Niall MacGilleSheathanaich, Ceann-suidhe a’ Chomuinn
Anns an àireamh mu dheireadh de “Ghairm” chuir sibh a’ cheist, Ciod a tha An Comunn a’ dèanamh, no a’ dol a dhèanamh, mu Uibhist? Dh’ iarr sibh freagairt agus so agaibh i. Ann am mìos Lùnasdal chuireadh litir an ainm a’ Chomuinn gu Rùnaire na Stàite an
[Dealbh]
An Fhadhail a Deas eadar Beinn-a- Bhaoghla agus Uibhist a Deas
Dun-éideann ag iarraidh geallaidh, ge be dé a thachradh an Uibhist, gum biodh gnàthasan, modhannan agus cànain an t-sluaigh nàistinneach air an dìon. Fhuaras freagairt mhodhail gum biodh cothrom air a thoirt gu beachdachadh air na ceistean a thogadh, bho gach aomadh agus aig àm iomchuidh. Thachair so mu cheithir seachdainean mun robh Gairm an làmhan luchd-leughaidh aig a’ Mhòd, agus bha litir a’ Chomuinn air a foillseachadh anns na paipearan naidheachd aig an ám. Is aithne dhuibh fhéin Bonn-stéidh agus Riaghailtean a’ Chomuinn agus cha ruig mise leas tuilleadh a ràdh.
title | Na Rocaidean (8) |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Niall MacGilleSheathanaich in Gairm 14 %p |
parent text | Gairm 14 |