THA e duilich dhuinn a thuigsinn carson a tha luchd-sgrìobhaidh cho gann, air neo cho doirbh an lorg, am measg mhnathan na Gaidhealtachd. Chan e idir nach eil taobh aig fir-deasachaidh Ghairm do na boireannaich, is chan e nach do chuir sinn cuireadh uair no dhà thuca, is coireach gun deach cho beag an clò bho am pinn anns an leabhar so. Tha caraid againn a bhios ag ràdh (tha fhios gu math nach canadh sinn fhìn e) gur h-e as coireach do’ n aimlisg so gu bheil na mnathan a’ caitheamh uiread de dh’ fhacail ann an còmhradh is nach eil a’ bheag air fhàgail aca gus a chur air paipear. Chan urrainn dhuinn idir a bhith cinnteach gur h-i an fhìrinn tha so, oir bha sinn a riamh de’n bheachd gum b’ ann mar bu mhotha a chuireadh duine (no boireannach) tàlant gu feum a thigeadh piseach air an tàlant sin. ’S fheudar a réisd gu bheil móran de rosg agus de bhàrdachd Ghàidhlig a’ dol a dholaidh ann an cisteachan is ann an dreasairean air feadh na Gaidhealtachd, gun luaidh idir air na seòmraichean sin anns a’ bhaile mhór far a bheil bana-Ghaidheil a’ caitheamh nam mionaidean sin nach eil iad air chéilidh no ri obair fheumail eile.
Dh’ fhalbh an là anns am biodh na mnathan riaraichte a bhith fo’n chléibh, no a’ deasachadh bidhe, no a’ nighe shoithichean. Tha iad a nis a’ dleasadh an aon inbhe ris na fir, agus feumaidh mar sin pàirt de’n chòmhradh aca a dhol an clò. Tha airgead ’ga chur amach orra anns na sgoiltean is iad ’nam pàisdean, is feumaidh iad pàirt dhe sin a phàidheadh air ais anns an aon chùinneadh a ghleidheas beagan de a luach anns an là a th’ann— ’s e sin facail, agus gu h-àraidh facail ann an clò. Cha robh Màiri Nighean Alasdair Ruaidh ’na tàmh anns an t-seagh so, is cha mhotha bha Dìorbhail Nic a’ Bhruthainn, is Silis na Ceapaich, is Mairearad Nighean Lachainn, no Mairi Mhór nan Oran. Chan eil sinn a’ dìochuimhneachadh na feadhnach sin de na mnathan a tha ’nam bàird is ’nan sgrìobhadairean gu follaiseach an diugh; ’s ann a tha ar casaid riutha-san a tha a’ cleith an tàlantan thall ’s a bhos air feadh na dùthcha. Is math dhuinn Cairistiona NicAoidh agus Murdag NicCoinnich a bhith cho èasgaidh an còmhnaidh is tha sinn a’ toirt taing dhaibh, ach ’s ann a’ gearain a tha iad air cho aonranach ’s a thà iad. Cuiribh, matà, tuilleadh thugainn—sgeulachdan no bàrdachd no nì eile. Tha am fear-deasachaidh nach eil a’ sgrìobhadh so ag iarraidh oirbh cuideachd an dealbh as fheàrr a th’ agaibh dhibh péin a chur an cois an sgrìobhaidh.
Anns an dealachadh tha sinn a’ guidhe dhuibh uile—gach fear is tè—Nollaig chridheil is Bliadhna Mhath Ur.
title | As A’ Chathair |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Gairm 14 %p |
parent text | Gairm 14 |