TURAS GU HIORT ANN AN 1970
le Marsaili NicFhionghuin
(Pàirt I)
Bàgh a’ Bhaile, a’ sealltainn a-null gu Dùn. Tha aitreabhan an Airm aig bun an deilbh (clì).
Cha mhòr nach do chaill mi am bàta an latha ud — latha fliuch, greannach, mì-chàilear le deagh sgal air a’ ghaoith ged ’se toiseach an Og-mhìos a bha ann. ’Sann aig uair Disathairne a bha dùil againn a bhith a’ seòladh a-mach à Mallaig air bòrd a’ bhàta Na h-Eileanan Siar air turas cuain gu Hiort. Bha mi air àite fhaighinn mar bhall buidhne-obrach Urrais Nàiseanta na h-Alba. Tha na buidhnean sin a’ dol gu Hiort fad ràithe an t-samhraidh o chionn faisg air deich bliadhna air fhichead. Bithidh iad a’
Bha Brus Watt nach maireann, sgiobair a’ bhàta, ’na dheagh mharaiche is e mion-eòlach air uisgeachan a’ Chuain Sgìth is a’ Chuain Shiar, agus cu dearbh ’se a leithid a bhios tu ag iarraidh a chumail ri gàbhaidh na mara air turas gu Hiort. An latha ud cha robh sanas na h-aimsir fàbharach idir is àirde na gaoithe nar n-aghaidh. Mar sin, bha cabhag air a bhith seòladh agus nan robh mi còig mionaidean eile air deireadh bhiodh e air a’ phort fhàgail às m’ aonais. Bha luchd-siubhail is mèileachan air bòrd airson nan Eileanan Beaga, Eige, Rùm is Canaidh, agus thadhail sinn a-steach orra.
Nuair a dh’fhàg sinn fasgadh an Eilein Sgitheanaich dh’fhàs i gu math fiadhaich. Bha am bàta a’ bogadaich suas is sìos agus cha robh e fada gus an robh cur-na-mara orm. Mar a b’fhaide a-mach a bha sinn a’ dol ’sann bu ghairbhe a bha i a’ fàs agus cha robh agam ach laighe sìos ann am bunc. Mu mheadhon-oidhche chaidh sinn a-steach do Loch nam Madadh airson fasgadh fhaighinn is a chum gum faigheadh Brus fhèin beagan foise is uair a thìde no dhà a chadal.
Nuair a thàinig solas an latha sheòl sinn a-rithist troimh Chaol na Hearadh, is cha robh sinn ach aig leth na slighe gu Hiort — air thoiseach oirnn pàirt as fhosgailte ar turais. Bha am bàta a-nis a’ tulgadh bho thaobh gu taobh is cha b’urrainn dhuinn sian a dhèanamh le gluasad a’ bhàta ach laighe. Tha cuimhne agam fhathast air an eagal a dh’fhairich mi nuair a bhuail tonn mòr, thum am bata sìos don t-sloc le sgleog, agus chaidh i air chrith bho cheann-toisich gu ceann-deiridh. Chaidh am bodach bochd anns a’ bhunc mu choinneamh a spleadhadh beul fodha air an làr le pocannan is bagannan ’nan aon chnap air a mhuin! Chaidh fear eile a thilgeil air a dhruim dìreach agus cha b’e mi fhìn a-mhàin a bha a’ smaoineachadh nach fhaiceadh sinn Hiort gu bràth.
Co-dhiù an dèidh iomadh sgailc eile, ràinig sinn ar ceann-uidhe an tèarainteachd. Mu mheadhon-latha, Latha na Sàbaid, ceithir uairean air fhichead an dèidh dhuinn fàgail, leig sinn sìos an acair am Bàgh a’ Bhaile. Theich an tinneas, dhìrich mi suas air deic airson ciad shealladh an eilein ach bha e fo cheò is sgòthan uile gu lèir. Chaidh sinn a-null chun a’ chidhe ann an eithear bheag agus thòisich sinn ar stuth a chur air tìr. Thug sinn greis mhath den fheasgar a’ giùlan phacannan, bhagannan is bhocsaichean lòin is ghoireasan a bhiodh a dhìth oirnn rè a’ cho-la-deug air an eilean.
Aig an àm sin cha robh ach trì de na seann thaighean a bha dìonach le mullach orra — fear dhiubh ’na àite-suidhe is àite-ithe dhuinn, fear eile ’na àite-cadail do na boireannaich is fear eile ’na àite-cadail do na fireannaich. Bha triùir bhoireannach is naoinear fhireannach nar buidheann-ne, a’ chuid mhòr dhiubh à Sasainn.
Bha sinn dearg-sgìth às dèidh ar turais shàrachail ach às dèidh biadh a
A’ bhan-ùghdar aig làrach Oifis a’ Phuist, aig 5, An t-Sràid Mhòr.
ghabhail agus mus deachaidh sinn a chadal choisich mi air mo shocair bho cheann gu ceann na sràide ris an canar Sràid a’ Bhaile, no An t-Sràid Mhòr! Tha mi cinnteach nach eil sràid eile san t-saoghal coltach rithe, oir chan eil innte ach rathad caol feurach is chan eil cabhsair sam bith oirre. Tha sia taighean deug ann gu lèir (a’ fàgail às taigh a’ bhàillidh, am mansa agus an eaglais a tha aig astar air falbh, nas fhaisge air a’ chidhe) air an togail ’nan sreath os cionn na tràghad is nam miadanan, le balla cloiche ìosal air taobh eile na sràide. ’Se faireachdainn gu math trom a thàinig a-steach orm is mi a’ coiseachd seachad air na tobhtan. Thubhairt Niall Fearghasdan is e a’ bruidhinn air an uair mu dheireadh a rinn e a’ choiseachd sin, is muinntir eile a’ bhaile uile air bòrd a’ bhataHareball, “ ’Se faireachdainn glè neònach a bh’ann a bhith a’ coiseachd seachad air na taighean falamha. ’Sann direach mar a bhios tu a’ coimhead a-steach air uaigh fhosgailte e bha e.” ’Sann mar sin a tha e gus an latha-an-diugh.
Ach bha dath an fheòir cho ùrail, soilleir ’s a bha e riamh, chluinninn sreannartaich na naosga ’na mheasg, feadaireachd an trìlleachain sìos aig a’ chladach is sgriachail nam faoileagan a-mach anns a’ bhàgh. Nas fhaide a-muigh chithinn Eilean an Dùin le a bharran biorach, creagach a’ sìneadh a-mach, mar bhalla-bacaidh a’ toirt dìona is fasgaidh bho shiantan is stoirmean a’ gheamhraidh gu luchd na mara gun atharrachadh feadh nan linntean.
Chaidil mi gu suaimhneach an oidhche sin agus dh’èirich sinn tràth sa’ mhadainn. Bha a’ cheò is na sgòthan air teicheadh, bha a’ ghrian a’ deàrrsadh — latha brèagha samhraidh dìreach. ’Sann mar sin a bha an t-sìde o mhoch gu dubh fad a’ cho-la-deug a thug sinn ann.
Air a’ mhadainn bhrèagha sin gheibhinn sealladh ceart air an àite is abair sealladh. Gu tuath aig cùl a’ bhaile chithinn Conachair, a’ bheinn as àirde,
Cleit. Tha e air a ràdh gur h-ann an seo a bha a’ Bhaintighearna Grange nuair a bha i ’na prìosanach ann a Hiort eadar 1734 agus 1742: chaidh a cur ann air sgàth bhith a’ bagradh innse gu robh an duine aice air taobh nan Seumasach.
ag èirigh cho dìreach is le mullach cruinn oirre. Air an làimh dheis chithinn Oiseabhal a tha nas ìsle is le sliosan nas aomaiche. Air an làimh chlì, Mullach Mòr, Mullach Bì, Mullach Sgar is an uairsin rèidhlean Ruaidheabhal. Eadar Ruaidheabhal is Eilean an Dùin chithinn Caolas an Dùin no beàrn an Dùin, agus an Dùn fhèin a’ coimhead cho uaine, feurach. Gu mì-shealbhach cha d’fhuair sinn cothrom a dhol air tìr air Dùn idir, a chionn gu robh rudeigin ceàrr air einnsean ‘outboard’ bàta an airm, ach tha mi a’ tuigsinn gum faigh thu thairis air a’ chaolas air ‘buidhe-bhriogais’ an-diugh.
Muigh bhon a’ bhàgh chithinn Stac Lèbhinis ’na aonarachd. A’ tighinn air ais gu Hiort fhèin, shìos os cionn na tràghad faisg air a’ chidhe, chithinn aitreabh na cuideachd-airm a tha air a bhith ann a Hiort mu dheich bliadhna air fhichead a-nis. ’Sann ri taobh a’ mhansa is na h-eaglais a tha i, agus aig an àm sin bhitheadh na saighdearan a’ cleachdadh nan togalaichean sin mar thaigh-tasgaidh is àite-lùthchleas. Mar sin cha robh e ceadaichte dhuinn a dhol faisg orra ach gu fàbharach tha sin gu ìre air sgur. As dèidh mòran leasachaidh bha seirbheis shònraichte air a cumail anns an eaglais anns an Lunasdal 1980 is tha i ’na h-àite coisrigte a-rithist.
Ach tha rud sònraichte ann, rud nach fhaicear ach ann a Hiort, is a chuireas mòran iongnaidh ort — ’se sin na cleitean. Ge be àite air a laigh do shùil, tha iad ann, air a sgapadh feadh gach àite, eadhon shuas air cliathaichean casa Conachair. Chaidh cùnntas a dhèanamh air na togalaichean sin agus tha e coltach gu bheil còrr is mìle dhiubh (a’ gabhail a-steach an fheadhainn a tha a-nis gu talamh) air Hiort fhèin.
’Se bothan, no ceall, beag cruinn air a thogail de chloich, le mullach de sgrath, a tha ann an cleit. Tha na clachan air an cur air muin a chèile gus am bi an t-uisge a’ sruthadh air falbh, is mar sin tha an taobh a-staigh an còmhnaidh tioram. Bhitheadh na Hiortaich a’ cumail bìdh, gu h-àraidh na h-eòin shaillte, annta, rudeigin mar frids an latha-an-diugh. Bhitheadh iad gan cur gu feum cuideachd mar thaighean-tasgaidh airson mòine, aodach, ròpaichean, innealan-obrach is goireasan iasgaich.
Bhitheadh ar ceannard Ailean a’ cur romhainn obair an latha, agus dhèanadh sinn air a’ char a b’fhaide còig uairean a thìde a dh’obair san latha, a’ chuid as motha dhith a’ daingneachadh nan seann bhallachan. Mar sin bha ùine is cothrom gu leòr againn rannsachadh air an h-uile ceàrn den
[Dealbh]
Aig mullach Chambair a’ sealltainn thar a’ chaolais gu Sòdhaigh.
Fulmair air sgèith os cionn creagan Chonachair.
eilean a dhèanamh, agus leis an aimsir bhlàith, bhrèagha a bh’againn, b’iad làithean sona a chuir sinn seachad a-mach air doras a’ coiseachd is a’ streap ann an deàrrsadh na grèine.
Bha feadhainn a bha còmhla rium glè fhiosrach air eunlaith, agus mar a tha fios againn uile tha Hiort iomraiteach air feadh na dùthcha airson nan eun a gheibhear am pailteas ann. Thòisich fear nar buidhinn air liosta a chumail agus chuir e sùil air da fhichead ’s a naoi de sheòrsachan eadar-dhealaichte dhiubh. ’Nam measg tha seòrsa dreathan-donn nach fhaighear ach an Hiort fhèin. Tha e nas motha na dreathan-donn na tìre-mhòr agus faodaidh e bhith gun tàinig an t-atharrachadh sin air a chum gum bi e nas làidire ri gaothan fiadhaich an eilein a sheasamh.
Nuair a dh’ainmicheas tu na h-eunlaith ’sann gu coitcheann air an fhulmair a bhios daoine a’ smaoineachadh is chan ann gun adhbhar oir mura bitheadh am fulmair ann, is gann gum b’urrainn muinntir an àite tighinn beo. Bhiodh iad a’ dèanamh deagh fheuma dhiubh, gan ithe, ùr is saillte, agus ag ithe nan uighean aca. Tha ola ’na sgròban a chuireadh iad ’nan crùisgeanan airson solais, no bhiodh iad ga cur gu feum mar leigheas. A thuilleadh air seo, bhiodh na h-itean a’ lìonadh nam bobhstairean agus a’ dol chun a’ bhàillidh ann an malairt airson màl a phàigheadh.
B’e àm an neadachaidh nuair a bha sinne ann. Nuair a rachamaid gu mullach nam bearraidhean bhitheamaid a’ gabhail ùidh mhòr a’ coimhead air na h-eòin mhara ag itealaich ’nam mìltean mun cuairt. ’Se sealladh a th’ann as fhiach fhaicinn. Tha na fulmairean fìor mhath air iteig. Le an sgiathan raga bhiodh iad a’ crochadh air na sruthan-gaoithe, ag itealaich air fiaradh sìos is suas le gleusdachd mhìorbhaileach. Chan urrainn dhuinn sin a ràdh mu dheighinn a’ bhuthaigeire, an t-eun neònach sin le coltas cho èibhinn, rudeigin mar phitheid. Tha gob tiugh, trom boillsgeil air, le strianan gorm, buidhe is dearg, is tha casan ruadh air. Nuair a bhios esan ag itealaich chum na nid saoilidh tu nach ruigeadh e gu tìr idir, is e a’ coimhead cho
Bha àireamh mhath de eòin eile a bhios a’ neadachadh air falbh bho an creagan. Tha cuimhne agam gu h-àraidh air an scua mhòir, no am ‘bonxie’ mar a chanar ris ann a Sealtainn. ’Sann thall sa’ Ghleann Mhòr air làrach lom a bha an nead aige, ach bhiodh an t-eun donn tomadach seo ga dhìon gu guineach. Is mairg a thigeadh faisg air! Gabhaidh e an fhearg is bheir e an ionnsaigh ort gu a làn astar às na speuran. Tha cuimhne agam mar a bha e a’ sguabadh sìos cho dlùth dhuinn ’s gun cluinninn siabaidhean nan sgiath a’ dèanamh sgairt-ghaoith air m’aodann. Bhitheadh bodach a’ chinn mhaoil a’ cur na bonaid aige air ceann a’ bhata-chromagaich is ga togail os a chionn air eagal gu snàthadh e a spuirean geura ’na cheann! Tha cleachdadh carach aig an eun seo airson biadh fhaighinn dha fhèin. Bhitheadh e a’ ruagadh air eòin eile is gan sàrachadh gus an tilgeadh iad a-mach am biadh agus cha bhiodh an scua fada ga shlugadh.
Tha cuimhne agam cuideachd air a’ cholman liath a-mach air rèidhlean a’ Chambair nach caraicheadh bho a nead ged a bheanadh tu dha, agus an lach-Lochlannach a’ fantainn gun ghluasad air a nead fo stairsneach na cleite.
Tha eòin eile ged-tha nach eil cho furasda am faicinn, agus tha cuimhne agam air an oidhche a chaidh sinn gu Càrn Mòr air taobh a deas an eilein air an tòir. Aig ciaradh an fheasgair dh’fhàg sinn am baile agus choisich sinn a-null gu Ruaidheabhal, dhìrich sinn thairis air Mullach Sgar is sìos dha na creagan faisg air a’ mhuir a dh’fheitheamh air na h-eòin a bhios aig muir fad an latha is a’ tilleadh nuair a thuiteas an dorchadas do an nid fo chlachan mòra a-measg nan creag. ’Sann glè thaitneach a bha e a bhith a-mach air doras aig cois na mara feasgar san Og-mhìos. Aig an àm sin den bhliadhna chan eil mòran dorchadais ann ach aig an uair as duirche bhiodh na sgrabairean is na dreallain-doininn ’nan greighean mòra a’ dèanamh dìreach air na nid aca fhèin. Tha e ’na adhbhar iongnaidh gun teagamh mar a bhios gach aon dhiubh ag amas gun iomrall air an nead aige fhèin agus a’ gabhail àite a chompanaich a bhios a-nise a’ dol a-mach gu muir.
’Se dreallan-doininn (no ‘an aisleag’ mar a chanadh na Hiortaich ris) an t-eun mara as lugha agus gun fhios agam carson a tha taobh àraidh agam ris. Tha a dhath dubh-donn le strìochd geal aig bun an earbaill, agus tha gleansadh mar bheilbheid air itean. Tha dòigh aige a bhith a’ coiseachd le sgiobagan air uachdar na mara is ’sann bho seo, tha iad ag ràdh, a fhuair e
Aig beul an latha b’fheudar dhuinn streap suas air learg fheurach chas, is i fliuch sleamhainn le dealt. Air an adhbhar sin ’sann nar crùbaig a dh’fheumadh sinn dol aig amannan air eagal gun rachamaid nar spèilearachd car air char sìos chun na mara.
(R’a leantainn)
title | Turas gu Hiort ann an 1970 |
internal date | 1986.0 |
display date | 1986 |
publication date | 1986 |
level | |
reference template | Marsaili NicFhionghuin in Gairm 137 %p |
parent text | Gairm 137 |