ATH-NUADHACHADH NIS
le Iain Gordon Dòmhnallach
Bho chionn ghoirid fhuair Club Ball-coise Nis, ann a Leòdhas, deich mìle not bho Chomhairle Spòrs na h-Alba airson an cuideachadh le cosgaisean an leasachaidh a tha iad a’ dèanamh ris a’ phàirc aca an dràsda. Tha iad a’ dèanamh na rumannan-sgeadachaidh mòran nas motha na bha iad, agus tha iad cuideachd a’ togail bùth bheag, stòr airson ghnothaichean na pàirce, agus a’ cur ris an togalaich a bh’ann mu thràth airson fasgadh a thoirt dhan luchd-coimhid.
’Se Club Nis prìomh sgiobadh nan eilean an dràsda. Choisinn iad trì de na còig cuachan a bha dol a-measg sgiobannan mhòra Leòdhais ann an 1985. Còmhla ri sin ghabh iad Cuach nan Eilean nuair a rinn iad a’ chùis air fleasgaich a’ Chinn-a- tuath an Uibhist-a- deas. Anns an t-Sultainn 1984 thug iad urram mòr air na h-eileanan nuair a bhuannaich iad Cupan Amateur na Gaidhealtachd ann an Inbhir Pheotharain.
Bithidh mòran a’ gabhail iongnaidh mun t-soirbheachadh a tha air a bhith le balaich Nis, oir eadar 1961 agus 1974 cha robh sgiobadh idir aig an sgìre. Bha cus de na cluicheadairean a b’fheàrr ag obair air falbh bhon eilean, mar bu trice a’ seòladh, airson gum biodh e comasach dhaibh sgiobadh ball-coise a bhith aca. Ach ann an 1975 thàinig Club Nis air ais a Roinn Ball-coise Leòdhais ’s na Hearadh agus tha cùisean air a bhith a’ dol gu math leotha bhon uair sin. Ghabh iad a’ chiad dhuais ann an 1977 nuair a rinn iad a’ chùis 2 – 1 air na Hearaich anns a’ chuairt dheireannaich de Chupan Leòdhais. Nuair a thàinig sèasan 1985 gu crìoch bha sgiobadh Nis air cosnadh còig cupannan fichead eadar 1977 agus 1985 ann am farpaisean nan inbheach agus nam balaich òga!
Bha trì rudan am fàbhar nam feadhainn a dh’ath-nuadhaich an club ann an 1975. Thurchair tòrr bhalaich òga a bha math air ball-coise a bhith timcheall aig an aon àm. Còmhla ri sin, dh’atharraich suidheachadh eaconomach an eilein agus bha e comasach dhan òigridh a dhol an ceann an cosnaidh aig an taigh. B’e an trìtheamh rud gun tàinig beòthalachd dhan choimhearsnachd. Thòisich sluagh na sgìre a’ smaoineachadh air dòighean anns am b’urrainn dhaibh adhartas a thoirt air an caitheamh-beatha fhèin agus toileachas agus cur-seachad a thoirt dhan òigridh gu h-àraidh, ach cuideachd do na seann daoine.
Sgiobadh Ball-coise Nis le Cupan Leòdhais 1983.
Bha a’ bheòthalachd seo ’na chuidheachadh mòr dhan fheadhainn a chuir Club Ball-coise Nis air chois. Bha muinntir na sgìre air leth fialaidh len cuid airgid agus bha seo feumail airson deiseachan a cheannach agus rumannan-sgeadachaidh a thogail aig a’ phàirc.
Mhothaich feadhainn air taobh-a- muigh na sgìre don ùrachadh a bha seo, agus ann a 1977 cha robh àite na b’fheàrr na Nis airson pròisect ùr inntinneach a thòiseachadh airson leasachadh a thoirt air coimhearsnachd. B’e ‘Pròisect Muinntir nan Eilean’ a bha seo, air a chur air bhonn le Comhairle nan Eilean le cuideachadh airgid bho Urras Bernard van Leer anns an Olaind.
Thàinig Anna NicSuain à Dail-bho-thuath, a bha ’na bean-teagaisg ann an Sgoil MhicNeacail, dhan sgìre airson na h-obrach a stiùireadh agus cha b’e ruith ach leum an uair sin! Far a robhas a’ faicinn beàrn ann am beatha na sgìre, bha Anna ag iarraidh sin a lìonadh. Mar bu trice bhite a’ gairm choinneamhan agus a’ dèanamh choimitidh airson ghnothaichean a chur air adhart. Bha a h-uile duine làn dheònach cuideachadh ann an dòigh sam bith: a dhol air coimitidh, falbh le càr, airgead a chruinneachadh, stuth a thoirt seachad, ’s mar sin air adhart.
Cha robh fada gus na thòisich pàipear na coimhearsnachd, PAIPEAR NIS, COMUNN EACHDRAIDH NIS, club nan ciurramach, an cròileagan agus CO-CHOMUNN NIS, a’ chiad cho-chomann iomadh-ghnothach ann an Alba.
Tha a thrioblaidean fhèin air a bhith aig a h-uile buidheann a tha sin mar a bhiodh nàdurrach. Tha an Co-Chomunn air dùnadh sìos bho chiomm ghoirid air losd cion airgid agus trioblaidean eile. Tha seo air beàrn fhàgail nach eil uabhasach furasda a lìonadh anns a’ bhad. A dh’aindeoin sin feumar oidhirp a dhèanamh anns na mìosan tha tighinn gu gnìomhachas eile den t-seòrsa seo a chur air chois oir tha croitearan na sgìre a’ cur feum air a leithid.
Tha a h-uile buidheann eile a dh’ainmich mi a’ dol fhathast agus tha sin mar thorradh air feallsanachd gheur-shuileach Anna NicSuain agus dìcheall agus dìlseachd mhuinntir Nis. Tha sgìreachdan eile air Nis a’ leantainn ann a bhith a’ cur air chois an co-chomainn ’s am pàipearan ’s an comainn-eachdraidh fhèin agus ’se turas gu Nis a’ chiad rud air a smaoinich iad nuair a bhitear a’ beachdachadh a leithid sin a thòiseachadh an ceàrnaidhean eile. ’Se farmad a nì treabhadh!
’Sann leis a’ bhall-coise a chaidh an sìol a chur ann an 1975 agus tha Club Ball-coise Nis air a bhith ’na eiseimpleir air leth do bhuidhnean coimhearsnachd eile anns na h-eileanan a-riamh bhon uair sin.
Ann an 1980 chaidh Club Sòisealta Nis fhosgladh air machair nan Còig Peighinnean air làrach na ‘Loch Ghorm’ far am b’àbhaist do na balaich a bhith a’ cur chairtean nam bodach air Oidhche Shamhna anns na làithean a dh’fhalbh. Bhiodh iad a’ coimhead thaibhsichean ann cuideachd, ach bho dh’fhalbh an loch cha do nochd iadsan tuilleadh!
An Club Sòisealta.
Stòr Co-Chomunn Nis.
Tha mòran de shluagh na sgìre a’ cleachdadh an ionaid airson dràma, cèilidh agus fealla-dhà agus tha an t-àite a’ dèanamh cho math ’s nach bi feagal air Club Nis gun cuir cion airgid stad air leasachadh sam bith a bhios ’nam beachd anns na bliadhnaichean a tha tighinn.
Tha na togalaichean àlainn a th’air machair nan Còig Peighinnean, a’ phàirc ghoireasach rèidh agus sgilean an sgiobaidh fhèin gu lèir ’nan teisteanas maireannach air mar as urrainn do dhaoine a thighinn còmhla ri chèile airson an suidheachadh fhèin a dhèanamh nas fheàrr. Tha mòran toileachais agus pròis mar dhuais aca aig a’ cheann thall.
( ’Sann bho Chomunn Eachdraidh Nis a fhuair an sgrìobhadair na deilbh, agus tha sinn gu mòr ’nan comain airson cead a thoirt dhuinn an toirt am follais an seo — Fear-deasachaidh.)
title | Ath-nuadhachadh Nis |
internal date | 1986.0 |
display date | 1986 |
publication date | 1986 |
level | |
reference template | Iain Gordon Dòmhnallach in Gairm 134 %p |
parent text | Gairm 134 |