F.F.S. RENONCULE
le Dòmhnall Dòmhnallach (An Gearasdan)
B’i ancorvette F.F. S. Renoncule (Free French Ship)an treas bàta air an robh mi aig àm a’ chogaidh. Chaidh mise, gun aon fhacal Fraingeis, a chur ’namRadio Mechanicair an Renoncule ann an Grianaig, an dèidh tilleadh às an Ruis air H.M. S. Honeysuckle. Chan eil mi cinnteach ciamar a fhuair an sgiobair a-mach gun obraichinn seata radar (b’e càradh seataichean an obair a bha còir a bhith agam) ach bhon a bha luchd-obrachaidh radar gann dh’iarradh orm a dhol air faire còmhla ri Frangach, aig nach robh facal Beurla, air a’ bhòidse gu Casablanca.
Cha robh an oifis radar ach mu shia troighean air gach rathad. Ach a bharrachd air a sin bha an oifis ann an dorchadas. Cha robh ri fhaicinn ach loidhne uaine mu shia òirlich air an t-seata agus figearan air cleoc. An ceann a h-uile leth-uair dh’fheumadh duine an seata fhàgail agus am fear eile àite a ghabhail. Mar sin an dèidh dhomh mo leth-uair a chur seachad a’ coimhead air an loidhne uaine chrathainn am fear a bha còmhla rium is chanainn san Fhraingeis a b’fheàrr a bh’agam “O.K. ” is fhreagradh esan sa’ Bheurla a b’fheàrr a bh’aige “O.K. Jock.” B’e siud ar còmhradh a h-uile leth-uair fad na ceithir uairean a bhitheamaid air faire.
Le a dhol a-mach pìos mòr sa’ Chuan Siar agus an sin tilleadh air ais, thug sinn mu thrì seachdainean mun do ràinig sinn Casablanca. Feumaidh mi innse gu robh sinn ag ithe an aon aran a thug sinn air bòrd ann an Grianaig agus b’e sin a thug oirnn feuchainn ri biadh fhaighinn sa’ bhaile.
Chaidh iarraidh oirnn uiread seo de dh’fhosglaidhean neo chinn sràidean a sheachnadh mun ruigeamaid am pìos ceart den bhaile. Dh’fhaoite gun deach sinne ceàrr nar cùnntais neo fhuair sinn am fiosrachadh ceàrr, ach thachair dhuinn a bhith a’ coiseachd sanchashah — pàirt nan Arabach den bhaile — mun tug sinn an aire gun robh sinn sa’ bhad cheàrr. Bha na sràidean caol, is thall ’s a-bhos bha daoine le coltas fiadhaich ’nan suidhe neo ’nan seasamh sna dorsan. Cha do chuir na daoine sin dragh sam bith oirnne ach cha b’e sin don chloinn a bha cho pailt ri seangain. Bha iad sin an crochadh ri ar làmhan is ri ar casan ag iarraidhcigarettes. Gu fortanach bhacigarettesgu leòr againn agus nuair a gheibheadh fear againn làmh saor thilgeadh e dha no trì air falbh is dh’fhalbhadh a’ ghraisg ’nan dèidh, ach bha uiread eile (dh’fhaoite an aon
Bha iad ag èigheach facal mar ‘Scots’ ach tha mi cinnteach nach e Albannaich a bha iad a’ ciallachadh ach amadain. An dèidh a dhol timcheall iomadh oisean is iomadhcigarettea chall ràinig sinn mu dheireadh am pàirt ceart den bhaile is dh’fhàg a’ chlann sinn.
Chaidh sinn a-staigh do thaigh-budhe is dh’ordaich sinn biadh: brot, cearc is buntàta, is measan. Thàinig truinnsear a-nall le drùthag de rud uaine air a grunnd — coltach ri lìonanaich. Dh’òl sinn am balgam a bh’ann ach chan eil cuimhne agam dè am blas a bh’ air. An sin thàinig truinnsear eile le beagan ghrìolagan, pìos craiceann, cnàimh is bìdeag sitheann. Tha mi a’ smuaintinn gu robh a’ chearc ud a’ ruith airson mìltean san Sahàra mun do rugadh oirre oir bha pìos a fhuair mise cho ruighinn ri pìos rubair. An dèidh sin fhuair sinn sia deutaichean. Cha eil cuimhne agam dè chosg na bha seo ach phàigh sinn e lecigarettes — b’fheàrr leis na daoine sin na airgead tioram.
Bha mi a’ togail facal neo dhà de Fhraingeis an dràsda ’s a-rithist ach cha b’e na facalan a b’fheàrr a bha mi a’ cluinntinn mar bu trice. Bha iad a’ cleachdadh faclan mar buachair is faclan mar sin cho tric is gum b’fheudar dhomh a bhith gu math faiceallach dè thogainn neo dè theirinn.
Air an t-siathamh latha den Og-mhios 1944 (D - Day) bha anRenonculecuide ri iomadh bàta eile aig cladach na Frainge. Bha sinne na b’fhaisge air a’ chladach na bha luingeas mhòra chogaidh na Nèibhidh is mar sin bha sinn eadar na gunnachan a bha losgadh bho thìr agus gunnachan na Nèibhidh a bha a’ losgadh bho mhuir. Cha robh e laghach sam bith a bhith sa’ stèidh sin le ‘shells’ a’ tuiteam thall ’s a-bhos. Ach co-dhiù, cha do bhuaileadh sinne.
Nuair a chaidh na Gearmailtich a phutadh a-mach à Normandy fhuair feadhainn de na Frangaich cothrom a dhol air tìr agus tadhal air an daoine. Thàinig fear dhiubh air ais le botalcidermar a thuirt e fhèin, agus dh’fhaighnich e an gabhainn balgam. Thuirt mi gun gabhadh is thug mi nall cupa — cha robh glainneachan againn — is chuir e drùthag bheag ann. Bha dath is fàileadhciderair a stuth is bho nach robh mòran ann thilg mi seachad e. Ach ma thilg, dh’èirich a h-uile gas gruaige ’nan stob air mo cheann agus ràinig an stuth chan e mhàin an stamag ach na h-òrdagan. Cha do bhlais mise riamh air stuth cho làidir. Chan eil mi cinnteach fhathast dè an seòrsacidera bh’ann.
Their daoine gun e Frangaich còcairean cho math is a tha air an t-saoghal ach cha b’urrainn dhòmhsa sin a ràdh mun chocaire a bh’againne. Dhèanadh esan rud sam bith ach còcaireachd. Nan tachradh stèic a bhith againn thogadh esan làn lonaid de dh’ola à seann phucaid aig ceann an stòbh agus thilgeadh e sin air uachdar an stòbh, nach deach a ghlanadh bhon chiad latha a chaidh a chur don bhàta. Bhuaileadh e an stèic air uachdar na bha sin agus nuair a dhadhadh neo loisgeadh aon taobh chuireadh e car dheth agus nuair a bha an taobh eile loisgte bha e, air rèir a’ chòcaire,
Cha robh a chòcaireachd eile mòran na b’fheàrr. Gu tric bha am buntàta againn air an deargadh leis an fheòil air an uachdar. Bha am brot a bha sinn a’ faighinn a’ tighinn às an aon phoit anns an robh e a’ goil aodach salach sa’ mhadainn. Ach co-dhiù le a bhith a’ goid bhriosgaidean às na bàtaichean-teasargain agus a bhith a’ còcaireachd nuair a gheibheamaid an cothrom cha do thachair olcas dhuinn a dh’aindeoin acras agus droch bhiadh.
Tha cuimhne agam air a’ chiad turas a dh’fheuch sinn ri cèic a dhèanamh air an Renoncule. Cha deach duine riamh cho mionaideach ris na toimhsean a fhuair sinn, na sinne. Cha robh gràinne a bharrachd anns a’ chupa flùir neo anns an spàin shiùcair neo ann a spàin sam bith eile. Chuir sinn am measgadh a rinn sinn ann an cnogan ’s chuir sinn e san àmhainn. Mu uair an dèidh sin chaidh mise a choimhead an robh an cèic deiseil, ach nuair a dh’fhosgail mi doras na h-àmhainn cha robh ri fhaicinn ach àmhainn làn taois. An dèidh a bhith a’ piceadh ’s a’ sgrìobadh airson greis, fhuair mi an cnogan ann an meadhan na h-àmhainn le taois cho amh ’s a bha e riamh. Thachair seo dà thuras eile mun d’fhuair sinn nàdur de chèic a ghabhadh ithe.
’Se rud a bh’ann nach do dh’innis duine dhuinn gu robh a leithid de rud ann riself -raising flour, agus chuir sinne, a dh’aindeoin tòimhsean cho mionaideach, uiread de shòda iscream -of- tartarsa’ mheasgadh ’s a thòcadh làn cupa gu làn pucaid. Cha robh sinn a’ faighinn mòran cothrom airson còcaireachd ach ghabhadh na bha sinn a’ dèanamh — dona ’s gun robh e — ithe.
Ged a b’e mo dhleasanas a bhith a’ càradh seataichean radar is rèidio ’s mi dh’fheumadh a bhith ag obrachadh seata radar aigaction stations. Tha mi a’ smuaintinn gu robh barrachd earbsa aig an sgiobair annamsa na bha aige ’na luchd-dùthcha fhèin. Bhithinnsa ag innse dha na bha a’ tachairt ann am Beurla is fhreagradh esan mi facal air an fhacal na thubhairt mi, agus an sin dh’eadar-theangaicheadh e na thubhairt mi gu Fraingis airson na h-oifigearan air an drochaid. Sin mar a dh’ionnsaich mi figearan ann am Fraingis.
Bha mi mu bhliadhna air an Renoncule mun deach mo thilleadh air ais gu Grianaig turas eile gu bhith a’ càradh seataichean bhàtaichean an sin.
title | F.F.S. Renoncule |
internal date | 1986.0 |
display date | 1986 |
publication date | 1986 |
level | |
reference template | Dòmhnall Dòmhnallach in Gairm 135 %p |
parent text | Gairm 135 |