Bhòidse chun nam Faero
le Iain Caimbeul
DH’FHALBH sinn le chéile, ’s e Suaineach, Roland Svensson, dealbhadair ainmeil a sgrìobhLonely Isles,a bha còmhla rium, agus chaidh sinn gu ruige Learbhaig ann an Sealtainn an toiseach; bha sinn ri feitheamh a’ bhàta ann an sin, agus ’s ann air feasgar Di-Dòmhnaich, an cóigeamh là diag de mhìos Mhàigh, a nochd i a stigh dha’n acairseid. Agus bu ghasd’ an sealladh i. Bha dùil againn ri bàta bhiodh coltach ris an “Hebrides” ach ’sann a bha i ’na bàta-motor ùr, nas mutha na an “Loch Seaforth,” agus briagha air a h-uile dòigh; cliathaich dhubh is crann-toite buidhe oirre agus bratach nam Faero air a deireadh. ’Se ’n “Tjaldur” an t-ainm a bh’ oirre, ’se sin an “Gille Brìghde,” ian nàiseanta nam Faero.
Bha móran de luchd-turuis innte eadar Danmharcaich agus Faeroich a’ dol dhachaidh. Bha coisir cloinne Fhaeroach a’ dol dhachaidh a Copenhagen, agus thug Roland orra òrain na dùthcha a ghabhail. Bha a’ ghaoth a’ séideadh gu garbh as an àirde tuath agus ghabh sinn gu deas seachad air Ceann Sumburgh agus an uair sin a mach dha’n iar-thuath seachad air creagan ainmeil Fhoula. Nuair a chaill sinn fasgadh an eilein sin, ’sann a thòisich an t-annradh. Cha do dh’fhairich mi oidhche cho garbh riamh; shaoil leam gu robh “faochagan croma ciar an aigeil a’ glagadaich a stigh air an ùrlar” aice. Cha b’ fhada gus an deachaidh a’ chuid bu mhutha de’ n luchd turuis a sealladh. Dh’ fhan sinn gu h-ìseal gus na ràinig i fasgadh na tìre air an ath-mhadainn.
Ràinig sinn baile Tórshavn mu dheich uairean sa’ mhadainn agus bha móran againn toilichte fhaicinn. ’Se Tórshavn prìomh-bhaile nam Faero; canar “Havn” fhéin ris bicheanta gu leòir, agus ’se “Haun” am fuaim a th’ air an fhacal so, dìreach mar a tha “Hann” againne an Eirisgeidh, agus ann an àiteachan eile. Bha i cur shneachda nuair a ràinig sinn ach chìte a’ ghrian an dràsd ’s a rithist. Bha cruinneachadh mór de dhaoine air a’ chidhe, agus bha móran de na boireannaich air an sgeadachadh leis na h-aodaichean dearga; sin an dath a bh’fheàrr leo. Bha bàtaichean iasgaich gu leòir anns an acairseid, ’s aig na cidhean; cha robh bàta sam bith eile cho mór ris an “Tjaldur” no goirid dhith. Bha móran de na fir a’ giùlain bioraid no boineid na dùthcha, ceap stocainneach le stiallan dearga ’s dubha, agus geansaidhean snàth de chlòimh Fhaeroach, air na dathan nàdurra, geal, dubh is donn; tha na geansaidhean sin anabarrach blàth agus briagha.
Chaidh sinn air tìr cho tràth ’s a b’ urrainn dhuinn; bha am bàta ri bhith aig a’ chidhe gus an ath-mhadainn. B’fheudar dhuinn dol chon a’ phoilis-oifis an toiseach, a chionn gum bu choigrich sinn; ’s nuair a chunnaic am poilis ar cuid phasaichean agus a thuig iad gum bu daoine dòigheil sinn, chaidh sinn a choimhead air a’ bhaile, agus gu dearbh, ’s e baile snasail a th’ann, tighean móra briagha air am peantadh air iomadach dath eadar geal is dearg is uaine, agus tha gàrraidhean aig móran aca anns a bheil flùraichean, preasan is craobhan a’ fàs. Tha na craobhan cus nas pailte na tha iad ann an Sealtainn. Chunnaic sinn an Tigh Pàrlamaid, Tigh an Ard Riaghladair, am Museum, an eaglais Lùterach, agus sgoil mhór far a bheil cailleachan dubha a Flannras a’ teagasg; bha Fraingis aig feadhainn dhiubh. Thadhail sinn ann am bùth mhór nan leabhraichean, far an robh móran de leabhraichean anns an Fhaeroach ’s ann an Danmharcach, ’s chaidh sin a’ choimhead air na bàtaichean a bh’aig a chidhe. Bha bàtaichean ann a bhuineadh dha’n dùthaich agus feadhainn eile a thàinig a Norbhaigh; bidh tràlairean Breatannach a’ tadhal ann uaireannan. Tha bàtaichean móra aig na Faeroich agus tha feadhainn aca dol gu ruige Gruinland is Tile. Chan eil na h-iasgairean Faeroach cleachdte ri bhith ’nan tàmh, ’s cha dual dhaibh a bhith leisg.
An deidh dhuinn dìnneir a ghabhail air an “Tjaldur” thill sinn a rithist ’s fhuair sinn carbad-ola ’s chaidh sin a choimhead sean-bhaile fearainn is làrach eaglais ainmeil ris an cante Kirkjubour. Chan eil ann de’ n eaglais ach na ballaichean, ach tha am baile fearainn air àiteachadh le teaghlach ainmeil Faeroach, Patursson, agus tha an tigh mar a bha e o chionn fad linntean. Sheall fear an tighe, Páll Patursson an tigh agus na tha ann, dhuinn, agus b’ fhiach fhaicinn. Tha an t-àite so mu chóig mile deug a Tórshavn, air taobh eile an eilein—Eilean Eysturoy. Bha a’ bheinn cho lom ’s cho sgorach ’s a chunnaic mi riamh. Cha robh fraoch no raineach a’ fàs air. Cha robh coineineach r’ a fhaicinn no uiseag r’ a cluinntinn. An Gille Brìghde fhéin agus corra-fhaoileagan ’s e sin na h-aona chreutairean beò a chunnaic sinn ach na caoirich a bha fhathast mu na tighean, agus uain òga aca.
Thill sin do’ n “Tjaldur” agus chaidh sinn a chadal. Mu chóig uairean sa’ mhadainn dh’ fhalbh i gu deas, a’ deanamh air Suderoy, an t-eilean as fhaide gu deas de na Faero. Dh’ fheumadh i tadhal an sin air dà bhaile iasgaich, Tveroyri is Vágur. Bha mi tràth air mo
chois a’ coimhead air an dùthaich ’s a’ togail dhealbh, agus gu dearbh b’e sin an sealladh a fhuair mi. Tha na Faero air fad de’n aon chloich ri Canaidh, ’s e sin, basalt; chìtear a’ chlach sin anns Eilean Sgitheanach ’s ann am Muile; ach tha na beanntanan ’s na sgoran ’s na creagan de mhìodachd mhóir seach an fheadhainn againne. Tha coltas gruamach air a’ bhasalt, gu sònraichte nuair nach eil atharrachadh air; cha robh mi fada am measg nan eilean mun robh mi ’g ionndrainn tràigheannan geala gainmhich Innse Gall. Chan eil ach aon tràigh ghainmhich sna Faero ’s e sin anns an Eilean Sandoy( ’se ’n tràigh a tha toirt an ainm air an eilean) agus chualas nach e gainmheach gheal a th’ ann. Co-dhiùbh chaidh sinn seachad air cladaichean fiadhaich is rubhannan cunnartach. Bha neòil mhóra ann ach bha a’ ghrian a nochdadh an dràsd ’s a rithist; b’e so an là a b’fheàrr a fhuair sinn thaobh sìde.
Nuair a bha sinn seachad air Sandoy, thàinig an dà Eilean Dímun an sealladh, an Dímun Mór ’s an Dímun Beag. Thàtar ag ràdh gur h-e facal Gàidhlig a tha ann an “Dímun” ach cha chuala mi gu dé a’ chiall a th’ air. Co-dhiùbh, tha e coltach gu robh Gàidheil sna Faero mun tàinig na Lochlannaich, agus gura h-iad “Innse nan sliabh àrd, làn d’eunaibh dubha agus odhar agus breaca a’ nuall agus a’ labhairt gu mór” * a chunnaic Maél Dúin, a sheòl a Eirinn sa’ churach. Tha facal Gàidhlig no dhà aig na Faeroich fhathast, mar a tha “kjallámor” bho “làmh cheàrr” againne. † Tha an Dímun Mór cho annasach ri eilean san t-saoghal. ’Se eilean mu mhìodachd Eilean nam Muc, no Miughalaidh, a th’ ann agus tha creagan m’ a thimcheall air fad; chan eil cladach idir ann. A h-uile bathar is beathach a théid ann no as, ’sann le cran a bhithte ’ga thogail no ’ga leagail. Nuair a ruigeas duine am mullach, tha fiar briagha gorm, is flùraichean fiadhain a’ fàs, far a bheil beathaichean is caoirich ag ionaltradh. Tha aon tuathanach, le theaghlach, a’ fuireach ann, agus tha iad ’nam prìosanaich fad a’ gheamhraidh. Chan urrainn dhaibh sgoth a ghleidheadh no iasgach a dhèanamh, ach tha talamh math aca, agus cleite math ian. Tha radio-telefon air an eilean air am faod iad bruidhinn ri muinntir Suderoy.
Mu dhà mhìle gu deas a rithist, tha Eilean Dímun Beag, eilean air chumadh mi-ghnàthaichte air nach fhaod duine tighinn beò. Buinidh an t-eilean so do dh’fhear de na bailtean ann an Suderoy, agus tha muinntir a’ bhaile a’ cumail chaorach ann. Thatar ag ràdh gu robh aon uair dream sònraichte de chaoirich air an eilean sin, mar a tha ann an Hiorta an diugh, ach gun do mharbhadh iad no gun deachaidh iad ann an deachamh air dhòigh air choireigin ’s nach eil gin idir dhe’n t-seòrsa beò a nist.
An déidh dhuinn dhol seachad air an dà Dhímun, thadhail sinn ann an lochannan Suderoy, lochannan fada caola domhainn amalach. Bha sinn là ann an sin, eadar an dà bhaile iasgaich a dh’ ainmich mi. Tha cidhean uabhasach math aca ach chan eil rathad a’ dol fad an t-siubhail eatorra fhathast! Ged tha Suderoy car coltach ri Ceann a
* “insi n-áird sliabdai lán d’éanaib dubaib agus odraib agus alathaib oc nuall agus oc labra mór.” Rel. Celt. IX t. d. 492.
† Prof. Chr. Matras, “Làmh chearr i foroyskum máli,” F. Frodskaparrit, III, t. d. 60.
Deas Uibhist air a’ chlàr-dùthcha, tha e cus nas gairbhe. Tha meinn-ghuail anns an eilean so. Tha gnàth-chànain aig na Suderoyaich a tha gu math dealaichte o chànain nan eileanan eile, mar a tha Gàidhlig Leódhuis dealaichte bho Ghàidhlig nan eileanan eile againn.
Dh’ fhalbh sinn a Vágur air an oidhche agus an deidh dhuinn tadhal an Tórshavn fad ùine ghoirid, ghabh sinn gu tuath gu Klakksvík. Sin an t-àite far an robh an ùpraid mu’ n dotair, ach cha ruigeamaid a leas ceistean a chur mu dheidhinn na cùise so, oir cha robh daoine deònach am freagairt. Co-dhiùbh bha an strìth seachad nuair a ràinig sinne. B’e sin an turus fuar. Bha gaoth a tuath a’ séideadh gun fhois agus bha cur is cathadh ’nar n-aghaidh. Mar a bha sinn a’ dol gu tuath, bha na beanntannan a’ fàs na b’àirde, is a dol sìos gu cas chon na mara; bha sinn dol roimh chaolasan cumhang agus na beanntannan air gach taobh dhiubh geal. Tha eileanan an taobh tuath nam Faero cus nas cruaidhe na Sandoy no Suderoy.
[Dealbh]
Klakksvík (Dealbh le Fear Chanaidh)
’S e baile-iasgaich a tha ann an Klakksvík, agus tha feadhainn de na daoine ann a rinn airgead math aig an iasgach aig ám a’ chogaidh. So an acairseid as fheàrr a tha sna Faero. Cha robh móran de thoileachas agam an sin a chionn gun d’ fhuair mi droch-chnatan; air a shon sin dh’ fhan mi air bòrd nuair a chaidh mo chompanaich a choimhead air fear mór a’ bhaile. B’ e sin a’ chiad là ar fhichead de’ n Mhàigh ’s bha e cho fuar ri miadhain a’ gheamhraidh.
Air an ath-latha thill sinn a Thórshavn, ’s bha sinn toilichte fhaicinn a rithist. Bha de dh’ùine againn dhol a choimhead air muileann-uisge tha ag oibricheadh beairtean-fighe, agus a dhol a
cheannach ad is geansaidh Faeroach. Sheòl sinn mu cheithir uairean an fheasgair, ’s ràinig sinn Learbhaig air an ath-mhadainn.
Feumaidh mi nis rudeigin a ràdh mu dheidhinn an t-seòrsa caitheamh-beatha is cosnaidh a tha aig na Faeroich, oir tha an caitheamh-beatha aca glé choltach ri caitheamh-beatha na seana-Ghàidheil mun tàing na caoirich mhóra d’ ar dùthaich. ’S e ’n t-iasgach an cosnadh as fheàrr a th’ aca agus tha bàtaichean móra aca a tha dol gu ruige Gruinland ’s a toirt dachaidh iasg geal. Tha iad ’ga shailleadh ’s ’ga thiormachadh ’s ’ga chreic do’ n Spàin ’s do’ n Eadailt ’s do Phortugal dìreach mar a bha muinntir nan eilean againn mun tàinig na tràlairean grànnda a Sasunn ’s a Obar-Dheadhain a thoirt am beòshlaint dhiubh. Ach lean na Faeroich ris an iasgach sin chon an latha an diugh; fhuair iad bàtaichean iasgaich móra dhaibh péin; fhuair iad cead air na tràlairean coigreach a chumail astar cothromach o’ n chladach, rud nach d’ fhuair sinne riamh. Tha na crìochan aca a’ dol timcheall air na h-eileanan air fad, an àite a bhith air an tarruing mu thimcheall gach eilein air leth mar a tha crìoch-nan-trì-mìle againn.
’S e ’n t-iasgach a tha deanamh an airgid dhaibh an toiseach. Tha mu 70,000 caora ’s mu 4,000 beathach sna h-eileanan, agus bhon tha ’m feòil air ithe aig an tigh uile, cha bhi feum aca air beathaichean no caoirich chur air falbh gu margadh gu tirmór. Tha cuid de’ n chlòimh ’ga cur air falbh, agus tha itean nan ian a bhios iad a’ glacadh air na creagan. Tha na h-eòin fhéin—Seumasan ruadha, gugaichean, langaich, ’s a leithid, air an sailleadh ’s ’gan ithe. Chan eil e ceadaichte a bhith glacadh nam fulmairean a nis a
[Dealbh]
An “Tjaldur” aig cidhe Tveroyri. (Dealbh le Fear Chanaidh)
[Dealbh]
Eaglais Luterach an Tórshavn.
(Dealbh le Fear Chanaidh)
chionn gun do dh’ ionnsaich iad, beagan bliadhnaichean air ais, gu robh am fulmair a’ giùlain an tinneas ris an canarpsittacosis, a bha glé chunnartach dha na boireannaich a bha spìonadh nan eun, ged nach robh an galar a’ deanamh dad de chron air na fulmairean fhéin. Mar sin tha na fulmairean a’ fàs nas pailte na bha iad riamh.
Biadh eile bhios aca, ’s e sin feòil nam péileagan(caa’ing whale) .Tha na péileagan sin a’ tighinn mu na cladaichean ’nan sgaoth, agus ma chì duine iad, éighidh e na creachan agus a mach le muinntir a’ bhaile leis na sgothan ’gan iomain gu tìr. Tha na cladaichean freagarrach airson na seilge sin. Bidh na péileagan air an roinn eadar muinntir nam bailtean a tha timcheall air na cladaichean, a réir cleachdadh a bh’ ann o shean. Tha feòil nam péileagan glé fheumail o nach eil martfheòil ach gann a’s dùthaich.
A thaobh luchd-àitich no tuathanaich na dùthcha, tha dà sheòrsa dhiubh ann, fir-aonta an rìgh( “Kongsbondur” )is uachdarain bheaga( “ódalsbondur” ) (no“udallers”mar a chanar riu sna h-Arcaibh). Tha bailtean fearainn aig naKongsbondur, agus tha cuid dhiubh ainmeil ann an eachdraidh na dùthcha. Mar a chuala mise, feumaidh am fearann aca a dhol o athair gu mac, no gu mac bràthar mura bi mac ann, ’s chan urrainn dhaibh dealachadh ris. ThaKongsbondurann an Kirkjubur ’s anns an Dímun Mhór, agus an àiteachan eile. Thaobh na h-ódalsbondur, mar a bha Mac an Amharuis san sgeulachd, buinidh iad dhaibh péin. Tha am fearann aig na h-ódalsbondur tha taobh a stigh dha’n ghàrradh (am fearann-àitich) ann an roinn-ruith mar a bha fearann nan Gaidheal o shean; tha e air a roinn eadar muinntir a’ bhaile agus tha crann-chur air a chur aig uaireannan sònraichte a dh’ fhaicinn co leis bhios gach pìos
dheth airson corra-bhliadhaichean ri tighinn. Tha a’ bheinn aig muinntir a’ bhaile airson caoirich mar a tha beinn nan croiteirean againn an diugh. Chan eil uachdarain mhóra aca san dùthaich agus chan eil iarraidh orra.
Tha Pàrlamaid aca, mar a tha aig Eileanan a’ Chaolais Shasunnaich; agus tha an cànain fhéin aca. Cànain a tha leathach rathad eadar cànain Norbhaigh is cànain Tile. Bha a’ chainnt sin fo chuing aon uair; cha chluinneadh san sgoil, san eaglais, no sa’ chuirt ach Danmharcach, mar a tha Beurla an diu sa’ Ghaidhealtachd; cha robh Sgriobtur fhéin air eadar-theangachadh gu Faeroach gus an naoidheamh linn diag (agus is ann an Albainn a chaidh am Bìobull aca chlo-bhualadh). Ach chan ann mar sin a tha chùis an diugh; thainig a’ chànain Fhaeroach air aghairt agus is i a’ chànain Danmharcach a chaidh air chùl. Tha a’ chlann ’gan teagasg ann am Faeroach gus an ruig iad ochd no naoi bliadhnaichean a dh’ aois; tha i r’ a cluinntinn am Pàrlamaid, san eaglais, agus san tigh-chùirt; tha leabhraichean air am bualadh innte ’s tha dhà no trì do phàipeirean naidheachd innte. Air bòrd an “Tjaldur” fhéin, a h-uile facal bha air a sgrìobhadh ’sann anns a’ chànain Fhaeroach a bha e. Có chunnaic riamh facal Gàidhlig air a sgrìobhadh air gin de bhàtaichean Mhic Bhrathainn!
So a’ chànain as giorra do’ n chànain Lochlannach mar a bhìte ’ga bruidhinn anns na h-Innse Gall, sna h-Arcaibh, agus ann an Sealtainn, beagan linntean air ais, agus dh’ fhaodadh ùidh a bhith aig sgoilearan Gàidhlig innte. Ged nach buin a’ Ghàidhlig agus a’ chànain Fhaeroach do dh’ aon fhriamhachd, tha fuaimean is faclan is ràitinnean am pàirt aca. Tha am Faeroach air a litreachadh a réir friamhachd nam facal, mar a tha a’ Ghàidhlig, is chan ann a réir an fhuaim; mar sin sgrìobhaidh duine “madur” ( .i. fear) ach canaidh e “meavur.” Ged tha an dòigh sin car doirbh a thogail an toiseach, tha i fàgail na cànain cus nas fhasa ri leughadh le feadhainn as aithne dhaibh Danmharcach no seann-Lochlannach. Smaointichibh muinntir Eilean Mhanainn, a mhill an cuid Gàidhlig le bhith fiachainn r’ a sgrìobhadh a réir an fhuaim; ’se rud eile a rinn an t-Urramach V.U. Hammershaimb nuair a sgeadaich e ’m Faeroach ann an litreachadh seann-Lochlannach; shàbhail e a’ chànain an uair sin.
Thaobh beul-aithris, chan eil fhios agam ma tha na sgialaichean fhathast aca, ach tha iad a’ deanamh seòrsa de dhannsa ri òrain, mar gum b’ e puirt a beul, ach ’se duain fhada a bhios iad a’ seinn, agus feadhainn dhiubh glé shean. Is math do Ghaidheal dol a choimhead air na Faero. Chì e aghartas air gach làimh. Tha àireamh an t-sluaigh air dùblachadh o chionn 1900; agus chan eil eilean idir againn nach deachaidh air ais gu mór ann an àireamh sluaigh o’ n uair sin! Chì e na seana-chleachdaidhnean ’s na seana dhòighean oibreach a bha aon uair anns an dùthaich aige fhéin air an cumail suas gu nàdurra.
Faodaidh mi ràdh, ma bhios duine ag iarraidh tuilleadh fiosrachadh fhaighinn air na h-eileinean so, bu chòir dha“The Atlantic Isles”le Coinneach Mac Uilleim a leughadh; agus ma théid aige air Danmharcach a leughadh, tha“Faeroerne, Natur og Folk”le Jorgen-Frantz Jacobsen anabarrach math cuideachd. Gheibhear fiosrachadh air cainnt nam Faero anns an leabhar a sgrìobhW . B. Lockwood, An Introduction to Modern Faroese” (Faeroensia, Vol. IV) .
title | Bhòidse chun nam Faero |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Iain Caimbeul in Gairm 13 %p |
parent text | Gairm 13 |