NA H-EILEANAN ARAINNEACH
Sgrìob le Angela NicEachainn
Tha ùine mhath a-nis on a thug leithid a sgrìobhadair John Millington Synge le“The Aran Islands”agus“Riders To The Sea”, agus Robert Flaherty, leis an dealbh ainmeil“Man Of Aran”, aire an t-saoghail gu lèir gu ceàrn cho iomallach ’s a tha air uachdar na cruinne.
Tha na h-Eileanan Arainneach suidhichte mu dheich mìle fichead an iar-dheas air baile Ghaillimh air taobh an iar na h-Eirinne.
Tha sia eileanan ann air fad ach chan eil sluagh a’ còmhnaidh ach air a trì dhiubh, na trì as motha, Inis Mòr, Inis Meàin agus Inis Oìrr.
Bho chionn ghoirid chaidh mi air cuairt a dh’ionnsaigh nan eileanan gus coimhead air caitheamh-beatha na daoine a tha a’ còmhnaidh a sin an-diugh.
Sluagh
Tha àireamh an t-sluaigh an-diugh a’ seasamh aig 1532 uile gu lèir agus air a roinn eadar na trì eileanan; Inis Mòr 900; Inis Meàin 319; agus Inis Oìrr 313.
Chan eil a seo ach trian dha na bh’ann aig aon uair agus gu dearbha chan eil an eachdraidh aca thaobh fuadaichean eu-coltach ri eachdraidh na h-Albainn.
Thòisich gluasad an t-sluaigh, beag air bheag, mun bhliadhna 1820, a’ dol gu mòr an àird mu 1845 suas gu deireadh na linne, nuair a bha na ceudan dhiubh a’ toirt an aghaidh air taobh an ear Ameireaga.
Obraichean
’Sann air obair luchd-turais a tha a’ chuid as motha a’ dèanamh am beò-shlaint. ’S gann gu bheil taigh ann nach eil a’ sàs ann an obair B & B air feadh an t-samhraidh ’s bidh gach aon dhuibh sin làn le Ameireaganaich, Frangaich, Gearmailtich is coigrich de gach cinneadh.
Tha e a cheart cho math gu bheil cothrom na h-obrach seo aig muinntir Arainn oir tha cosgaisean a bhith beò gu math cruaidh orra. Tha prìsean co-dhiù 20% – 30% nas airde na air tìr mòr na h-Eirinne agus ann an Inis Meàin agus Inis Oìrr, tha cuid de rudan suas ri 100% nas daoire.
A bharrachd air obair luchd turais, tha cuid mhath de dh’iasgach a’ dol. Thug Bord Iascaigh Mhara brosnachadh dh’an obair le bhith cuideachadh iasgairean ann a bhith a’ ceannach bhàtaichean ’s a’ brosnachadh margaidhean.
A thuilleadh air a sin, tha croitearachd. Chan eil am fearann torach gu leòr airson mòran de dh’ obair àitichidh ’s chan eil e cothrom gu leòr gus innealan ùra a chleachdadh, ach tha a’ chuid as motha a’ cumail stoc cruidh. Tha eadar 600 is 700, eadar laoigh is mairt, a’ falbh às na h-Eileanan seo gu fèillean Ghaillimh gach bliadhna.
Tha an t-each ’s a’ chairt air an cleachdadh gu tric — uair ainneamh a chithear càr air a rathad.
Comhaileachd
Tha e furasda gu leòr faighinn a dh’ionnsaigh nan eileanan oir tha aiseagan a’ ruith grunnd thursan sa latha à Gaillimh is à Ros a Mhil is tha plèan ‘Aer Arann’ a’ frithealadh eadar Gaillimh is na h-eileanan aon uair sa latha.
’Sann ann a 1970 a thòisich an t-seirbheis aig ‘Aer Arann’, às dèidh mòran sabaid is riastladh, oir bha muinntir nan eilean, roimhe sin, a’ freasdal air a bhàta-shàbhalaidh nam biodh feum duine ghiùlain gu ospadal ann an cabhaig, rud a bha cearbach ri droch shìde.
Gabhaidh gach aon de na plèanaichean aig ‘Aer Arann’ naoinear, a bharrachd air an fhear-stiùiridh agus ’se na Plèanaichean seo a tha cuideachd a’ giùlain nam pàipearan naidheachd. Tha litrichean ’s gach bathar eile a’ tighinn air a’ bhàta agus bidh seo fhèin a’ cur cruadal air daoine nuair a bhios bàta ma dh’fhaodte suas ri cola-deug gun tighinn ’nan còir ri droch aimsir.
Eadar na h-eileanan, thathar gu tric a’ cleachdadh bàta beag, ochd ràimh de dh’fhiodh ’s de chanabhas ris an canar “curragh”.
Anns na h-eileanan fhèin, ged tha, ’se each is cairt as trice a thathar a’ cur gu feum — sin na bicycle. Tha càraichean ann gun teagamh ach chan eilear ach gann dhiubh. Gu h-àraid ann an Inis Meàin is Inis Oìrr is
[Dealbh]
Tha na cruitean uile air a roinn le ballaichean cloiche. Tha 7635 acair de dh’fhearann air Inis Mòr is 6875 mìle de na ballaichean cloiche seo.
Cànan
Tha a’ Ghàidhlig air a bruidhinn air feadh nan eileanan air fad. ’Se Inis Mòr as Gallda dhiubh ach fiù ’s aig a sin fhèin, theirig a bhùth na dh’eaglais na dh’àit eile agus ’se Gàidhlig a chluinnear a-measg òigridh is inbhich.
Dh’fhuiling a’ chànan gu mòr ri linn nam fuadaichean oir ’sann air an fheadhainn bu mhiosa dheth a thàinig an eiginn bu mhotha ’s a b’eudar an t’àit’ fhàgail ach ’sann acasan cuideachd a bha a’ Ghàidhlig a b’fheàrr. B’e cùis nàire bh’ann Gàidhlig a bhruidhinn agus bha an fheadhainn a chaidh fhàgail coma den Ghàidhlig ’s i a-nis an coimeas ri aineolas. Co-dhiù, tha cùisean air tighinn gu mòr am feabhas on uairsin.
Bhon a chaidh Radio na Gealtachta a chur air chois ann a 1972, thathar air mòran brosnachaidh a thoirt dhan chànan troimh chraobh-sgaoileadh. Tha na h-eileanan Arainneach an-diugh air sgìre cho Gàidhealach ’s a tha an Eirinn air fad ’s tha sin air a dhearbhadh fiù ’s le
Chan e taighean mar seo as cumanta an-diugh idir ged a tha roinn mhath dhiubh ann fhathast.
[Dealbh]
Mur a bheil each ri fhaighinn nì bicycle an gnothach.
Cill Rònain — ’se seo prìomh bhaile nan eilean.
àireamh nan daoine a tha a’ tighinn às gach ceàrn dha na sgoiltean samhraidh gach bliadhna.
Foghlam
Tha bun-sgoiltean anns gach eilean ach gu ruige 1954 bha aig a’ chlann ri dhol gu àrd-sgoil ann an Gaillimh aig a dusan bliadhna. A-nis tha àrd sgoil ann an Cill Rònain ’s tha a’ chlann à Inis Meàin is Inis Oìrr a’ tighinn innte ’s a’ faighinn dhachaigh aig deireadh gach seachdain.
Cuir seachadan
Chan fhaodadh duine cus gearain a dhèanamh air cion cuir seachadan.
Thathar an còmhnaidh a’ ruith dhannsaichean agus bidh “cèili” ann a h-uile oidhche air feadh an t-samhraidh agus co-dhiù dà thuras san t-seachdain air feadh a’ gheamhraidh.
Ach, ged nach dèanadh duine an còrr ach bruidhinn ris na daoine fhèin cha bu mhisde e oir anns a’ cheàrn seo tha iad cho càirdeil, còir ’s cho ciatach agus an treis a bh’agam ’nan cuideachd ’se treis cho tlachdmhor ’s cho toilichte ’s a bh’agam riamh.
title | Na h-Eileanan Arainneach |
internal date | 1985.0 |
display date | 1985 |
publication date | 1985 |
level | |
reference template | Angela NicEachainn in Gairm 130 %p |
parent text | Gairm 130 |