. Ach



[38]

cha robh guth air an dràsda, co-dhiùbh, aig Febi Williams. Fhuair i làmh-an-uachdar air a cràdh anns na mionaidean glòrmhor sin.

Ach so fuaim bhana throm aig agheata. “Sin i air tighinn,” thuirt Iain, is rug e air an threithna chabhaig, is ruith e nuas an staidhre. Chaidh isena sìneadh, is dhfhairich i an aon chion-diù atighinn thairis oirre a rìs. Chuala i na dorsan afosgladh is fuaim chasan acoiseachd. Bha fuaim gluasaid ra chluinntinn anns gach àite air feadh an tighe aig an aon ám. Bha an àirneisga slaodadh air feadh an làir, is na cathraichean abualadhna chéile. An ùine gheàrr, so fuaim chasan adìreadh na staidhrenan ruith, is na daoine leis am bu leis iad afeadalaich gu fonnmhor. A steach leo don ath sheòmar. Dìosgail na leapa ann an sin an uair sin. Leum Febi Williams a mach as a leabaidh is rinn i air achiste. Shlaod i achuibhrig amach aiste, is chaidh i air ais leatha chun na leapa, is chaidh ina suidhe. Phaisg i ma timcheall i, ’ga cur tarsuinn air a ceann. Burrainn di i fhéin fhaicinn anns an sgàthan a bhair abhòrd ann an oisinn an t-seòmair.

Bha i mar sheann chaillich, achuibhrig air a tarruing ma h-aodann is atighinn gu chéilena currachd os a cionn. An sin dhfhosgladh an dorus le fear de luchd-cruinneachaidh na h-àirneis, balach òg. Nuair a chunnaic e Febi Williamsna leabaidh mar so, theich e mar am peilear.

An ceann thiota chuala i gàireachdainn atighinn bho mhullach na staidhre.

[Sanasan]

titleA’ Chuibhrig
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 13 %p

notestranslation
parent textGairm 13
<< please select a word
<< please select a page