[71]

Air Lorg Nan Eun An Leodhus (III)

Le DOMHNALL MACCOINNICH

CO a riamh an làithean òige a chaidil air an àirigh le fàrlas fosgailte os a cheann, fàileadh glan an fhraoichs an luachair alìonadh a chuinnleanan, e ag éisdeachd rititeag, titeagon eun-oidhche, is amach as an t-sàmhchair agus a farsuingeachd nan speur a thaomadh fuaim sreannaidh an eun-ghuraig a nuas dìreach os a chionn, a burrainn a dhìochuimhneachadh? nach eilticheadh nuair a chluinneadh e rithist e, acur an cuimhne dha làithean òige? Is iongantach cuideachd mur a lorgadh e gu h-aithghearr an t-eun aig a robh ceòl cho neònach, agus aig uairean cho coltach ri mèilich nan uan. Thug mise iomadh samhradh mus do dhfhoghlum mi nach e éigh a tha an t-eun adèanamh ach fuaim sreannaidh a tha itean taobhach earbaill adèanamh an uair a tha e atuiteam a nuas as an speur. Tha an drumadh so glé choltach ri mèilich minn no gobhair, agus sin mar a fhuair an naosg an t-ainm eun-ghurag no eun-ghobhragtha an t-ainm gobhar-adhair air a chleachdadh cuideachd. Is esan a chluinneas tu ag ràdhtiteag, titeagann an ciùine na h-oidhche, agus their cuid gur h-e comharra cinnteach air an uisge a thann. Biodh sin ceart no ceàrr is caomh leamsa an t-eun, agus cha chluinn mi e uair sam bith nach toir e blàths, ciùine agus sàmhchar na h-oidhche san Og-mhìosnam chuimhne agus nach ruith mo smuain a dhionnsaigh acheud oidhche a chaidil mi air àirigh. Tha an naosg glé phailt anns an eilean agus chan eagal nach fhaigh e a leòir den bhiadh as toigh leis, ’se sin cnuimhean móra dearga. Nuair a tha sneachd no reodhadh acòmhdachadh na talmhainn teichidh e gu tràigh no ni e gu dìgean nan tighean is dilidh nam bathaichean far an tric a gheibh e am bàs o na cait.

San aonach éiridh e romhad le sgiamh, gu sgaoimeach, cabhagach, afiaradh nam fèithean is nan toman luachrach fad urchair cloiche, ’s an sin tuitidh e am falach a rithisd no sìolaidhidh e air falbh gu dìreach rèidh air sgéith. Tha e eagalach duilich a lorg air mòintich a thaobhs gu bheil iteach stiallach air dhath an fhraoich. Chan eil móran de na h-eòin comasach air iad fhéin fhalach cho seòlta ealdhanta am measg nan lus a thagan cuairteachadhs a tha an naosg, agus mur a gluais e cha lorg do shùil e ach le fìor rannsachadh. Ged is neoini e tha an naosg measail aig luchd seilge agus tha an gìomanach a leagas dha no thrì a chàraidean air a chunntadh sgoinneil leis aghunna. Tha achearcna màthair cho gràdhach, ’s cho ceangailte ri gineal ri gin eile am measg nan eun. O chionn àireamh bhliadhnachan air ais chuir mo mhàthair eòin-nid, a fhuair i ri taobh na h-àirigh, ann am bucas gus an tiginn-sa gan coimhead an deidh dhomh tilleadh o bhreacach. Nuair a chaidh mi dhionnsaigh abhucais cha robh ceisd sam bith na h-iseanan a bhann: leum an naosg fhéin a mach troimh tholl am bàrr abhucaisbha i deiseil gu an leantainn an gainntir.

An dràsdas a rithisd, no faodaidh mi ràdh fìor chorr uair, éiridh aon no dhà de fhìor dhàimhean an naoisg romham air sgéith agus tha e soilleir gu leòir on siubhal gu bheil iad càirdeach: ’se sin an coileach-coille(woodcock)agus aghobhrag-bheag(jack-snipe) .



[72]

[Sanas]



[73]

Tha an coileach-coille gu math nas motha is nas troma nan naosg, mu mheud calman beag; brèagha, bòidheachna bhreacan fraoiche donn, is tha a shiubhal nas dìriche na siubhal chàich. Air an làimh eile tha aghobhrag-bheag gu math nas lughamu mheud topag no glaisean, agus cha tadhail i ach uairean anns agheamhradh. Mar a thuirt mi mar thà, tha ainmean nan eun eadar-dhealaichte o àite gu àite, agus maille ris na h-ainmean a thug mi seachad gheibh sinn airson achoilich-coille, an naoisg agus na gobhraige-bige, air leth, an croman-coille, an croman-lòin agus an croman-beag. Is cuimhne leam cuideachd a bhith acluinntinneun grannda bhùirnagusan t-eun oidhcheairson an naoisg an uair a chluinntetiteag, titeaguaith amuigh air an aonach.

Cha teid thu fada air do shlighe air mòintich san t-samhradh gun tachairt air paidhir de na feadagan buidhe(golden plover) .Coinnichidh iad riutnam peiteanan dubha samhraidh; cùramach, iomagaineach airson an nids an àil, aleum o thom gu tomgad thàladh air falbh on nid, agus fead aca an dràsda is a rithisd. Eòin bhòidheach, agus ged a chailleas iad am broilleach dorch mun tig an geamhradh tha an truise ùr bhreac-bhuidhe a cheart cho eireachdail. San fhoghar thig iad a nuas o na cnuics na monaidhean chon na h-ìsle, nan croiteans nan tràigheannan sgaothan móra. Tachraidh dhut an uair sin gu faigh thu feadhainn dhiubh le sgèith briste, no eadhon air am milleadh is air am marbhadh leis nauaidhricheanan cois an rathaid. Tha so atachairt thaobh is gu bheil an teicheadh mar as trice anns an oidhche. Cha baonuair a thog mi aon no dhà dhiubh mar so air mo rathad don sgoil samhadainn, agus chunnaic mi ann an dubhar an anmoich an tubaist so atachairt do sgaoth as an do thuit a dhà, agus anns an robh móran eile air am milleadh ged a chùm iad air adhart air sgéith. Tha na feadagan anabarrach pailt ann an sgìre an Rubha, gu h-àraidh o mheadhon na sgìreach gu ruig am Bràighe. Ni iad am bith-beò dheth air tràigh ri ám sneachda is reodhadh, is bithidh gu leòir aca ri am faicinn aig an ám sin air tràigh còmhla ris na trìlleachain, na guilbnichs na brìd-eòin.

Ged a gheibhear achurracag(green-plover, lapwing, peewit)mar as trice air machraicheans air lòintean ni iad an nead samhòintich cuideachd, co-dhiùbh far nach bi iad ro fhada on ghlaisean. Chan ann anns aBheurla a mhàin a tha móran ainmean air achurracaig: tha iad air am faotainn anns aGhàidhlig cuideachd. Tha feadag-riasgach, adharcan-luachrach agus an crann-luch air an cleachdadh. Ma tha agad ra dheanamh timcheall chaorach na cuir teich air is na marbh achurracag air na chunnaic thu riamh. De na h-eòin uilesi caraid as fheàrr a tha aig fear-spréidh. Tha meanbh-chnuimh am measg an fheòir a tha leigeadh a cuid uighean ann am broinn gaisean feòir. Nuair a dhitheas caora am feur sin tha na sìl atighinn am feabhasna broinn agus ag aobharachadh an tinneis ris an abair sinn am pluc. Tha achurracag glé dheidheil air a bhith ag itheadh na meanbh-chnuimh so agus mar sin asgrios aon de nàimhdean nan spréidh. Chithear sgaothan beaga dhiubh ri taobh beagan chaorach ann am buaile no machair agus air do bheath na gluais iad. Tha cuimhne agam air nach fhaicinn gin de na curracagan air mo chuairt ach a mhàin aig na léigean aig aBhràighe. Theich iad a sin ri linn



[74]

[Sanasan]



[75]

aphuirt-adhair a chur suas agus an diugh tha iad air fàs gu ro-phailt anns gach àit. Thatar agabhail mór-churam den churracaig agus is math as fhiach i e. Dhaindeoin sin chan eil ach beagan bhliadhnachan o chuala mi coigrich bhith togail nan uighean aca fhéin agus nan steàrnagan timcheall bràighean is tràighean an Rubha agusgan cur sìos gu deas gu margadh-marsantachd shuarach.

Ma tha an sneachda no reodhadh aleantainn ro fhada thig na curracagan gu deireadh glé mhór agus sin mar a thachair anns an eilean sabhliadhna 1947. Air an t-samhradh roimhe sin chunnt mi an taobh a stigh de chroitean baile beag Shiadair an Rubha seachd paidhir ar fhichead dhiubh ri neadachadh, agus bha móran eile de chàraidhean le an nid an taobh am muigh de na gàrraidhean anns amhòintich. Thainig iad am feabhas da-rìribh agus bha e tlachdmhor bhith faicinn sgaothan móra dhiubh air sgéith deireadh foghair, is cam-ghlas(red-shank)no dhànan cuideachd. Thàinig, ann an toiseach na bliadhna a lean, sneachd ais reodhadh, agus gun móran aotromachadh lean sin gu meadhon na Màirt, is bha an eigh eadhon air an tràigh. Bhàsaich no theich achuid bu mhotha de na h-eòin. An corra churracag a chitheadh tusann apiocadh na talmhainn taobh na gréine de uachdar nan creag is nam bruachan a gheibheadh tu iad, caol is lag is gun móran spionnaidh. Bha a bhuil: ann an cuairt latha aig an ath ám neadachadhtràth saGhiblein-cha do thachair mi ach air aon phaidhir is aon eilena h-aonrachd. Lorg mi gu robh trì neadan eile, co-dhiùbh, an taobh a stigh bailtean an Rubha. Chunnt mi naoi dhiubh air sgéith an ath gheamhradh, agusse sin am prasgan bu mhotha a chunnaic mi air abhliadhna sin. Ann an 1950 bha sia càraidean aneadachadh sna ceàrnaidhean timcheall Shiadair. Tha mi toilichte fhaicinn a nis gu bheil iad ro lìonmhor a rithisd agus ann an ceàrnaidhean eile den eilean cuideachd.

Tha nead na curracaig anabarrach duilich a lorg thaobh nach eil nead ann ach lagan aotrom am measg an fheòir is bhàrr fhraoich, agus a thaobhs gu bheil na h-uigheannan dathan ballach, stiallach cho co-chòrdaichte ri dathan an fhuinn mun timcheall. Cuideachd, tha i glé charach, seòlta airson do thàladh air falbh. Glé thric theid thu far am faic thu i rig éirigh air sgéith agus saoilidh tu gu bheil thu air lorg an nid anns a bheil i adol a chur a h-uighean, ach chan eil agad ach nead fhuadain, agus bithidh dha no trì de na sgrìobaichean so aice mutimcheall. Chan éirich ise uair sam bith dìreach feir an nid. Tha móran aca aneadachadh am fradharc a chéile agus mun tig thu am fianuis an ionad nead tha iad air rabhadh a thoirt da chéile gu bheil cunnart atighinn dlùth. Iadhaidh is dòmhlaichidh iad na seabhagan, sabaidichidh iad na starragan, is cuiridh iad teicheadh air na farsbagan, agus cha sgìthich iad ach asitheadhs asiùdadh a nulls a nall, ’s a sìos is suas le sgiamhail sgeamhail, is tha an aon dol-am-mach aca ri gach is cat is duine an àirde an latha is an dubhar na h-oidhche.

Am measg eun na mòintich an Leódhus tha toiseach aig achoileach-fraoich is a chéile, agus, na bròin, tha toiseach aca nach eil rathail dhaibh fhéin. Chan eil an t-eun so ra fhaotainn ach tearc amach a Albainn agus chan eil e idir atuineachadh gu math an



[76]

tìrean céin far an drinneadh oidhirp air gun àlaicheadh e. Air bliadhnachan a thig riutha tha iad gu math pailt, trang leis na h-àil òga ri ám dhuinn a bhith air àirigh. Is cuimhne leam aon thighinn tarsuinn air sia àil, agus thog minam làmhan càraid á trì dhiubh sin. Bha iad aig caochladh aoisean, bho eòin chlòimhtich gu eòin iteig, ach ged a bha, bha iad gu léir acur an dòchas ann a bhith astadnan steoc anns an fhraoch bhàrr air teicheadh sam bith a dhèanamh. Le trì de na h-àil sinse an coileach a lorg mi a bu chùramaiche umpa, agus leis an àl a bòige cha deach e shlait uam ach acur char is agàgail timcheall orm. Nuair a thog mi aon de na h-iseanan agus a thòisich e air sgiamhailnam làimh, chaidh an coileachna dhràgon da-rìribh, ach lasaich a chorruich cho luaths a leig mi an t-isean saor. Chunnaic mi air uair eile achearc agus an coileach atoirt ionnsaigh air achù mar gum briseadh e troimh an àl, is e mu thrì cheud slat uam air a shlighe gu trusadh prasgan chaorach. Chuir iad a leithid de bhriosgadh is eagal air is nach teicheadh e mach dhomh tuilleadh air an sin, is bha clisgeadh ann a riamh tuilleadh an uair a dhéireadh eun roimhe san aonach.

Beiridh achearc bho shia gu dusan ugh, le grunnd lachdunn, liasach donn agus ballan dubh-dhearg air am feadh, ann an lagan measg an fhraoich, agus beagan de a h-itean ioma-dhathach fhéingan cumail seasgair, agus chan eil iad idir faicsinneach do na creachadairean air sgéith. Tha achearc ro-leisg air carachadh on nid aig an ám a bheil na h-iseanan abriseadh nan sligean, agus ma thurchras dhut tighinn air cearc-fhraoich aig an ám sin faodaidh tu a togail on nid, agus cha charaich i romhad. Chunnaic mi mo phiuthar uair adeanamh so agus an làrne-mhaireach cha robh ugh no eun san nid: bha na h-iseanan air a thighinn amach agus achearc air falbh leo. Am measg eun na mòintichs nan léig tha na h-iseanan atoirt an casan leotha cho luath is a thig iad as na h-uighean. Tha sonan gné agus tha iad cuideachd ullamh air stad ball-dìreach nuair a bheir achearc no an coileach ràc-rabhaidh dhaibh. Tha iad gu léirnan iteachsnan dath cho coltach ris an fheurs achòinich sa bheil iad beòs nach lorg thu iad ach le dìchioll agus mion-rannsachadh, agus sin a mhàin ma tha fhios agad gu bheil iad ann. Gheibh thu an lagh dìon so am measg nan eun: ma tha an nead fosgailte ris an adhar bithidh na h-uighean glas, lachdunn, ballach air dhath an fhuinn; ma tha na h-uighean soilleir geal no gorm bithidh an nead air a dèanamh ann am falach am preas, fo bhruaich, ann an toll, càrn, cruaich no uamha air neo, mar a ni an lach, cuiridh an t-eun còmhdach orra ma dhfhàgas e an nead: na h-eòin a tha fàgail an nid air ballnan clòimhtich tha iad lachdunn, “ciar-dubh breac ballach air dath na circ-fhraoich.”

[Sanas]

titleAir Lorg Nan Eun An Leodhus
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Dòmhnall MacCoinnich in Gairm 13 %p

parent textGairm 13
<< please select a word
<< please select a page