[247]

AN AIRIGH SHAMHRAIDH

le Coinneach Mac a’ Ghobhainn

Leam bu mhiann a bhith air àirigh
Air amhòintich àrd a Leòdhas.”

Se Uilleam MacNeacail, air a neoBilidh an Fhiosaichemar a bfheàrr aithne air, a rinn an t-òran fo bheil an earrainn seo air a togail. ’Se fìor bhàrd a bhann am Bilidh, agus a bhàrdachd gu coitcheann atoirt cliù agus moladh do Eilean Leòdhais, àite àrach. ’Se sgrìobh òrain marAn teid thu leam a rìbhinn mhaiseach’, ‘Eilean mo ghaoilagus mòran eile. Orain a tha atoirt taitneas do mhuinntir a bhith dha seinn agus dhan èisdeachd, chan ann a-mhàin le eilthirich, ach cuideachd le sluagh a dhfhuirich, agus gu sònraichte aig cuid a tha air a thighinn gu beagan aois. Oir tha bàrdachd Bhilidh ri dùsgadh smuaintean agus faireachdainn làidir ann an inntinnean agus cridheachan an t-sluaigh, mu chleachdaidhean agus fasanan a bhannnan òige, ach a tha nis air a dhol à bith.

Tha e iongantach, nuair a theid daoine air ais gu lathaichean an òige, am-measg na duilgheadasan, gur ann air na rudan matha a bheachdaicheas iad. Tha mar sin samhradh air àirighna phrìomh chomharradh tlachdmhor dhaibh, mar ròs am-measg nan droigheann. Tha seo nàdurrach, oir le obair chruaidh àiteachadh an Earraich seachad, ’se faothachadh a bhann don amhuinntir a bha acur seachad an t-samhraidh air an àirigh.

Cha be gu robh cofhurtachd air taobh staigh na h-àirigh cho math ris na taighean-baile, ach gu robh saorsa, fallainneachd agus farsaingeachd air amhòintich. Bha na sàibhlean a-nis falamh, dhfheumadh an talamh-curachd a bhith air a dhìon, agus an crodh a thoirt gu na h-àirighean far am biodh iad beò rig ionaltradh air na slèibhtean gu fàsadh feur an t-samhraidh air na machraichean.

Cha be fear àirigh a bhann am Bilidh gu coitcheann, ged a bha e eòlach gu leòr air a bhith ga tadhal. ’Se duine sònraichte a bhana athair, ‘Am Fiosaiche’. Bha ena òige anns na Stàitean Aonaichte, far na phòs e ban-Ameireaganach, boireannach uasal gasda. ’Se Baistich a bha unnta le chèile, esanna shearmonaiche anns achreideamh sin.

Thàinig e air ais le a bhean agus teaghlach òg a Nis aig àm aChiad Chogaidh, agus thog e eaglais agus dachaigh aig oir na mòintich


[248] (‘Edgemoor Hall) ann a Lìonal. ’Se togalach fiodha a bha seo. Seachad air a sin, thog e eaglais agus taigh-samhraidh, air a stèidheachadh le clach, fiodh agus sglèat, mu cheithir mìle muigh air amhòintich aig Cuidhsiadar, os cionn nan creagan air taobh na mara. Bha mòran àirighean air an astar seo aig Allt Chuidhsiadar, agusse luchd nan àirighean an co-thional a bhaig an Fhiosaiche.

Se duine -thaobhach a bhann, rudeigin trom air an luchd-obrach aige, ach còir air an taobh eile, ri toirt airgead agus aodach dha na bochdanair chùmhnant gu frithealadh iad na seirbhisean aige. Cha robh rathad air an astar seo idir aig an àm, agus bha gach adol a-mach leis an luchd-obraich, eadhon na cearcan ann an cliabh.

Bhiodh cuirm aig an Fhiosaiche agus a bhean do chlann an àite aig àm na Nollaige, anns a faigheadh iad ùbhlan, oraindsearan, aran cridhe agus mìlseagan eile a bha cho annamh ’nam beatha. Bha sgoil Shàbaid dha cumail aig an eaglais shamhraidh agus bhiodh a’ chlann ri coiseachd a sin cuideachd, air sgàth am biadh math a bha iad a’ faighinn, còmhla ri Leabhar Aithghearr nan Ceist agus na Sgriobtairean.

Se cuireadh gasda bho mo nàbaidh Tormod Mac aGhobhainn a dhol cuairt a-mach chun an Taigh Samhraidh aige air Cuidhsiadar air an t-samhradh a chaidh seachad, a thug mi gu bhith beachdachadh air achuspair seo, agus ri dèanamh beagan rannsachadh air achùis.

Le taing do obair gnìomhachas marJob Creation’, I.D.P. agus eile, theid duine an astar an-diugh air rathad le beagan cofhurtachd, Dhfhalbh sinn air feasgar brèagha dhan Lùnasdal anns acharbad, ri dol timcheall na tuill-phrasach a bha air pàirt dhan a rathad. Stad sinn aig taigh-samhraidh a bha air a togail air tobhtaichean seann àirigh, eadhon le tughadh fraoich air. Chaidh sinn beagan astar tarsainn amhonaidh, le maide làidirna ar làimh, ri seasamh ann an taigh a siuds a seo air an t-slighe. Bha oidhche thoilichte againn ann an taigh-samhraidh mo charaid. Làmpa ola toirt dhuinn solas. Le teatha bhlasda bho uisge fuarain air a theasachadh air slabhraidh os cionn teine mònach. Bha sàmhchair an àite ri toirt dhuinn blas agus faireachdainn air mar a bha e leth-cheud bliadhna agus còrr air ais.

Chaidh sinn a dhfhaicinn Taigh-samhraidh agus Eaglais an Fhiosaiche, a tha fhathast cho seasmhach gu h-àrd os cionn na mara a dhaindeoin a bhith falamh airson iomadh bliadhna. Seo far a faca Bilidha muir gun sgìos ri bualadh air na creagan gruamach àrd.”

Thog sinn oirnn dhachaigh ann an ciaradh na h-oidhche, ’s mi faireachdainn mar gu robh mi air tadhal air ais ann an tìm gu saoghal eile.

Ach ri coiseachd tarsainn air amhonadh gu ceann a rothaid far na dhfhàg sinn an carbad a bheireadh sinn ann an cabhaig gu ar n-àite còmhnaidh, ’se briathran bho bhàrd ainmeil eile a bha air minntinn, bàrdachd Màiri Mhòr nan Oran, “Gach bot is poll agus talamh-toll Ri toirt
nam chuimhne nuair bha mi òg.”

Bha comann aig an bhàrd ri chèile, gu minig ri moladh eileanan an àrachd.

titleAn Airigh Shamhraidh
writersKenneth Smith
internal date1987.0
display date1987
publication date1987
level
reference template

Coinneach Mac a’ Ghobhainn in Gairm 139 %p

parent textGairm 139
<< please select a word
<< please select a page