[272]

LANAIG AN TAIRBH

le Torcuil MacRath

Tha e follaiseach gu leòr gur h-e tac a bhann an Grimsiadar san t-seann aimsir. Tha bonn aghàrraidh ri fhaicinn fhathast astar beag a-mach on bhailegàrradh a bha uairna sheasamh, ’s mathaid fad iomadh linn, air taobh na mòintich dhen tac. An àm an t-samhraidh bha an gàrradh acur dìon air an arbhar fads a bhiodh an sprèidh anns amhonadh. Sin gu ìre mar a bha cùisean an latha thàinig fios chun an tac mu dhaoine a bha air a thighinn air tìr air Rubha Urnabhaighs a bha a-nis agoid achruidh.

Airson muinntir an tac dheth bha fìor chunnart ann, mus tigeadh deireadh an latha, gum biodh an crodh às an aonais. Cha robh achùis dòchasach idir. Bha an sprèidh air a bhith ag ionaltradh aig astar math bhon tac, faisg air cladach Rubha Urnabhaigh. Bha iad a-nis ann an grèim aig coigrich, ’s a h-uile coltas ann gum biodh na daoine sin aig muir leotha mus fhaigheadh muinntir an tac thuca.

Se ceist a thann, co às a thàinig na daoine? Thàinig, arsa beul-aithris, à Lochlann, ’s cha teid mi fhìn a ràdh nach ann. Tha e furasda a chreidsinn gu robh na maraichean ainmeil sin atadhal air ar tìr fad nan ceudan bliadhna an dèidh 1266, abhliadhna chaidh cùisean a rèiteachadh eadar Lochlann agus Alba. Tha mòran de ar n-eachdraidh air nach eil lorg an-diugh.

Ach às bith co às a bha na daoine a thàinig bho thaobh na mara an latha ud, cha be daoine bhunnta bhair an aineol. Air am falbhs air an tighinn bha cladach rompa, gun guth a thoirt air stùcan àrdPolla aChàrnain, Sloc Sheumaiss Creag na h-Iolair — ’s iad uile le leothaidean cas ag aomadh sìos gu bàrr achladaich, ach cha do chuir leathad no creag maille orra.

Chruinnich iad an crodhs thàir iad às leotha chun achladaich. Mar dhaoine a bha eòlach is misneachail thagh iad ceum air am faigheadh iad air beathach mu seach a thoirt sìos gu bàrr achladaich. Bha am bàta ann an sin afeitheamh. A-rèir am beul-aithris a fhuair sinn, bha a latha gu cinnteach air a dhol leotha mura be mar a mhill an tarbh achluich orra.

Cha bu luaithe chunnaic an tarbh am bàta air a bheulaibh na chuir e a chasan an sàs — ’s cha tigeadhs cha deidheadh. Thug iad ionnsaigh air gus am faighte air bòrd e, on bha ena chnap-starradh san t-slighe, ach bha


[273] am beathach borb is siud an t-sabaid air a bhonn. Bha an ùine aruith, ’s dòcha gun fhios dhaibh. Co-dhiù, bha iad fhèins an tarbh fhathast an glacaibh a chèile an uair a nochd muinntir an tac air amhullach os an cionn.

S neònach mur do bhuail e air na seòid an uair sin gu robh an latha air tionndadh gu turnan aghaidh. Bha iad ann an àite cumhang cugallach, far nach robh mòran cothrom aca air iad fhèin a dhìon o na daoine a bha an tòir orra, ’s a bha a-nis adlùthachadh riutha. Co-dhiù, thug iad às chun na mara. Dhfhàg iad abhuaidh aig an tarbh.

Bu mhòr am beud nach cualas barrachd mun tarbhgu an t-ainm a bhair is rudan den t-seòrsa sin. ’S dòcha nach robh ainm air, ach tha fios gur h-ann Gaidhealach a bha e mar a bha an treud air fad. Ghleigh e an ceum agus leis a sin chum e an sprèidh gun iad a bhith air an goid. ’Se sin gu dearbh cridhe an t-seanchais, is canar Lanaig an Tairbh ris an àite gus an latha an-diugh.

A-nis mu mhìle suas bho Lanaig an Tairbh, anns amhonadh, tha gleann air a bheil an t-ainm, Gleann Airigh nam Mòrthir. Faodaidh e bhith gu bheil buinteanas aig an àite sin ri ar seanchas. Tha ainm aghlinne ag innseadh dhuinn gu robh Mòrthirich atadhal air an àite anns na làithean a dhfhalbh. An dùil an e iadsan a bha agoid achruidh?

Ach co às a bha na Mòrthirich? An ann do thaobh thall aChuain Sgìth a bhuineadh iad? No an ann do Lochlann? Mar a thubhairt sinn, tha mòran de ar n-eachdraidh air nach eil lorg an-diugh, is an uair a bheir duine sùil air leabhar mar The Northern and Western Isles in the Viking World, nach dòcha gur h-e sin an rud as motha a bhuaileas aircho tana agus a tha an eachdraidh a chaidh fhàgail againn.

titleLanaig an Tairbh
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

Torcuil MacRath in Gairm 131 %p

parent textGairm 131
<< please select a word
<< please select a page